Skip Navigation
Follow us on twitter...

Cruthachadh Coimhearsnachdan Ri Teachd

 

Front Page Image of Welder

 

Roimh-Ràdh

Group of Children

Tha Com-pàirteachas Dealbhadh Coimhearsnachd nan Eilean Siar den bheachd gu bheil fosgladh ann am prìomh cheàrnaidhean de na h-Eileanan Siar airson gnìomh agus cur an seilbh. Tha cothrom air leth ann airson na h-eileanan ath-bheothachadh agus na h-Eileanan Siar a bhith a' cur ris an eaconamaidh nàiseanta, agus aig an aon àm ag ùrachadh misneachd nar coimhearsnachdan agus sa chultar agus dualchas sònraichte Gàidhlig againn.

’S e ro-innleachd obrach a tha ann an Cruthachadh Coimhearsnachdan ri Teachd. Tha e a' toirt sealladh coitcheann airson ath-chruthachadh nan Eilean Siar, stèidhichte air sia iomairtean eaconamach eadar-cheangailte. Tha an ro innleachd a' toirt amas ath-chruthachaidh fad-ùine airson nan Eilean Siar, le taic bho Phlanagnìomha mionaideach, a' mìneachadh na tha sinn a' dol a dhèanamh agus na tha sinn an dùil a choileanadh.

Tha àite aig na dùbhlain sònraichte a tha mu choinneamh Cruthachadh Coimhearsnachdan ri Teachd ann am Frèam Planaidh Nàiseanta Riaghaltas na h- Alba cuideachd, le buntainneas dìreach aig Earrann 177 den Fhrèam ri na h- Eileanan Siar2.

Tha sinn a' creidsinn gum bi buannachdan cudromach a ghabhas tomhas an lùib buileachadh soirbheachail Cruthachadh Coimhearsnachd ri Teachd. Bidh cuid de na prìomh nithean a bhios rim faicinn sna h-Eileanan Siar sa bhliadhna 2010 mar thoradh air an ro-innleachd a' gabhail a-staigh:

Coileanadh

View of Harris, Linux Centre and Children

Bhon àm a thòisich e ann an 2002, dh'ullaich Cruthachadh Coimhearsnachd ri Teachd suidheachadh airson obair leasachaidh sna h-Eileanan Siar, le buidhnean a' dèanamh feum den ro-innleachd airson na h-obrach agus stòrasan a chomharrachadh. Tha an dòigh-obrachaidh seo air leantainn gu iomadach nì a thoirt gu buil, a' gabhail a-staigh:


Ann na solas na chaidh a choileanadh tha an Com-pàirteachas Deabhadh Coimhearsnachd den bheachd gur e na sia iomairtean dha-rìreabh na roinnean ceart airson a' mhòr-chuid den obair. Ach tha coltas gum feumar sùil eile a thoirt air dà roinn. ’S iad sin turasachd, a tha bliadhna an dèidh bliadhna a' cur barrachd ris an eaconamaidh ionadail, agus bun-structair gnothachais/sgaoileadh obrach, a tha dlùth cheangailte ri chèile.

Mar sin bidh Turasachd air a chur ris an ro-innleachd ath-sgrùdaichte mar phrìomh iomairt agus bidh Bun-structair Gnothachais agus Sgaoileadh Obrach air an cur còmhla mar aon iomairt.


Sealladh

Various people at work and play

’S e dùbhlan leantainneach nan Eilean Siar a bhith a' dèanamh feum de na hiomairtean air am mìneachadh ann an Cruthachadh Coimhearsnachd ri Teachd gus stòrasan daonna agus corporra nan Eilean a leasachadh. ’S e ar n-amas feuchainn ri Eileanan Siar soirbheachail agus fallain a chruthachadh, stèidhichte air prionnsabalan leasachadh seasmhach.

