Abaid Chill' Chuimein

Eachdraidh:
Ged a bha Abaid Chill' Chuimein na dhachaigh agus na choimhearsnachd de Mhanaich Bhenedictine airson co-dhiù ceud bliadhna bha eachdraidh gu math eadar-dhealaichte aig an abaid bho thùs.

B' e gearasdan a bh' ann (agus 's e sin an t-ainm Beurla a th' air a' bhaile chun an latha an-diugh.) Bha e na ghearasdan làidir, cudthromach rè àm ar-a-mach nan Seumasach.

Ann an 1720 bha riaghaltas Bhreatainn den bheachd gum b' e an dòigh a b' fheàrr smachd a chumail air Gaidhealtachd na h-Alba gearasdain agus rathaidean a thogail agus thàinig gearasdan Chill' Chuimein gu bith ri linn seo.

Bha gearasdan beag ann mu thràth ann am baile Chill' Chuimein, ach b' e togalach mòr cumhachdach a bha gu bhith an seo agus chaidh ainmeachadh anns a' Bheurla air Uilleam Augustus, Diùc Chumberland. Ghabh Arm nan Seumasach a-null an gearasdan seo ann an 1745 agus nuair a dh'fhàg iad bha e aig an arm gu 1854. Cheannaich Tomas Alexander, 14mh Tighearna Lovat, na togalaichean bhon riaghaltas ann an 1867 agus bha e a' cleachdadh pàirt dheth mar loidse seilge.

Ann an 1876 thug a mhac, an 15mh Tighearna Lovat na togalaichean dha na 'Manaich Benedictine'. B' e Manaich Albannach agus Sasannach a bha seo a bha air tilleadh às a' Gheàrmailt (far an robh iad air a fuadach aig àm an Ath-leasachaidh). Lean an t-òrdugh seo ri obair miseanairidh agus foghlaim dha Caitligich Albannach gu meadhan na 19mh linn.

Bho 1878 gu 1993 bha Manaich Chill' Chuimein a' cumail sgoil-bhùird dha balaich Chaitligeach. Bha cuibhreann mhath de na balaich a bha a' frithealadh na sgoile seo a' dol a-steach ris an t-sagartachd. A thuilleadh air an obair-sgoile bha na manaich a' caitheamh am beatha anns an abaid ri ùrnaigh, ri diadhachd agus ri obair bith-beò. Bha an Naomh Benedictine den bheachd gur e adhradh prìomh dhleastanas nam manach.

Ailtireachd:
Tha coltas a' ghearasdain ri fhaicinn fhathast anns na togalaichean. Bha caochladh stoidhlichean air an eaglais fhèin tro na bliadhnaichean.

Ann an 1890 chaidh togalach Gothic a dhealbhachadh ach nuair a chaidh an obair a ghabhail a-null leis an Ailtire Reginald Fairlie b' ann de stoidhle Nòrmanach a rinn e i. Tha cuilbh cruinn ann mar a th' ann an Abaid Dhùn Phàrlain. Chaidh pìos agus pìos a chur ris an abaid tro na bliadhnaichean.

Gnìomhan:
1. Carson a bha riaghaltas Bhreatainn airson gearasdain a thogail air feadh na Gaidhealtachd?
2. Saoil carson a chaidh gearasdain a thogail ann an Cill' Chuimein?
3. Innis mar a thàinig an gearasdan seo gu bhith na mhanachainn.
4. Dèan rannsachadh air beatha Manach Benedictine.

Iomradh:
O chionn fichead bliadhna cha robh e ceadaichte do bhoireannaich idir a thighinn air àrainn na h-abaid, eadhan a bhith ag obair anns a' chidsin, ach a-nise tha cothrom aig luchd-tadhail a dhol air feadh an togalaich.

