|
Rugadh Somhairle MacGill-Eain ann
an 1911 ann an Osgaig, baile beag ann an Eilean Ratharsair. Fhuair
e foghlam òige an toiseach ann an Ratharsair fhèin
agus an uair sin anns an àrd-sgoil ann am Port Rìgh.
Chaidh e dhan oilthigh ann an Dùn Èideann ann an
1929.
Air gach taobh bha na daoine bhon tàinig
e tàlantach cho fad agus a bha òrain, ceòl
agus bàrdachd air an gabhail a-steach. Bha dithis pheathraichean
agus ceathrar bhràithrean anns an aon teaghlach ri Somhairle
agus bha tàlantan sònraichte nam measg fhèin
cuideachd.
Dh'fhàs e an-àird le beartas de
bheul-aithris ga chuairteachadh agus còmhla ri sin bha
e geur-mhothachail air eachdraidh riaslach a dhaoine tro na linntean.
Ghabh bràthair a sheanar pàirt anns an t-strì
ainmeil a ghabh àite ann am Bràighe an Eilean Sgitheanaich
ann an 1882. Bha cuimhne nan tachartasan sin fhathast beò
air beul an t-sluaigh an uair a bha Somhairle òg agus tha
a h-uile coltas gun do rinn iad làrach dhomhainn ann.
Fhad 's a bha e anns an oilthigh choinnich e
ri feadhainn dhan tug e àite mòr a thaobh litreachais.
Nam measg sin bha Seumas Caird agus Seòras Elder Davie
agus bha càirdeas dlùth eadar an triùir aca.
An uair a bha e na oileanach gus dreuchd na teagasg a thoirt a-mach
choinnich e ri Uisdean MacDhiarmaid. Bha tarraing mhòr
eadar an dithis agus lean sin gus an do bhàsaich MacDhiarmaid
ann an 1978. Tha gu leòr den bheachd gun do ràinig
Somhairle MacGill-Eain inbhe a cheart cho urramach mar bhàrd
ri MacDhiarmaid agus ri Edwin Muir.
Thòisich Somhairle a' teagaisg anns an
àrd-sgoil ann am Port Rìgh ann an 1934 agus ghluais
e do Thobar Mhoire ann an 1938. Tha e fhèin a' dèanamh
aithnichte gun robh buaidh mhòr aig àilleachd, trioblaidean
agus eachdraidh Mhuile air. Is ann dhan àm sin a bhuineas
a' bhàrdachd dhrùidhteach 'Ban-Ghaidheal'.
Ann an 1939 chaidh e a Dhùn Èideann.
Choinnich e an sin a-rithist ri Raibeart Garioch air an robh e
eòlach mar bhàrd bho bha iad san oilthigh. Nochd
leabhran de bhàrdachd an dithis, 'Seventeen Songs for Sixpence',
ann an 1940.
As t-fhoghar a' bhliadhna sin chaidh a thogail
dhan arm agus chaidh e a thrèanadh ann an Sasainn. Deireadh
1941 chaidh a chur dhan Èiphit. Shruth bàrdachd gu math
làidir bho na chunnaic agus na dh'fhairich e ann an sin,
mar 'Glac a' Bhàis'. Bha e air a dhroch leòn aig
Blàr El Alamein deireadh 1942 agus thug e gu foghar 1943
a' falbh ospadail. Deireadh na bliadhna sin nochd 'Dàin
do Eimhir agus Dàin Eile'. Tha mòran dhan bhàrdachd
seo a' goil le gaol agus fèin-sgrùdadh. B' e sin
a' chiad chruinneachadh dhan bhàrdachd aige fhèin
na h-aonar.
An uair a bha e deiseil san arm thill e gu teagasg
ann an Dùn Èideann agus bha e an sin gu 1956. As an sin
chaidh e gu bhith na mhaighstir-sgoile anns a' Phloc agus sin
far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1972. Bhon
àm sin bha e na sgrìobhaiche aig Oilthigh Dhùn
Èideann agus aig Sabhal Mòr Ostaig.
Ann an 1977 nochd a' bhàrdachd aige fon
tiotal 'Reothairt is Conntraigh' agus ann an 1989 chaidh cruinneachadh
tapaidh den obair aige fhoillseachadh, 'O Choille gu Bearradh'.
Tha an cruinneachadh seo air a roinn na sheachd earrannan a rèir
nam bliadhnachan dham buin a' bhàrdachd.
Tha e soilleir gu leòr gun robh buaidh
mhòr aig cuid de bhàird, agus de bhàrdachd,
na Beurla air sgrìobhaidhean Shomhairle. Tha e inntinneach
beachdachadh air co aige a bha buaidh air a smuaineachadh
agus air an stoidhle aige aig diofar amannan.
