back to home page
Comhairle nan Eilean Siar | Education I Gaelic Resource Database I Faidhle Eachdraidh I Ceatharnaich I Iain Gròt

Iain Gròt (c1480- )

Iain Gròt

B' e maraiche Duitseach a bh' ann an Iain Gròt. Chan eil fhios cinnteach dè an t-ainm ceart a bh' air. Thàinig e a dh'fhuireach ann an Gallaibh agus thòisich e a' ruith aiseag eadar Gallaibh agus Arcaibh. B' e bonn-airgid ris an canar 'gròt' faradh an aiseig agus tha cuid a' dèanamh a-mach gur ann mar sin a thàinig an t-ainm air. Tha cuid eile a' cumail a-mach gum b' e Jan de Groot a bh' air o thùs. Co-dhiù, phòs Iain tè de mhuinntir Ghallaibh agus bha ochdnar mhac aca ach cha robh nighean idir aca.

Dh'fhàs Iain beairteach a' ruith na h-aiseig agus mar a bha àbhaisteach do dhaoine dhe sheòrs' eadhon anns na làithean sin thog e taigh mòr. Cha b' e a-mhàin gun robh e mòr ach bha e air leth annasach. Seo an sgeulachd àraid a tha co-cheangailte ris an taigh:

Mar a bha na bliadhnachan a' dol seachad bha saoibhreas Iain a' fàs. Smaoinich e gum bu chòir dha an latha a thàinig e gu Gallaibh a chomharrachadh air dhòigh air choreigin agus rinn e cuirm mhòr san t-seann dachaigh. Thug e cuireadh don ochdnar mhac chun na cuirme.

Nuair thàinig iad, aost 's gun robh iad, thòisich iad ag argamaid ach cò aca bu chòir suidhe aig ceann a' bhùird. Bha an argamaid cho nimheil agus gun tuirt an athair riutha gun suidheadh e fhèin aig ceann a' bhùird an latha ud ach mus tigeadh ceann na bliadhna gum biodh esan air cùisean a chur air dòigh gus nach èireadh a leithid de dh'argamaid gu bràth tuilleadh.

Gun dàil thòisich e air an taigh a thogail. Bha e ochd-cheàrnach le ochd oiseanan, ochd ballachan le doras agus uinneag air gach balla. Chan fhaca duine e nach tàinig chun a' cho-dhùnaidh gum b' e seo dha-rìribh aon de sheachd iongnaidhean na dùthcha - ach cha robh duine dhiubh a' tuigsinn carson a bha an cumadh àraid seo air.

Co-dhiù, thàinig ceann na bliadhna agus chuir Iain a-rithist cuireadh gu ochdnar mhac. Mus deach iad a-steach sheall an athair dhaibh dè an doras air an deigheadh iad a-steach agus bha iad gu suidhe anns an àite a bhiodh mun coinneimh nuair dh'fhosgladh iad na dorsan. Ma bha an taigh fhèin annasach bhon taobh a-muigh bha am bòrd a bh' anns an t-seòmar bidhe a cheart cho annasach - bha e ochd-cheàrnach cuideachd. Shuidh na mic agus cha robh an còrr guth air còmhstri. Lean iad a' coinneachadh gach bliadhna gu cuirmean mar sin fhad 's a bha iad beò.

Tuilleadh fiosrachaidh: Tha mòran luchd-turais a' tadhal na ceàrnaidh sin de Ghallaibh an-diugh mar an àite as fhaide tuath anns an rìoghachd ged 's e Ceann Dùnait an t-àite as fhaide tuath. Chleachd rèisean a bhith gan ruith bho 'Taigh Iain Gròt' gu Lands End anns a' Chòrn.

Tha làrach an taighe a bh' aig Iain Gròt air a chomharrachadh a-mach an-diugh le bratchrann air cnocan. Chaidh taigh-òsta a thogail an seo ann an 1857 le tùr ochd-cheàrnach mar chuimhneachan air taigh Iain.  Tha clachan-uaigheach leis an ainm 'Groet' rim faicinn ann an cladh Canasbaidh.

