| Alasdair
Mac Mhaighstir Alasdair (Alasdair MacDhòmhnaill) |
|
Thàinig an iomradh a leanas às
an t-sreath de leabhraichean-leughaidh Blackie a chaidh fhoillseachadh
leis a' Chomunn Ghaidhealach. Bha e air a sgrìobhadh leis
an Urr. Gilleasbaig MacDhòmhnaill a bha na mhinistear ann
an Sgìre Cill Taraghlain.
Am measg nam bàrd Gaidhealach 's
iongantach gun robh aon a b' ainmeile no aig an robh na tàlantan
air leth a bh' aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. Chan eil
cinnt againn air bliadhna a bhreith ach tha e a' coimhead coltach
gun d' rugadh e eadar 1690 agus 1700. Bha athair a' bhàird
na mhinistear ann an Àird nam Murchan aig an àm seo. Bhuineadh
e do Dhòmhnallaich Uibhist a Deas a bha nan dlùth
dhàimhean do Thriath Chlann Raghnaill. B' e am bàrd
agus Fionnghal NicDhòmhnaill clann an dithis bhràithrean.

Na òige cha robh cothrom aige air
foghlam-sgoile ach bha athair a' bhàird na dheagh sgoilear
a rèir beul-aithris agus comasach air a mhac ionnsachadh
gu math. Bha athair a' miannachadh gum biodh e na mhinistear ach
b' e obair mar fhear-lagha a bha Mac Mhic Ailein a' miannachadh
dha, ach cha tàinig rud seach rud gu buil.
Nuair a bha e an aois, chaidh e mar oileanach
do Oilthigh Ghlaschu agus fhad is a bha e an sin, bha e na dheagh
sgoilear ann am foghlam na Grèige agus na Ròimhe.
Ach chaidh stad air oileanachd Alasdair. Thuit
e an gaol le Sìne Dhòmhnallach à Gleann Eite;
phòs iad agus an uair a fhuair iad teaghlach thàinig
air cosnadh a lorg agus bha e na oide-foghlaim. Ann an 1729 bha
e a' teagasg ann an tè de sgoiltean an S.S.P.C.K. (Scottish
Society for the Propagation of Christian Knowledge) ann an Eilean
Fhìonain agus bha e na cheistear dhaibh anns an sgìre
cuideachd.
Chaidh e à sin a Chill Chomhghain ann
an 1738 agus ann an 1739 a Choire Mhuilinn. Sin far an robh e
ann an 1741 nuair a chuir e a-mach am faclair Gàidhlig,
a' chiad leabhar a bha air fhoillseachadh an clò an Gàidhlig
Albannaich ('s e sin air leth bho leabhraichean eadar-theangaichte).
B' ann glè bhochd a bha a dhuais mar
mhaighstir-sgoile, £12 gu £18, agus tha e air a ràdh
gum biodh e ri tuathanachas cuideachd. Fad na h-ùine bha
spiorad na bàrdachd air a shiubhal, ga ghluasad gu bhith
a' cur ri chèile nan dàn fonnmhor sin a bha a' dol
a thoirt tlachd agus sòlas do ghinealaich ri teachd.
Rè a chòmhnaidh an Coire Mhuilinn,
ann an sealladh Caol Muile agus dlùth do Allt an t-Siùcair
bhiodh anam a' bhàird air a ghluasad le bòidhchead
an t-seallaidh a bha fa chomhair, air sliabh, air cuan is air
adhar.
Anns a' bhliadhna 1745 leig e seachad an teagasg,
agus dh'fhàg e slàn aig sgoil Choire Mhuilinn, air
dha cluinntinn gun robh Teàrlach Òg Stiùbhart air
a shlighe thar a' chuain a shireadh crùn athraichean agus
chuir e aghaidh air Gleann Fhionghain.
Bha e aig an àm sin air tionndadh ri
Eaglais na Ròimhe ach ged a bha cuid a' cumail a-mach nach
b' e an creideamh da-rìribh a chuir e chun a' Phàpa,
bha e fhèin a' faireachdainn riaraichte gu leòr
leis a' cheum a ghabh e.
