Aig aois ochd-bliadhna-deug, chaidh e gu Steòrnabhagh
don sgoil. An uair sin, cha robh ann an Steòrnabhagh ach
sgoil bheag a thog an Eaglais Shaor, ach is iomadh duine comasach
a fhuair foghlam innte. Chuir e seachad dà bhliadhna an
sin. Tha e coltach gur h-ann mun àm seo a thàinig
spiorad na bàrdachd am follais ann an toiseach.
Bha nàbaidh àraid aige air an
robh an t-ainm Calum Gobha. Rinn Calum rudeigin air nach do chòrd
ris, agus is ann a thòisich am bàrd ri aoir a dhèanamh
dha. Is e am 'Pulaidh' an t-ainm a thug e do Chalum anns an òran
seo. Tha am bàrd ri dèanamh luaidh air treubhantas
a' Phulaidh, gum briseadh e sìos a nàimhdean nan ceudan,
gu robh buille bhon làimh chumhachdaich aige mar bhuille
bho òrd mòr a' ghobhainn, gu robh crios òir
mu mheadhan, mar urram agus mar chliù air a bhuaidh ann
an gleac; agus ged a thigeadh laoich threuna thar chuain, nach
robh iad comasach air an crios a thoirt bhuaithe.
Còmhla ri gach cliù a choisinn
e, bha misneachadh na Rèisimeid Ghaidhealaich air leathad
Alma. Le eagal roimhe theich fir Shasainn, agus thug iad an casan
leotha, agus esan ri frasadh nan ceann gu làr le claidheamh
a' chinn òir. An dèidh don bhàrd Calum a
thogail don treas nèamh mar seo, tha e nis ga leagadh chun
an làir air ball. Ars esan:

A Chaluim, cha b' fhiach thu na fhuair thu,
'S e fanaid an t-sluaigh a tha ann.
'S ann air Morsgail a thogadh tu suas,
Le stapaig is fuaraig ghann.
Nuair thigeadh do nàmhaid dhut dlùth,
'S tu ag amharc na ghnùis le greann,
Cha b' fheàrr am Pulaidh na an cù.
Cha dèanadh e tùrn san àm.
Nach b' fhurasta aithneachadh
gu robh làithean mòra bàrdachd ri feitheamh
air fear sam bith a dhèanadh aoir den t-seòrsa
seo aig sia-bliadhna-deug?
An dèidh dha Iain Sgoil
Steòrnabhaigh fhàgail chaidh e gu Oilthigh Dhùn
Èideann airson eòlas-leighis ionnsachadh. Bha seo mu
thimcheall na bliadhna 1870. Rè a chuairt anns an Oilthigh
dh'oibrich e gu cruaidh. Bha deagh cheann aige, ach bha e air
a chumail air ais le cion nan sochairean mòra sin a bhith
aige na òige, agus a bha aig na h-oileanaich sin a bha
air an teagaisg ann an sgoiltean mòra na Galldachd. Co-dhiù,
bhuadhaich e anns a' chiad cheasnachadh agus an dèidh
sin chaidh e air adhart airson foghlam lighiche. Bhuadhaich
e anns a' chiad cheasnachadh airson lighichean, agus cha b'
ann gun strì. Rè nan còig bliadhna bha
e ann an Dùn Èideann, cha robh e aig an taigh ach dà
uair. Bha seo ri sealltainn nach b' ann dìomhain a bha
e ri cur seachad na h-ùine.
B' e an t-Urramach D MacNeacail
à Uibhist a Deas a bha na chompanach agus na charaid
aige. Tha esan ri toirt a' chunntais a leanas air an ùine
a chuir iad seachad còmhla ri chèile:
"B' e sgoilear Laidinn a
b' fheàrr na mise, agus bha dèidh mhòr
aige air leughadh - gu h-àraidh bàrdachd. Bu toigh
leis a bhith ri leughadh eachdraidh ar dùthcha cuideachd.
B' ann glè ainneamh a chunnaic mi dìomhain e,
agus b' iomadh uair a thuirt mi ris an uair a chithinn e cho
dripeil ag obair, nach b' urrainn a' bhodhaig aige seasamh ris,
mur gabhadh e tàmh agus mur toireadh e an aire air a
shlàinte."
Thachair e mar a thuirt an t-Urramach.
