| Uilleam Dhòmhnaill 'ic
Choinnich (Uilleam MacCoinnich) |
|
Bu tearc am baile is gu h-àraidh
an sgìre ann an Leòdhas anns nach fhaighte bàrd-baile
is tha seo buileach fìor mu sgìre an Rubha. Bha
mòran ann a bha airidh air an ainm is tha iad ann fhathast
is ged a tha dèidh mhòr aig an t-sluagh an-diugh
air òrain leithid Choinnich MhicLeòid à Pabail
agus Murchadh MhicPhàrlain à Mealabost, 's ged a
tha leithid Ruairidh MhicThòmais agus Iain Mac a' Ghobhainn
à Pabail air cliù nàiseanta fhaighinn dhaibh
fèin le bàrdachd am Beurla 's an Gàidhlig,
cha robh duine idir aca a ghlac ùidh is aire muinntir an
eilein, shamhail is mar a rinn Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich.
Bha
dà adhbhar sònraichte air an seo. Bha an comas aig
Uilleam air faireachdainnean, dòchas is iarrtasan nàdarrach
dhaoine a chur ann am bàrdachd sìmplidh tharraingeach
a thuigeadh iad ged nach deigheadh aca fhèin air a dhèanamh.
Bha e a-rithist cho fosgailte 's gu bheil e a' toirt dhuinn eachdraidh
a bheatha, sòlas is dòlas, subhachas is dubhachas
na chuid òrain ann an dòigh 's gu bheil sinn mion-eòlach
air fhèin trompa is gu bheil co-fhaireachdainn againn ris.
Cha b' ann a-mhàin ri linn a bhean a chall, ach gu feum
e a chùl a chur ris an dachaigh is ri eilean àraich
is a theaghlach a leantainn a Chanada, gun dùil tilleadh.
Rugadh Uilleam Dhòmhnaill
'ic Choinnich ann an Siadar an Rubha anns a' bhliadhna 1857. B'
e MacCoinnich a shloinneadh air an dà thaobh. B' ann bho
thaobh Loch Seilg air na Lochan a thàinig cuideachd athar
an toiseach dhan Rubha, agus b' e athair fhèin Dòmhnall
MacCoinnich Mhic Coinnich bhon Chnoc agus b' e athair cuideachd
an aon duine de mhuinntir an Rubha a fhuair pìos fearainn
ann an Siadar, an uair a chaidh an taca a thoirt bhon uachdaran
Gillanders 's a briseadh an-àird na lotaichean ann am meadhan
na naoidheamh linn deug. Thàinig màthair Uilleam
à Seisiadar, nighean Mhurchaidh Mac 'Ill Leighe. Bha seisear
mhac agus aon nighean ann an teaghlach athar, mar a bha an teaghlach
a sheanar roimhe, is bha triùir de na mic ri bàrdachd.
De na mic seo, chan eil teagamh
ann nach robh inntinn na bu ghèire 's na bu bhreithneachail
aig Murchadh a bhràthair na bhàrdachd. Sgrìobh
esan òran cho tiamhaidh 's a gheibh sinn air a' mhac a
chaill e an Cogadh Afraga.

Cumha ciad-ghin tha bròn is pian ann
Gur beag an t-ìongnadh, tha sgaradh feòil ann
An lot a rinn thu cha tèid à cuimhne
Is barail leam.
Tha gach piuthar 's gach bràthair
Gu tric gad àireamh 's chan eil sin neònach
Ach cuiridh tìm air gach aon dhiubh sgàil air
Ach lot gach pàrant, cha chàirear beò e.

