| Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir |
|
Rugadh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
ann an Gleann Urchaidh anns a' bhliadhna 1724 agus bhàsaich
e ann an Dùn Èideann anns a' bhliadhna 1812.
Chuir
e seachad a' chiad phàirt de bheatha ri geamaireachd is
forsaireachd agus tha sinn a' tuigsinn gu robh e aig Blàr
na h-Eaglaise Brice ann an 1746. Airson grunnan bhliadhnachan
bha e ann am Freiceadan Bhràghaid Albainn agus anns a' bhliadhna
1767 chaidh e a Dhùn Èideann far an robh e na gheàrd
no seòrsa de phoileas.
Cha do dh'ionnsaich e riamh leughadh no sgrìobhadh
oir cha robh sgoil faisg air a dhachaigh. Cha do dh'fhàg
seo e idir gun eòlas a bhith aige air litreachas oir bha
bàrdachd is òrain air bilean an t-sluaigh mun cuairt
air.
Bhiodh e fhèin 's a bhean 'Màiri
Bhàn Òg' cuideachd a' dol air chuairt feadh na Gaidhealtachd,
mar sin a' faighinn tuilleadh eòlais air bàrdachd
na dùthcha agus "a' toirt òrain ùra
is rannachd dhaibh". Tha sinn a' tuigsinn gu robh meas mòr
aig an t-sluagh air. B' e Donnchadh Bàn nan Òran cliù
a choisinn e dha fhèin. Bha caraidean aige mar An Ollamh
Dòmhnall MacNeacail, Lios Mòr, a chuidich e a' cur
a chuid bàrdachd an òrdugh agus anns a' bhliadhna
1768 chaidh a bhàrdachd a chlò-bhualadh airson a'
chiad uair.
Tha mòran eòlach air an òran
gaoil a sgrìobh e do mhnaoi 'Òran da Chèile Nuadh-phòsta'
no 'A Mhàiri Bhàn Òg' mar as fheàrr a dh'aithnichear
e. Ach b' ann mar bhàrd nàdair a sheall e na tàlantan
air leth a bh' aige - anns a' bhàrdachd aige mu 'Choire
Cheathaich', ann an 'Cead Deireannach nam Beann' agus gu h-àraidh
'Moladh Beinn Dòbhrain'.
Thàinig an iomradh a leanas
às an t-sreath de leabhraichean-leughaidh Blackie a chaidh
fhoillseachadh leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Cò an Gaidheal no a' bhana-Ghaidheal nach cuala uair no uaireigin
iomradh air Donnchadh Bàn nan Òran? Ged nach eil eòlas
mionaideach aig a' mhòr-shluagh air eachdraidh a bheatha,
chan ann tric nach cuala iad cuid de na h-òrain mhaiseach
a rinn e, air an seinn aig banais agus fleadh anns gach ceàrnaidh
de ar dùthaich.
Rugadh Donnchadh Mac an t-Saoir an Gleann Urchaidh,
ann an Earra-Ghaidheal, anns a' bhliadhna 1724. Is fhada bhon
là sin, agus is iomadh atharrachadh a thàinig air
an t-saoghal, bho bha Donnchadh a' bàrdachd mu bhruachan
Dhruim-liaghairt.
Cha robh sgoil anns a h-uile sgìre an
uair ud, mar a chì sinn air feadh ar dùthcha an-diugh,
agus cha bu mhò a dh'fheumadh balach no nighean sam bith a
dhol don sgoil, ach mar a thogradh iad fhèin. Ach ged nach
d' fhuair Donnchadh Bàn cothrom sam bith air sgoil ionnsachadh
na òige, cha do dh'fhàs e suas gun fhoghlam. Cha
robh spòrs air an talamh a b' fheàrr leis na bhith
a' sealg agus ag iasgach. Dh'fhàs e glè eòlach
air an fhiadh agus an ruadhbhoc; bha a shùil gu dian air
gach badan fraoich a thachradh ris. Cha robh lus a bha a' fàs
ann an còsan an aonaich nach glacadh aire. Bha lorg aige
air ainm agus gnàths gach eun a dh'èireadh air iteig
roimhe, an uair a bhiodh e a' toirt cuairt anns an fhrìth,
agus bha ceileireadh gach aoin dhiubh ro-bhinn na chluasan.