’S e sealladh fad-ùine a tha againn airson nan Eilean Siar, ach sealladh a tha sinn a' creidsinn, le amasan ceart airson caiteachas poblach agus prìobhaideach, a leanas gu atharrachadh bunasach. Tha an sealladh againn ag iarraidh meudachadh san àireamh-sluaigh gus seirbheisean a dhèanamh seasmhach agus bidh sinn ag amas air a' mheudachadh sin a thoirt gu buil. Tha sinn airson daoine le spionnadh, beachdan agus spiorad iomairteach a thàladh chun nan Eilean Siar agus bidh sinn ag obair còmhla ri iomairt “Fresh Talent” Riaghaltas na h-Alba gus dòighean ùra a lorg a chuireas daoine ùra agus comas ùr ris a' chomas nàdarrach againn fhìn.

Leis an taic cheart tha sinn a' creidsinn gum bi na h-Eileanan Siar sa bhliadhna 2020 air a chomharrachadh le:


Ùr-ghnàthachadh Cumhachd Ath-nuadhachail

Rough Seas crashing against the shore

Tha comas air leth mòr aig na h-Eileanan Siar a bhith nam bunait airson cumhachd ath-nuadhachail agus àite deuchainn airson teicneolas cumhachd sheasmhach. Tha mòran stòrasan nàdarrach againn (gu sònraichte stòrasan gaoithe agus mara) agus coimhearsnachd le deagh fhoghlam agus mothachadh air teicneolas. Le na prìomh stòrasan sin cumaidh sinn a' dol ag adhartachadh leasachadh nan Eilean Siar mar Àrainn Ùr-ghnàthachadh Cumhachd.

Ach tha coileanadh comais a' cur feum air grunn cheuman cudromach, a' gabhail astaigh dòigh thèarainte air cumhachd a ghiùlan gu prìomh mhargaidhean. Gus na cothroman às-mhalairt sin fhosgladh suas feumar ceangal nan Eilean Siar ris a' ghrid nàiseanta a leasachadh gun dàil. Gu sònraichte feumaidh an Riaghaltas a bhith ag ullachadh an fhrèam reachdail agus an t seasmhachd a dh'fheumar airson na hobrach seo a mhisneachadh. Tha sinn a' cur diofar obrach romhainn gus earrann cumhachd ath-nuadhachail fiùghantach le cliù eadar-nàiseanta a chruthachadh.

Tha seo a' gabhail a-staigh taic do phròiseactan ath-nuadhachail stèidhichte sa choimhearsnachd, do shealbh na coimhearsnachd air gineadh cumhachd agus taic don h-uile coimhearsnachd gus buannachd fhaighinn bho leasachaidhean cumhachd-gaoithe malairteach. Tha sinn a' cur romhainn taic a thoirt do luchd-leasachaidh cumhachd malairteach; pròiseactan cumhachd ùr-ghnàthach agus rannsachadh agus leasachadh cocheangailte ri cumhachd.

Thar nan còig bliadhna ri teachd tha sinn an dòchas na leanas a choileanadh:


Bann-leathann

Two people at a computer terminal

Tha an tele-chonaltradh as ùire na phàirt riatanach de shoirbheachadh nan Eilean Siar san àm ri teachd. Bidh teicneolasan fiosrachaidh agus conaltraidh adhartach a' sgaoileadh tionnsgalachd agus a' briseadh sìos cnapan-starraidh tìreil. Tha sinn den bheachd gu bheil deagh chonaltradh bann-leathann riatanach airson leasachadh ri teachd agus tha e air cùl a' mhòr-mhiann airson fàs a thoirt air an eaconamaidh. Bheir e cothrom air obair ann an coimhearsnachdan dùthchail nach robh comasach roimhe.

’S e inneal leasachaidh riatanach a tha sa bhun-structair bann-leathann ùrghnàthach, wireless, “Coimhearsnachdan Ceangailte”, a thòisich ann an 2004, a bharrachd air a bhith na sheirbheis coimhearsnachd riatanach. Misnichidh pròiseact “Coimhearsnachdan Ceangailte” barrachd sgaoileadh obrach agus cothroman a bharrachd air obair aig astar. Misnichidh e cuideachd cruthachadh cothroman gnothachais sna h-earrannan fiosrachaidh, meadhanan agus cruthachaidh.

