GRD > Bàird Ghàidhlig > Iain Lom
Bàird Ghàidhlig
 

Màiri nighean Alasdair Ruaidh
Iain Lom
Sìleas na Ceapaich
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
Iain MacCodrum
Rob Donn
Dùghall Bochanan

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
Uilleam Ros
Iain Gobha na Hearadh
Màiri Mhòr nan Oran
Bàrd Iarsiadair
Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich
Bàrd Bharabhais
Dòmhnall Ruadh Chorùna
Bàrd Phàislig
Bàrd Mhealaboist
Am Bocsair
Somhairle MacGill-Eain
Dòmhnall MacAmhlaigh
Anna Frater

Iain Lom (Iain MacDhòmhnaill)

Chan eil fios le cinnt air an là a rugadh no a bhàsaich Iain Lom. Thatar den bheachd gun do rugadh e mu 1624, agus a thaobh gun do rinn e bàrdachd mu thachartasan 1707 tha daoine den bheachd gun do bhàsaich e mu 1710. Tha beagan de dheasbad carson a bha am far-ainm seo air. Tha cuid den bheachd gur ann a chionn cho geur agus a bha e air a theanga, agus cuid eile gur ann a chionn agus cho lom agus a bha aodann de fheusaig. Tha e air ainmeachadh cuideachd mar 'Iain Manntach', agus tha seo a' nochdadh gum faod gun robh stadaich na chòmhradh.

Tha sgeul air mu 3000 sreath a dheasaich e agus tha e air a mheas mar aon de bhàird mhòra na seachdamh-linne-deug. Chan eil cus fiosrachaidh againn mu a bheatha phearsanta ach mar a tha sinn a' faighinn bhon bhàrdachd a rinn e. Bha e dlùth an càirdeas dhan chinneadh làidir sin Clann Ràghnaill na Ceapaich agus gu math dìleas dhaibh na bhàrdachd.

Bheir a' bhàrdachd aig Iain Lom sinn air sgrìob fharsaing den àm san robh e beò. Tha e a' toirt eachdraidh agus poileataics Ghaidhealach agus nàiseanta mu ar coinneimh ach is dòcha gur e gnothaichean ionadail as trice tha tighinn an uachdar. Am measg nithean eile tha e a' toirt dhuinn a shealladh fhèin air Cogaidhean Mhontròis, air an Ath-leasachadh, air Mort Ghleanna Comhann, agus air Teaghlach Hanòbhair - air an robh gràin an uilc aige! Tha iomradh air mar a mhortadh triath òg na Ceapaich agus a bhràthair ann an 1663 a' nochdadh caochladh uairean na bhàrdachd agus tha doimhneachd faireachdainnean a' bhàird mun uabhas seo follaiseach. Cuiridh e iongnadh òirnne an-diugh cho milis agus a bha am bàrd a' meas dìoghaltas.

Ann an 'Là Inbhir Lòchaidh' tha cunntas aige ga thoirt air a' bhlàr a chaidh a chur air an dara là den Ghearran 1645 agus tha moladh iomraiteach aige ga dhèanamh air curaidhean mòra mar Alasdair MacColla, a bha os cionn nam feachdan Gaidhealach agus Eireannach aig an àm sin. Tha sgeulachd bheag èibhinn air a h-innse a tha ag ràdh gun tug MacColla cuireadh do Iain seasamh ri thaobh fhèin san t-sabaid sin - urram mòr. Ach mas fìor an sgeul is dòcha gun robh rud beag dhan ghealtair anns a' bhàrd, oir dhiùlt e an cuireadh agus e a' cur na ceist air Alasdair, "Ma thèid mise nad chois agus gun tuit mi anns a' bhlàr, cò mholas tusa a-màireach?" Agus mar sin choimhead Iain am blàr ann am beagan de shàbhailteachd bho Chaisteal Inbhir Lòchaidh gun oilbheum a thoirt seachad!

An uair a leughas sinn a' bhàrdachd aig Iain Lom chì sinn eanchainn gheur agus glè thric cainnt nimheil, ghuineach a tha a' toirt làithean fuilteach beò air ar beulaibh. Aig amannan tha blas brùideil a tha caran fuadan san fhicheadamh linn air a smuaintean - ach 's e là anns an robh dòrtadh-fala na nì cumanta anns an robh am bàrd seo beò. Mar eisimpleir, ann an 'Òran air Rìgh Uilleam agus Bànrigh Màiri' cha leòr leis a bhith a' miannachadh gum biodh iad sin air an sgrios le nì mar bàthadh; tha e a' miannachadh gum biodh iad air an stialladh le eich agus air am pronnadh gu luath mhìn. Tha eòlas air eachdraidh a' Bhìobaill a' nochdadh na obair cuideachd agus cha robh leisg sam bith air facail Bheurla a chleachdadh ma bha e a' meas sin iomchaidh.

Ged a dh'fhaodas gun cuir na deilbh-fhacal aige goirisinn òirnn cha ghabh e àicheadh gun robh sgil gheur aig Iain Lom ann a bhith a' snìomh smuaintean is facail gus buaidh chumhachdach a chruthachadh na bhàrdachd. Còmhla ri sin bha comas sònraichte aige gus beartas de fhaireachdainnean eadar-dhealaichte a bhrosnachadh.

Chaidh adhlacadh ann an Dùn-aingeal ann am Bràighe Loch Abair.

Cuid de bhàrdachd:
A bhean leasaich an stòp dhuinn
An Ciaran Mabach
An Iorram Dharaich
Cumha do Shir Dòmhnall Shlèite
Cumha Mhontròis
Là Àirde Reanaich
Là Inbhir Lòchaidh
Là Thom a' Phubaill
Marbhrann do dh'Alasdair Dubh Ghlinne Garaidh
Marbhrann do Shir Seumas MacDhòmhnaill
Mort na Ceapaich
Òran air Crùnadh Rìgh Teàrlach II
Òran air Rìgh Uilleam agus Bànrigh Màiri
Òran do Mhorair Ghlinne Garadh
Òran do shìol Dùghaill

Tuilleadh fiosrachaidh:
Gairm 9 td 51
Gairm 49 td 87-92
Gairm 177 td 19
Òrain Iain Luim - Songs of John MacDonald, Bàrd of Keppoch (Scottish Gaelic Texts Society)
Sàr-obair nam Bàrd Gaelach - John MacKenzie
Scottish Celtic Review 1, td 77
Scottish Gaelic Studies, Vol 10, Part 2, p235
Scottish Gaelic Studies, Vol 16, p91
Scottish Tradition 16 - Gaelic Bards and Minstrels (School of Scottish Studies)
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson (Gairm Publications 1994)
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 2 td 6
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 3-4 td 46
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 12 td 121-126
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 32 td 81-104