Bha e mar sin ag ionnsachadh gach là
bho sgoil mhòr obair nàdair mun cuairt dha, agus
mar a b' eòlaiche a bha e a' fàs air na cuspairean
sin, is ann bu mhotha bha a ghaol orra uile a' dol am meud. Tha
e coltach gum biodh e a' dèanamh dhuanagan on a bha e na
bhalach beag. An uair a dh'fhàs e suas agus a thàinig
faobhar na bu ghèire air inntinn, is b' ann air na beanntan,
agus gach nì mun cuairt dhaibh, a rinn e na h-òrain
bu ghrinne agus a b' fheàrr bàrdachd.
Tha sin uile a' nochdadh dhuinn gun do rinn
sgoil nàdair, air an do chuir e eòlas na òige,
loinn agus grinneas buan a chur air 'Coire Cheathaich', agus 'Moladh
Beinn Dòbhrain'.
An uair a bha e na ghille òg rinn Morair
Bhràghaid Albainn fòrsair dheth. Siud a' cheart
obair a chòrdadh ri Donnchadh Bàn. Bhiodh sealg
gu a thoil aige, agus cha tigeadh là nach fhaodadh e a
bhith am measg obair nàdair mun cuairt dha. B' e sin an
nì anns an robh ùidh aige thar gach nì eile.
B' ann an uair a bha e a' siubhal nam monaidhean agus nan gleann
timcheall air Coire Cheathaich, Beinn Dòbhrain agus Buachaille
Eite, le a ghunna 'Nic-Còiseam' gu h-aighearach air a ghualainn,
a chuir e ri a chèile na h-òrain Ghàidhlig
mhaiseach ud a chumas ainm air chuimhne gu bràth nar tìr.
Is math as fhiach do gach sgoilear aig a bheil Gàidhlig
cuid dhiubh ionnsachadh air a theanga.
Bha e sia bliadhna na shaighdear ann an Rèisimeid
Bhràghaid Albainn, agus mu dheireadh ann am Freiceadan Baile
Dhùn Èideann.
Choinnich e ri 'Màiri bhàn òg',
agus phòs e i, agus bidh cuimhne mhath oirre iomadh là
air sgàth an òrain mhaisich a rinn a fear dhi. Is
ann ainneamh a tha òran anns a bheil briathran cho blasta,
no air a bheil fonn cho aighearach ri 'Màiri bhàn
òg'.
Chaochail Donnchadh Bàn na shean
aois ann am baile Dhùn Èidinn, agus chuir a chàirdean
carragh-cuimhne snasail air uaigh an cladh mòr Eaglais
nam Manach Liath. Ach is e na h-òrain mhaiseach a rinn
agus a sheinn e, an cuimhneachan as fheàrr as urrainn a
bhith againne air bàrd cho ainmeil agus a dh'àraich
a' Ghaidhealtachd.
