| Màiri Nighean Alasdair
Ruaidh (Màiri NicLeòid) |
|
Tha àite sònraichte aig Màiri
Nighean Alasdair Ruaidh am measg bhàrd na seachdamh linne-deug.
Fhuair i inbhe àrd agus urramach ann an Dùn Bheagain
mar bhàrd cinnidh do Chlann MhicLeòid. Ged a tha mòran
air a labhairt 's air a sgrìobhadh mun bhàrdachd aice,
chan eil cus fiosrachaidh againn air a dùthchas agus a beatha.
Their cuid gun d' rugadh i ann an Roghadal sna
Hearadh timcheall air 1569 agus their cuid eile gun robh e timcheall
air 1615 agus gum bu bhan-Sgitheanach i. Anns a' bhàrdachd
'Tuireadh' tha i a' bruidhinn air Uilbhinnis "far an d' fhuair
mi gu h-òg m' altram", briathran a tha a' dèanamh
soilleir gun do chaith i pàirt de làithean a h-òige
co-dhiù anns an Eilean Sgitheanach.
Bha Màiri na banaltram do chòignear
de chinn-feadhna nan Leòdach agus do dhithis de chloinn
Choinnich na Comraich. B' ann do fhear dhiubhsan a rinn i 'Marbhrann
do Fhear na Comraich' ann an 1646. An dèidh seo chan eil
sgeul air bàrdachd bhuaipe fad chòig bliadhna fichead,
suas gu 1671, an uair a rinn i marbhrann do Iain Garbh Mac Ille
Chaluim Ratharsaigh. Bha i greis de a beatha air fògradh
bho Dhùn Bheagain agus tha iomradh air an seo na bàrdachd.
Rinn Màiri 'An Tuireadh' agus 'Fuaim an Taibh' an uair
a bha i air fògradh agus cuideachd 'Luinneag MhicLeòid'
anns an robh i a' dèanamh luaidh air "Clann Ruairi
nam bratach" agus air an ionndrainn a bha ga claoidh, agus
ga fàgail "fo mhulad 's fo imcheist". B' e seo
fear de na h-òrain a b' fheàrr 's a b' ainmeile
a rinn i.
Ann an 1693 bhàsaich Iain Breac, an ceann-feadhna
mu dheireadh a thug àite ann an Dùn Bheagain do
bhàrd mar i fhèin, do sheanchaidh, do phìobaire,
do chlàrsair mar An Clàrsair Dall, agus do lighiche.
Na bàrdachd rinn i barrachd luaidh
air Sir Tormod Bheàrnaraigh na rinn i air Leòdach
sam bith eile. Tha i ga chliùthachadh ann an còig
de na h-òrain aice. An uair a bhàsaich e ann an
1705 rinn i 'Marbhrann do Shir Tormod'. An dèidh a bhàis
agus i anns na Hearadh rinn i an t-òran tiamhaidh 'An Talla
am bu ghnàth le MacLeòid'. Bha blàths agus
faireachdainnean domhainn na bàrdachd, glè thric
ionndrainn agus seo air a chur ann am briathran anns an robh ceòl
agus ruitheam agus a bha furasta an tuigsinn.
Tha
beul-aithris ag ràdh gun robh i 105 an uair a bhàsaich
i agus gu bheil i air a tiodhlacadh ann an Eaglais Roghadail sna
Hearadh far an robh uaislean a cinnidh air an tiodhlacadh aig
an àm sin. Dh'iarr i a tiodhlacadh le 'beul nam breug a
chur foidhpe'. Tha e coltach gu robh e mar chleachdadh aice pìos
tartain (tonnag) a bhith mu a guaillean agus bata le ceann airgid
a bhith aice na làimh. Their cuid gu robh i dèidheil
air tombaca agus air snaoisean agus bha Uilleam Ros a' cumail
a-mach gun robh i cuideachd dèidheil air deoch làidir.
Chan eil iomradh aig bàrd air a
bàs ach chaidh sàr phìobaireachd 'Cumha Màiri
Nighean Alasdair Ruaidh' a dhèanamh le fear de Chlann 'Ic
Cruimein, pìobairean nan Leòdach ann an Dùn
Bheagan.
Cuid de bàrdachd:
An Crònan
An t-Eudach
An Talla am bu ghnàth le MacLeòid
Crònan an Taibh
Cumha do MhacLeòid
Cumha do Shir Tormod
Cumha MhicLeòid
Do Mhac Dhòmhnaill
Fuaim an Taibh
Fuigheall Luinneag MhicLeòid
Luinneag MhicLeòid
Marbhrann do Fhear na Comraich
Marbhrann do Iain Garbh
Marbhrann do Shir Tormod
Òran do Iain mac Shir Tormoid
Pòsadh MhicLeòid
Tuireadh
Tuilleadh fiosrachaidh:
An Gaidheal, leabhar 29, earrann 11 td 168
An Introduction to Gaelic Poetry - Derick Thomson, Edinburgh,
1990
Bàrdachd Ghàidhlig (An Comunn Gaidhealach 1976)
Gaelic Songs of Mary MacLeod (Scottish Gaelic Texts Society 1982)
Gairm, àireamh 5 td 55-59
Gairm, àireamh 6 td 128-134
Gairm, àireamh 7 td 213-215
Gairm, àireamh 8 td 316-317
Gairm, àireamh 8 td 316-317 & 339
Gairm, àireamh 10 td 151-153
Gairm, àireamh 54 td 185-189
Gairm, àireamh 196 td 299
Sàr-obair nam Bàrd Gaelach - John MacKenzie
Scottish Gaelic Studies, Vol 4, Part 2, p205
Scottish Gaelic Studies, Vol 11, Part 1, p3
Scottish Gaelic Studies, Vol 11, Part 2, p171
Scottish Tradition 16 - Gaelic Bards and Minstrels (School of
Scottish Studies)
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson (Gairm Publications
1994)
The Poetry of Scotland; Gaelic, Scots and English - Roderick Watson,
Edinburgh, 1995
Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol 21, p33-34
Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol 22, p43-67
Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol 34 (Literary
review)
Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol 41, p 11
& 157


Luinneag MhicLeòid
(a' chiad rann agus sèist air an seinn le Kathleen NicDhòmhnaill,
Siadar, Leòdhas)
'S mi am shuidhe air an tulaich
fo mhulad 's fo imcheist,
'S mi a' coimhead air Ìle is ann dem iongnadh san àm seo;
Bha mi uair nach do shaoil mi gus an do chaochail air m' aimsir
Gun tiginn an taobh seo dh'amharc Dhiùraidh à Sgarbaidh.
