GRD > Bàird Ghàidhlig > Rob Donn MacAoidh
Bàird Ghàidhlig
 

Màiri nighean Alasdair Ruaidh
Iain Lom
Sìleas na Ceapaich
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
Iain MacCodrum
Rob Donn
Dùghall Bochanan

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
Uilleam Ros
Iain Gobha na Hearadh
Màiri Mhòr nan Oran
Bàrd Iarsiadair
Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich
Bàrd Bharabhais
Dòmhnall Ruadh Chorùna
Bàrd Phàislig
Bàrd Mhealaboist
Am Bocsair
Somhairle MacGill-Eain
Dòmhnall MacAmhlaigh
Anna Frater
Rob Donn MacAoidh
Ceòl
Rugadh Rob Donn ann an Allt na Caillich, Dùthaich MhicAoidh, ann an 1714. Cha robh e mòran a bharrachd air seachd no ochd bliadhna a dh'aois an uair a thugadh e a-steach a dhachaigh Iain MhicEachainn agus sin far na dh'ionnsaich e mu chrodh 's mu dhròbhaireachd. Cha d' fhuair e a-riamh cothrom air foghlam sgoile. Dh'fhan e an sin gus na phòs e. B' ann an Dùthaich MhicAoidh a chur e seachad a' chuid bu mhotha de bheatha a' buachailleachd, a' dròbhaireachd, a' sealg an fhèidh agus air oighreachd MhicAoidh. Bha e airson dhà no trì bhliadhnachan anns an arm.

Na leanabh òg, bha e deas-bhriathrach, tric a' còmhradh 's a' freagairt cheistean ann an rannan bàrdachd. Lean an tàlant sin e agus mheudaich e mar a chì sinn na obair fad a bheatha.

Mar dhròbhair bha Rob a' falbh cho fada ri Craoibh, An Eaglais Bhreac agus Carlisle gu fèillean-cruidh agus 's mòr a dh'fhiosraich 's a dh'fhoghlam e ri linn nan tursan seo. Bha meas mòr air Rob anns a' choimhearsnachd agus aig cruinnichidhean de gach seòrsa oir bha a fhreagairt an-còmhnaidh cho faisg air, 's bha tàlant air leth aige ann a bhith a' magadh air daoine 's air suidhichidhean cuideachd.

Tha còrr air dà cheud pìos bàrdachd againn bhuaithe. Sgrìobhadh a' bhàrdachd aig Rob Donn bho bhith ag èisteachd ris fhèin ga labhairt. Tha earrann mhòr dhi air gnothaichean ionadail, air daoine bhon mhorair a b' àirde gun bhuachaille cruidh, air tachartasan 's air cùisean anns an robh ùidh agus tlachd aig daoine. Bha a' bhàrdachd aige annasach oir cha robh leisg sam bith air an fhìrinn innse - còrdadh e ri daoine no a' chaochladh. Mholadh agus dhì-mholadh e duine, a rèir 's mar a bha e ga fhaicinn airidh air.

Ann am beachd an t-sluaigh fhuair e urram mòr ach tha e fìor a ràdh gun robh luchd-sgrìobhaidh ann a chanadh gu robh a' bhàrdachd aige falamh de fhaireachdainnean domhainn 's de bhrìgh.

Cha do ghabh e pàirt idir ann an cùisean nan Seumasach oir cha b' e taobh a' Phrionnsa air an robh MacAoidh ach rinn Rob dà phìos bàrdachd 'Òran nan Casagan Dubha' agus 'Òran don Phrionnsa Teàrlach' a tha a' dèanamh soilleir cho làidir 's a bha faireachdainnean nan Gaidheal anns a' chumantas 's an spèis a bh' aca don Phrionnsa. Tha iad cuideachd a' sealltainn an ùidh a bh' aig na Gaidheil ann an cùisean air feadh na dùthcha.

Cha robh cur-seachad ann a b' fheàrr a chòrdadh ris na a bhith a' sealg an fhèidh 's a' falbh nam monaidhean còmhla ri a chompanaich agus tha an còrdadh sin gu soilleir ri fhaicinn ann an 'Cead Fhir Bhìoguis don Fhrìth'.

Nuair a bha e glè òg thuit e ann an gaol le Anna Mhoireasdan dhan do sgrìobh e dà òran gaoil. Cha b' e sin tè a phòs e idir ach b' e mac le Anna a phòs Cairstiona, nighean a' bhàird.

