Eaglais a' Chròich

Eachdraidh:
An dèidh cogaidhean Napoleoin thug an riaghaltas airgead seachad airson eaglaisean agus mansaichean a thogail ann an àitichean iomallach air Ghaidhealtachd na h-Alba. Chaidh Cròich a thaghadh mar àite-togail oir bha stèisean searmonachaidh ann mu thràth. Tha togalach anns a' ghlìob a' dol air ais gu àm nan Cruithneach.

Bha Cròich gu math iomallach - tha e deich mìle an iar air Ard Gaoithe, taobh Srath Carrainn, ach bha an t-uachdaran deònach fearann a thoirt seachad airson na h-eaglaise. A thuilleadh air cosgais togail nan eaglaisean bha an riaghaltas a' tairgsinn £120 gach bliadhna mar thuarastal dha na ministearan.

Bha an togalach seo ann an Cròich deiseil ann an 1827 aig cosgais £1,426 agus chaidh Raibeart MacUilleim a stèidheachadh na mhinistear an ath bhliadhna. Dh'fhuirich e innte gu 1840 nuair a dh'fhalbh e fhèin agus cuid de a choitheanal gu Albainn Nuadh.

Bha an eaglais a' soirbheachadh an toiseach le coitheanal de dhà cheud neach, ach ann an 1843, aig àm Briseadh nan Eaglaisean lean a' chuid mhòr den choitheanal am ministear dhan Eaglais Shaor. Cha robh air fhàgail anns an eaglais ach dà theaghlach ach lean i oirre gu 1946 nuair a chaidh i an ceann Eaglais Aird Ghaoithe.

Ach 's ann ri linn a' cheangail a th' aice ri Fuadach nan Gaidheal a tha an eaglais seo cho fìor chudthromach. Ann an 1842 dh'fheuch am bàillidh, Seumas Gilleandrais, ris an t-sluagh fhuadach. Chaidh 90 neach fhuadach à paraist Ghlinn Chailbhidh. Cha robh àite aca far an deigheadh iad an toiseach agus b' ann anns a' chladh ri taobh na h-eaglaise a ghabh iad fasgadh. Dh'fheuch am ministear ri an cuideachadh mar a b' urrainn dha ach cha robh cobhair ann dhaibh.

Tha fear-naidheachd bhon Times a' toirt iomradh air an staid:
"Chaidh teine a lasadh anns a' chladh agus chruinnich a' chlann mun cuairt air. Chaidh dà chreathal le leanabain annta a chur faisg air an teine agus chùm na màthraichean brònach fasgadh riutha." Fhad 's a bha na daoine bochda seo a' feitheamh airson faighinn gu beatha ùr thall thairis sgrìobh iad an ainmean agus an smuaintean air uinneig air taobh an ear den eaglais. Chithear cuid de na h-ainmean seo fhathast. Tha e iongantach nach do ghabh iad fasgadh am broinn na h-eaglaise fhèin. 'S dòcha gun robh iad den bheachd gur e mì-choisrigeadh a bhiodh an sin.

Ailtireachd:
Tha stoidhle na h-eaglaise a rèir plana Thomais Telford mar a bha iomadh eaglais a chaidh a thogail aig an àm seo. A thuilleadh air an uinneig eachdraidheil chan eil taobh a-staigh na h-eaglaise ach gu math sìmplidh. Tha cunntasan sgrìobhte air na thachair agus cunntas fear-naidheachd an Times ri fhaicinn na broinn cuideachd.

Ann an 1977 bha mullach na h-eaglaise ann an droch staid agus b' fheudar tagradh a chur a-mach airson taic airgid a leasaicheadh i. Fhuaireadh sin ach b' ann ann an 1982 a chaidh tòiseachadh oir bha barrachd air a' mhullach a' cur feum air leasachadh. Cha do thòisich an obair gu 1982 agus bha e deiseil ann an 1983 aig cosgais mu £120,000. Chaidh dealan a chur innte aig an àm sin cuideachd. On uair sin tha tuilleadh leasachaidhean air a dhèanamh na broinn.

Gnìomhan:
1. Smaoinich air adhbhar sam bith a bhiodh aig an riaghaltas airson airgead a thoirt seachad do na Gaidheil gus eaglaisean a thogail an dèidh cogaidhean Napoleoin.
2. Rannsaich dè a thachair aig àm Briseadh nan Eaglaisean.
3. Rannsaich agus sgrìobh beagan mu Fuadach nan Gaidheal.
4. Dè a th' ann am "mì-choisrigeadh"?

Iomradh:
Nuair a bhàsaich am bàillidh, Seumas Gilleandrais, chaidh a thiodhlacadh faisg air geata a' chlaidh. Bha cuimhne air an-iochdmhorachd airson linntean an dèidh a' bhàis agus bha a' chuimhne seo air a cumail beo. Bha clachan agus sgudal gan chàrnadh air uaigh gus mu dheireadh na dh'fhàs i na càrn àrd salach làn de dheanntagan agus lusan grannda.

An Eaglais an-diugh:
Tha Eaglais a' Chròich an-diugh mar phàirt de pharaist aonaichte Chinncardain, Cròich agus Eadardan ann an Cataibh. Bidh seirbheisean innte air an t-Sàbaid anns an Iuchar agus anns an Lùnasdal agus bidh Sàcramaid an Tighearna air a fhrithealadh air an t-Sàbaid mu dheireadh den Iuchar. Aig an àm seo bitear a' cleachdadh an t-seann bhùird fhada chomanachaidh a bh' anns an eaglais bho thùs. Tha an eaglais fosgailte do luchd-turais fad na bliadhna agus chithear bho leabhar an luchd-tadhail gu bheil iad a' tighinn nan ceudan gach bliadhna a dh'fhaicinn na h-eaglaise iomraitich seo.

Mullach na duilleige