An Abaid an-diugh:
'S dòch' ann an dòigh gu bheil an abaid gu math eadar-dhealaichte an-diugh bho mar a bha i aig aon àm. Ann an dòigh eile 's dòch' nach eil. Tha na manaich ann fhathast agus tha iad a' caitheamh am beatha mar a bha iad a-riamh a' tighinn còmhla, ag adhradh agus a' tagradh ri Dia uaireannan mus èirich a' chuid mhòr den t-saoghal. An dèidh sin bidh iad a' dol air leth a dh'ùrnaigh no gu an dleastanasan eile mus till iad a-rithist airson an aifrinn. Tha an latha gu lèir air a roinn eadar obair is ùmhlachd. Uaireannan thig luchd-tadhail còmhla ri na manaich gu h-àraidh airson an aifrinn.

Nuair a dhùin an sgoil bha aig na manaich airson an abaid a chumail a' dol agus am bith-beò a dhèanamh mar a b' fheàrr a b' urrainn dhaibh.

Ann an 1994 dh'fhosgail an aonad mar thaigh-aoigheachd. Tha luchd-siubhail a-nise a' tighinn à gach ceàrn den t-saoghal. Tha na manaich a' tabhann gach goireas a gheibhear ann an ionad-tadhail sam bith - cuid oidhche, biadh, taisbeanadh, bùth agus goireasan airson choinneamhan.

Anns an taisbeanadh tha earrannan a' sealltainn mar a bha na togalaichean nuair a bha iad nan gearasdan, eachdraidh nan togalaichean agus na coimhearnsnachd mun cuairt, eachdraidh nam Manach Benedictine, eachdraidh nan Gaidheal agus foillseachadh de sheudan. Tha goireasan spòrs ann cuideachd agus cothroman airson tursan inntinneach. Mas e sìth agus sàmhchair a tha a dhìth air neach tha an abaid a' tabhann sin cuideachd. Anns an dòigh annasach seo tha manaich an là an-diugh a' leantainn eisimpleir nam Manach Benedictine a thàinig gu Cill' Chuimein o thùs - a' cosnadh am bith-beò gun a bhith an urra ri càil ach an saothair fhèin. Tha leasachaidhean ga dhèanamh air na togalaichean agus tha na manaich a' faighinn cuideachadh bho 'Historic Scotland'.

Tha e anns an amharc gun tèid airgead gu leòr a thogail a bheir cothrom na togalaichean a thoirt gu ìre sàbhailteachd a sheasas airson ceud bliadhna, ach tha na manaich ag ràdh nach e gnìomhachas mòr a tha fa-near dhaibh idir ach dòigh air an òrdugh aca a chumail soirbheachail agus anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha ùidh a bharrachd ga shealltainn anns an òrdugh sin.

Ach cha do dh'obraich na planachan seo agus ann an 1998 chaidh na deichnear mhanach a bh' air fhàgail san Abaid a ghluasad gu manachainnean eile.

Gu dearbh, chaidh an Abaid a reic san Dùbhlachd 2000 airson £15 millean le fear Mgr Nutkins leis a bheil taigh-òsta Lovat Arms faisg air an Abaid. Thuirt Mgr Nutkins, "Tha mi airson an Abaid fhosgladh do luchd-turais is do mhuinntir an àite. 'S e aon de na togalaichean as bràite. 'S e aon de na togalaichean as brèagha air Ghaidhealtachd a th' ann agus chan eil mise gam fhaicinn fhìn mar an neach aig a bheil seilbh air idir; buinidh an Abaid don Ghaidhealtachd is do mhuinntir na Gaidhealtachd agus 's e togalach a th' ann anns am bu chòir uaill a bhith againn."

Tha ionad luchd-turais gu bhith ann a bheir fiosrachadh mu eachdraidh na làraich mar ghearasdan mus tàinig i gu bhith na h-Abaid. Tha dùil aige cuideachd cuirmean ann an stoidhle meadhan-aoisich a chumail innte.

Mullach na duilleige