| Am Bocsair (Aonghas Caimbeul) |
|
 Rugadh
Aonghas Caimbeul ann an 1908 ann an Nis ann an Leòdhas.
Ann an sin chante ris 'Mac Alasdair Mhurchaidh Oig à Suaineabost',
ach thàinig 'Am Bocsair' air agus e òg anns an sgoil
seach gun dèanadh e sabaid cho cruaidh le a dhà
dhòrn. Bha mac eile anns an teaghlach air an robh Aonghas,
agus a bhiodh ri bàrdachd cuideachd, agus 's e 'Am Puilean'
am far-ainm a bh' air-san.
An uair a bha e deich bliadhna dh'aois chaidh
athair Aonghais le a theaghlach do Bheàrnaraigh na Hearadh
gu bhith na mhiseanaraidh an sin. Bha iad ann gu 1926, an uair
a ghluais iad gu Beàrnaraigh Uige ann an Leòdhas.
As an sin chaidh Aonghas greiseag a Ghlaschu. Goirid an dèidh
bàs a mhàthar ann an 1930 chaidh athair do Uibhist
a Tuath agus thill Aonghas don t-seann dachaigh ann an Nis. Bha
e a' cumail bùtha an sin gus an do dh'fhalbh e a-rithist
a Ghlaschu ann an 1933. Fhuair e obair ann an Ospadal Hawkhead
agus thug e mu shia bliadhna an sin.
Ann
an 1937 phòs e Màiri Mhoireach, a bhuineadh do Dhail
bho Dheas. Bha beagan de spiorad na bàrdachd air a taobh
fhèin cuideachd oir b' e 'Dòmhnall Chràisgean'
(Bàrd Bharabhais) bràthair a màthar. Ann
an 1940 thàinig iad a Nis agus rinn iad an dachaigh ann
an Dail bho Dheas, far an robh Aonghas na mharsanta. Bhàsaich
'Am Bocsair' ann an 1949, agus mar sin faodar a ràdh gur
e bàrdachd duine nach fhaca cus aois a tha air fhàgail
againn an seo.
Chaidh a' bhàrdachd aig Aonghas fhoillseachadh
fon tiotal 'Bàrdachd a' Bhocsair' ann an 1978. Chì
sinn ann bàrdachd air iomadh cuspair, a' bualadh air iomadh
seòrsa faireachdainn, air a cur sìos ann an cruth
traidiseanta. Tha e a' tionndadh a làimhe gu nithean mar
nàdar agus mar an gaol, gu beagan de fheallsanachd agus
gu mòran de rudan èibhinn.
Tha e soilleir gun robh sùil gheur aig Aonghas do thaobh
aotrom cùisean. Tha seo ri fhaicinn ann am pìosan
mar 'Bodach na Mònadh' agus 'Taigh Ceann a' Chlamhain'.
Bha e mothachail cuideachd do rud sòlaimte - mar tha ri
fhaicinn anns a' bhàrdachd 'An Cladh'. Tha a bhràthair
ag innse gun tàinig tionndadh spioradail na bheatha
mu thrì bliadhna mus do bhàsaich e agus tha e den
bheachd gu bheil dreach sin air na dàin mu dheireadh a
rinn e, ach ann an dòigh shocair, ghasta.
Tha an luchd de ghràdh a bha na chridhe
a' taomadh tron earrainn de bhàrdachd gaoil a rinn e leis
an ainm 'Mar a Ghràdhaich Mi Thu'. Seo mar as fheàrr
a chì sinn 'Am Bocsair' - a' dealbh bàrdachd a ghlacadh
aire agus cridheachan dhaoine, a bha iad a' tuigsinn anns a' mhionaid,
agus a bh' air am bilean gan aithris agus gan seinn. Anns a' bhàrdachd
'An Dealachadh', a sgrìobh e an dèidh bàs
a mhàthar, tha blàths anabarrach a' deàlradh
tro na faclan aige.
Tha an obair aige fhathast a' toirt tlachd
do luchd na Gàidhlige, dìreach mar a thug a chuid
seinn tlachd do mhòran an uair a bhiodh e fhèin
agus Kitty Nicleòid air àrd-ùrlar, a' seinn
duine mu seach, an uair nach robh e cus ach fichead bliadhna.
