Bàrd Mhealaboist (Murchadh MacPhàrlain) |
|
Rugadh
Murchadh MacPhàrlain ann am Mealabost, Bràigh na
h-Aoidhe, Leòdhas ann an 1901. Dh'fhalbh e a-null a Chanada
air soithichean mòra an CPR anns na ficheadan agus bha
e thall an sin gu 1932. Thill e dhachaigh 'cha mhòr cho
bochd 's a dh'fhalbh mi, ach beagan na bu ghlice'.
Chuir e seachad an còrr de bheatha sa
bhaile san do rugadh e, gus an do chaochail e ann an 1982. Thàinig
na h-òrain aige gu aire an t-saoghail mhòir gu h-àraidh
tro 'Na h-Òganaich'.
Dh'innis Murchadh fhèin eachdraidh
trì de na h-òrain aige air teip. Seo iad:
'Chunnaic mi uam a' Bheinn':
"Bha seann àirighean a' bhaile againn anns na linntean
a dh'fhalbh aig bonn Beannaibh Bharabhais an Leòdhas. Air
an astar seo cuideachd bha sprèidh chaoraich a' bhaile
againn a' gabhail. An-diugh chan eil cù, caora no duine
a bhuineas do Mhealabost a' dol chun na beanntan. Bha là
eile aig fear na mònach.
Seo ma-thà, 'Chunnaic mi uam a' Bheinn' 's tha am bàrd
na sheann aois a' faicinn na beinne agus aig deireadh an duain
a th' ann an seo, tha e a' toirt a-steach an seann chù
a chleachd a bhith aige sna beanntan agus an dithis an-diugh a'
dol sìos an gleann gan trusadh le coin Thìm.
'S ann os cionn, mar a bha mi ag ràdh aig an toiseach,
seann àirighean a' bhaile againn ann am Beannaibh Bharabhais
agus mi ri falbh air a' phlèana agus an uair a thug mi
sùil a-mach air an uinneig, bha làraich nan seann
àirighean sìos fodham agus thug e diombadh orm agus
mar thoradh air an diombadh a thug e orm, thàinig an duanag
a th' ann an seo gu bhith ann am bith."
'Leag iad am bomb a-raoir':
"Chaidh mi air ais leth-cheud bliadhna leis a' chiad òran
a bh' ann an seo - 'Chunnaic mi uam a' Bheinn'.
Tha mi a-nis a' dol air adhart còrr air leth-cheud bliadhna
leis an fhear a th' agam an-dràsta agus 's e crònan
tàlaidh le màthair anns a' bhliadhna 2050 a th'
anns a' chrònan tàlaidh a tha seo agus ann an lorg
beachdan làidir a bhith agamsa air an t-suidheachadh oglaidh
a tha fa chomhair chlann nan daoine an-diugh, 's e sin an sgrios,
an dubh sgrios a th' aig bun na h-ursainn againn, seadh, cho comasach
's a tha e do mhac an duine cur às dhan h-uile beò-chreutair
air uachdar na talmhainn agus dha fhèin. 'S e seo an crònan
tàlaidh a th' aig a' mhàthair a th' ann an seo.
Tha i an toiseach ga chur a chadal gus an seall i a-mach às
an uamh agus am faic i na leag iad am bomb a-raoir agus na sgrios
iad am beò, 's am buar, 's am bàrr.
As dèidh sin, chan ann ga chur a chadal idir a tha i,
's ann a tha i ag ràdh ris, "Na dùisg gu bràth!"
"Na dùisg a chaoidh tuilleadh!" "Tha sgrios
nas mios na .......!""
'Gille gu gingealadh':
"Mus tòisich mi air an fhear seo bu chaomh leam a'
cheist a chur ribh - a bheil fhios aig duine agaibh de a th' ann
a bhith a' gingealadh?
Uill, 's e sin cuspair na duanaig a th' ann an seo. Ging gu gingealadh
agus gu solas a chur air an sin dhuibhse, gu dè bh' ann
'ging gu gingealadh'. B' e sin ceàrd a bhiodh againn an
uair a bha sinn òg, 's e sin a bhith an cois a' chruinn
an uair a bhithte a' treabhadh, agus an uair a bhiodh an fheamainn
's an innear a' dol na tiùrr mu choltair a' chruinn, dh'fheumadh
sinn a bhith a' cumail a' choltair glan, le forc no pìos
maide no rud sam bith a chumadh an coltair glan agus bhiodh sinn
a' tionndadh an inneir 's an fheamainn a dheigheadh na thiùrr
mun choltair. Bhiodh sinn ga tionndadh a-steach dhan sgrìob,
agus b' e sin a bhith a' gingealadh. 'S e sin a tha an duine a
th' ann an seo ag iarraidh, càite am faigh e gille a nì
gingealadh.
Tha mi a' dol air ais a-nis dhan t-saoghal a bh' ann. Bidh mise
a' spionnadh, a' feuchainn ri spionnadh nithean às an t-saoghal
a bh' ann agus ga thoirt dhan ghinealach a th' ann an-diugh,
ach am bi fios aca air nì-eigin a bh' againn ri dhèanamh
airson a bhith-beò."
Cuid de bhàrdachd:
Aithris (Chicago 1924)
Am botal 's am misgear
Am fear teiche
An deis odhar
An seann chù bochd
An tè ligheach dhorch
Bean an iasgair
Biodh an seisean, biodh a' chlèir
Bròn Machair Mhealaboist
Bruadar Cogadh na Caillich
Chaidh mo Mhurchadh gu muir
Chan fhada gu madainn
Comann mo Ghaoil
Duan san t-Seann Nòs
Duanag Bleoghain
Dunkirk
Fhir-turais gu tìr nam beanntan
Gnè a' chogaidh
Is mise guth nan Innse Gall
Là na Dròbh
Linn 'Greas ort'
Màl na mara
Mar a chailleadh an Iolaire
Marbhrann (air Raibeart MacBhàtair)
Mi lem uilinn air mo ghlùin
Mòrag leat shiùbhlainn
Mùirneag
Naoi ceud deug 's ceithir deug
Nuair a dh'fhàsas tu mòr
Òran cladaich
Òran don bhobaigeadh
Raoir reubadh an Iolaire
'S fhada leam an oidhche gheamhraidh
'S lugha orm nan donas
'S reul iùil dhomh h-ìomhaigh
Seann-taigh a' chladaich
Socair ort a Dhòmhnaill, seall
Thig mi gad iarraidh
Thug iad a Thung thu
Tobair, tobair sìolaidh
Tuilleadh fiosrachaidh:
An Toinneamh Dìomhair - Gasaet Steòrnabhaigh
Dàin Mhurchaidh - An Comunn Gaidhealach
Gairm, àireamh 82 td 146-152
|