|
Eachdraidh: Thàinig
Colum Cille gu Eilean Idhe à Eirinn ann an
563 le dà mhanach dheug agus shuidhich e
ionad Crìosdail an sin. Ged a tha còrr air 1400 bliadhna bho thàinig Colum Cille gu Idhe thatar den bheachd gu bheil an abaid a tha ann an-diugh air a togail air làrach eaglais Choluim Cille. Cha b' fhada gus an do thàlaidh naomhachd agus ùghdarras Choluim Cille mòran luchd-leanmhainn agus dh'fhàs a chumhachd mar a dh'fhàs eaglais. Chaidh tuilleadh thogalaichean a chur an àirde agus chaidh tuilleadh àiteach a dhèanamh airson a' choimhearsnachd a bheathachadh. Bha Eilean Idhe mar innis-fàsaich de chultar Crìosdail ann an saoghal a bha gu ìre mhòr pàganach. Thòisich Colum Cille a' cur mhanach a-mach air feadh Alba agus uaireannan a' dol air tursan e fhèin airson an creideamh Crìosdail a thoirt do na cinnich. B' e eachdraidh gu math buaireasach a bh' aig an abaid anns na linntean a dh'fhalbh. Sgrios agus chreach na Lochlannaich na togalaichean ann an 795, ann an 801 agus a-rithist ann an 806 nuair a mhort iad 68 de na manaich. Tha Bàgh nam Mairtireach air ainmeachadh airson cuimhne a chumail air na tachartasan sin. Bha seo fada an dèidh àm Choluim Cille. An dèidh an sgrios a rinn na Lochlannaich ann an 806 theich Cilleach, am prìomh abaid, a dh'Eirinn agus thug e leis na cuimhneachain a dh'fhàg Colum Cille. Airson trì cheud bliadhna an dèidh sin b' ann aig Abaid Kells ann an Eirinn a bha ceannas air eaglaisean Choluim Cille agus an dèidh 1164 aig Abaid Derry, ach cha deach Abaid Idhe a trèigsinn. Thog an ath abaid a' mhanachainn air an t-seann làraich. Ann an 818 chaidh cuimhneachain Choluim Cille an tilleadh gu Idhe, ach chaidh Idhe a sgrios a-rithist seachd bliadhna an dèidh seo. Fhuair na manaich air na cuimhneachain fhalach an turas seo. Thug Rìgh Coinneach MacAilpein cuid dhiubh, ann an 843, gu a phrìomh eaglais ann an Dùn Chailleann. Ann an 986 chaidh an abaid agus 15 bràithrean a mhort air a' ghainmhich ann an àite ris an canar "Tra' Bàn nam Manach" seach nach innseadh iad far an robh na cuimhneachain air falach. Ann an 1074 thog Bànrigh Mairead, bean Choinnich MhicAilpein a' mhanachainn a-rithist. Thathas a' dèanamh a-mach gur i a thog Caibeal Naomh Orain. Bha a' mhanachainn seo a thog Mairead co-cheangailte ri Eaglais na Ròimh agus cha b' ann ris an Eaglais Cheilteach mar a bha i roimhe. Bha i coisrigte gu Ordugh Augustine. Mun 12mh linn bha a' mhanachainn air tuiteam às a chèile ach thog Reginald, Tighearna nan Eilean, às ùr i ann an 1203 agus choisrig e i dhan Oighe Moire. Bha a' choimhearsnachd ùr seo a-nise fo dhìon a' Phàp agus chaidh manaich Choluim Cille an gabhail a-steach don òrdugh seo. An dèidh 1247 ghabh abaidean Idhe ri Easbaig Dhùn Chaillinn mar àrd-uachdaran. Ann an 1430 chaidh easbaigeachd ùr a chruthachadh ann an Alba agus bha an easbaig stèidhichte ann an Idhe ged a bha an abaid fo smachd Dhùn Chaillinn gu 1507. Thàinig Idhe an uair sin gu bhith na chathair-eaglais airson greis bheag. Ann an 1561 chaidh an abaid agus a chuid thogalaichean a thoirt às a-chèile aig àm an Ath-leasachaidh. Tro na linntean thàinig Eilean Idhe gu bhith na àite-eilthireachd do luchd-leanmhainn Choluim Cille agus na àite-naomh far am biodh rìghrean agus cinn-feadhna a' tadhal agus far an tàinig e gu bhith na chleachdadh gun deigheadh rìghrean an tiodhlachadh ann an àite sònraichte air an eilean ris an canar Rèilig Orain. Tha 48 de rìghrean na h-Alba air an adhlaiceadh an seo a thuilleadh air rìghrean à Nirribhidh agus à Eirinn. Ann an 1899 thug Seòras an 8mh Diùc Earra-Ghaidheil an abaid do Eaglais na h-Alba. Thàinig aig Eaglais na h-Alba air leasachadh a dhèanamh air an abaid le airgead poblach eadar 1902 agus 1910. Chaidh na togalaichean eile an leasachadh leis an 'Iona Community' a thòisich air an obair ann an 1938. Ailtearachd: Tha dà chrois aig doras na h-abaid - crois an naoimh Màrtainn bhon 9mh linn agus crois an Naoimh Eòin. Ged a chaidh leasachadh a dhèanamh air an abaid uair is uair tro na linntean chaidh an t-seann stoidhle a chumail gu ìre. Tha cisteachan-laighe cloiche air an tàthadh anns an làr. Chaidh an cur an sin nuair chaidh an togalach a leasachadh ann an 1899. Tha an doras sacristidh bhon 15mh linn ach cha b' e seo an t-àite anns an robh e bho thùs. Ged a bha dorsan cruinn anns an abaid a' dol air ais gu na Meadhan Linntean chan eil an còrr de na togalaichean a th' ann an-diugh cho aosta. Gnìomhan: Iomradh: An latha chaochail e bha e aig an ceathramh Salm deug air an fhichead, agus an uair a ràinig e an deicheamh rann, chuir e uaidhe am peann, agus thuirt e ri a ghille, Diarmad, "An seo sguiridh mise, cuireadh Baodan crìoch air a' chòrr." An sin chaidh Colum Cille a-steach don eaglais, agus ann an ùine ghoirid fhuair na manaich e air a ghlùinean, marbh, air beulaibh na h-altrach. Mar sin chrìochnaich an duine naomh ud a bheatha air an talamh, ach cha tèid ainm agus obair air dìochuimhne gu bràth anns an tìr. An Eaglais
an-diugh: Tha Eilean Idhe agus an abaid an-diugh a' tàladh mòran sluaigh gu h-àraidh as t-samhradh. Tha campaichean dha òigridh air an eilean gach samhradh. Gach Sàbaid tha Sàcramaid Suipear an Tighearna air a chuairteachadh anns an abaid agus gach feasgar Diardaoin tha cothrom air a thoirt do dhuine sam bith a thighinn air adhart gus a choisrigeadh fhèin an seirbheis Chrìosd. Tha seirbheisean anns an abaid dà uair gach latha. Mar sin tha an abaid a-rithist na h-àite eilthireachd dha daoine a tha ag iarraidh sìth agus fois mar a bha i bho thùs. |