Skip Navigation
  • Comhairle Budget 2013-15
  • The EDIC - Outer Hebrides provides assistance, advice and information on matters relating to the EU...
  • Information and advice about child protection, keeping children and young people safe from harm...
  • Working Together for the Next Five Years
  • Blue Badge Scheme
  • CnES Performance
  • Ward Priority Fund
  • Have You Ever Considered Fostering?

Chomhairle nan Eilean Siar

Fàilte

Mu Chomhairle nan Eilean Siar

Tha a’ Chomhairle a’ lìbhrigeadh raon fharsaing de sheirbheisean a tha coitcheann do dh’ ùghdarras ionadail an Alba, gu sònraichte:

• Foghlam
• Seirbheisean Sòisealta
• Rathaidean is Còmhdhail
• Taigheadas
• Seirbheisean Àrainneachdail
• Cur-seachad is Saor-ùine
• Seirbheisean Corporra, a’ gabhail a-steach clàradh breith, bàs is pòsadh.

Tha trithead ’s a h-aon ball taghte air a’ Chomhairle: tha ceathrar bhall taghte co-ceangailte ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba; tha dithis bhall taghte co-ceangailte ris a’ Phàrtaidh Làbarach; agus tha an còrr de na buill taghte neo-eisimeileach.  Tha modh co-dhùnaidh na Comhairle a’ leantainn a’ phàtrain thraidiseanta le àireamh de chomataidhean, gach tè le raon-ùghdarrais airson raon sònraichte, a bhios a’ tighinn gu co-dhùnaidhean iad fhèin, no a bhios a’ dèanamh molaidhean gu Coinneamhan na Comhairle.

‘S e an Neach-Gairm ceannard na Comhairle; ‘s e an t-Àrd Oifigear Ceannard seirbheisean pàighte na Comhairle. ‘S e Neach-Gairm na Comhairle ceannard catharra an ùghdarrais agus tha e an urra ri ceannardas catharra, a’ gabhail a-steach a bhith sa chathair airson coinneamhan na Comhairle, a’ riochdachadh na Comhairle aig tachartasan catharra agus deas-ghnàthach, a’ libhrigeadh rùn na Comhairle chun taobh a-muigh, agus a’ cumail taic ri giùlain, luach agus com-pàirteachas aig àrd-ìre an dà chuid an taobh a-staigh agus taobh a-muigh na Comhairle.

Tha dleastanasan sònraichte aig Ceannard na Comhairle airson ceannardas agus stiùireadh innleachdail, mar prìomh riochdaire na Comhairle air buidhnean Ùghdarrasan Ionadail, agus air Compàirteachas Dealbhadh Coimhearsnachd Innse Gall.  ‘S e an Ceannard an còmhnaidh an Cathraiche a bhios air  Comataidh Poileasaidh agus Stòras aig a bheil prìomh dleastanas airson stiùireadh poileasaidh agus ionmhas na Comhairle.

‘S e an Comhairliche Tormod A Dòmhnallach Neach-Gairm na Comhairle an-dràsta agus ‘s e an Comhairliche Aonghas Caimbeul Ceannard na Comhairle.

Airson tuilleadh fiosrachaidh air mar a tha a’ Chomhairle a’ tighinn gu co-dhùnaidhean, is air structaran taobh a-staigh na Comhairle, thig gu Sgrìobhainnean Reachdail agus Gnàth-Riaghailtean na Comhairle, agus an Sgeama Rianachd.  Tha fiosrachadh mu na buill taghte cuideachd ri fhaotainn air an làrach-lìn seo.

 

Page Last Modified : 04/09/2014 08:04:15