GRD > Bàird Ghàidhlig > Iain Gobha na Hearadh
Bàird Ghàidhlig
 

Màiri nighean Alasdair Ruaidh
Iain Lom
Sìleas na Ceapaich
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
Iain MacCodrum
Rob Donn
Dùghall Bochanan

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
Uilleam Ros
Iain Gobha na Hearadh
Màiri Mhòr nan Oran
Bàrd Iarsiadair
Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich
Bàrd Bharabhais
Dòmhnall Ruadh Chorùna
Bàrd Phàislig
Bàrd Mhealaboist
Am Bocsair
Somhairle MacGill-Eain
Dòmhnall MacAmhlaigh
Anna Frater
Iain Gobha na Hearadh (Iain Moireasdan)
Rugadh Iain Moireasdan, Gobha na Hearadh, ann an Roghadal ann an 1790. B' e daoine air leth treun, làidir a bh' anns na Moireasdanaich sin a rèir beul-aithris agus nochd Iain gu robh an neart sin air a shiubhal fhèin cuideachd.

Iain Gobha na Hearadh mapCha d' fhuair e foghlam sgoile ach a-mhàin mìos ann an Roghadal, ach cha do dh'fhàg seo air dheireadh e. Tro leughadh agus le cuideachadh bho chuimhne a bha air leth math, greimeanta dh'ionnsaich e dha fhèin Beurla agus Gàidhlig a leughadh agus a sgrìobhadh gus an robh e fileanta annta.

Ann an 1820, phòs e Mòr NicIlleathain a bhuineadh do Mhuile 's don Eilean Sgitheanach ach bhàsaich i ann an 1829, a' fàgail ceathrar chloinne às a dèidh. Sgrìobh e dhi 'Marbhrann da Chèile' a' nochdadh cho cruaidh 's a bha a' bhuille ach aig an aon àm a' gabhail ris gum b' e seo rùn Dhè. Chaill e cuideachd an dara bean, Catrìona NicLeòid, a dh'fhàg dithis leanabh, nighean agus balach às a dèidh. Thug e an t-ainm Dòmhnall Rothach air a' bhalach, às dèidh 'An Dall Munro', am fìdhlear dall a bhuineadh do Shnìosort anns An Eilean Sgitheanach. B' e Màiri NicAmhlaigh às na Hearadh an treas bean a bh' aige.

Thàinig Iain fo bhuaidh an t-soisgeil 's e gu math òg. Ann an 1821 sgrìobh e a' chiad dàn spioradail, 'An Ionndrainn', far a bheil e a' nochdadh a' mhiann a bh' air a shiubhal airson nithean Dhè agus airson àrdachadh spioradail. Chòrd an teagasg aig Dòmhnallach na Tòiseachd ris nuair a thadhail e anns na Hearadh ann an 1822 agus 's ann a chuir seo e fhèin gu teagasg. Ann an 1828, rinn an S.S.P.C.K. ceistear dheth.

Bha an t-uabhas aimhreite anns an Eaglais Stèidhte agus chaidh Iain Gobha dhan Eaglais Shaor. Ann an 1843, rinneadh ceistear dheth anns an eaglais sin. Bha e ri mholadh airson na rinn e airson Eaglais Mhànais a thogail. Ràinig e cho fada ri Glaschu agus Dùn Èideann a shireadh cuideachaidh. B' ann an uair sin a sgrìobh e 'Cuairt Cuain'. Ann an Dùn Èideann, shearmonaich e anns an eaglais aig an Ollamh Candlish agus tha e coltach gu robh an eaglais a' cur thairis le daoine.

Nuair a chaidh fhuadach às an Òb, chaidh e a Leac Lì. Bha seo an 1848. Bha e a' fulang gu mòr le siataig airson bliadhnachan mar a chì sinn anns na litrichean aige gu Eòghann, a mhac, ann an Steòrnabhagh.

Bha e dìleas do Mhaighstir, ag obair am measg cruadal agus bochdainn agus sin gun oideachadh agus gun chuideachadh bho dhuine. Bha dol a-steach aige do nithean spioradail a bha iongantach agus bha sin agus a h-uile tàlant eile a chaidh a bhuileachadh air a' cuideachadh ann a bhith ga fhàgail na sheirbhiseach dìleas do Dhia fad a bheatha. Bhàsaich e ann an 1852, ann an Leac Lì agus thiodhlacadh e ann an Roghadal.

An clàr bhon leabhar 'Dàin Iain Ghobha':
A' Chuairt Chuain
A' Mhisg
Am Fear Nuadh-pòsta
Am Focal
Am Mellenium
An Daoi agus an Saoi
An Ionndrainn
An Sgiobaireachd
Bruaidlean
Buanaichean Bhòais
Cliù Iain Ghobha
Còmhradh
Cumha le MacIllIosa
Dàn
Don Mhisg
Fo Champar
Fonn air Dòmhnall Munro
Luinneag
Marbhran do Mhàiri Morison
Marbhrann do Dhòmhnall Munro
Òran Aoiridh
Seboa
Seisean Shrannda
Sochairean Sluagh Dhè
Tàladh

Tuilleadh fiosrachaidh:
Dàin Iain Ghobha: The Poems of John Morison - George Henderson (1896)
Gairm, àireamh 4 td 66-70
Gairm, àireamh 5 td 17-20
Gairm, àireamh 6 td 168-173
Scottish Gaelic Studies Vol 5, Part 2, td 101
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson (Gairm Publications 1994)
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol.53 (1985)