Bha Alasdair ann an arm a' Phrionnsa bhon là
bha a bhratach air a cur ri crann an Gleann Fhionghain, agus fad
na h-ar-a-mach bha e na oifigeach an rèisimeid Raghnaill
Oig, Mac Mhic Ailein. Tha e glè chinnteach gun robh dàin
is òrain Alasdair nan cuideachadh mòr ann a bhith
a' gluasad dùthaich Chlann Raghnaill gu bhith ag èirigh
leis a' Phrionnsa.
Chan eil mòran na bhàrdachd a
tha ag innse na rinn no na chunnaic e fhèin, gu pearsanta,
ann an arm Theàrlaich, ach tha fhios againn gun robh e
leis bho thùs gu deireadh. An dèidh Blàr
Chùil Lodair, an uair a bha dòchas nan Stiùbhartach
air a chur fo chois an nàimhdean bha e fhèin agus a bhean
nam fògarraich air feadh nam beann.
An dèidh 1745, fhuair Alasdair baile
fearainn dom b' ainm Eigneig air oighreachd Chlann Raghnaill,
agus an 1751 - a' bhliadhna a chuir e a-mach a' chiad chlò-bhualadh
de a bhàrdachd, rinneadh e na bhàillidh air Eilean
Chanaigh. On bha oighreachd Chlann Raghnaill aig an àm
ann an làmhan a' Chrùin, feumaidh gun robh an luchd-riaghlaidh
tur aineolach air gach facal cruaidh agus càineadh a rinn
am bàrd air teaghlach Hanòbhair, agus air na bha
air an taobh, an uair a thug iad dha an obair seo.
Mu dheireadh theirig foighidinn a chàirdean
agus a nàimhdean, air dha bhith a' dòrtadh a-mach gun fhois
gun tàmh gach gnè ana-cainnt an aghaidh na muinntire
a bha an cumhachd, agus bha e airson àireamh bhliadhnaichean
air fhògradh gu Inbhir Aoighe ann an Cnòideirt.
Bha fàgail Eigneig na buille thruim do
Alasdair, agus tha dà rann a rinn e aig an àm, 'Imrich
Alasdair à Eigneig' agus 'Aoir a' Chnocain', a' leigeil
fhaicinn mar bha a chridhe air a ghonadh leis mar thachair. Ged
tha am bàrd a' cur sìos air Eigneig anns an dà
dhuan so, is e tha da-rìribh na bheachd a bhith a' falach
bho a naimhdean mar a bha an imrich air a thàmailteachadh
cho mòr, agus a' leigeil air gun robh e ceart coma den
àite co-dhiù.
Air a' cheann mu dheireadh fhuair e cead tilleadh
gu oighreachd Chlann Raghnaill, agus chuir e seachad na bliadhnaichean
mu dheireadh de bheatha an Sanndaig, an Arasaig. Chaochail e mun
bhliadhna 1770, agus dh'adhlaiceadh e an cladh Chille Mhuire,
dlùth do eaglais an t-Sagairt.
Tha cuid a' dèanamh a-mach gur ann anns
na dàin chogaidh a tha tàlantan a' bhàird
seo gu h-àraidh air am faicinn. Tha 'Òran nam Fineachan',
'Brosnachadh nam Fineachan', agus dàin eile den t-seòrsa
seo, anns a bheil dealbh ga dhèanamh air an ùpraid
's an fhuaim a tha an cois shaighdearan agus armachd, a' nochdadh
tàlantan neo-chumanta agus an dealbh sin air a nochdadh
ann an cainnt a tha snasail agus cumhachdach.
Ach saoilidh mi gun robh ceòl air leth
air a nochdadh ann an 'Allt an t-Siùcair', 'An Samhradh',
'Moladh Mòraig', 'Cuachag an Fhàsaich' agus 'Fàilte
na Mòr-thìr'. Bha am bàrd a' faicinn àilleachd
anns na cuspairean sin nach fhaiceadh an t-sùil nàdarrach.
Bha a' Mhòr-thìr na shealladh mar bhean-bainnse
ann an trusgan àlainn le iomadh seud. Bha Allt an t-Siùcair
a' sruthadh dlùth do a dhachaigh ach a-rithist b' ann le
sùilean a' bhàird a bha e ga fhaicinn agus mar sin
mòran na b' àillidh.
Bu mhòr a thoil-inntinn ann a bhith a'
gabhail beachd air gach creutair a bha a' còmhnaidh fo
fhasgadh coibhneil nàdair, an crodh-laoigh le an àl,
na h-eòin le an ceòl a' sgiathalaich anns na craobhan,
damh nan cròc agus an eilid, an coileach-fraoich, am bradan
lainnireach, mear a' leumadaich anns an t-sruth - b' iad sin na
nithean a ghluais a spiorad gu bàrdachd.
