|
|
|
Eachdraidh: Tha clachan inntinneach rim faicinn am broinn na h-eaglaise a tha a' toirt cunntas air eachdraidh. Tha e coltach gu bheil 19 de chinn-feadhna nan Leòdach air an tiodhlacadh ann an seo, ach tha uaighean Chloinn Choinnich ann cuideachd. B' Uilleam MacChoinnich, an 5mh Iarla Shìophort, an aon cheann-feadhna de Chloinn MhicChoinnich a chaidh a thiodhlacadh an seo. Bha e air fhearann air tìr-mòr a chall air sgàth a dhìlseachd do na Seumasaich. Chithear an cabar-fèidh air uaighean Chloinn MhicChoinnich. Tha uaighean eile am broinn bhallachan - taighean-adhlacaidh. Tha Cailean MacChoinnich, a bha na 'Surveyor General' air India, air adhlacadh ann an taigh-adhlacaidh. Air taobh thall a' chlaidh tha talamh le balla letheach timcheall air. B' e seo an àite-adhlacaidh a bha gu bhith aig teaghlach MhicMhathain a bha cho ainmeil ann an Leòdhas anns an 19mh linn deug, ach cha deach duine a-riamh a thiodhlacadh ann. Tha bean agus cuid de chloinn Uilleam MhicChoinnich, am bàrd, air an tiodhlacadh an seo. Bha fios aig Uilleam nuair a rinn e airson falbh a Chanada nach deigheadh esan a chladh na h-Aoidhe agus mus do dh'fhalbh e shlaod e fiaclan às a bheul agus dh'adhlaic e iad an uaigh a mhnatha. Tha an Clàrsair Dall, fear-ciùil Leòdaich Dhùn Bheagain air adhlacadh an seo cuideachd. Bha an eaglais air a cleachdadh mar àite-adhraidh suas gu 1828. Chaidh eaglais ùr deilbhte le Tomas Telford a thogail air a' Chnoc aig an àm sin agus chaidh an seann thogalach fhàgail aig na siantan. Ailtireachd: Tha leac cloiche air balla na h-eaglaise air an taobh a-staigh le dealbh laoich air a shnaidheadh innte. Tha an leac seo mar chuimhneachan air Ruaraidh MacLeòid VII a bhàsaich ann an 1498. Bha sgrìobhadh air an leac aig aon àm ach chan eil sgeul air an-diugh. Tha leac eile air cùl an dorais mar chuimhneachan air Mairead, nighean Ruaraidh. B' ise màthair na h-abaid mu dheireadh a bh' ann an Eilean Idhe. Tha snaidheadaireachd bhrèagha Cheilteach air an leac seo. Bhàsaich Mairead seo ann an 1503 ach cha ghabh an sgrìobhadh seo a leughadh a-nise. B' ann air làr na h-eaglaise a bha an dà leac seo aig aon àm. Gnìomhan: Iomradh: Ach bha cuideigin anns an uaigh! Bhiodh muinntir an àite a' feurach an cruidh anns a' chladh air an oidhche ach dh'fheumadh iad sùil a chumail a-mach oir cha robh an cleachdadh seo laghail agus cuideachd dh'fhaodadh an crodh a bhith air an goid. Tha e coltach gun robh boireannach calma a' fuireach ann an Aiginis agus chaidh i don uaigh seo le aodach geal mu a ceann. Mu mheadhan-oidhche nuair a thàinig creachadairean a dh'iarraidh a' chruidh leum ise an àirde is i ag èigheachd, "Eirich a MhicLeòid tha iad a' goid a' chruidh, Eirich, Eirich". Ruith na creachadairean le am beatha agus cha do chuir iad a chaoidh tuilleadh dragh air crodh Aiginis. An Eaglais
an-diugh: Tha an eaglais agus an eachdraidh co-cheangailte rithe a' crìonadh gach latha fo bhuaidh na mara, na gaoithe agus an uisge. Tha a' chuid mhòr de na leacan a-nise briste no air a dhol fodha fon talamh. Ann an 2000 chaidh buidheann a chur air chois le muinntir an Rubha ann an Leòdhas airson an eaglais seo agus na tha mu timcheall a leasachadh. Thathas a' sireadh ionmhas airson seo a dhèanamh bho neach sam bith a tha deònach sin a thoirt seachad is gu h-àraidh bho Rubhaich thall thairis. |