|
Rugadh agus thogadh Iain MacCodrum (Iain
Mhic Fhearchair) ann an 1693, ann an Àird an Runair air taobh
siar Uibhist a Tuath. Cha d' fhuair e riamh cothrom air foghlam-sgoile
ach bu mhòr na dh'fhiosraich 's na dh'fhoghlam e bho obair
nàdair mun cuairt air 's bho bheul-aithris sa choimhearsnachd.
Bha na seann bhàird a' gleidheadh air chuimhne eachdraidh
an àite, eachdraidh nan cinnidhean, seann sgeulachdan air
Cuchullain is Fionn agus b' e sin an seòrsa foghlaim a fhuair
MacCodrum timcheall an teine san taigh-chèilidh.
Sgrìobh
e 'Duan na Bainnse' 's e glè òg, ged nach robh fios
aig daoine gum b' esan an t-ùghdar. Sheall seo gu soilleir
gu robh comasan air leth aige mar bhàrd. Bha e neònach
nach tàinig bàrdachd idir bhuaithe anns na bliadhnachan
1745-46 ged a tha fios gu robh e gu mòr air taobh nan Seumasach.
Nuair a thòisich e ri bàrdachd
chaidh a chliù fad agus farsaing. Am measg na bhiodh a'
tadhal air bha Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus nuair a chaidh
a bhàrdachd fhèin an clò ann an 1751 nochd
dà phìos bàrdachd ann a bhuineadh do MhacCodrum.
B' iad sin 'Òran na h-Aoise' agus 'Caraid agus Nàmhaid
an Uisge-bheatha'. B' ann an dèidh dha gluasad do Phaibeil
a sgrìobh e 'Smeòrach Chlann Dòmhnaill',
's iongantach a' bhàrdachd as eòlaiche air a bheil
daoine an-duigh.
Bha e timcheall air trì fichead 's a
deich nuair a rinn Sir Seumas MacDhòmhnaill bàrd
oifigeil dheth agus anns na bliadhnachan an dèidh sin sgrìobh
e na h-òrain molaidh, dhà dhiubh do Shir Seumas
fhèin.
Bha e cuideachd a' sgrìobhadh mòran
de bhàrdachd-baile no sgìre, bàrdachd a chluinnear
aig cruinnichidhean mar bainnsean agus anns an robh mòran
ùidh aig sluagh sgìre. Bha i seo tric làn
àbhachdais, inntinneach a bhith ga h-èisteachd agus
aig amannan 's e aoireadh a bh' innte a bha geur, fanaideach,
a' magadh air daoine. Cha b' e tachartasan ionadail a-mhàin
a bha a' glacadh aire a' bhàird. Bha an t-eòlas
aige na b' fharsainge na sin, eòlas air gnothaichean poileataigeach
agus eachdraidheil na Roinn Eòrpa. Bha tàlantan
mòra aige mar bhàrd agus bha e air fear de na bàird
a b' ainmeile ann an Alba na là. Bhàsaich e ann
an 1779 aig aois ceithir fichead 's a sia agus tha e air a thiodhlacadh
ann an cladh Chille Mhoire an Uibhist a Tuath.
Cuid de bhàrdachd:
Òrain Molaidh agus Cumhachan:
Marbhrann do Alasdair MacDhòmhnaill
Marbhrann do Niall MacIlleathain (Fuidheall)
Marbhrann do Shir Seumas MacDhòmhnaillMarbhrann do Uisdean
a' Bhaile Shear
Moladh Chlann Dòmhnaill
Òran do Chaiptean Ailean Chinnseaborg
Òran do Mhac 'ic Ailein
Òran do na Fògarraich
Òran do Shir Seumas MacDhòmhnaill
Òran Fir Ghrìminis
Smeòrach Chlann Dòmhnaill
Tàladh Iain Mhùideartaich
Aoireadh agus Magadh:
A' Chòmhstri
An Aghaidh Fàilte na Mòrthir
Aoir Dhòmhnaill Fhriseil
Aoir nan Tàilleirean
Dì-moladh Pìoba Dhòmhnaill Bhàin
Duan na Bainnse
Gearain air a Mhnaoi
Marbhrann do Chaiptean Fearghasdan
Òran a' Bhonn-a-sia
Òran don Teasaich
Òran nam Bantraichean
Òrain agus Rannan Eile:
Caraid agus Nàmhaid an Uisge-bheatha
Fàilte don Chlèir
Òran mun Eideadh Ghaidhealach
Òran na h-Aoise
Òran na Òige
Rann don Làir
Tuilleadh fiosrachaidh:
An Gaidheal, Leabhar 22, Earrann 11 td 162
An Introduction to Gaelic Poetry - Derick Thomson, Edinburgh,
1990
Gaelic Poetry in the Eighteenth Century - Derick Thomson, Aberdeen,
1993
Gairm, àireamh 3 td 45
Gairm, àireamh 30 td 124-125
Gairm, àireamh 42 td 208
Gairm, àireamh 129 td 76
Gairm, àireamh 130 td 118
Òrain Iain MhicFhearchair (Oliver & Boyd, Edinburgh 1939)
Sàr-obair nam Bàrd Gaelach - John MacKenzie
Scottish Gaelic Studies Vol 5, Part 2, td 188
Scottish Gaelic Studies Vol 6, Part 1, td 21
Scottish Tradition 16 - Gaelic Bards and Minstrels (School of
Scottish Studies)
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson (Gairm Publications
1994)
The Poetry of Scotland; Gaelic, Scots and English - Roderick Watson,
Edinburgh, 1995
The Songs of John MacCodrum - William Matheson (Scottish Gaelic
Texts Society 1938)
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 15 td 256
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 26 td 126-136
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 37 td 80
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 38 td 217
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 38 td 293
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 41 td 157
Uist Bards - Rev Archibald MacDonald (Archibald Sinclair, Glasgow
1894)


Smeòrach Chlann Dòmhnaill
(an sèist air a sheinn le Na Innes Gaels)
Sèist: Hoilibheag hilibheag hò ail il ò
Hoilibheag hilibheag hò ro i
Hoilibheag hilibheag hò ail il ò
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi.
Smeòrach mise air ùrlar
Phaibil
Crùbadh ann an dùsal cadail
Gun deòrachd a thèid nas fhaide,
Truimid mo bhròn, thoir leam m' aigne.
Smeòrach mise air mullach
beinne
'G amharc grèin is speuran soilleir;
Thig mi stòlda chòir na coille
Bidh mi beò air treòdas eile.
Ma mholas gach eun a thìr
fhèin
Cuime thar èis nach moladh mise e?
Tìr nan curaidh, tìr nan cliar,
An tìr bhiadhchar fhialaidh mhiosail.
Teipichean air a bheil an t-òran
'Smeòrach Chlann Dòmhnaill':
'Cèilidh à Beàrnaraigh' - Isa Nic'Ilip
'Còisir Ghàidhlig Thung aig Mòd Bhancùbhair'
- Joanne Murray (Croft Recordings, Isle of Lewis 1990)
'Mòd Nàiseanta Rìoghail Àrdruigh 1993 - A'
Chuirm Mhòr' - Glasgow Hebridean Gaelic Choir (An Comunn
Gaidhealach)
'Òrain is Ceòl bho Uibhist a Tuath' - Isa Nic'Ilip (Comann
Eachdraidh Uibhist a Tuath)
'The Innes Gaels' - The Innes Gaels
|