GRD > Bàird Ghàidhlig > Bàrd Phàislig
Bàird Ghàidhlig
 

Màiri nighean Alasdair Ruaidh
Iain Lom
Sìleas na Ceapaich
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
Iain MacCodrum
Rob Donn
Dùghall Bochanan

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
Uilleam Ros
Iain Gobha na Hearadh
Màiri Mhòr nan Oran
Bàrd Iarsiadair
Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich
Bàrd Bharabhais
Dòmhnall Ruadh Chorùna
Bàrd Phàislig
Bàrd Mhealaboist
Am Bocsair
Somhairle MacGill-Eain
Dòmhnall MacAmhlaigh
Anna Frater
Bàrd Phàislig (Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir)
Ceol

Rugadh Dòmhnall Mac an t-Saoir ann an Snaoiseabhal ann an Uibhist a Deas air 1 Dàmhair 1889. Bha Dòmhnall fhèin den bheachd gur ann às an Eilean Sgitheanach a thàinig sinnsearachd athar, gu bhith nan luchd-saighead aig Mac 'Ic Raghnaill.

Tha e air a ràdh gur e duine solt, toinisgeil agus dòigheil a bh' ann an athair Dhòmhnaill. Bha a mhàthair sònraichte tàlantach, agus bha eòlas farsaing aice air òrain agus bàrdachd agus air seanfhacail a bhuineadh do eilean a h-àraich. Tha e coltach gun robh cuimhne mhìorbhaileach aice air facail agus ceòl, gu h-àraidh ceòl nam pìoba, agus ùrnaighean Gàidhlig. Aig an àm a bha sin cha robh leabhraichean ùrnaigh ach gann, agus mar sin dh'fheumadh mòran dhiubh a bhith aig daoine air an teanga. Feumas gun do rinn oideachadh a mhàthar làrach ann an Dòmhnall, oir eadhon na shean aois bha fhathast grèim aige air mòran de na chuala e aice na òige.

Dh'fhàg Dòmhnall an sgoil aig ceithir-bliadhna-deug, ach thathas a' meas gun robh e tùrail agus gun robh e air feum a dhèanamh nan robh e air cothrom foghlaim fhaighinn. An uair nach robh e cus ach fichead bliadhna, riochdaich e croitearan Uibhist a Deas ann an Cùirt nan Con ann an Loch nam Madadh, an uair a rinn a' Bhean-uasal Gordon Cathcart oidhirp air toirt air croitearan an eilein teisteanas a bhith aca mus fhaodadh iad cù a chumail. Chaidh an là le na croitearan. Is ann mun àm seo a thàinig gibhtean Dhòmhnaill mar bhàrd am follais.

Na òige dh'ionnsaich e clachaireachd, agus ron Chiad Chogadh bha e anns na Queen's Own Cameron Highlanders na phìobaire aig Camshronach Lochiall. Ged a bha ùine san arm seachad an uair a thòisich an cogadh, dh'iarr e fhèin a dhol an sàs, agus thugadh dha an t-urram a bhith na phìobaire-rèisimeid aig na Camshronaich. Chunnaic e sabaid aig Blàr Loos agus bha inneas gaisgeil air.



Dealbh: Carragh-cuimhne Dhòmhnaill Iain Dhonnchaidh agus Bàrd Phàislig, ann an Uibhist a Deas

An dèidh a' chogaidh thug Dòmhnall greisean ag iasgach, ag obair air loighnichean an telefòin, agus a' clachaireachd mus do rinn e a dhachaigh ann am Pàislig. Phòs e Màiri NicIllFhaolain à Uibhist a Deas ann an 1930. Bha dachaigh thoilichte agus ceathrar theaghlach aca. Ged a bha iad air a' Ghalldachd, chùm iad fhèin, agus oghaichean Dhòmhnaill, a' Ghàidhlig.

Chaochail e air 7 Faoilleach 1964 agus tha e air adhlacadh ann an Cladh Hawkhead ann am Pàislig.