'S e cuspair da-rìribh inntinneach a
th' ann cuideachd dè a' bhuaidh a bha aig an eaglais air
a shealladh air an t-saoghal agus air beatha. Tha facail agus
ìomhaighean a bhuineas do chreideamh a' nochdadh tric na
obair agus chithear e gan cleachdadh gus teachdaireachd làidir
a thoirt mu ar coinneimh. Mar eisimpleir, anns a' bhàrdachd
'Calbharaigh' is ann air bochdainn a' bhaile mhòir a tha
e a' bualadh. Ann an 'Ùrnaigh' tha e ga rùsgadh fhèin
agus ag ràdh gur e 'cridhe sgàinte' a tha aige-san.
Tha àite mòr aig a' ghaol agus
aig poileataics anns a' bhàrdachd aig Somhairle. Anns a'
bhàrdachd gaoil aige chì sinn an dà chuid
blàths agus teas. Uair agus uair chì sinn an dà
chuspair air an snìomh an lùib a chèile agus
iad ga bhuaireadh gu rann, mar anns a' chriomag bàrdachd
air an tug e an tiotal 'Am Buaireadh'.
Phòs e Renee Chamshron ann an 1946. Tha
an toileachas agus an fhois-inntinn a thug seo dha a' tighinn
am bàrr ann an 'Solais' agus 'Nighean is Seann Òrain'.
Ann an 'Gaoir na h-Eòrpa' tha raon eile a bha ga ghluasad
gu mòr a' tighinn gu uachdar - 's e sin an t-strì
a bha a' dol air adhart anns an Spàinn timcheall air 1936-37.
Tha e aithnichte gur ann gu poileataics na làimhe clì
a bha e air aomadh. Bho phìosan mar 'Gealach Ùr' tha e
ri fhaicinn gun robh co-fhaireachdainn aige dhan fheallsanachd
aig Marx, ach gheibhear blas na nàiseantachd air an obair
aige cuideachd.
Tha raointean farsaing a' fosgladh romhainn
anns an t-saothair aig Somhairle MacGill-Eain agus tha sinn mothachail
air bàrd Gàidhlig a' sìneadh a-mach agus
a' cleachdadh a mhac-meanmna gus cruthan ùra a dhealbh
agus a thoirt am follais.
Bhàsaich e anns an t-Samhain 1996
agus dh'fhàg e dìleab luachmhor às a dhèidh
aig saoghal na Gàidhlig agus aig saoghal litreachais.
Cuid de bhàrdachd:
A' chiall 's a ghràidh
An roghainn
Ban-ghaidheal
Calbharaigh
Coin is madaidhean-allaidh
Cumha Chaluim Iain MhicIlleathain
Fo sheòl
Glac a' bhàis
Hallaig
Irisleachd
MacIntyre and Ross
The Cry of Europe
The Haunting
The Turmoil
The Woods of Raasay
Tuilleadh fiosrachaidh:
14 poems of Sorley MacLean (audio tape) (Association for Scottish
Literary Studies)
Chapman No 66, Autumn 1991
Dàin do Eimhir (William MacLellan, Glasgow 1943)
Eadar Dà Chogadh - the Early Poems of Sorley MacLean (MacDonald
- Mitchell Associates)
Eimhir (Acair Earranta 1999)
From Wood to Ridge - O Choille gu Bearradh (Vintage, London 1991)
Gairm 8 td 360
Gairm 76 td 335-337
Gairm 76 td 379-384
Gairm 101 td 91-96
Gairm 109 td 33
Gairm 150 td 181
Modern Gaelic Verse - I C Smith (An Comunn Gaidhealach 1966)
Modern Scottish Gaelic Poetry (Celtic Dept of the University of
Aberdeen 1953)
Reothairt is Conntràigh
Scottish Gaelic Studies Vol. 7 td 199
Scottish Gaelic Studies Vol. 17 td 383
Seventeen Songs for Sixpence
Somhairle - Dàin is Deilbh (Acair Earranta)
Somhairle MacGill-Eain (National Library of Scotland Edinburgh
1981)
Sorley MacLean - Critical Essays, ed. R.J. Ross & J Hendry
(Scottish Academic Press Ltd)
Studies in Scottish Literature 1979 No 14
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson (Gairm Publications
1994)
The History of Scottish Literature Vol. 4 (Aberdeen 1987)
The New Verse in Scottish Gaelic: A Structural Analysis - D S
Thomson (University College, Dublin 1974)
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 43 td 172
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 47 td 386
|