Bhris a shlàinte an ceann nan còig bliadhna. Rinn
tuilleadh agus a' chòir den chuing an gnothach air. Bha
e làidir gun teagamh, ach ghabh e cus brath air a neart.
Cha do shaoil e fhèin no càch gu robh an gnothach
cho dona is a bha e an toiseach. An uair a thòisicheadh
e ri gearain ris a' chompanach aige, theireadh esan ris, "A
lighiche, leighis thu fhèin", ri feuchainn ri misneach
a thoirt dha, ach cha robh math sam bith an sin. Thromaich air
cho mòr is gum b' fheudar dha Dùn Èideann fhàgail,
agus am foghlam a leigeil seachad. Thòisich goirteas
anns an taobh aige agus theann e ri cur a-mach na fala. Cha
robh e fhèin airson gabhail ris cho dona is a bha e,
agus mar sin cha robh e cho faiceallach air fhèin is
bu chòir dha. Thàinig e dhachaigh do dh'Iarsiadar,
àite a bhreith agus àraich. Chuir e seachad seachd
bliadhna an sin mus do bhàsaich e, timcheall air a' Bhliadhna
Uir, 1881, aig aois trì-bliadhna-deug thar fhichead -
air a bhriseadh sìos an toiseach a là, an uair
a bha a' ghrian fhathast an àirde nan speur.
Chan eil nì sam bith a
tha toirt solais cho math dhuinn air inntinn duine ri na sgrìobhaidhean
no a' bhàrdachd aige, ma tha sin ann; oir tha an sgriobtar
ag ràdh, "à lànachd a' chridhe labhraidh
am beul". Mar sin, tha fìor inntinn agus tograidhean
Iain Mhic a' Ghobhainn air an toirt a-mach gu soilleir anns
a' bhàrdachd aige, agus nach eil duine a leughas na h-òrain
aige nach fhaic aon chruth co-dhiù den inntinn aige ri
deàlradh a-mach anns gach ceathramh a chuir e ri chèile
- is e sin a cho-fhulangas ri luchd-dùthcha air an robh
fòirneart mòr air a dhèanamh le uachdaran
agus bàillidh. Airson seo a dhèanamh nas soilleire,
beachdaichidh sinn air cor Sgìre Uige, agus gu h-àraidh
cor Bheàrnaraigh, agus tìr mòr aig an àm.
Bho chian bha muinntir Sgìre
Uige ri cur an cruidh gu àirigh air a' mhòintich
anns an t-samhradh. A-nuas gus a' bhliadhna 1872 b' ann aig
Beannaibh a' Chuailein, faisg air crìch na Hearadh, a
bha àirighean Bheàrnaraigh agus na tìr-mòire
mu choinneimh. Bha iad ri faighinn na mòintich seo le
na croitean gun tuilleadh màil a phàigheadh.
Anns a' bhliadhna 1871 thàinig
fios don ionnsaigh bhon t-seumarlan, Dòmhnall Mac an
Rothaich, gu robh Beannaibh a' Chuailein gu bhith air an toirt
bhuapa airson an cur a-steach ri frìth fhiadh; ach nan
àite gu robh iad ri dol a dh'fhaighinn mòinteach
Iarsiadair. Bha mòran deasbaireachd agus rannsachaidh
ri dol air adhart mu thimcheall seo eadar na croitearan agus
an seumarlan, gus mu dheireadh gun deach buadhachadh air an
tuath seo, an làmh a chur ri pàipear an oifis
an t-seumarlain an Steòrnabhagh. Thuirt Dòmhnall
Mac an Rothaich riutha gu robh an làmh a chur ris a'
phàipear seo ri dearbhadh, gu robh iad gu toileach ri
leigeil bhuapa Beannaibh a' Chuailein, agus ri gabhail nan àite
mòinteach Iarsiadair, agus gun gleidheadh iad
sealbh air sin cho fad is a phàigheadh iad màl,
agus a ghiùlaineadh iad iad fhèin gu cubhaidh.
Bha seo a-nis daingnichte mar gum b' ann le mionnan, agus cha
robh dùil aca gun cuirte an còrr dragha orra.
Air an cosg fhèin thog iad gàrradh - air fad sheachd
mìle - eadar mòinteach Iarsiadair agus frìth
Scealascro, gun taing gun duais bhon oighreachd. Phàigh
iad am màl gu cunbhalach, agus ghiùlain iad iad
fhèin gu modhail, ri creidsinn gum biodh iad air am fàgail
aig fois.