Cuid de bhàrdachd:
A winter's day
Am bàrd is an croitear
Amadan a' chridhe
An cladh
An Cruthachadh Nuadh
An daolag
An dealachadh
An drabhars odhar
An Gaidheal air aineol
An gaol meallta
An geamhradh
An guga Niseach
An làmh dhearg, 1937
An òg-mhadainn
An radan
An samhradh
An tìr a dh'àraich òg mi
Aoir ghoirid Seònaid
B' fheàrr dhomh nach do phòs mi riamh
Biadh Sula
Bodach na mònadh
Bòidean briste
Buntàta 's sgadan
Càite?
Caithris nam bodach
Call na h-Iolaire
Caoidh m' earraich
Càrlabhagh is an Dùn
Cianalas na cloiche
Clach-mhìle
Cuideachd dà dhàn ann am Beurla:
Cùirtean na cuimhne
Dà rann
Dàn don ghrèin
Deoch-shlàinte Choinnich MhicRath
Do Gheinidh
Dol dhachaigh
Duanag
Duanag ghaoil
Freiceadan-dachaigh Shuaineaboist, 1940
Freumh gach uilc
Gleann Diobadal
Guthan feasgair
Ho mo bhodach
Ho tha an Gaidheal math an-diugh
Is trom na smaointean
Le do ghunna, Dhòmhnaill
Màiri
Mar a ghràdhaich mi thu
Mo rùn
Moladh Bheàrnaraigh
Nam b' fhios dhut
Nam bàsaicheadh na boireannaich
No more for me
Òran a' bhonn-a-sia
Òran dealachaidh
Òran don Ghàidhlig
Òran nan stocainnean
Osag chùbhraidh nam beannaibh
Rann trom-inntinneach
'S i mo cheist an nìonag
Sìth, sìth is gun sìth ann
Stuagh a cuan gaoil
Taigh Ceann a' Chlamhain
Taing
Tha na h-eòin a' seinn às ùr
Ùrnaigh
Rinn Aonghas cruinneachadh de rannan chloinne
cuideachd. Seo feadhainn dhiubh:
A' chailleach sa bhròig Balach beag na deise guirme
Catrìona bheag nan caorach
Cruinnean beag reamhar
Glag ag glaodhaich
Iain beag nan adhaircean
Màiri air stòl
Me me chaora dhubh
Mo chreach!
Peigi bheag à Suardail
Phiseag bheag, phiseag bheag
Seoc is Sìne
Simon sìmplidh
Uan beag Màiri
Uilleam beag nan praibshuilean
Tuilleadh fiosrachaidh:
Bàrdachd a' Bhocsair (MacDonald Publishers)
Bàrdachd à Leòdhas (Gairm)
Gairm 57 td 39-44
Gairm 106 td 171-187
Òrain Ghàidhlig le Aonghas Caimbeul, Nis, Leòdhas (John Tomlinson
Ltd., Stanley Works, Glasgow 1943)


Osag chùbhraidh nam beannaibh
(a' chiad dà rann air an seinn le Dòmhnall Moireach,
Dail bho Dheas, Leòdhas)
Osag chùbhraidh nam beannaibh
a ruitheas siùbhlach air astar,
Giùlain uam-sa gach beannachd gu ainnir mo ghaoil.
'S neo-shuaimhneach mo leabaidh,
fois chan eòl dhomh nam chadal,
Ann am bruadar ag aisling air ainnir mo ghaoil.
Cha dèan ceòl na
pìob-mhala 's cha dèan òran nam bàrdaibh
'N tùrsa lìon mi a bhàthadh on dh'fhàg
mi do thaobh.
Bidh mi cuimhneach' 's mi 'm
èislean an sòlas aoibhneach rinn gèilleadh;
B' òg, a rìbhinn gheal spèiseil, thug mi
fhìn dhut mo ghaoil.
B' òg a bha mi 's mo Mhàiri
tional dhìthean nan àrd-bheann,
B' e an ceòl binn leam do mhànran ann an àirigh
an fhraoich.
'S tu bha dìreach deas
fallain - mala shìobhalta, sùil mheallach,
Gruaidh ròsach, fiamh aingil, slios mar chanach nan stùc.
O, ma chluinneas tu m' òran
ged nach fhaicinn rid bheò thu,
Creid mun eucail ghlac òg mi 's nach cur fòirneart
air chùl.
Soraidh bhuan le mo Mhàiri
an gaol a thug mi cha bhàsaich
Gus an sìnear gu bràth mi an ciste chlàir
anns an ùir.

Teipichean air a bheil an
t-òran 'Osag chùbhraidh nam beannaibh':
'Na Nisich' - Dòmhnall Moireach (Comann Eachdraidh Nis)
''S e Siabost as Bòidhche' - Annie MacLeod (Smith/Mearns
1991)
|