GRD > Bàird Ghàidhlig > Sìleas na Ceapaich
Bàird Ghàidhlig
 

Màiri nighean Alasdair Ruaidh
Iain Lom
Sìleas na Ceapaich
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
Iain MacCodrum
Rob Donn
Dùghall Bochanan

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
Uilleam Ros
Iain Gobha na Hearadh
Màiri Mhòr nan Oran
Bàrd Iarsiadair
Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich
Bàrd Bharabhais
Dòmhnall Ruadh Chorùna
Bàrd Phàislig
Bàrd Mhealaboist
Am Bocsair
Somhairle MacGill-Eain
Dòmhnall MacAmhlaigh
Anna Frater
Sìleas na Ceapaich (Sìleas NicDhòmhnaill)
Ceòl
Chan eil fios le cinnt air bliadhna a breith no a bàis, ach thathas den bheachd gun do rugadh Sìleas na Ceapaich mu 1660 agus gun d' fhuair i bàs mu 1729. B' e a h-athair Gilleasbaig, Mac Mhic Raghnaill, an 15mh triath aig Clann 'Ic Raghnaill (Dòmhnallaich na Ceapaich).

Tha eachdraidh a h-ainm gu math inntinneach. Gabhaidh a fhreumhan an lorg air naomh Greugach a ruith don Fhraing anns an t-seachdamh linn. Às an sin tha e coltach gun tàinig e ann an lùib nan Normanach do Èirinn, agus às an sin gu teaghlach rìoghail nan Stiùbhartach ann an Alba. Anns a' Bheurla gheibhear e mar Geillis, Geilis, Gilles no Giles (mar ann an ainm na h-eaglaise mòire ann an Dùn Èideann). Nas fhaide air adhart tha e a' nochdadh mar Julia no Cicely.

Phòs i Alasdair Gòrdanach aig an robh tuathanas (Camdail) mu mhìle tuath air far a bheil Tom an t-Sabhail an-diugh. An ceann tìde, chaidh iad a dh'fhuireach gu Baile Dòrnaidh (Beldorney) faisg air Hunndaidh. Chan eil cus cinnt mun teaghlach aca ach saoilear bhon bhàrdachd aice gun robh còignear mhac ann agus triùir no ceathrar nigheanan.

Rinn ogha dhi, Art, a dhachaigh san Spàinn agus bha e a' sàs ann am malairt an t-searaidh. Nan robh duine airson na ginealaichean a thàinig bho Shìleas a lorg an-diugh is ann don Spàinn a dh'fheumadh e a dhol. Goirid an dèidh 1970 ghabhadh grunn dhiubh an lorg ann am Madrid. Bha an tiotal 'Conde de Mirasol' aig aonan dhiubh - Alfonso Gordon y Rodriguez-Casanova. Chaidh oighreachd an teaghlaich ann an Alba a reic, agus tha na tobhtaichean aig pàirt de na togalaichean fhathast rim faicinn ri taobh an rathaid eadar Obar Dheathain agus Monadh Choinnich (Kennethmont).

Tha e follaiseach bhon bhàrdachd aice gur e Seumasach daingeann a bh' innte agus gur ann tro shùilean a cinnich fhèin, na Dòmhnallaich, a bha i a' faicinn na bha a' tachairt na là.

Bhon bhàrdachd aice fhèin saoilidh sinn gun robh i aotrom na dòigh na h-òige, ach tha e soilleir cuideachd gun tàinig atharrachadh air a sealladh air creideamh, is dòcha ri linn tinneis. Chùm i ri dòighean-adhraidh Caitligeach a daoine fhèin fad a beatha.

Tha tarraing shònraichte anns a' bhàrdachd aig Sìleas na Ceapaich. Chì sinn i gu tric a' fosgladh nan dorsan air a smuaintean fhèin. Tha doimhneachd mhòr de fhaireachdainnean follaiseach na bàrdachd, còmhla ri blàths boireannaich - rud nach eil ro thric ri fhaicinn ann am bàrdachd an là anns an robh ise beò.

'S iad na cuspairean as cudthromaiche a tha a' nochdadh na bàrdachd: a teaghlach fhèin, gnothaichean poileataigeach, cumhachan, laoidhean, comhairle do nigheanan, a' chlàrsach agus a ceòl.

Ann am bàrdachd mar 'Do Fheachd Mhorair Màr' agus na trì pìosan bàrdachd a rinn i air 'Là Sliabh an t-Siorraim', tha beartas de eachdraidh. Air an làimh eile tha ciùinead iongantach shocair ann am bàrdachd mar 'Laoidh Mhoire Mhaighdeann'. Ann an 'Cumha Bàs a Fir agus a h-Ighne', chì sinn lomnachd gheur a cràidh phearsanta.

Tha sgeul gu bheil an duine aig Sileas air adhlacadh ann am Morthlach (Mortlach) ann am Banbh, agus thathar den bheachd gur ann an sin a tha i fhèin air a h-adhlacadh cuideachd.