Bha mòinteach Beannaibh
a' Chuailein na b' fheàrr air gach dòigh, agus
na bu mhotha na monadh Iarsiadair. Ach cha deach sgillinn ruadh
a lùghdachadh dhaibh às a' mhàl. Bha seo
glè chruaidh air na daoine bochda, ach dh'fheumadh iad
gèilleadh a chionn nach robh suidheachadh seilbh aca
air a' mhonadh seo. An dèidh dhaibh a bhith an seilbh
air a' mhòintich seo fad bliadhna gu leth, thàinig
fios thuca uile nach bu leotha mòinteach Iarsiadair na
bu mhotha - gu robh i gu bhith air a toirt bhuapa, agus gu robh
iad ri dol a dh'fhaighinn baile Tàcleit am Beàrnaraigh
na h-àite. Cha robh iad ri dol a dh'fhaighinn bonn-a-sia
a dhìoladh dhaibh airson nan seachd mìle de ghàrradh
a rinn iad air an cosg fhèin. Bha am fearann a bha iad
ri dol a dh'fhaighinn mòran na bu lugha na Iarsiadar,
agus air a shon sin, dh'fheumadh iad an sumachadh a lùghdachadh,
ach a dh'aindeoin sin uile, cha robh am màl gu bhith
sgillinn na bu lugha.
Thòisich deasbaireachd
mhòr eadar am Bàillidh agus na croitearan. Bha
na croitearan ri diùltadh gabhail ris a' chùmhnant
seo, airson gu robh e ri briseadh a' chùmhnaint a chaidh
a dhèanamh riutha roimh sin, agus an seamarlan ri maoidheadh
orra gun cuireadh e sìos iad leis an arm. Cha b' urrainn
iad seasamh ris an fhòirneirt seo na b' fhaide. Dh'èirich
iad ceart còmhla mar aon duine. Thug iad Steòrnabhagh
orra - ceud gu leth gaisgeach tapaidh, le pìobaire air
an ceann. Tro aon dhiubh fhèin - Aonghas MacArtair
à Circebost am Beàrnaraigh - mar eadar-theangair,
dh'innis iad facail air an fhacal mun fhòirneirt
a rinneadh orra, don uachdaran, Sir Seumas MacMhathain. B' ann
gun fhios don uachdaran a thachair gach nì bha seo. An
uair a chuala e an gearan ghabh e riutha gu càirdeil.
Chuireadh fios air Dòmhnall Mac an Rothaich, an seumarlan,
airson gun toireadh e cunntas air an obair bhrùideil
seo a rinn e. Thugadh gu cùirt e, agus fhuaradh ciontach
e. Tha fios aig an t-saoghal gun tàinig crìoch
bhochd air.
Tha co-fhaireachdainn Iain Phàdraig
ri a cho-luchd-dùthcha anns a' chùis seo ri fhaicinn
anns na h-òrain aige gu lèir. Dleasaidh 'Spiorad
a' Charthannais' a' chiad àite am measg a bhàrdachd.
An uair a leughas neach na rainn seo, cuiridh e na chuimhne
air uairean, bàrdachd Iain Mhilton ann am 'Paradise Lost'
agus ann am 'Paradise Regained'. Tha e ri labhairt ri spiorad
a' charthannais mar gum biodh duine ann, agus ag innse dha gach
nì ionmholta tha ri innse mun cuairt air. Tha e ri tionndadh
gu cor a dhùthcha, agus gu euceartan Dhòmhnaill
Mhic an Rothaich, an seumarlan. Tha e ri sealltainn gu soilleir
nach robh gnè spiorad a' charthannais ann an goill rògaich
an duine seo, an uair a bu toigh leis gum biodh na Leòdhasaich
uile air am fògradh don choill.
Cha mhò tha spiorad caoimhneis
anns na bàillidhean agus anns na tighearnan a chuir ar
Gaidhealtachd fo fhèidh agus fo chaoraich, air chor is
gu bheil tìr ar dùthchais an-diugh na fàsach,
dòbhaidh truagh agus na leabaidh aig an fhiadh agus aig
na cearcan-ruadha. Tha a chridhe goirt a chionn gun do chuir
iad an tìr a bha àlainn fo naosgan, agus gun do
bhuin iad cho brùideil ri daoine còire - ann an
aon fhacal, gum bu mhiosa na bruid Bhabaloin an dìol
a rinneadh orra.