Ach chan eil blàths is carthannas
òrain Uilleim air na h-òrain aige.
B' e Uilleam a b' òige dhan teaghlach
is cha robh e mòran aois nuair a chaidh athair agus dithis
bhràthair athar a chall air an t-sruth a-mach à
Suardail is iad aig na lìn-mhòra. Cha bhiodh an
togail aig an teaghlach an dèidh sin ach bochd, is airson
a' chiad uair, bha Uilleam a' faicinn a' chaochlaidh a bheireadh
am bàs air a bheatha.
Phòs Iain a bhràthair a-steach
don dachaigh. Thog Murchadh, am Paidhleat, taigh dha fhèin
aig ceann taigh athar is an uair a bhàsaich a mhàthair,
chaidh Uilleam a-steach còmhla ri Murchadh is bha e còig
bliadhna a-staigh còmhla riutha gus na phòs e fhèin,
is às dèidh dha pòsadh, thug e dà
bhliadhna eile còmhla riutha mus do thog e taigh dha fhèin
aig ceann taigh Mhurchaidh.
Dh'fhàg sin na triùir bhràithrean
air an aon fhearann. Chaidh Dòmhnall aig Uilleam agus Bellag
aig Murchadh altramas anns an aon chreathail. Eadar na trì
taighean a bha seo, bha na h-aon mac deug 'a bha tric ri biathadh
an lìn gu adag'. Bha na dachaighean ann an àite
anabarrach fasgach, eadar a' Bhual-fheòir is Cnoc Chùsbaig.
Seo an spot air an do rinn Uilleam mion-moladh anns an òran
'An till mi tuilleadh a Leòdhas?'
B' ann à Garrabost, an ath bhaile, a
thug Uilleam an tè air am bi cuimhne, cho fad is a sheinneadh
òrain Ghàidhlig, nighean Alasdair MhicAoidh. Tha
e fhèin ag innse dhuinn gur ann air an àirigh a
choinnich e i an toiseach, is 'gun thuit e òg leatha an
gràdh'. B' e strainnsear on Mhòr-thìr a bha
na seanair a thàinig a dh'obair gu Taca Gharraboist. Goirid
an dèidh dha a thighinn, phòs e nighean a' Bhàillidh
is bha dithis mhac, Ruairidh agus Alasdair, aige bhuaipe. Bha
triùir mhac is triùir nighean aig Alasdair. B' e
Màiri, bean Uilleam aon dhiubh sin. Cha robh i a-riamh
làidir na corp is cha dèanadh i obair-fearainn,
ged a dhèanadh i obair-taighe math gu leòr. Ach
bha Anna, a piuthar a bha gun phòsadh gu tric ga cuideachadh,
gu h-àraidh anns na bliadhnachan mu dheireadh, an uair
a bhris a slàinte gu tur.
Bha ceathrar chloinne aig Uilleam agus Màiri,
triùir mhac, Dòmhnall, Iain agus Alasdair agus aon
nighean Oighrig. Ach b' e triùir dhiubh a thàinig
gu ìre, oir chaill iad Alasdair na leanabh ochd mìosan
deug leis a' ghriùlach.
A dh'aindeoin sin, chan eil teagamh sam
bith againn nach b' e iad sin 'na làithean a b' fheàrr
air ar dòigh', an fhichead bliadhna a bha iad pòsta
aig a chèile. A rèir a bhriathran fhèin anns
na h-òrain, bha beusan Màiri cho làidir 's
a bha a corp cho dìoblaidh, 's chan eil teagamh nach robh
e a' leigeil a thaic oirre gu mòr. Bha i dha mar a thuirt
e 'mar chlach-iùil don mharaiche', is le a bàs,
tha e ga fhaicinn fhèin, 'mar long gun chùrsa san
oidhche dhùmhlaidh dhorch'. B' i solas iùil a bheatha,
is tha an solas a-nis air a dhol às. Bha i cùramach
mu h-anam, an-còmhnaidh a' toirt comhairle airesan. Mur
a mol duine an t-seud 's e aige, cha ghann nach d' fhuair Màiri
nighean Alasdair a moladh an dèidh a bàis.
Cuid de bhàrdachd:
Am bàrd a' fàgail a dhùthcha, gun dùil
thighinn air ais
An tèid mi tuilleadh a Leòdhas
Chan eil dùil agam tilleadh
Eilean fraoich nam beann àrd
Eilean Leòdhais leis a' Ghàidhlig
Gaol na h-òige
Mo dhùthaich ri tighinn air m' aire
Nan ceadaicheadh an tìde dhomh
Tuilleadh fiosrachaidh:
Cnoc Chusbaig - Òrain agus Dàin (Gairm)
West Highland Free Press - An Cànan Arts Supplement No.69
(Nov 1996)

Nan ceadaicheadh an tìde dhomh
(a' chiad rann air a sheinn le Murchadh Dòmhnallach, Barabhas,
Leòdhas)
Nan ceadaicheadh an tìde
dhomh 's gun innsinn e do chàch,
Mar a mheall an saoghal mi le faoineasan gun stàth,
Nuair bha mi meadhan sòlais le mo theaghlach òg
's iad slàn,
Is mar a chaidh an sgapadh uam le freasdal is le bàs.
Mo chridhe gheall e mòran
dhomh nuair bha mi òg is faoin,
Gheall e iomadh seòrsa dhomh de shòlasan an t-saoghail;
Gheall e nuair a phòs mi dhomh gum bithinn beò gu
aois,
Gum biodh gach nì mar dh'òrdaichinn 's mo chòmhnaidh
ri mo thaobh.
Fàsaidh smal air òr
's fàsaidh còinneach air an aol
'S thèid a' ghrian a chòmhdachadh le ceò
is le droch shìde.
Na lusan 's bòidhche san t-Samhradh bheir an Geamhradh
gu neo-bhrìgh,
Ach gaol far an deach a dhaigneachadh cha tèid air chall
an tìm.
Ged sheargadh craobh sa Gheamhradh
bheir an Samhradh oirre fàs,
'S bidh na h-eòin a' seinn oirre dèanamh aoibhneis
leis an àl,
Ach bidh mo chlann fo chianalas gu bheil gan riaghladh càch,
'S am màthair 's i gun sgeul oirre an sgiath fom biodh
iad blàth.
Sgapar clann gun mhàthair;
cha bhi càch dhiubh gabhail suim,
Dh'aindeoin dè cho àlainn 's a bha an t-àl
nuair bha e cruinn,
Nuair bhios mi smuaintean Màiri bha cho gràdhach
air a' chloinn,
Dè an t-ìongnadh ged a dhrùidheadh air mo
shùil le bùrn mo chinn.

Teipichean air a bheil an
t-òran 'Nan ceadaicheadh an tìde dhomh':
'Àite mo Ghaoil' - Christine Primrose (Temple Records, Temple,
Midlothian 1981)
'Balaich an Iasgaich' - John Tonkan MacDonald (Lewis Recordings,
North Kessock, Inverness 1983)
'Ceòl à Bràgair' - D J MacLeod (Croft Recordings,
Tong, Isle of Lewis 1981)
'Donald R MacAskill (Singing Postie)' (Lewis Recordings, North
Kessock, Inverness)
'Fàilte do Eilean Leòdhais' - Donald Angus Matheson
'Gael Force' - Calum Martin (Croft Recordings, Isle of Lewis 1985)
'Murdo MacDonald' - Murdo MacDonald (Smith/Mearns, Guildtown,
Perth 1989)
'Norman MacLean Sings Vol 2' - Norman MacLean (Lismor Recordings,
Glasgow 1977)
'Song Hits of the Gaels' - Donald MacRae
|