Ard-eaglais na Machrach

Eachdraidh:
Tha eachdraidh ag innse gun robh eaglais air an làraich seo ann an Obar Dheathain cho fada air ais ri 580 nuair a thàinig An Naomh Machair.

Chan eil mòran fiosrachaidh againn air dè a thachair tro na bliadhnaichean an dèidh sin gus an leugh sinn sgrìobhainn a chaidh a sgrìobhadh ann an 1131.

Tha seo ag ainmeachadh Easbaig Nechtan agus tha e coltach gun d' fhuair Eideard (an easbaig a thàinig an dèidh Nechtan) ùghdarras bhon Phàp airson manaich a chur na àrd-eaglais. Le sin tuigidh sinn gun robh togalach àrd-eaglais ann ann an 1157.

Anns na meadhan linntean bha Ard-eaglais na Machrach mar a h-uile àrd-eaglais eile anns an Roinn Eòrpa ann am meadhan sgìre easbaigich agus air a riaghladh le easbaig agus le pearsachan clèir a bha a' fuireach timcheall oirre.

Anns na làithean sin bha togalaichean na h-àird-eaglaise mar bhaile beag air a dhìon bhon chòrr den t-saoghal. Bha gach neach a bha ag obair an lùib na h-eaglaise a' fuireach mu timcheall, ach ged a bha iad air an dìon ann an dòigh bha clèirich na h-eaglaise ann an dlùth cheangal ri gnothaichean ann an Alba agus cuideachd anns an Roinn Eòrpa. Bha leabharlann mòr aig an eaglais agus tha cunntas againn bho 1465 gun robh raon farsaing de leabhraichean ann an seo. Aig an àm seo cha robh oilthigh ann an Obar Dheathain agus b' i an àrd-eaglais cridhe an fhoghlaim anns a' cheàrnaidh sin.

Anns na meadhan linntean b' e an easbaig fear de chomhairlichean an rìgh. Bha e mar theannsalair na rìoghachd agus cuideachd na bhritheamh rìoghail. Mar sin bha a' chuid mhòr de ùine air a chaitheamh ann an Dùn Eideann no anns an àite far am biodh a' phàrlamaid a' coinneachadh. Air sgàth sin bha clèirich aige suidhichte airson cùisean na h-eaglaise a ruith dha. B' e an deadhan ceann na buidhne a bha a' riaghladh rianachd na h-àird-eaglaise. Bha e mar iar-easbaig a' riaghladh sheirbheisean na h-eaglaise nuair bhiodh an easbaig air falbh. Bha an uair sin an neach togail-fuinn ann. B' ann an urra ris-san a bha an ùrnaigh choitcheann, an ceòl a bha an cois nan seirbheisean agus cuideachd luchd a' chòisir. Bha an treas oifigear, an seannsalair a' coimhead an dèidh litrichean agus gnothaichean mar sin. B' ann aigesan cuideachd a bha na seulaichean oifigeach agus cùram an leabharlainn agus foghlam nan òigearan a bh' anns an àrd-sgoil co-cheangailte ris an eaglais. Bha an ceathramh oifigear, an rùnaire, a' coimhead an dèidh nan solas - soilleireachadh na h-eaglaise, trusganan nan clèireach, ola, fìon agus àirneis na h-eaglaise agus cha b' ann idir mar a shaoileadh neach a' coimhead an dèidh an airgid.

Bha lagh na h-eaglaise anns an là tha sin a' toirt barrachd buaidh air beatha nàdarrach na tha i an-diugh agus mar sin bha britheamh sònraichte aig an easbaig. Bha am britheamh seo a' cumail chùirtean anns an àrd-eaglais air làithean na seachdaine - cùirtean a bha a' dèiligeadh ri buairidhean am measg nan clèireach. Còmhla ri na tha sin de oifigich nuair a chunntas sinn oifigear-smachdaidh an easbaig, na ministearan, na bhiocaran, gillean na còisir, searbhantan is eile chì sinn nach b' e a-mhàin gun robh an àrd-eaglais seo anns na meadhan linntean na h-ionad diadhachd ach gun robh gnìomhachd gu leòr de gach seòrsa a' gabhail àite innte.

Chì sinn bho phlanaichean a tha maireann fhathast far an robh na togalaichean a bh' aig na h-oifigearan agus tha ainmean mar 'The Chancery' agus 'Chaplain's Court' anns a' cheàrnaidh sin fhathast mar chuimhneachain air na h-àiteachan sin. 'S iongantach mur iad seo cuid de na togalaichean as aosta a th' ann an Obar Dheathain.

Anns an 14mh linn chaidh tòiseachadh air togalach ùr agus thug e dà cheud bliadhna ga thogail - gach easbaig ag òrdachadh tuilleadh sgeadachaidh.

Ro 1560 b' e àrd-eaglais Chaitligeach a bh' innte. Anns na bliadhnaichean eadar 1560-1690 bha an eaglais ag atharrachadh a thaobh creideimh eadar a bhith fo riaghladh clèireach gu riaghladh easbaigeach. Ann an 1690 thàinig i gu bhith clèireach.