Cuid de bàrdachd:

Cumha Bàs a Fir agus a h-Ìghne
Cumha Lachlainn MhicFhionghain
Do Fheachd Mhorair Màr
Laoidh Mhoire Mhaighdeann
Marbhrann air Bàs a Fir
Marbhrann do dh'Alasdair Dubh Ghlinne Garaidh
Òran air là Sliabh an t-Siorraim
Òran do Alasdair Ghlinne Garadh
Tha mi am chadal, na dùisgibh mi

Tuilleadh fiosrachaidh:
An Gaidheal, Leabhar 28 Earrann 3 td 33
An Introduction to Gaelic Poetry - Derick Thomson, Edinburgh, 1990
Bàrdachd Shìlis na Ceapaich - Colm O Baoil (Scottish Gaelic Texts Society 1972)
Gaelic Poetry in the Eighteenth Century - Derick Thomson
Ris a' Bhruthaich - Somhairle MacGill-Eain (Acair Earranta 1985)
Sàr-obair nam Bàrd Gaelach - John MacKenzie
Scottish Gaelic Studies, Vol 10, Part 1, p25
Scottish Gaelic Studies, Vol 11, Part 2, p237
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson (Gairm Publications 1994)
The Poetry of Scotland; Gaelic, Scots and English - Roderick Watson, Edinburgh, 1995
Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol 7, p100
Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol 12, p162
Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol 20, p15
Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol 26, p60
Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol 33, p277
Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol 45, p98


Ceol

Òran do Alasdair Ghlinnne Garadh

(a' chiad rann air a seinn le Carol Nic a' Bhreatannaich)

Alasdair à Gleanna Garadh,
Thug thu an-diugh gal air mo shùilean;
'S beag iongnaidh mi bhith trom chreuchdach:
'S tric ga reubadh as ùr sinn.
Dearcair dhòmhsa bhith gan osnaich
'S meud an dosgainn th' air mo chàirdean;
'S tric an t-eug òirnn a' gearradh,
Taghadh nan darag as àirde.

Chaill sinn ionann agus còmhla
Sir Dòmhnall a mhac 's a bhràthair.
Ciod e am fàth dhuinn bhith gar gearan?
Dh'fhan Mac Mhic Ailein sa bhlàr uainn.
Chaill sinn darag làidir liath-ghlas
Bha cungbhail dìon air a chàirdibh,
Capall-coille bhàrr na giùthsaich,
Seabhag sùil-ghorm lùthmhor làidir.

Dh'fhalbh ceann na cèille is na comhairle
Anns gach gnothach am bi cùram,
Aghaidh shoilleir sholta thaitneach,
Cridhe fial farsaing mun chùinneadh;
Bu tu tagha nan sàr-ghaisgeach,
Mo ghuala thaice is mo dhiùbhail;
Smiorail fearail foinnidh treubhach,
Ceann feachda chaill Seumas Stiùbhart.

Nam b' ionnan do chàch is do Ghoill
An uair dh'imich an long a-mach,
Cha rachadh i rithist air sàil
Gun fhios dè am fàth mun tàin' i steach.
Ach nuair chunnaic sibh san tràth sin
A bhith gar fàgail air faondradh,
Bhrist bhur cridheachan le mulad:
Is lèir a' bhuil nach robh sibh saoghlach.

Bu tu an lasair dhearg gan losgadh,
Bu tu sgoltadh iad gun sàiltibh;
Bu tu guala chur a' chatha,
Bu tu an laoch gun athadh làimhe;
Bu tu am bradan anns an fhìor-uisge,
Fìor-eun às an eunlaith 's àirde;
Bu tu leòmhann thar gach beathach,
Bu tu damh leathann na cràice.

Bu tu an loch nach faoidte thaomadh,
Bu tu tobar faoilidh na slàinte;
Bu tu Beinn Nibheis thar gach aonach,
Bu tu a' chreag nach fhaoidte theàrnadh.
Bu tu clach-mhullaich a' chaisteil,
Bu tu leac leathann na sràide;
Bu tu leug lòghmhor nam buadhan,
Bu tu clach uasal an fhàinne.

Bu tu an t-iubhar às a' choillidh,
Bu tu an darach daingeann làidir;
Bu tu an cuileann, 's bu tu an droigheann,
Bu tu an t-abhall molach blàthmhor.
Cha robh meur annad den chritheann,
Cha robh do dhlighe ri feàrna;
Cha robh do chàirdeas ri leamhan:
Bu tu leannan nam ban àlainn.

Bu tu cèile na mnà prìseil,
Is oil leam fhìn ga dìth an tràth-sa thu;
Ge nach ionann dhòmhsa 's dhi-se,
Is goirt a fhuair mi fhìn mo chàradh;
H-uile bean a bhios gun chèile
Guidheadh i Mac Dhè na àite,
O 's e as urrainn dhi ga còmhnadh
Anns gach leòn a chuireas càs oirre.

Guidheam d' anam a bhith sàbhailt
Bhon a chàireadh anns an ùir thu;
Guidheam sonas air na dh'fhàg thu
Ann ad àros 's ann ad dhùthaich;
Guidheam do mhac bhith nad àite
An saidhbhreas an aiteas 's an cùram:
Alasdair à Gleanna Garadh,
Thug thu an-diugh gal air mo shùilean.

Tha an t-òran seo air a sheinn air an teip 'Rhona MacKay Sings and Plays the Music of the Harp' (Lismor Recordings, Glasgow 1984)