|
Eachdraidh: Ann an 1467 fhuair an eaglais inbhe colaisteach. Bha seo a' ciallachadh nach biodh i fo ùghdarras Easbaig Chill Rìmhinn ach fo ùghdarras a' Phàp. Chaidh an tùr agus an crùn a chrìochnachadh ann an 1495. Tha iad seo maireann fhathast agus chaidh càradh a dhèanamh orra ann an 1980. Tha an tùr seo air a bhith air a chleachdadh ann an caochladh dhòighean tro na linntean - mar thuraid-faire, phrìosan, ghearasdan le trì gunnachan mòra umha agus an dèidh an Ath-leasachaidh mar àite-obrach aig breabadairean. Tha coileach-gaoithe òr air an tùr a chaidh a chur air aig àm Iain Knox. Bho 1560 aig àm an Ath-leasachaidh chaidh altairean agus an luchd-frithealaidh agus sgeadachadh de iomadh seòrsa a chur a-mach às an eaglais seo mar à eaglaisean eile air feadh Alba. B' e Iain Knox a' chiad mhinistear Pròstanach a bh' anns an eaglais. Airson ceud bliadhna bha buaidh aig na buairidhean eaglaiseil air an aonad seo. Nach ann anns an eaglais seo a shad Jenny Geddes an stòl air an t-searmonaiche. Bha an Rìgh Teàrlach I airson Easbaigeachd a chur an àite Clèireachd agus ghairm e Dùn Eideann na Sgìre Easbaigeach agus an eaglais na h-àrd-eaglais ach an dèidh a' Chùmhaint Nàiseanta thàinig Clèireachd air ais. Ann an 1660 thill Easbaigeachd agus lean seo gu 1690. On uair sin tha Ard-eaglais an Naomh Giles air a bhith na h-eaglais Clèireach. An dèidh an Ath-leasachaidh bha tachartasan caran neònach a' gabhail àite ann an togalaichean na h-eaglaise. Bha a' Bhànrigh Màiri Stiùbhairt ga cleachdadh airson coinneamhan pàrlamaid, bha oifisean a' bhaile agus cùirtean-lagha innte. Bha pàirt eile dhi mar àite-dìon far an robh prìosanaich - Na Cùmhnantaich - air an cumail agus bha stèisean nam polas innte. Bha an eaglais ann am fìor dhroch staid aig toiseach na 19mh linne agus chaidh leasachaidhean mòra a dhèanamh aig an àm sin. Bha beachdan dhaoine air sgeadachadh air atharrachadh a-nise agus a thuilleadh air leasachadh nan togalaichean fhèin chaidh ìomhaighean snaidhte a chur innte. Tha na h-ìomhaighean seo rim faicinn fhathast - rìghrean, bànrighrean, luchd-clèir agus cuideachd an Naomh Giles fhèin leis an fhiadh agus an t-saighead. Tha na h-uinneagan de ghlainne-dhathte a th' innte an-diugh a' dol air ais chun na h-ama sin cuideachd. Thòisichear aig an àm sin cuideachd, a' cleachdadh ceòl òrgain agus ceòl chòisir. Ailtireachd: Feumar cuimhneachadh gun robh an eaglais ann an droch staid nuair a chaidh tòiseachadh air na leasachaidhean agus gur h-iongantach mur an robh a' chuid mhòr den sgeadachadh a bh' innte air chall co-dhiù. A dh'aindeoin nan gearanan sin is math as fhiach tadhal air an eaglais seo far am faicear rumannan is caibeil dìreach mar a bha iad anns na meadhan linntean agus far a bheil eachdraidh na dùthcha air fad air a thaisbeanadh mar nach eil ann an àite sam bith eile. Chan eil càil aig nach eil a sgeulachd fhèin ri innse. Gnìomhan: Iomradh: Tha an sgeulachd seo air a toirt gu aire luchd-tadhail ann an snaidheadaireachd, air uinneagan, air lampa agus air mullach a' chaibeil Thistle. Chaidh an togalach a choisrigeadh don Naomh Giles le Easbaig Chill Rìmhinn ann an 1243. Ann an 1454 tha cunntas againn air tiodhlac shònraichte a thug Sir Uilleam Preston don eaglais - cnàmh à gàirdean an Naoimh Giles. An Eaglais
an-diugh: Tha togalach mar seo an-còmhnaidh a' cur feum air taic airgid airson nan leasachaidhean a tha dol air adhart. Airson cuideachadh le seo tha bucais tionail air an cur a-mach, ach tha an eaglais air a cleachdadh mar àite-adhraidh cuideachd. Tha seirbheisean innte a h-uile Sàbaid agus Sàcramaid a' Chomanachaidh air a chuairteachadh agus tha sin ann cuideachd tron t-seachdain aig amannan sònraichte. A thuilleadh air an sin tha seirbheis ghoirid innte bho Dhiluain gu Disathairne aig meadhan-latha. |