|
Rugadh Uilleam Ros anns an t-Sìthean
san Eilean Sgitheanach ann an 1762. B' e Sgitheanach a bha na athair
agus bhuineadh a mhàthair do Sgìre Gheàrrloich.
B' e 'Am Pìobaire Dall' a b' athair dhi. Chaidh a phàrantan
leis fhèin 's le phiuthair gu Farrais gus am faigheadh e
foghlam. Bha Uilleam na dheagh sgoilear agus an dèidh dha
an sgoil fhàgail thill an teaghlach gu Geàrrloch.
B' e ceannaiche-siubhail a bha na athair 's ged nach robh Uilleam
làidir na bhodhaig, bhiodh e a' dol còmhla ris air
a chuairtean gu na h-eileanan 's air feadh na dùthcha. Fhuair
Uilleam mar sin eòlas air blasan cainnte na dùthcha.
Bhiodh e ag ràdh gu tric gur ann air taobh siar Leòdhais
a chuala e a' Ghàidhlig a b' fheàrr.
Greis
an dèidh dha tilleadh gu Geàrrloch, chaidh a shuidheachadh
mar mhaighstir-sgoile san sgìre agus b' e fìor mhaighstir-sgoile
a bh' ann. Bha ùidh mhòr aige anns na sgoilearan
agus bha iad dèidheil airesan. Còmhla ri sin bha
e math air cluich na fìdhle 's an fheadain 's grunnan innealan-ciùil
eile. B' e cuideachd am fear a bhiodh a' togail an fhuinn san
eaglais.
Lean e air na mhaighstir-sgoile gus an do ghais
a shlàinte. Chaochail e leis a' chuing 's an caitheamh
ann an 1790 's gun e ach ochd bliadhna fichead a dh'aois. B' ann
ann am Bad a' Chrò a chaochail e, 's chaidh adhlaiceadh
ann an Clachan Gheàrrloich.
Tha beul-aithris ag innse gun do thuit e ann
an trom ghaol le Mòr Ros, a bhuineadh do Steòrnabhagh
's e air chuairt sa bhaile sin. Rinn e iomadh òran air
a son, ach thrèig i e agus phòs i fear eile, Caiptean
Clough à Liverpool. Mus do phòs i rinn e an t-òran
'Feasgair Luain' dhith anns a bheil e a' cur an cèill an
èiginn inntinn san robh e.
Thathar ag ràdh gun do chuir e
a bhàrdachd na theine mus do bhàsaich e 's nach
eil air fhàgail ach na pìosan a bh' air bilean an
t-sluaigh. B' e Uilleam Ros prìomh bàrd gaoil an
ochdamh linn deug.
Cuid de bhàrdachd:
An Ladie Dubh
Bruthaichean Ghlinn Braoin
Cuachag nan Craobh
Cumha a' Bhàird
Feasgair Luain
Mac na Bracha
Marbhrann do Phrionnsa Teàrlach
Miann an òganaich Ghaelich
Miann na h-òighe Gaelich
Moladh a' Bhàird air a thìr fèin
Moladh an Uisge-bheatha
Moladh na h-òighe Gaelich
Òran a rinn am Bàrd ann an Dùn Èideann
Òran a' moladh a leannain
Òran air aiseadh an fhearainn
Òran air gaol na h-òighe
Òran an t-Samhraidh
Òran Cumhaidh
Òran do Mharcus nan Greumach
Òran eadar am bàrd agus cailleach mhilleadh nan dàn
Òran eile (air an adhbhar cheudna)
Tuilleadh fiosrachaidh:
An Introduction to Gaelic Poetry - Derick Thomson, Edinburgh,
1990
Gaelic Poetry in the Eighteenth Century - Derick Thomson, Aberdeen,
1993
Gaelic Songs by William Ross - George Calder, Edinburgh, 1937
Gairm, àireamh 5 td 51
Gairm, àireamh 12 td 339-342
Gairm, àireamh 14 td 118
Gairm, àireamh 23 td 263-267
Gairm, àireamh 57 td 19-26
Gairm, àireamh 58 td 108-115
Orain Ghaelach le Uilleam Ros - John MacKenzie, Glasgow, 1834
Sàr-obair nam Bàrd Gaelach - John MacKenzie
Scottish Gaelic Studies Vol 9, Part 1, td 80
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson (Gairm Publications
1994)
The Poetry of Scotland; Gaelic, Scots and English - Roderick Watson,
Edinburgh, 1995

Bruthaichean Ghlinn Braoin
(a' chiad rann agus sèist air an seinn le Na Peathraichean
NicChoinnich, Griais, Leòdhas)
Sèist: Beir mo shoraidh
le dùrachd do rìbhinn nan dlùth-chiabh
Ris an tric bha mi sùgradh ann am bruthaichean Ghlinn Braoin.
Gur e mise tha gu cianail 's
mi cho fad uat am bliadhna;
Tha leann-dubh air mo shiaradh 's mi ri iargain do ghaoil.
Chan fhaod mi bhith subhach, gur
e 's beus dhomh bhith dubhach,
Cha dìrich mi bruthach, chaidh mo shiubhal an lughad.
Chaidh m' astar am maillead bho
nach fhaic mi mo leannan;
'S ann a chleachd mi bhith mar riut ann an gleannan a' chaoil.
Anns a' choille am bi an smùdan
's e gu binn a' seinn ciùil dhuinn,
Cuach is smeòrach gar dùsgadh, cur na smùid
dhiubh le faoilt.
Sinn air fàireadh na tulaich
's mo làmh thar do mhuineil,
Sinn ag èisteachd nan luinneag, bhiodh am mullach nan craobh.
Gur mise tha sa champar, 's mi
fo chìs anns an àm seo,
Ann am prìosan na Frainge fo ainneart gach aoin.
Cha b' ionnan siud agus m' àbhaist
a' siubhal nam fàsach,
'S a' dìreadh nan àrd-bheann gabhail fàth
air na laoich.

Teipichean air a bheil an
t-òran 'Bruthaichean Ghlinn Braoin':
'Cèilidh anns an Talla Dearg' - Frances NicAonghais (Coimhearsnachd
Shlèite agus an t-Srath, An t-Eilean Sgitheanach 1983)
'Children of the Isles' - Gillian & Eilidh MacKenzie (Heritage
Sound Recordings, Turriff, Aberdeenshire 1985)
|