Bha òrain gaoil Alasdair milis, blàth
agus làn faireachdainn ach thug 'Moladh Mòraig'
bàrr air càch, chan ann uile gu lèir airson
an teas ghràidh a tha an dàn seo a' nochdadh ach
a chionn gu bheil dealbh air a thoirt dhuinn air cuspair an dàin
ann am bàrdachd a tha ro-iongantach.
An dòigh no dhà tha 'Sgiobaireachd
Chlann Raghnaill' a' dol os cionn gach bàrdachd eile a
rinn Alasdair. Bha a dhachaigh a-riamh ri taobh a' Chuain Shiair
agus b' ann do dhaoine a bha a' faighinn am bith-beò às
a' chuan sin a bhuineadh e. Bha e mion-eòlach air a' chuan,
air fuaim na mara 's nan tonn a' briseadh air a' chladach.
Cha robh dath a thigeadh air an iarmailt, biodh
i sèimh ciùin no bagarrach dorch, air nach robh
e eòlach, agus thug e àite do chumhachd nan speur,
na gaoithe, agus na fairge, cho math ri spiorad sliochd nan eileanan,
anns a' bhàrdachd iomraitich seo.
Ged tha earrannan innte anns a bheil mac-meanmna a' bhàird
car bho riaghailt, tha earrannan eile a dh'fhaodte a chur ri taobh
bàrdachd na Grèige agus na Ròimhe gun Alasdair
mòran a chall bhon choimeas. Rinn Alasdair aoirean agus
bàrdachd eile a bha sgaiteach geur, do nach faod sinn moladh
a thoirt air chor air bith.
Ach bu mhiann leinn an seòrsa bàrdachd
sin a leigeil air dìochuimhne, air sgàth nan dàn
ciatach agus uasal leis an do rinn e saidhbhir litreachas nan
Gaidheal. Thug iad sin dha àite anns an t-sreath as àirde
de na bàird, agus cumaidh a luchd-dùthcha cuimhne
orra cho fada is a bhios an cànan air a labhairt, air
a sgrìobhadh agus air a sheinn.
Cuid de bhàrdachd:
A Bhanarach Dhonn
Allt an t-Siùcair
Am Breacan Uallach
An Samhradh
Aoir a' Chnocain
Beannachadh Luinge
Brosnachadh nam Fineachan
Cuachag an Fhàsaich
Fàilte na Mòr-thìr
Imrich Alasdair à Eigneig
Iorram cuain
Mo Bhobag an Dram
Moladh Mòraig
Òran a' Gheamhraidh
Òran air Prionnsa Teàrlach
Òran an t-Samhraidh
Òran do Phrionnsa Teàrlach
Òran eile do Phrionnsa Teàrlach
Òran nam Fineachan
Òran nam Fineachan Gaidhealach
Òran Rìoghail a' Bhotail
Sgiobaireachd Chloinn Raghnaill
Smeòrach Chloinn Raghnaill
Teàrlach Mac Sheumais
Tuilleadh fiosrachaidh:
Ainmeil an Eachdraidh (Gairm Publications 1997)
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, Selected Poems (Scottish Academic
Press 1996)
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: His Political Poetry, 1989
An Gaidheal, Leabhar 24, Earrann 10 td 149
An Introduction to Gaelic Poetry - Derick Thomson, Edinburgh,
1990
Gaelic and Scots in Harmony - Derick Thomson, Glasgow, 1990
Gaelic Poetry in the Eighteenth Century - Derick Thomson, Aberdeen,
1993
Gairm, àireamh 2 td 43
Gairm, àireamh 121 td 38-44
Gairm, àireamh 176 td 373
Mac Mhaighstir Alasdair, The Ardnamurchan Years - Ronald Black,
Coll, 1986
Sàr-obair nam Bàrd Gaelach - The Beauties of Gaelic
Poetry (Norman MacLeod, Edinburgh 1904)
Scottish Gaelic Studies Vol 1, Part 1, td 99-108
Scottish Gaelic Studies Vol 4, Part 1, td 18
Scottish Gaelic Studies Vol 4, Part 1, td 70
Scottish Gaelic Studies Vol 4, Part 2, td 153
Scottish Gaelic Studies Vol 6, Part 1, td 27
Scottish Gaelic Studies Vol 6, Part 1, td 43
Scottish Gaelic Studies Vol 8, Part 1, td 53
Scottish Gaelic Studies Vol 9, Part 1, td 39
Scottish Gaelic Studies Vol 12, Part 1, td 59
Scottish Gaelic Studies Vol 18, td 175
Scottish Gaelic Studies Vol 19
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson (Gairm Publications
1994)
The Poems of Alexander MacDonald, Inverness, 1924
The Poetry of Scotland; Gaelic, Scots and English (Roderick Watson,
Edinburgh, 1995)
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 11 td 171-184
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 36 td 138
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 56 td 185-213


Allt an t-Siùcair
(a' chiad rann air a seinn le Anna Latharna NicIllIosa)
A' dol thar Allt an t-Siùcair
air madainn chùbhraidh Chèit',
Is paidirean geal dlùth chnap den drùchd ghorm air
an fheur;
Bha Richard 's Robin brùdhearg ri seinn, 's fear dhiubh
na bheus;
'S goic mhoit air cuthaig chùl ghuirm, 's gùg gùg
aice air a' gheug.
