Eaglais nam Manach Liath

Eachdraidh:
B' e Eaglais nam Manach Liath a' chiad eaglais a chaidh a thogail ann an Dùn Eideann an dèidh an Ath-leasachaidh. Tha i air a h-ainmeachadh an dèidh manachainn a bha aig a' Grassmarket ann an Dùn Eideann bho àm Rìgh Seumas I gu 1588. Chaidh an talamh air an robh a' mhanachainn a chleachdadh airson àite-adhlaic ann an 1562 agus cha b' urrainn do eaglais Naomh Giles a' chùis a dhèanamh leis mar a bha sluagh a' bhaile a' leudachadh, agus mar sin chaidh òrdachadh gun deigheadh eaglais eile a thogail.

Ged nach deach a togail air an dearbh làraich air an robh a' mhanachainn chaidh clachan às na togalaichean sin a chleachdadh. Thugar bliadhnaichean mòra ga togail. Tha clach leis an deit 1614 agus le suaicheantas a' bhaile àrd air ceann an ear na h-eaglaise ach cha deach an eaglais fhosgladh airson adhradh gu latha na Nollaige 1620.

Tha eachdraidh Eaglais nam Manach co-cheangailte ri eachdraidh bhuaireatach na h-Eaglaise anns an rìoghachd aig an àm. Ann an 1630 b' ann anns an eaglais seo a chaidh an Cùmhnant Nàiseanta a shoidhnigeadh an toiseach mus deach copaidhean dheth a chur gu eaglaisean eile.

Ann an 1690 nuair a chaidh Clèireachd a stèidheachadh mar dhòigh-adhraidh ann an Alba b' e prìomh chomhairliche na dùthcha Uilleam Carstares, a bha na mhinistear ann an Eaglais nam Manach agus na Phrionnsabal air Oilthigh Dhùn Eidinn ann an 1703. Mar sin thòisich ceangal a bha gu leantainn eadar an eaglais agus an oilthigh.

A thuilleadh air ceangal ris an oilthigh tha ceangal cuideachd air a bhith aig an eaglais ris a' choimhearsneachd agus ri na seann ospadail - George Heriots, The Merchant Maidens agus George Watsons. Nuair a thàinig na h-aonadan sin gu bhith nan sgoiltean lean an ceangal. Tha Heriots fhathast a' cumail seirbheis crìochnachaidh na bliadhna anns an eaglais.

Bha an eaglais air a cleachdadh le saighdearan Chromwell mar bharracs bho 1650 gu 1653 agus rinn iad milleadh mòr. B' fheudar beagan sgeadachaidh a dhèanamh an dèidh sin. Ann an 1684 bha planaichean air chois airson stìopall a chur rithe. Cha tàinig seo gu bith oir ann an 1718 spreagh fùdar-gunna anns an tùr agus mhilleadh ceann an iar na h-eaglaise. Chaidh aontachadh gun deigheadh togalach ùr a thogail an àite a' phìos seo. B' e prothaid à càin air lionn a phàigh airson an togalaich seo! Bha seo deiseil ann an 1722. Mar sin bha dà eaglais fon aon cheann mar gum biodh.

Mu 120 bliadhna an dèidh sin chaidh an t-seann eaglais a mhilleadh le teine agus chaidh milleadh a dhèanamh air mullach agus air àirneis na h-eaglaise ùire cuideachd. Thachair seo cho goirid an dèidh Briseadh nan Eaglaisean agus gun robh cuid den bheachd gum b' e breitheanas a bh' ann agus gum bu chòir dhan eaglais a bhith air a fàgail na làraich.

Chaidh tòiseachadh air leasachadh na h-eaglaise ùire ach bha duilgheadasan an lùib leasachadh na seann eaglaise. Co-dhiù lean iad air adhart agus nuair bha i deiseil bha uinneagan dathte innte. Dh'fhosgail i a-rithist ann an 1857. Lean an dà eaglais a' dol mar sin gu 1932. Ann an 1938 an dèidh 220 bliadhna chaidh am balla eadar an dà thogalach a thoirt air falbh agus bha i na h-aon eaglais a-rithist.