Cuid de bhàrdachd:
Aoir Anna
Aoir Uisdein
Cead deireannach nam beann
Cumha Chailein Ghlinn Iubhair
Cumha Choire Cheathaich
Cumha Ghilleasbaig Ach-Chaladair
Cumha Iarla Bhràghaid Albann
Marbhrann an ùghdair dha fhèin
Marbhrann coilich
Marbhrann do chù a chaidh tron eigh
Moladh Beinn Dòbhrain
Nighean dubh Raineach
Òran a' bhotail
Òran a' bhranndaidh
Òran a' chaimp
Òran Alasdair
Òran an t-samhraidh
Òran Coire Cheathaich
Òran da chèile nuadh-phòsta
Òran Dhùn Eideann
Òran do Bhlàr na h-Eaglaise Brice
Òran do Chaiptean Donnchadh Caimbeul an Gèard Dhùn
Eideann
Òran do chaora a fhuaradh a ghibht o mhnaoi-uasail àraid
Òran do charaid tàilleir airson cuairt shuirghe
Òran do Ghleann Urchaidh
Òran do Iain Caimbeul a' Bhanca
Òran do Iarla Bhràghaid Albann
Òran do leanabh altram
Òran do Mhormhair Ghlinn Urchaidh
Òran do Rèisimeid Earra-ghaidheal
Òran do Rèisimeid Bhràghaid Albainn
Òran do thailbert a fhuaradh o Bhànrigh Màiri
Òran don bhriogais
Òran don èideadh Ghaidhealach
Òran don ghunna dhan ainm NicCòiseim
Òran don Inbhir
Òran don mhusg
Òran don Rìgh
Òran don t-seann Fhreiceadan Ghaidhealach
Òran don tàillear an èirig òrain a rinn esan
an adhbhar a charaid
Òran dùthcha
Òran eile do Bhlàr na h-Eaglaise Brice
Òran gaoil
Òran Iain Faochag
Òran luaidh
Òran na gàsaid
Òran nam balgairean
Òran nam fineachan a fhuair am fearann air ais
Òran seachran seilg
Òran sùgraidh
Rainn a ghabhas maighdeann dha leannan
Rainn claidhimh
Rainn co-dhùnaidh
Rainn don chiad cheàird
Rainn don phathadh
Rainn gearradh-arm
Rainn I Choluim Chille
Rann don Ghàidhlig 's don phìob-mhòir sa
bhliadhna 1781
Rann don Ghàidhlig 's don phìob-mhòir sa
bhliadhna 1782
Rann don Ghàidhlig 's don phìob-mhòir sa
bhliadhna 1783
Rann don Ghàidhlig 's don phìob-mhòir sa
bhliadhna 1784
Rann don Ghàidhlig 's don phìob-mhòir sa
bhliadhna 1785
Rann don Ghàidhlig 's don phìob-mhòir sa
bhliadhna 1789
Tuilleadh fiosrachaidh:
An Introduction to Gaelic Poetry - Derick Thomson, Edinburgh,
1990
Beinn Dòbhrain with English version & notes - Eneas
MacKay, Stirling 1949
Gaelic Poetry in the Eighteenth Century - Derick Thomson, Aberdeen.
1993
Gairm, àireamh 1 td 45
Gairm, àireamh 4 td 85
Gairm, àireamh 113 td 37-39
Gairm, àireamh 118 td 177-183
Gairm, àireamh 127 td 233-234
Gairm, àireamh 129 td 34
Gairm, àireamh 134 td 126
Gairm, àireamh 196 td 299
Òrain Dhonnchaidh Bhàin (Scottish Gaelic Texts Society
1978)
Sàr-obair nam Bàrd Gaelach (The Beauties of Gaelic
Poetry) td 216 - John MacKenzie
Scottish Gaelic Studies Vol 8, Part 2, td 225
Scottish Tradition 4 - Calum & Annie Johnston (School of Scottish
Studies)
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson (Gairm Publications
1994)
The Poetry of Scotland; Gaelic, Scots and English - Roderick Watson,
Edinburgh, 1995
The Scots Magazine July 1997 - Rennie McOwan
The Songs of Duncan Bàn MacIntyre - Angus MacLeod, Edinburgh,
1952
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 12 td 94-98
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 27 td 340


Moladh Beinn Dòbhrain
(a' chiad rann air a seinn le Aonghas
MacLeòid, Scalpaigh)
An t-ùrlar:
An t-urram thar gach beinn aig Beinn Dòbhrain;
Na chunnaic mi fon ghrèin 's i bu bhòidhche leam;
Monadh fada rèidh, cùil am faighteadh fèidh,
Soilleireachd an t-slèibh bha mi sònrachadh.
Doireachan nan geug, coille anns
am bi feur;
'S foineasach an sprèidh bhios a' còmhnaidh ann.
Greidhean bu gheal cèir, faghaid air an dèidh;
'S laghach leam an treud a bha sròineasach.
'S annsa leam nuair thèid
iad air chrònanaich,
No na th' ann an Èirinn de cheòlmhoireachd;
'S binne na gach beus anail mhic an fhèidh
A' langanaich air eudann Beinn Dòbhrain.
An damh le bhùireadh
fhèin tighinn à grunnd a chlèibh,
'S fad a chluinnt' a bheuc an àm tòiseachaidh.