Tha a' bhàrdachd aig Dòmhnall a' toirt sgrìob fharsaing air iomadh cuspair agus air iomadh faireachdainn. Chaidh a chrùnadh mar Bhàrd a' Mhòid Nàiseanta ann an 1938. Tha dà shaoghal ri fhaicinn na obair - Uibhist, le a chleachdaidhean agus a chultar, agus an saoghal mòr eile air taobh a-muigh crìochan nan eilean. Tha a' bhàrdachd aige air a cruinneachadh anns an leabhar 'Sporan Dhòmhnaill', a chaidh fhoillseachadh le Scottish Gaelic Texts Society ann an 1968.

Cuid de bhàrdachd:
Aeòlus agus am Balg
Air dhomh a chluinntinn gun d' rinn bàrd eile òran math
An coileach a chaidh air chall sa phosta
An dà chù (Bhon Bheurla Leathann)
An deagh chlachair
An turas-cuain
Aoir an luchd-riaghlaidh
Aoir Mhussolìnidh
Bàrdachd nam beann
Bhon fhuair mi bhlasad
Bun an Ròdha
Bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid
Caochladh nam fonn
Catriona NicMhathain
Chan eil mi gun m' aire air m' euchdaig
Chan iongnadh ged bhithinn gun mhire, gun cheòl
Chrùnadh Ealasaid
Cion a' ghuail
Còmhradh eadar an t-seann tè 's an tè ùr
Cuir romhad Bliadhna Ùr
Cumha bràthar
Dà Dhòmhnall Ruadh ris na giomaich
Dìth nan cungaidhean
Dol do dh'Uibhist
Dòmhnall an t-saighdeir
Dòmhnall Ruadh (Sùil air Ais)
Don Diùca Hamilton
Duan na h-àirigh, no aoir nan radan
El Alamein
Fàilte air na Gaidheil
Fàilte an diabhail don droch dhuine
Fear a' chòta ruaidh
Fear freasdail is ainm dhomh
Fhir a dhìreas am bealach
Gairm
Gaoth on iar
Gearain a' choineinich
Gèideabhal
Gillean Àird-mhaoile
Giomadairean Àird-mhaoile
Hoireann ò mar a tha sinn
Iarraidh Dhòmhnaill Alasdair
Is adhbhar a' chlisgidh
Loch nan Geàrr (Bhon Bheurla)
Ma b' fhìor gun do thionndaidh bean Eòin
MacPhàil is MacThòmais
Maighdeann a' chùil dualaich
Mar thuit an t-each
Marbhrann don rìgh
Marbhrann eile don rìgh
Mo mhaighdeann òg
Mo sheann phoit dhubh nan trì chasan
Moladh Inbhir Lòchaidh
Moladh nam bàrd Uibhisteach
Moladh Uibhist
Mòr NicLeòid
Na rocaidean
Naomh Bhalaraidh agus Dùn-circe
Nuair a thàinig am Buroo do Dhùthaich nam Beann
Nuair chaidh a' chlach a thilleadh
Ò, faighibh suas an cogadh
Òran a' chnatain mhòir
Òran air cor na Gàidhlig
Òran do dh'A****** S** *ch
Òran don Bhànrigh Ealasaid
Òran na Cathrach
Òran na cloiche
Òran na h-Aide
Òran na poit-thàirne
Òran nam beairtean adhair
Òran nan con
Òran nan easgannan
Pìobairean Camshronach anns an Ruaig Mhòr (1918)
Ruaraidh is Pàdraig air chèilidh
'S e mo chaochladh mòr a thàinig
'S fheudar gun bhith ag òl
Seo a' bhliadhna thug a-nuas mi
Seònaid
Sporan Dhòmhnaill
Thug mi an oidhche raoir glè shàmhach
Tòmas Seanntair (Bhon Bheurla Leathann)
Triall gu 'Cùirt nan con'
Uibhist an eòrna
Uibhist uaine an eòrna

