Sgioba na Gàidhlig
Ro-ràdh
Aig coinneamh de Foram Cànan agus Cultar na Gàidhlig air Diluain 4 Damhair 2004, dh'fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar am poileasaidh Gàidhlig ath-sgrùdaichte aca. Tha am poileasaidh a' mìneachadh rùintean agus amasan na Comhairle a-thaobh cleachdadh agus leasachadh a' chànain.
'Se amas a' phoileasaidh anns an fharsaingeachd gum bì na h-Eileanan an Iar na coimhearsnachd dhà-chànanach far a bheil an aon ùghdarras aig a' Ghàidhlig agus a' Bheurla mar mheadhanan conaltraidh.
Thuirt Neach-gairm na Comhairle, Ailig A Dòmhnallach: "Tha am Poileasaidh a bualadh air na prìomh nìthean a tha nochdadh ann am Bile na Gàidhlig mar a chaidh atharrachadh leis an Riaghaltas agus tha sinn an dùil gum bì am Poileasaidh a’ fìghe a-steach dhan Phoileasaidh Nàiseanta don chànan. Tha mi gu sònraichte toilichte gu bheil foghlam meadhan Gàidhlig a’ faighinn barrachd inbhe anns a’ Bhile ùr agus gu bheil cumhachdan air am buileachadh air Bòrd na Gàidhlig a cheadaicheas dhaibh an t-slighe air adhart a dhearbhadh nas cìnntiche. Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ faicinn foghlam meadhan Gàidhlig mar aon de na prìomh nithean a chuireas spionnadh ann an ath-bheòthachadh a’ chànain agus bithidh sinn an dòchas na tha air aithris anns a’ phoileasaidh a chuir an gnìomh thairis air na bliadhnachan a tha romhainn. Tha e ann an rùn na Comhairle obrachadh gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ coilionadh na targaidean a thèid a chuir romhainn agus tha sinn mar tha air a sinn a dhèanamh foillaiseach tro ar compàirt ann an Plana Cànan nan Eilean Siar."
Chaidh cuideachd ainmeachadh gu bheil Plana Cànan Gàidhlig nan Eilean Siar air ionmhas fhaighinn fa chomhair na h-ath ìre de leasachadh, a bhios a' coimhead ri planaichean gnìomh ionadail a dhealbh, a bhios a' fighe a-steach do Phlana Nàiseanta don Ghàidhlig.