Thar nan còig bliadhna ri teachd tha sinn an dòchas togail air tòiseachadh
“Coimhearsnachdan Ceangailte” le bhith a' coileanadh na leanas:


Turasachd

Traigh Iar on West Harris

Tha turasachd a' sìor fhàs cudromach do na h-Eileanan Siar, agus a' cur gu mòr ris an eaconamaidh gach bliadhna. Thar an deichead mu dheireadh tha àireamhan agus caiteachas luchd-turais air meudachadh gu mòr le taic bho sheirbheis sheasmhach air a togail air bunaitean àrainneachd, cultair agus dualchais. Còmhla, tha na trì eileamaidean sin air leth tarraingeach do luchd-turais.

Ach tha turasachd a' fàs air feadh an t-saoghail. Tha barrachd co-fharpais eadarnàiseanta bho chinn-uidhe turasachd stèidhichte agus ùra. Aig ìre nàiseanta tha Alba a' dèanamh farpais ri ceàrnaidhean eile san RA. Ann an Alba tha na h-Eileanan Siar a' farpais ri ceàrnaidhean eile den dùthaich.

Mar sin tha e riatanach gum bi turasachd sna h-Eileanan Siar a' toirt seirbheis cho math ’s a tha san t-saoghal, eadar-dhealaichte bhon chòrr de Alba agus den RA. Feumaidh turasachd sna h-Eileanan Siar strì ri bhith daonnan a' toirt seachad deagh ìre a thaobh seirbheis, cothrom air obair agus ìrean cosnaidh. Feumaidh e a bhith air a stiùireadh leis a' mhargaidh agus mothachail air iarrtasan luchd-cleachdaidh.

Thar nan còig bliadhna ri teachd tha sinn an dòchas na leanas a choileanadh


Cultar agus Dualchas

Child Reading Book


’S e na h-Eileanan Siar prìomh sgìre Ghàidhlig na h-Alba. Tha àite sònraichte aig a' Ghàidhlig ann am beatha na coimhearsnachd, leis a' chànan na phàirt den bheatha gu lèir bho chultar agus croitearachd gu foghlam agus na meadhanan. Mar sin tha cothrom sònraichte aig na h-Eileanan Siar air buannachd bhon chomas leasachaidh nàdarrach sa chànan agus sa chultar a bhuineas dha. ’S e an dùbhlan a bhith a' tionndadh an nì sònraichte seo gu buannachdan eaconamach.

Ged nach robh ullachadh san Achd Craolaidh ùr airson sianal telebhisein digiteach Gàidhlig, tha sinn fhathast den bheachd gu bheil fàs nan Meadhanan Gàidhlig a' toirt comas leasachaidh mòr do na h-Eileanan Siar. Tro chraoladairean sa phrìomhshruth, Taigh Shiphoirt agus Studio Alba, tha “baile meadhanan” mòr san roinn, a tha a' faighinn taic bho roinn meadhanan làidir neo-eisimeileach.

Tha dualchas nàdair nan Eilean Siar air aithneachadh mar a bhith den chàileachd as àirde agus tha àite cudromach aige ann an eaconomaidh agus gnè-beatha nan coimhearsnachdan ionadail. Tha sinn cuideachd a' faicinn barrachd leasachaidh air na h-ealain agus cultar mar phàirt riatanach ann an ro-innleachd eaconamach.

Thar nan còig bliadhna ri teachd tha sinn an dòchas na leanas a choileanadh:


Bun-structair Gnothachais agus Sgaoileadh Obrach

Aerial View of Arnish


Tha ùidh aig an Riaghaltas ann am prògram de sgaoileadh obrach san earrann phoblach. Tha sinn a' cur làn thaic ri seo agus a' creidsinn gum bu chòir cuideachadh a thoirt don phrògram, le aonadan de mheud iomchaidh a chomharrachadh airson an sgaoileadh a-steach do choimhearsnachdan nan eilean. Tha argamaid gnothachais làidir ann airson sgaoileadh obraichean san earrann phoblach agus phrìobhaideach. Tha sgaoileadh gu na h-Eileanan Siar na fhuasgladh cosg-èifeachdach air cosgaisean làrach gnothachais ann an eaconamaidhean le ìre atmhorachd àrd ann an ceàrnaidhean eile den RA. Tha toirt a-steach comas bann-leathann a' dèanamh sgaoileadh obrach do na h-Eileanan Siar freagarrach, iomchaidh agus cosg-èifeachdach.