Sèist: I hiùraibh
ò na hòireann ò,
I hiùraibh ò na hòireann ò,
I hiùraibh ò na hog i ho rò,
Hi rì rì ri rithibh na hì rì ag ò.
Gun tiginn an taobh seo dh'amharc
Dhiùraidh à Sgarbaidh;
Beir mo shoraidh don dùthaich tha fo dhubhar nan garbhbheann,
Gu Sir Tormod ùr allail fhuair ceannas air armailt,
Is gun cainte anns gach fearann gum b' airidh fear d' ainm air.
Gun cainte anns gach fearann
gum b' airidh fear d' ainm air,
Fear do chèille is do ghliocais, do mhisnich 's do mheanmain,
Do chruadail 's do ghaisge, do dhreach is do dhealbha,
Agus d' fholachd is d' uaisle cha bu shuarach ri leanmhainn.
Agus d' fholachd is d' uaisle
cha bu shuarach ri leanmhainn;
D' fhuil dìrich Rìgh Lochlainn b' e siud toiseach
do sheanchais.
Tha do chàirdeas so-iarraidh ris gach Iarla tha an Albainn,
Is ri uaislean na h-Èireann cha bhreug ach sgeul dearbhta e.
Is ri uaislean na h-Èireann cha
bhreug ach sgeul dearbhta e
A Mhic an fhir chliùitich bha gu fiùghantach ainmeil;
Thug barrachd an gliocas air gach Ridir bha an Albainn
Ann an cogadh 's an sìothshaimh is ann an dìoladh
an airgid.
Ann an cogadh 's an sìothshaimh
is ann an dìoladh an airgid
Is beag an t-iongnadh do mhac-sa bhith gu beachdail mòr
meanmnach,
Bhith gu fiùghant' fial farsaing on a ghlac sibh mar shealbh
e:
Clann Ruairidh nam bratach, is e mo chreach-sa na dh'fhalbh dhiubh.
Clann Ruairidh nam bratach, is
e mo chreach-sa na dh'fhalbh dhiubh;
Ach an aon fhear a dh'fhuirich nior chluinneam sgeul mhairbh ort;
Ach, eudail de fhearaibh ge do ghabh mi uat tearbadh
Fhir a' chuirp as glan cumadh gun uireasbhaidh dealbha.
Fhir a' chuirp as glan cumadh
gun uireasbhaidh dealbha
Cridhe farsaing fial fearail is math thig geal agus dearg ort.
Sùil ghorm as glan sealladh mar dhearcaig na talmhainn,
Làmh ri gruaidh ruitich mar mhucaig na fearrdhris.
Làmh ri gruaidh ruitich
mar mhucaig na fearrdhris.
Fo thagha na gruaige cùl dualach nan camlùb.
Gheibhte siud ann ad fhàrdaich an càradh air ealchainn,
Miosair is adharc is rogha gach armachd.
Miosair is adharc is rogha gach
armachd,
Agus lanntainean tana on ceannaibh gum barrdhèis.
Gheibhte siud air gach slios dhiubh isneach is cairbinn,
Agus iubhair chruaidh fhallain le na taifeidean cainbe.
Agus iubhair chruaidh fhallain
le na taifeidean cainbe,
Is cuilbheirean caola air a dhaoiread gan ceannaichte iad;
Glac nan ceann lìomhta air chur sìos ann am balgaibh
O iteach an fhìor-eòin is o shìoda na Gailbhinn.
O iteach an fhìor-eòin
is o shìoda na Gailbhinn;
Tha mo chion air a' churaidh Mac Mhuire chur sealbh air.
Is e bu mhiannach lem leanabh bhith am beannaibh nan sealga,
Gabhail aighir na frìthe is a' dìreadh nan garbhghlac.
Gabhail aighir na frìthe
is a' dìreadh nan garbhghlac,
A' leigeil nan cuilean is a' furan nan seanchon;
Is e bu deireadh don fhuran ud fuil thoirt air chalgaibh
O luchd nan cèir geala is nam fallaingean dearga.
O luchd nan cèir
geala is nam fallaingean dearga,
Le do chòmhlan dhaoine uaisle rachadh cruaidh air an armaibh;
Luchd aithneachadh là is a chaitheadh an fhairge
Is a b' urrainn ga seòladh gu seòlaid an tarraingte
i.

Teipichean air a bheil an t-òran
'Luinneag MhicLeòid':
'Land of MacLeod' - Kathleen MacDonald & Rhona MacKay (Mayfield
Recordings, Glasgow 1988)
'Mòd an Òbain 1978, Earrann nan Inbheach' - Anne S MacDonald
(Croft Recordings, Isle of Lewis 1979)
'Mòd Shruighlea 1987 - Rural Choirs Concert Cassette 2'
- Agnes Dickson (An Comann Gaidhealach 1987)
'Solas Ciùil' - Stirling Gaelic Choir
|