GRD > Bàird Ghàidhlig > Anna Frater
Bàird Ghàidhlig
 

Màiri nighean Alasdair Ruaidh
Iain Lom
Sìleas na Ceapaich
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
Iain MacCodrum
Rob Donn
Dùghall Bochanan

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
Uilleam Ros
Iain Gobha na Hearadh
Màiri Mhòr nan Oran
Bàrd Iarsiadair
Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich
Bàrd Bharabhais
Dòmhnall Ruadh Chorùna
Bàrd Phàislig
Bàrd Mhealaboist
Am Bocsair
Somhairle MacGill-Eain
Dòmhnall MacAmhlaigh
Anna Frater
Anna Frater

Rugadh Anna Frater ann am Pabail Uarach anns an Rubha, ann an Eilean Leòdhais. Fhuair i foghlam a h-òige ann an Sgoil Phabail agus ann an Àrd-sgoil MhicNeacail. Às an sin chaidh i do Oilthigh Ghlaschu agus cheumnaich i ann an 1990. Tha i fhèin ag ràdh gun do thòisich i ri bàrdachd ann an Gàidhlig anns a' bhliadhna mu dheireadh san àrd-sgoil, ged a bha i air 'rabhd no dhà a chur ri chèile ann am Beurla' ('An Aghaidh na Sìorraidheachd' td.58) ron sin.

Mar sin 's e bana-bhàrd a tha beò, òg, agus a bàrdachd fhathast a' fàs agus a' dol air adhart a tha seo. Bhon t-sealladh sin, cha ghabh a h-àite am measg bàird eile a mheas gu coileanta aig an ìre seo. Ach bhon bhàrdachd a tha i air a chruthachadh gu seo tha e follaiseach gu bheil àite sònraichte aice ga shnaidheadh dhi fhèin ann an litreachas ar là.

Mar nach eil neach sam bith beò dha fhèin, is iongantach gu bheil bàrd sam bith beò air leth bho shuidheachaidhean a bheatha, no bho bhuaidh bàird eile a bharrachd. Gu nàdarrach, samhlaichidh daoine leanabh ri a chuideachd. Anns an aon dòigh, tha e nàdarrach gun samhlaichear obair bàird òig ri obair nam bàrd air an robh e/i eòlach. Ach mar a bheir feadhainn samhla eadar-dhealaichte do leanabh, chan e an aon cheangal an-còmhnaidh a chithear ann am bàrdachd.

Tha e soilleir gun do chuir Anna Frater eòlas air bàird mhòr Ghàidhlig na linne chaidh seachad agus gun do dh'fhàg cuid dhiubh làrach innte. Buinidh i don aon sgìre ri Iain Mac a' Ghobhainn agus Ruaraidh MacThòmais. A thuilleadh air an sin is ann fo sgèith MhicThòmais ann an Oilthigh Ghlaschu a thàinig mòran den bhàrdachd aice gu buil. Ach ge bith co ris a shamhlaicheas sinn a h-obair, tha stoidhle agus seula ùrail, phearsanta ann an lùib nan cuspairean agus nam beachdan aice. Nochd mòran den bhàrdachd aice ann an 'Gairm', agus gheibhear dusan pìos leatha anns a' chruinneachadh 'An Aghaidh na Sìorraidheachd', a dheasaich Christopher Whyte.

Tha raon farsaing de chuspairean aice. Buinidh cuid dhiubh a-mhàin do là fhèin agus tha iad a' bualadh air deasbadan beothail. Nam measg seo tha bàrdachd mar '9mh den t-Samhain 1989', 'Clann a-màireach' agus 'Bill'. Ann an 'Lasair Luath', tha an gaol a' tighinn gu ar n-aire ann an cruth inntinneach. Tha a dàimh ri eachdraidh a daoine agus a coimhearsnachd a' nochdadh tric agus bho dhiofar sheallaidhean, mar ann am 'Màiri Iain Mhurch' Chaluim' agus 'Aig an Fhaing'. Bho àm gu àm - mar anns 'An Adharc' - tha blas poileataigeach a' tighinn gu uachdar cuideachd. Mas e seo an eàrlais, tha beartas ri thighinn.

Cuid de bàrdachd:
Gairm, àireamh 140:
Ar cànan 's ar clò
Dà rathad
Geamhradh
Reothadh
Gairm, àireamh 147:
Airinis
An adharc
Bàs na h-eala
Snathad na doille
Gairm, àireamh 150:
Aig an fhaing
Connadh
Crònan
Lasair luath
Gairm, àireamh 151:
Màiri Iain Mhurch' Chaluim
Gairm, àireamh 152:
Am bodach
Bill
Gairm, àireamh 153:
Faileas
Glaschu
Gairm, àireamh 156:
Glaschu
Gairm, àireamh 158:
Aon phòg
Ceist
Mikhail
Snàmh
Gairm, àireamh 160:
Clann a-màireach
Gairm, àireamh 161:
Domestic 9-4-92
Gairm, àireamh 162:
Siùil
van Gogh
Gairm, àireamh 163:
A charaid
Deòirean
Eilean Phabail
Siùil
van Gogh
Gairm, àireamh 164:
Ceileireadh
Crùbag
Mathan a' gal
Gairm, àireamh 165:
Aon là
Carpe diem
Creag
H. P.
Mo phàrantan
Gairm, àireamh 166:
An teasach
Sampan
Gairm, àireamh 167:
Am bàta
Crùbag
Oidhche
Oir a' chuain
Stoirm
Gairm, àireamh 168:
Aon phòg
Ceist
Mealladh
Sgàile
Slàn

An Aghaidh na Sìorraidheachd:
9mh den t-Samhain 1989
Aig an fhaing
An adharc
Grian
Ar cànan 's ar clò
Bàs na h-eala
Dà rathad
Geamhradh
Leasachadh
Lite gun shalainn
Loch an t-Sìthein
Smuain

Tuilleadh fiosrachaidh:
Dream State: The New Scottish Poets (Polygon, Edinburgh 1994)
Fon t-Slige (Gairm Publications)
Gairm, àireamh 160 td 363