|
|
|
 |
Calman
Gurr-ù, gurr-ù, gurr-ù
chan ann dhem chuideachd thu
chan ann dhem chuideachd thu
tha mo chùl riut, tha mo chùl riut. |
|
| |
|
|
 |
Cuthag
"Gug-gùg," ars a' chuthag
air Là Buidhe Bealltainn
"Gug-gùg," ars ise rithist
air là leth an t-samhraidh. |
|
|
 |
Dreathan-donn
Thig, thig, thig, a dhìol-dèirce
thig, thig, thig, a ghille-frìde
is gillean-frìde na h-eòin uile
ach mise leam fhìn, mise leam fhìn. |
|
| |
|
|
 |
Eala
Mo chasan dubh
mo chasan dubh
mo chasan dubh
's mi fhìn glè-gheal. |
|
|
 |
Fitheach
"Gròg, gròg, gròg,"
ars am fitheach,
"is e mo mhac a spioladh an fheòil."
"Gàg, gàg," ars an fheannag,
"is e mo mhac an garrach gorm." |
|
| |
|
|
 |
Gille-Brìghde
Eòin bhig, eòin bhig
bi glic, bi glic
fo dhìon, fo dhìon
fo dhìon, fo dhìon. |
|
|
 |
Iolaire
Trì aois duine, aois fèidh
trì aois fèidh, aois fìrein
trì aois fìrein, aois daraich. |
|
| |
|
|
 |
Traon
A Dhia nam feart, a Dhia nam feart
cur biadh sa ghart, cur biadh sa ghart. |
|
|
 |
Uiseag
Is minig, minig, minig
a thig Crìosd an riochd a' choigrich. |
|
| © na dealbhan Christine
Campbell & GRD: Dreathan-donn, Eala,
Fitheach, Gille-Brìghde, Iolaire, Traon, Uiseag |
|