Tha an tairgse shoirbheachail airson an t-seirbheis comhairleachaidh luchdcleachdaidh “Consumer Direct”, air urrasachadh le DTI, a shuidheachadh sna h- Eileanan Siar cuideachd a' sealltainn a' chomais airson com-pàirteachasan poblach/prìobhaideach a chur ri chèile mar dhòigh iomchaidh air cothroman sgaoileadh obrach a thàladh. ’S e seo modail air am faodar togail airson tuilleadh coileanaidh soirbheachail.

Tha obair san eaconamaidh thraidiseanta fhathast riatanach do na h-Eileanan Siar agus bidh e riatanach gum bi gnìomhachasan leithid croitearachd; iasgach; tuathanachas-uisge agus an Clò Mòr air an cuideachadh tro amannan atharrachaidh agus ath-structaraidh.

Thar nan còig bliadhna ri teachd tha sinn an dòchas na leanas a choileanadh:

Oilthigh na Gàidhealtachd

Aerial View of UHI Building


Tha Oilthigh na Gàidhealtachd (OnG) a' toirt cothrom sònraichte air rannsachadh agus ùr-ghnàthachadh a chur air adhart ann an caochladh theicneolasan. Tha cothrom aig Colaisde Caisteal Leòdhais, OnG air sàr ionadan foghlaim a thogail ann an rannsachadh agus ùr-ghnàthachadh gus taic a thoirt do na prìomh iomairtean atharrachaidh a tha air an comharrachadh sa phàipear seo, gu h-àraidh cùisean cocheangailte ri ICT, cumhachd ath-nuadhachail agus Cultar is Dualchas Gàidhlig. Cuidichidh speisealaichean leithid sin a' cruthachadh ìrean iarrtais san eaconamaidh
ionadail.

Feumaidh a' cholaisde obrachadh còmhla ri OnG agus buidhnean roinneil is nàiseanta gus cathraichean agus àrd dhreuchdan rannsachaidh is teagaisg a chur air adhart sna prìomh earrannan a tha air an comharrachadh.

Thar nan còig bliadhna ri teachd tha sinn an dòchas na leanas a choileanadh:

Nithean Eile

Balivanich Children


Bidh buileachadh soirbheachail nan sia iomairtean air am mìneachadh san roinnleachd seo riatanach do ath-bheothachadh agus fàs soirbheachail nan Eilean Siar. Cha bhi na h-iomairtean sin ag obrachadh leotha fhèin - tha iad air an eadarcheangal a dh'aona ghnothaich. Bheir adhartas le aon sam bith de na h iomairtean buaidh dhìreach air a' chomas gnèitheach sna còig eile.

Cuideachd cha bu chòir sealltainn air na sia prìomh iomairtean nan aonar. Bheir nithean eile buaidh orra agus air leasachadh na sgìre san fharsaingeachd. ’S e nithean a tha annta a tha cudromach san sgìre agus a' cur neart ris an ro-innleachd iomlan. Tha iad a' gabhail a-staigh:

Maoineachadh Eòrpach: Bha mòran den t-soirbheachadh a chaidh a choileanadh gu ruige seo air a dhèanamh comasach le bhith a' cleachdadh Maoineachadh Structarail na h-Eòrpa. Bha mòran maoineachadh Eòrpach air a chur an seilbh ann an caochladh phrìomh phròiseactan, leithid Àirinis agus leasachadh Colaisde a' Chaisteil. Feumar airgead-seilbh leantainneach bhon Roinn Eòrpa ma tha na h- Eileanan Siar a' dol a choileanadh an adhartais a tha air a mhìneachadh ann an amas Cruthachadh Coimhearsnachd ri Teachd.

Còmhdhail: Tha soirbheachadh eaconamaidh nan Eilean Siar an crochadh air lìonra còmhdhail adhair is mara ùr agus èifeachdach. Tha feum leantainneach air cosgaisean còmhdhail a lùghdachadh agus seirbheisean nas luaithe agus nas trice a thoirt a-steach, a tha mothachail air feuman luchd-cleachdaidh.