Thàinig coitheanal eile, à Eaglais Lady Yester nan ceann cuideachd agus ann an 1941 coitheanal à Eaglais New North. Ann an 1979 thàinig an aonadh ri Eaglais an Tolbooth, agus sin mar a thàinig an dà eaglais a th' againn an-diugh gu bith - Greyfriars Tolbooth agus Highland Kirk.

Ailtireachd:
'S e stoidhle Gothic a th' air an eaglais. Tha i bhon taobh a-muigh gu math sìmplidh gun thùr no sgeadachadh sam bith a chomharraicheadh i mar eaglais mhòr ainmeil, ach tha an taobh a-staigh eireachdail, bhon àirneis gu na h-uinneagan brèagha dathte. Tha i air a roinn na h-earrannan airson suidheachain agus le corp-eaglais brèagha cruinn. O thùs bha i sìmplidh cuideachd gun sgeadachadh sam bith ach beagan air a cheann an ear. Na broinn cha robh uinneagan dathte no altairean ged a bha cuilbh innte a' dol suas chun a' mhullaich. Bha àirneis gann cuideachd ach bha "stòl an aithreachais" innte.

Airson seirbheisean comanachaidh dheigheadh bùird agus beingean a thoirt a-steach. Chithear fhathast anns an eaglais còmhdach bùird brèagha a chaidh a dhèanamh gu sònraichte airson Bòrd an Tighearna. Bidh seo air a chleachdadh nuair a bhios an t-sàcramaid air a frithealadh do Ghaidheil nam Manach Liath agus do chomhairlichean na h-Aird Sheanaidh.

Gnìomhan:
1. Ciamar a fhuair an eaglais seo a h-ainm?
2. Dè an ceangal a th' aig an eaglais seo ris a' Chùmhnant Nàiseanta?
3. Dè an dòigh annasach anns an deach pàigheadh airson an leasachadh a chaidh a chur ris an eaglais anns an 18mh linn?
4. Saoil dè a bh' ann an 'stòl an aithreachais'?

Iomradh:
Cha bhiodh cunntas mu Eaglais nam Manach Liath coileanta gun iomradh a thoirt air 'Greyfriars Bobby'. B' ann le fear, Iain Gray, a bha an cuilean beag seo. Bhàsaich Iain Gray ann an 1858 agus chaidh a thiodhlacadh anns a' chladh ri taobh na h-eaglaise. Gach là bhon uair sin gus an do bhàsaich e fhèin ann an 1872 bha an cù dìleas seo na shuidhe air uaigh a mhaighstir. Nuair a thuig muinntir a' bhaile nach gabhadh e a bhith air fhuadach bhiodh iad a' toirt biadh thuige. Nuair a bhàsaich e fhèin chaidh a thiodhlacadh faisg air a mhaighstir, le flùraichean air uaigh. Chaidh eadhon sùil-uisge a thogail mar chuimhneachan air le carragh-cuimhne de Bhobaidh. Tha seo ri fhaicinn fhathast mu choinneamh geatachan na h-eaglaise.

An Eaglais an-diugh:
Nuair a thàinig Greyfriars Tolbooth agus Highland Kirk gu bith chaidh aontachadh gum biodh seirbheisean Gàidhlig mar phàirt den dòigh-adhraidh. 'S e Eaglais nam Manach Liath an aon eaglais ann an taobh deas de Alba anns a bheil seirbheisean air an cumail anns an dòigh Ghaidhealach. Tha seirbheisean Beurla àbhaisteach a' gabhail àite cuideachd. Tha an eaglais fosgailte do luchd-turais agus tha ionad-tadhail ga ullachadh.

Tha copaidh den Chùmhnant Nàiseanta ann agus iomadh cuimhneachan bho àm nan Cùmhnantach. Tha cunntas air eachdraidh na h-eaglaise ann le planaichean de na chaidh a leasachaidhean a dhèanamh tro na bliadhnaichean. Tha bùth bheag ann cuideachd mar as àbhaist a bhith ann an àitichean den t-seòrsa sin.

Tha an eaglais cuideachd a' feuchainn ri leantainn oirre leis an obair air an do thòisich na manaich o chionn fhada - a' cuideachadh bochdan na coimhearsnachd.

Mullach na duilleige