Tuilleadh fiosrachaidh:
An Introduction to Gaelic Poetry - Derick Thomson, Edinburgh, 1990
Gairm, àireamh 3 td 62-63
Gairm, àireamh 4 td 7
Gairm, àireamh 17 td 47-50
Gairm, àireamh 39 td 211-214
Gairm, àireamh 50 td 107-113
Gairm, àireamh 51 td 225-226
Gairm, àireamh 59 td 213-215
Gairm, àireamh 83 td 215-220
Gairm, àireamh 115 td 214-217
Sporan Dhòmhnaill (Scottish Gaelic Texts Society 1968)
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson, Gairm Publications, 1994


Ceol

Bùth Dhòmhnaill 'icLeòid

(A' chiad dà rann air an seinn le Fionnlagh MacNèill, Càrlabhagh, Leòdhas)

E ho ro Chaluim mhòir, thugainn còmh' rium gu dram
Null a bhùth Dhòmhnaill 'icLeòid 's gheibh sinn stòpan de leann,
Nuair a bhios sinn ga òl 's math a chòrdas sinn ann
Bidh ar n-inntinn air ceòl 's cha bhith òran òirnn gann
Ann am bùth Dhòmhnaill 'icLeòid.

Bidh an seòmar cho blàth, bidh an t-àite cho brèagha,
Air an ùrlar for bonn dathan donn, dubh is liath.
Chì thu putan beag bàn air am fàisg thu do mheur,
'S thig fear-freasgairt mun cuairt 's na bheil bhuat thu chur sìos
Air do bheulaibh air bòrd.

Dhe gach seòrsa thèid òl bidh gu leòr fo do shùil,
Fear a' lìonadh nan stòp 's a' cur cròic air an leann,
Chì thu fìon thig on Spàinn oirr' air fhàgail co-dhiù,
'S chì thu eun ann an cèidse shuas gu h-àrd os do chionn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'icLeòid.

Chì thu togsaidean bhuat, bidh iad suas air an ceann,
Chì thu goc anns gach tè leth na rèiseadh o bonn,
Fear tha freasgairt na bùth tighinn gad ionnsaigh le dràm,
'S their e an t-airgead a-null 's their e mùthadh a-nall
Ann am bùth Dhòmhnaill 'icLeòid.

Chì thu dìsnean is tàileasg gan càradh air bùird,
Bidh gach nì mar is còir eadar Dòmhnall 's a bhùth,
Gheibh thu pàipear ri leughadh le speuclair dhad shùil,
'S chì thu staidhre dol sìos, àite bhios riatanach dhuinn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'icLeòid.

Gheibh thu searbhadair shìos, gheibh thu siabann is bùrn,
'S los gum falmhaich thu mhias, tog a' chìochag na grunnd,
Chì thu sgàthan is cìr 's rud a shlìobas a-null,
'S a their loinn air do cheann, ged bhiodh sgall air gu chùl
Ann am bùth Dhòmhnaill 'icLeòid.

Ann am bùth Dhòmhnaill 'icLeòid bidh gach seòrsa innte cruinn,
Thig o thaobh Abhainn Chluaidh 's cuid tha nuas às na glinn,
Bidh a' chàbraid cho cruaidh ann an cluasan do chinn,
'S ged bhiodh bàrd ris gach gualainn dhiot 's fuaim aca air seinn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'icLeòid.

"Cuir a-nuas leth tè chruaidh," thuirt fear shuas mun cheann àrd,
"Glainne fìon," thuirt fear shìos air bheil fìor choltas ceàird.
"Happy day, come away," labhair tè reamhar, bhàn
A bha bhlàth air a sròin, gun do thòisich i tràth
Dhol a bhùth Dhòmhnaill 'icLeòid.

Nì sinn cinnteach mum falbh sinn à balgam no dhà
Thig à Ìle thar fairge air bheil dealbh an Eich Bhàin;
Toradh brìgheil an arbhair as ainmeile gràn;
Cha bhi rìoghachd na h-Alba neo-shealbhach gu bràth
Fhad 's a dh'fhàsas innte eòrn'.

Teipichean air a bheil an t-òran 'Bùth Dhòmhnaill 'icLeòid':
'Ceòl air mo Bhilean' - Finlay MacNeill (Lewis Recordings, Inverness 1980)
'Ceòl nan Eilean 1' - George Clavey & Ceòl nan Eilean (Croft Recordings, Isle of Lewis 1979)