Tha bùth air an làraich cuideachd far am faigh luchd-turais cuimhneachain agus treallaich eile rin cheannach. 'S iongantach mur robh rudeigin aige mu dheidhinn 'ochd' oir a thuilleadh air an taigh agus am bòrd tha e coltach gun do thog e fasgadh ochd-cheàrnach dhan fheadhainn a bhiodh a' feitheamh air an aiseig.

Gnìomhan:
1. Mas e Duitseach a bh' ann an Iain Gròt dè an dùthaich dom buineadh e?
2. Saoil dè a chur a dh' Alba e agus ciamar a thàinig aige air bàt-aiseig a cheannach?
3. Obraich a-mach carson a shuidh na mic aig a' bhòrd ochd-cheàrnach gun ghuth air còmhstri?
4. Smaoinich air adhbhar sam bith airson fasgadh na h-aiseig a dhèanamh ochd-cheàrnach.
5. Dèan dealbh de thaigh Iain Ghròit.

Cothrom rannsachaidh:
1. Feuchaibh ri lorg a-mach dè a' mhalairt no eile a bha a' fàgail gun robh an aiseag eadar Gallaibh agus Arcaibh cho trang anns na làithean sin agus gun do dh'fhàs Iain Gròt cho beairteach.
2. a) Dè na h-aiseagan a tha a' ruith eadar Gallaibh agus Arcaibh an-diugh?
b) Lorgaibh na h-àiteachan bho bheil iad a' falbh agus a' ruighinn air mapa.
3. Dè na tha iad a' cosg an-diugh?
4. Dè an seòrsa dhaoine a bhios gan cleachdadh agus dè an seòrsa bathair a bhios iad a' giùlain?
5. Cruinnichibh bileagan a bhios am Bòrd Turasachd a' cur a-mach airson daoine a thàladh a Ghallaibh.
6. An cuala tu a-riamh "nach tusa a bha an Taigh 'an Ghròit"? Dè a bhiodh an neach a chanadh seo a' ciallachadh?
7. Dè a b' fhiach 'grot' ann an airgead an latha an-diugh?

Eachdraidh na Rìoghachd aig an àm: Rè àm Iain Ghròit bha Columbus air seòladh a dh'Ameireagaidh agus cha robh e fada gus an do thòisich rannsaichearan eile mar Vasco da Gama agus John Cabot a' gabhail ùidh ann an dùthchannan thar chuain. 'S dòcha a-rèist nach robh e na iongnadh gun do ràinig Iain Gròt Gallaibh!

B' e Seumas IV a bha na rìgh air Alba aig an àm. Bhruidhneadh e ochd cànanan. Gu dearbh b' e an rìgh mu dheireadh aig an robh Gàidhlig. Aig an àm seo cuideachd thàinig Tighearnas nan Eilean gu ceann agus thàinig Innse Gall fo riaghladh an rìgh. Fhuair Seumas air smachd a chumail air na h-eileanaich agus thàinig iad gu urram a thoirt dha.

Ann an 1513 chaidh Blàr Flodainn a chur eadar Alba agus Sasainn, blàr fuilteach dha-rìribh far an do mharbhadh mòran de na h-Albannaich. A rèir eachdraichean bha Alba gu math soirbheachail ri linn Sheumais IV. Bha mòran choigreach air a thighinn a-steach do dh'Alba agus air ionnsachadh sgilean ùra do na h-Albannaich.

Bha ùidh mhòr aig an rìgh ann am foghlam. Bha trì oilthighean ann an Alba ri linn Sheumais - ann an Glaschu, ann an Cill Rìmhinn agus ann an Obar Dheathain.

Bha Seumas a' faicinn cho cudthromach 's a bha nèibhidh làidir ann an dùthaich mar Alba air sgàth dìon agus malairt. (Bha malairt fhallain a' dol air adhart eadar Alba agus dùthchannan na Roinn Eòrpa aig an àm.)

Thug e misneachd mhòr do long-thogail agus chaidh soithichean mòra mar an Great Micheal, am Flower agus an Yellow Carvel a thogail, a thuilleadh air bàtaichean beaga iasgaich. Thug an rìgh luchd-ciùird às an Fhraing agus às an Olaind airson na soithichean sin a thogail. Nach eil e a cheart cho dòch' gur ann an lùib na h-obrach seo a thàinig Iain Gròt!

Ag Obair Còmhla Airson Nan Eilean - Working Together For The Western Isles