An t-agh is binne geum 's an laogh beag na dhèidh
Freagraidh iad a chèile gu deòthasach.
An siubhal:
Eilid bheag bhinneach bu ghuiniche
sraonadh
Le cuinnean geur biorach a' sireadh na gaoithe;
Gasganach, speireach, feadh chreachainn na beinne,
Le eagal ro theine cha teirinn i an t-aonach;
Ged thèid i na cabhaig, cha ghearain i maothan.
Bha sinnsireach fallain nuair
shìneadh i h-anail
'S toil-inntinn leam fanachd ga langan a chluinntinn,
'S i ag iarraidh a leannain an àm daraidh le coibhneas.
'S e damh a' chinn allaidh,
bu gheal-cheireach feaman,
Gu cabarach, ceannard a b' fharamach raoiceadh,
'S e còmhnaidh am Beinn Dòbhrain 's e eòlach
ma froidhnidh.
An dara
h-ùrlar:
Tha an eilid anns an fhrìth mar bu chòir dhith bhith,
Far am faigh i mìlteach glan, feòirneineach,
Bruchaireachd is cìob, lusan am bi brìgh,
Chuireadh sult is ìgh air a lòineanaibh.
Fuaran anns am bi biolaire gun
dìth,
'S mìlse leatha nam fìon 's e gun òladh i.
Cuiseagan is riasg chinneas air
an t-sliabh,
B' annsa leatha mar bhiadh na na fòlaichean.
An dara
siubhal:
Tha leth-taobh na leacainn le maise air a còmhdach,
'S am frith-choirean creagach na sheasamh na chòir sin;
Gu stobanach, stacanach, slocanach, laganach,
Cnocanach, cnapanach, caiteanach, ròmach.
Pasganach, badanach, bachlagach,
bòidheach.
A h-aisridhean corrach; nam asraichean molach;
'S i b' fhasa dhomh moladh; bha sonas gu leòr oirre;
Cluigeanach, gucagach, uchdanach, còmhnard.
An treas
ùrlar:
'S am monadh farsaing faoin g' acach, srònagach;
Lag a' Choire-fhraoich, cuid bu bhòidhche dheth;
Sin am fearann caoin air an d' fhàs an aoigh,
Far am bi na laoigh 's na daimh chròcach.
'S e deisearach ri grèin,
seasgaireachd dha rèir,
'S neo-bheag air an èildeig bhith chòmhnaidh ann.
'S fallain glan a crè, is banail i na beus;
Cha robh h-anail breun, ge b' e phògadh!
Crunluath:
Tha an eilid anns a' ghleannan seo, chan amadan gun eòlas;
A leanadh i mar b' aithne dha, tighinn furasta na còmhdhail;
Gu faiteach bhith na h-earalas tighinn am faisge dhi mun caraich
i
Gu faiceallach glè earraigeach, mum fairich i ga coire
Gu faiceallach glè earraigeach, mum fairich i ga coire.
Feadh shloc is ghlac is chamhanan
is chlach a dhèanadh falach air,
Bhith beachdail air an talamh 's air a' char a thig na neòil
air.
B' ionmhainn le fir cheanalta
nach b' aineolach mu spòrsa,
Bhith timcheall air na bealaichean le fearalachd na h-òige;
Far am bi na fèidh gu faramach, 's na fir nan dèidh
gu caithriseach.
Le gunna bu mhath barantas thoirt
aingil nuair bu chòir dhi.
'S le cuilean, foirmeil, togarrach gam biodh a stiùir air
bhogadan,
'S e mìolairtich gu sodanach 's nach ob e dol nan còmhdhail.
An t-ùrlar
mu dheireadh:
An t-urram thar gach beinn aig Beinn Dòbhrain
Na chunnaic mi fon ghrèin 's i bu bhòidhche leam
Monadh fada rèidh, cùl sam faighte fèidh
Soilleireachd an t-slèibh bha mi sònrachadh.

Teipichean air a bheil
an t-òran 'Moladh Beinn Dòbhrain':
'A Night with Angus' - Angus MacLeod
'Mòd Inbhir Pheofharain 1991 - Final Concert Cassette 3'
- Largs Gaelic Choir (An Comunn Gaidhealach)
|