|
Eachdraidh: Tha an Deadhan Rothach a' sgrìobhadh ann an 1549, ag innse gun robh manachainn le aon stìopall ann an Roghadal. Chan eilear cinnteach an e 'eaglais' a bha e a' ciallachadh le 'manachainn' no an robh manachainn dha-rìribh ann. Tha cuid den bheachd gu bheil comharraidhean am measg nan clachan mun eaglais a' sealltainn gun robh an leithid de thogalach ann aig aon àm. Chan eil cinnt cò a bh' ann an Cliamhan fhèin nas motha. Tha cuid den bheachd gum b' e Pàp a bh' ann, cuid eile gum b' e Easbaig Dhùn Bhlàthain agus cuid nach eil anns an ainm ach mearachd litreachaidh airson Colum Cille! Tha an t-Urramach Iain MacLeòid às na Hearadh a' sgrìobhadh ann an 1792, a' toirt tuilleadh fiosrachaidh dhuinn mun eaglais. Tha esan den bheachd gun robh manachainn an seo ri linn Rìgh Daibhidh I. Ma bha manachainn ann 's iongantach mur robh i ri soirbheachadh gu math gu àm nan Lochlannach agus nuair a thàinig iadsan a sgrios gun deach na manaich gu Rìgh Daibhidh airson cobhair, agus mar sin dhleas an Rìgh ùghdarras air an eaglais. Tha fios againn le cinnt gum b' e Alasdair Crotach, ceann-feadhna nan Leòdach, a thog an eaglais a tha ann an Roghadal an-diugh timcheall air 1520. 'S dòcha gur e 'leasachadh' agus chan e 'togail' a rinn Alasdair Crotach oir bha togalach de sheòrsa air choreigin ann mu thràth. Bha MacLeòid airson eaglais mhòr bhrèagha a thogail coltach ris an eaglais a bha e air fhaicinn air Eilean Idhe. Tha snaidheadaireachd air tùr na h-eaglaise a tha a' sealltainn gun robh an tùr seo ann ron eaglais a th' ann an-diugh. Cha robh an eaglais seo deiseil nuair a bhàsaich Alasdair Crotach. Bha pìos is pìos ga chur rithe. An dèidh bàs Alasdair Chrotaich chaidh an eaglais a dhìth. 'S dòcha gun robh an Ath-leasachadh na adhbhar air seo, ach ann an 1784 rinn fear, Caiptean Alasdair MacLeòid, leasachaidhean mòra oirre. Gu mì-fhortanach chaidh i na teine goirid an dèidh sin ann an 1787, agus b' fheudar dha tòiseachadh a-rithist. Nuair a cheannaich a' Bhana-dhiùc Dunmòr Na Hearadh mu cheithir fichead bliadhna an dèidh sin bha an eaglais ann am fìor dhroch staid a-rithist agus thòisich ise ga leasachadh ann an 1873. Tha dà leac anns an eaglais ag innse mun obair a rinn i, ach a dh'aindeoin 's na chaidh a thogail agus a leasachadh a dhèanamh oirre chan eil neach a chì an eaglais seo an-diugh nach aontaich gur e togalach air leth eireachdail a tha seo bhon taobh a-muigh agus air leth eachdraidheil bhon taobh a-staigh agus anns a' chladh mu timcheall. Ailtireachd: Os cionn an dorais air an taobh an iar tha cumadh easbaig, 's dòcha an Naomh Cliamhain. Ann an oisein, air an taobh an ear tha dà iasgair ann am bàta, 's dòcha na Naoimh Peadar agus Anndra. Air an taobh tuath tha ceann tairbh agus aig deas tha boireannach luirmeach ag altram leanaibh. Bha seo cumanta ann an Eirinn aig an àm. Bhatar den bheachd gun cumadh iad droch spioradan air falbh. 'S dòcha gun robh snaidheadaireachd den t-seòrsa seo a' dol air ais gu àm Pàganach nuair bha àite-adhraidh an seo. 'S ann air taobh tuath na h-eaglaise a tha an doras-aghaidh agus tha pannal os a chionn a' sealltainn ceusadh Chrìosd. Tha an taobh a-staigh ceithir-cheàrnach le mullach fiodha bho mu 1873. Tha uinneagan beaga sgoltach agus uinneagan nas motha innte. O thùs bha an ionad-ciùil agus an ionad-coisrigte anns an robh an àrd-altair sgaraichte bhon chorp-eaglais le sgàilean fiodha. Ged nach eil lorg air an sgàilean seo a-nise tha uinneag mhòr bhrèagha a' sealltainn far an robh an àrd-altair. Tha ìomhaighean snaidhte air clachan uaigheach am broinn na h-eaglaise - ìomhaighean de Alasdair Crotach, a mhac Uilleam agus de dhaoine ainmeil eile. A thuilleadh air an eachdraidh a tha na h-ìomhaighean seo a' sealltainn tha iad a' toirt sealladh air creideamh agus air dòigh-beatha nan Leòdach. Tha staidhre chas chaol a' dol suas chun an tùir. Tha an cladh a' cheart cho inntinneach ris an eaglais fhèin. Tha àireamh de chàibeil ann - àitichean-adhlaic a bh' aig teaghlaichean sònraichte. Air cùl na h-eaglaise tha clach mar chuimhneachan air Iain Moireasdan, Gobha na Hearadh, a bha cho ainmeil airson a chuid laoidhean. 'S e glè bheag a thathas a' tiodhlacadh anns a' chladh seo an-diugh. Gnìomhan: Iomradh: An Eaglais
an-diugh: |