Ailtireachd:
Bha Ard-eaglais na Machrach air a meas mar eaglais sònraichte le a dà stìopall agus a corp-eaglais àlainn suaicheantach. Tha i air leth a thaobh ailtireachd ach a' foillseachadh stoidhle nam meadhan linntean.

B' ann anns an 15mh linn a thogadh cuid de na togalaichean agus 's dòcha nach robh iad coileanta aig àm an Ath-leasachaidh.

Bha an eaglais a bh' air an làraich seo ann an 1152 coisrigte don Naomh Muire agus an Naomh Machair. Bha stoidhle na h-eaglaise seo coltach ri Abaid Dhùn Phàrlain. Tha cunntas againn gun deach eaglais ùr no pìos ùr a thogail uaireigin aig toiseach na 14mh linne agus tha cuid de na togalaichean a th' ann an-diugh a' dol air ais gu mu 1440.

B' e Gavin Dunbar fear de easbaigean mòra Ard-eaglais na Machrach anns an 16mh linn agus b' e esan a chuir an dà stìoball air an eaglais air an taobh an iar. Bha stìoball ann am meadhan na h-eaglaise mu thràth mar a bha cumanta ann an àrd-eaglaisean. B' e Dunbar cuideachd a chuir am mullach oirre ann an 1520.

Bha ùidh mhòr aig Dunbar ann an suaicheantachd agus chì sinn sgiathan an Rìgh Seumas V agus an easbaig anns an eaglais. Tha doras mòr cruinn an seo cuideachd coltach ri doras Abaid Eilean Idhe agus tha poirds mòr air an taobh a deas, rud nach robh idir cumanta ann an eaglaisean na h-Alba.

Tha uaighean cuid de na h-easbaigean air taobh a-staigh a' bhalla dìon - uaigh Gavin Dunbar - Caitligeach - agus uaigh Pàdraig Forbes - Easbaigeach.

Anns na meadhan linntean bha comharradh pearsanta aig gach clachair airson sealltainn na h-obrach aige fhèin. Tha gu leòr de na comharraidhean sin rim faicinn an seo fhathast.

Air taobh a-staigh na h-eaglaise tha iomadh nì iongantach ri fhaicinn. Tha uinneag Naoimh Machair ag innse mar a chaidh a' chiad eaglais a stèidheachadh anns an 6mh linn. Tha uinneag nan easbaig mar chuimhneachan air triùir a bha nan easbaigean 'togail' - Alasdair Kinnimond II, Eanraig Lichtoun agus Uilleam Elphinstone. Tha an uinneag a' sealltainn mar a bha an eaglais tron 14mh, 15mh agus an 16mh linn.

Gnìomhan:
1. Cò a thog a' chiad eaglais air an làraich seo?
2. Dèan liosta de luchd-obrach na h-eaglaise anns na meadhan linntean agus innis dè an obair sònraichte a bh' aig gach aon dhiubh.
3. Smaoinich air daoine eile nach eil air an ainmeachadh idir ach a dh'fhaodadh a bhith ag obair anns an ionad seo.

Iomradh:
Dìreach mar a tha Colum Cille co-cheangailte ri Abaid Eilean Idhe tha An Naomh Machair co-cheangailte ri Ard-eaglais na Machrach.

A rèir beul-aithris b' e deisciobal agus deagh charaid do Cholum Cille a bh' ann ach b' e duine toinisgeil, foghlaimte a bh' ann cuideachd agus bha na manaich eile ag eudach ris. Bha Colum Cille mothachail air seo agus chuir e air falbh gu tìr-mòr e. Thuirt e ris gabhail roimhe chun an ear gus an ruigeadh e abhainn a bha ann an cumadh cromag easbaig aig beul na mara.

Nuair a ràinig An Naomh Machair Abhainn Don faisg air Obar Dheathain thuig e gum b' e seo an dearbh àite agus dh'fhuirich e an seo agus sin mar a chaidh eaglais a stèidheachadh ann.

An Eaglais an-diugh:
Tha an àrd-eaglais an-diugh a' leantainn ri creideamh Eaglais na h-Alba agus tha seirbhisean innte dà uair gach Sàbaid - aig aon uair deug sa mhadainn agus aig sia feasgar.

Tha Sàcramaid a' Chomanachaidh air a riaghladh air Latha na Nollaige, Latha na Càisge, aig A' Chaingis, air an t-Sàbaid mu dheireadh gach mìos agus aig amannan sònraichte eile.

A thuilleadh air frithealadh seirbheisean na h-eaglaise bidh luchd-turais a' tadhal air an togalach fhèin airson na h-eachdraidh a tha cho follaiseach innte. Ach chan e mhàin eaglais eachdraidheil a tha an seo ach eaglais bheò le seirbheisean beò.

Mullach na duilleige