Anns na roinn mu dheireadh tha
e ri tionndadh gu seumarlan Leòdhais a-rithist, agus
ri cur an cèill meud a dhroch-bheartan. Tha e sin ag
ràdh gu bheil cumhachd ann nas motha na seumarlain Leòdhais,
dom feum gach glùn lùbadh, agus gach teanga aideachadh,
gur h-e seo Esan a bheir do gach neach a rèir a thoillteanais.
Agus ged bu mhòr a chuid-san den t-saoghal, nach fhaigheadh
e aig àm a bhàis, ach lèine agus dà
cheum de thalamh.

An sin molaidh a' chnuimh-shnàigeach thu,
Cho tèirceach 's a bhios d' fheòil,
Nuair gheibh i air do chàradh thu,
Gu sàmhach air a bòrd.
Their i, "'S e fear miath tha seo,
Tha math do bhiast nan còs,
Bhon rinn e caol nan ceudan,
Gus e fhèin a bhiadhadh dhòmh-sa."
Bheireamaid an dara h-àite
do 'Spiorad an Uamhair'. Tha am bàrd anns an dàn
seo ri leantainn an dearbh chùrsa ri 'Spiorad a' Charthannais'.
Is e sin a bhith ri labhairt ri cuspair a bhàrdachd mar
gum biodh e ri bruidhinn ri duine. Is e seo an seòrsa
bàrdachd ris an canar anns a' Bheurla 'Apostrophe', agus
tha Iain Mac a' Ghobhainn glè dhèidheil air. Ghabh
e cùrsa dha fhèin nach fhaic sinn ach tearc air
a chleachdadh aig bàird Ghaidhealach, agus mar seo tha
ùrachadh agus atharrachadh taitneach anns a' bhàrdachd,
seach a' mhòr-chuid a tha ri luaidh air gaol, a' mhuir,
am bàta, am monadh, am fraoch, an crodh agus an àirigh,
agus na caileagan gràdhach le 'gruaidhean mar an ròs
fo bhlàth'. Is iad seo na cuspairean bàrdachd
a tha gu bitheanta aig mòran de ar bàird Ghaidhealach.
Ach tha bàrdachd Iain Mhic a' Ghobhainn ri sealltainn
inntinn a tha comasach agus breithneachail, agus a tha ri dol
fada nas doimhne na seo. Tha e ri cur anama annta airson tiotain,
agus ri luaidh air an cliù mar gum biodh iad an làthair.
Ann a bhith ri gabhail thairis
air a' bhàrdachd aige chan fheum sinn dìochuimhne
a dhèanamh air an òran 'Am Brosnachadh'. Ach saoilidh
sinn nach eil Gaidheil a chluinneadh 'Am Brosnachadh' air a
sheinn gu fonnmhor air sèist 'Eilean an Fhraoich' nach
bu chòir gàirdeachas a bhith na chridhe gu bheil
againn daoine a thogas ar cliù mar shluagh.
Chan eil cunntas againn gun do
rinn e mòran de òrain aotrom, ach na tha againn,
tha iad eirmseach. Feumaidh sinn a chuimhneachadh gur h-ann
an dèidh dha tilleadh dhachaigh à Dùn Èideann,
agus a shlàinte air briseadh, a rinn e a' chuid bu mhotha
de na h-òrain. Agus an uair a bhios neach treòite,
tinn, airsnealach na inntinn cha bhi togradh aige ri sùgradh.
Seo an t-adhbhar gu bheil cho beag againn de òrain spòrsail
am measg a bhàrdachd. Is e 'Òran an t-Seann Ghille' a
chuireamaid air thoiseach am measg nan òran aotrom. Is
e seòrsa de aoir don t-seann ghille, agus moladh air
an staid phòsta tha seo. Tha e ri labhairt air na nithean
matha a dhèanadh bean òg: taigh a chumail cofhurtail,
glan, suilbhire, biadh a fir a dheasachadh, an crodh a bhleoghan,
cuideachd a chumail ri a fear agus gnothaichean mar sin. A-rithist
tha e ri tionndadh air an t-seann ghille, am fear a tha air
a dhùil a thoirt thairis. Tha truas aige ris. An uair
a thig e dhachaigh bidh a thaigh gun teine, gun tuar. Feumaidh
e fhèin a bhiadh a dheasachadh, agus an t-aodach aige
a chàradh, agus a lèine fhèin a nighe.