Coimhearsnachd: Tha am mothachadh air coimhearsnachd làidir sna h-Eileanan Siar, anns a bheil an suidheachadh pearsanta agus corporra as sàbhailte san Rìoghachd Aonaichte. Tha eucoir aig an ìre as ìsle san rìoghachd. Tha telechonaltradh ùr-ghnàthach ga dhèanamh comasach do chompanaidhean agus daoine fa leth roghainn a dhèanamh de dhòigh-beatha nas tèarainte sna h-Eileanan Siar fhad ’s a tha iad ag obrachadh ann am margadh an t-saoghail.

Àrainneachd: Tha seallaidhean agus àrainnean sònraichte sna h-Eileanan Siar anns a bheil iomadh seòrsa flùr-bheatha, fiadh-bheatha agus cur-seachad. Tha àrainneachd mara cho math ’s a tha san t-saoghal a' toirt iomadh cothrom malairt agus cur-seachad.

Eòlas, Sgilean agus Trèanadh: Tha a' chliù as àirde aig na h-Eileanan Siar airson coileanadh ann am foghlam. Tha bunait sgilean fìor mhath agus làidir san sgìre agus mòran comais air daoine a thàladh do na h-Eileanan a tha a' fuireach agus ag obair
an àiteachan eile.

Pàipear-taice I: Com-pàirtichean Dealbhadh Coimhearsnachd nan Eilean Siar

Dreuchdan na h-Alba
Comhairle nan Eilean Siar
Comhairlean Coimhearsnachd
Comunn na Gàidhlig
Comunn nam Pàrant
Cothrom Earranta
Ionad Obrach is Còrr
Colaisde a' Chaisteil
Feachd-poileis a' Chinn a Tuath
Pròiseact nan Ealan
Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba
Dualchas Nàdair na h-Alba
Uisge na h-Alba
Taighean Innse Gall
Ionad Obrach Saor-thoileach nan Eilean Siar
Comhairlean airson Seirbheis Shaor-thoileach nan Eilean Siar
Seòmar Malairt nan Eilean Siar
Iomairt nan Eilean Siar
Bòrd Slàinte nan Eilean Siar
Bòrd Turasachd nan Eilean Siar
Comhairle Òigridh nan Eilean Siar

Pàipear-taice II: Frèam Dealbhadh Nàiseanta

Tha Cruthachadh Coimhearsnachd ri Teachd dealbhte airson ceangal dìreach ri Frèam Dealbhadh Nàiseanta Riaghaltais na h-Alba. Tha na h-iomairtean eaconamach san ro-innleachd air an sealltainn sa phoileasaidh nàiseanta. Tha ceangal dìreach aig Earrann 177 den Fhrèam Dealbhaidh ri na h-Eileanan Siar agus ag ràdh:

“ ’S e na h-Eileanan Siar a' phrìomh sgìre airson cultar Gàidhlig an Alba agus tha seallaidhean agus àrainneachd mara air leth annta le cudrom eadar-nàiseanta.

Tha margaidhean mòra eadar-nàiseanta ann airson cultar Ceilteach, dualchas togte agus turasachd àrainneachd.

Tha mòran buannachd sòisealta ann, le ìrean com-pàirteachaidh àrda ann an obair coimhearsnachd agus shaor-thoileach.

Tha an aimsir agus an cruth-tìre a' toirt mòran comais air feum a dhèanamh de chumhachd ath-nuadhachail, gu sònraichte cumhachd gaoithe, tuinn agus mara. ’S dòcha gum bi cothroman ann cuideachd air seirbheisean taic a thoirt do leasachadh stòrasan ola agus gas sa Chuan Siar. Tha coileanadh a' choimeis seo ag iarraidh obair cho-òrdanaichte le cudrom air ceuman airson taic, sgaoileadh agus fàs don eaconamaidh, cruthachadh obraichean àrd-inbhe, glèidheadh agus tarraing dhaoine, leasachadh ceangail agus conaltraidh, leasachadh ceanglaichean ri coimhearsnachdan san Eilean Sgitheanach agus air tìr-mòr, agus leasachadh an tsiostam sgaoileadh dealain”.

 

Page Last Modified : 29/09/2011 14:03:57