Bha smeòrach cur nan smùid
dhi air bacan cùil leatha fhèin;
An dreathan-donn gu sùrdail 's a ribheid chiùil
na bheul;
Am breacan-beithe 's lùb air 's e gleusadh lùth
a theud;
An coileach-dubh ri dùrdan 's a chearc ri tùchan
rèidh.
Na bric a' gearradh shùrdag
ri plubraich dhlùth le chèile,
Taobh-leumnaich mear le lùthchleas sa bhùrn le mùirn
ri grèin,
Ri ceapadh chuileag shiùbhlach lem briseadh lùthmhor
fhèin,
Druim lann-ghorm 's ball-bhreac giùran 's an lainnir chùil
mar lèig.
Gur milis briosg-gheal bùrn
ghlan meall chùirneineach 's binn fuaim,
Bras shruthain Allt an t-Siùcair ri torman siùbhlach,
luath;
Gach biolair 's luibh len ùr ròis a' cinntinn dlùth
mu bhruaich,
'S e toirt dhaibh bhuadhan sùghmhor gan sùgh-bheathachadh
mun cuairt.
Bùrn tana glan gun ruadhan,
gun deathach ruaim no ceò
Bheir anam-fàs is gluasad da chluanagan mu bhòrd;
Gaoir-bheachainn bhuidhe 's ruadha ri diogladh chluaran òir
'S cìr-mheala ga chur suas leo an cèir-chuachagan
nan stòr.
Gur sòlas an ceòl
cluaise àrd-bhàirich bhuar mud chrò,
Laoigh cheann-fhionn bhreaca ghuanach ri freagradh, 's nuallan
bhò;
A' bhanarach le buaraich 's am buachaille fa còir
Gu bleoghan a' chruidh ghuaill-fhinn air cuaich a thogas cròic.
O, 's grinn an obair ghràbhail
rinn nàdar air do bhruaich,
Led lurachain chreamhach, fhàsmhor 's am buicein bhàn
orra shuas;
Gach sàimeir, neòinean 's màsag mìn-bhreac
air làr do chluain
Mar reultan reòthte an deàrrsadh, na spangan àlainn
nuadh.
An coire 's fheàrr san
dùthaich, an coire 's sùghmhor fonn,
'S e coirean Allt an t-Siùcair, an coirean rùnach
lom;
'S ge lom, gur molach ùrail bog miadail 's dlùth
a thom,
'M bheil mil is bainne brùcadh 's uisge ruith air siùcar
pronn.
Teipichean air a bheil
an t-òran 'Allt an t-Siùcair':
'Gaelic Galore' - Glasgow Gaelic Musical Association (Lismor Recordings
1990)
'Mòd Lochabair 1981 - A' Chuirm Mhòr 3'
'Mòd nan Eilean 1989 - Final Concert Cassette 3' - Ceòlraidh
Ghàidhlig Ghlaschu (An Comunn Gaidhealach)
'Scottish Tradition 16 Gaelic Bards and Minstrels' - William Matheson
(Greentrax Recordings 1993)
'The Songs of the Gael' - Anne Lorne Gillies (Klub Records Ltd
1982)
|