An uair a thig an aois air, agus gun duine a sheallas ris, dè
a nì e? Chan fhaigh e searbhant no sgalag. Chan eil e
comasach air obair a dhèanamh, agus feumaidh e a dhol
an eisimeil airgead nan cailleach.
Bha spèis mhòr
aige do eachdraidh a dhùthcha, agus am measg nan òran
a rinn e an co-cheangal ri eachdraidh saorsa na h-Albann fo
chuing Shasainn, tha 'Allt a' Bhonnaich' ag innse mun chath
fhuileachdach sin a bha na mheadhan air a bhith ri cosnadh saorsa
dhùthchasach dhuinn. Ged nach eil an t-òran fada,
tha e ri cur an cèill buadhan inntinn a tha làidir,
domhainn, lèirsinneach. Tha eòlas mionaideach
aige air ar n-eachdraidh mar rìoghachd. Ri moladh a'
churaidh Raibeart Brus, tha e ag ràdh:

A Bhrusaich iomraidich nam buadh,
'S ann ort fhèin tha sgeul ra luaidh,
Tha cliù do dhùthcha dol mar riut suas,
Gu Talla bhuan do shìth.
Agus tha e ri crìochnachadh le bhith ag ràdh:
Na seall a-nuas, a spioraid thrèin!
Ma faic thu dìol do dhùthcha fèin,
Tha an gleannan làn de bhracsaidh breun,
Na gaisgich thrèig an dùthaich.


Dealbh: Carragh-cuimhne Bàrd
Iarsiadair ann an Iarsiadar
|
|
Chaidh mòran
de na h-òrain aige air chall, agus tha eagal òirnn
nach fhaighear lorg orra. Tha e glè iongantach nach
do sgrìobh e fhèin iad uile, ach tha e coltach
nach robh e ach dìreach ri cur seachad na h-ùine
le a bhith ri cur ri chèile nan òran seo rè
a thinneis. Is cinnteach nam biodh dùil aige an clò-bhualadh
gu robh e air an sgrìobhadh uile. Na chaidh a sgrìobhadh
dhiubh, chailleadh cuid aca, ach tha lethbhric de chuid
eil ri am faotainn aig duine no dhà am Beàrnaraigh
fhathast. Chuir e ri chèile mu cheithir cheud deug
sreath-sgrìobhaidh, agus tha sinn toilichte gu bheil
a' chuid mhòr de sin anns an leabhar 'Bàrdachd
Leòdhais'. Ged a tha sinn cho eagnaidh agus a b'
urrainn sinn, ann a bhith ri feuchainn ri ceartas a thoirt
do a bhàrdachd, chan urrainn sinn dearbhadh sam bith
a thoirt gu bheil i air a cur sìos mar a sgrìobh
esan i, oir an uair a ruitheas bàrdachd sam bith
bho bheul gu beul, bidh e dualtach gun lean faclan fuadain
rithe, agus gum bi tulg no dhà innte mar shuaicheantas
an allabain a rinn i. |
Cearbach is mar a dh'fhaodas
cuid dhith a bhith anns an dòigh seo, tha sinn toilichte
gu bheil i cruinn, agus cha chuireadh Leòdhas, no àite
eile, droch fheum air gun èireadh bàrd eile air
an tuiteadh fallainn Iain Phàdraig a rugadh ann an Iarsiadar.
Cuid de
bhàrdachd:
Allt a' Bhonnaich
Am Brosnachadh
Am Pulaidh
An Samhradh
Coinneach Odhar
Gaisgeach Mòr na Feinne
Laoidh an Dòchais
Moladh a' Phulaidh
Na h-Eileanaich
Oidhche na Bliadhna Uire
Oidhche Shuirghe
Òran a' Bhalta
Òran an t-Seana Ghille
Òran Luchd na Spòrs
Òran Molaidh do Sheumas Òg am Maraiche
Sgoil a' Chruadail
Spiorad a' Charthannais
Spiorad an Uamhair
Tha am bàrdachd seo gu lèir ri fhaighinn san leabhar
'Bàrdachd Leòdhais' (bhon tàinig am fiosrachadh
seo).
Tuilleadh fiosrachaidh:
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 49 td 309