Tha mòran de na h-òrain aig Rob Donn air an seinn fhathast, mar:
An d' fhidir, no 'n d' fhairich (Briogais MhicRuairidh)
Ged is socrach mo leabaidh
Gleanna Gollaidh
Iseabail NicAoidh
Siubhal mar ri Seòras Duinn
Thèid mi cuide riut

Rinn e grunnan mharbhrannan, leithid 'Marbhrann do Iain MacEachainn' agus 'Marbhrann do Iain Rothach'. Rinn e dhà don Urramach M MacDhòmhnaill a thug uibhir de chuideachadh dha le a sgrìobhadh agus a thug eòlas dha air obair Alexander Pope, obair aig an robh buaidh mhòr air bàrdachd Rob fhèin.

Bha a' bhàrdachd aige inntinneach agus aig amannan ann am briathran gu math geurchuiseach, a' dèanamh dealbh math dhuinn air cor nan daoine anns a' Ghaidhealtachd aig an àm sin. Bhàsaich e ann an 1778.

Cuid de bhàrdachd:
Am boc glas
Am bruadar
An rìbhinn àlainn èibhinn òg
Briogais Mhic Ruaraidh
Cumha don duine cheudna
Ged is socrach mo leabaidh
Gleanna Gollaidh
Iseabail NicAoidh
Marbhrann do dhithis mhinistearan
Marbhrann do Mhaighstir Murchadh
Marbhrann Eòghainn
Òran a' gheamhraidh
Òran do Phrionnsa Teàrlach
Òran na caraide bige
Òran nan casagan dubha
Òran nan suirigheach
Pìobaireachd Bean Aoidh
'S trom leam an àirigh
Thèid mi cuide riut

Tuilleadh fiosrachaidh:
An Gaidheal, leabhar 20, earrann 7, td 108
An Gaidheal, leabhar 28, earrann 8, td 114
An Introduction to Gaelic Poetry - Derick Thomson, Edinburgh, 1990
Gaelic Poetry of the 18th Century - Derick Thomson, Aberdeen, 1993
Gairm, àireamh 4 td 51
Gairm, àireamh 113 td 93-95
Gairm, àireamh 140 td 374
Gairm, àireamh 179 td 260
Gairm, àireamh 182 td 170
Gairm, àireamh 189 td 91
Rob Donn's Gaelic Poems (Kenneth Douglas, Inverness 1829)
Sàr-obair nam Bàrd Gaelach - John MacKenzie
Scottish Gaelic Studies Vol 10, Part 2, td 162
Scottish Gaelic Studies Vol 12, Part 1, td 3
Scottish Gaelic Studies Vol 19 td 277
Songs and Poems by Robert MacKay, ed. Rev. MacKintosh MacKay - Inverness, 1829
Songs and Poems of Rob Donn (John Grant, Edinburgh, 1899)
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson (Gairm Publications 1994)
The Poetry of Rob Donn MacKay - D J MacLeod (Scottish Gaelic Texts 12)
The Poetry of Scotland; Gaelic, Scots and English (Roderick Watson, Edinburgh, 1995)
The World of Rob Donn - Ian Grimble (The Edina Press, Edinburgh 1979)
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 5 td 81-96
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 11 td 293-310
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 15 td 35-46
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 24 td 5
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 37 td 80

Ceol

Thèid mi cuide riut
(a' chiad rann agus sèist air an seinn le clann Sgoil Chrois, Nis, Leòdhas)

Sèist: Thèid mi cuide riut don bhaile bheag ud thall
'S nì sinn rudeigin mun tig sinn a-nall
Thèid mi cuide riut don bhaile bheag ud thall.

'S duine sona saoghalta thu
Mas e 's gun dèan i taobhadh riut
Cha bhi dad de shaothair ort
Ach sìneadh ris na àm.

Chan eil clach à gàrradh agad
'S cha bhi taigh ra bhàrradh agad
Faodaidh tu chiad ràithe sin
Do làmhan chur mud cheann.

Chan eil leac no dòrnag uat
No croman thèid san òtrach uat
Poit a dh'easbhaidh clòsaigeadh
No bòrd a thèid na ceann.

Oir tha sibh làidir foghainteach
'S gun dèan na càirdean cobhair ribh
Gum b' fheàrr leam anns an t-sabhal sibh
Na gobhar agus meann.

'S fheàrr dhut tè a dh'oibricheas
Gnìomh na tuath mar thigeadh dhi
Na òinnseach ghòineach spidealach
'S dos ribean air a ceann.

Teipichean air a bheil an t-òran 'Thèid mi cuide riut':
'Bonn Òir '65' - Oban Gaelic Choir (An Comunn Gaidhealach 1965)
'Govan Gaelic Choir' (Lismor Recordings, Glasgow 1975)
'Sgoiltean Nis 1983' - Cross School, Isle of Lewis
'The Dark Island' - David Solley (Lismor Recordings, Glasgow)