GRD > Facal air an Fhacal > Rannan-teangaidh
Beul-aithris - Eòin


Rannan-teangaidh
Measgachadh de rannan-teangaidh air an cruinneachadh le Iain MacIlleathain, Càrlabhagh, Leòdhas. Chaidh pàirt den fhiosrachadh seo a thional airson 'Facal Oirbh' - prògram a bh' air a chraobh-sgaoileadh le BBC Radio nan Gaidheal. Bha 'Facal Oirbh' air a chlàradh le Flòraidh NicIlleathain agus Iain MacIlleathain agus air a riochdachadh le Annella NicLeòid.

A B soup, maragan a' mhuilt, cailleach à Dùn Èideann is brèid air a bus: dh'fhaodadh gum faigheadh duine am freagairt seo nan deigheadh e a-steach do thaigh agus gum faighnicheadh e dè a bh' anns a' phoit a bh' air an stòbha. (Barraigh)

Abair ibear abair gun do chab a dhùnadh! (Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas)

Bàth m' àtha-sa, bhàthainn-s' i, nam b' e d' àtha-s' i: b' e àth (kiln) an seòrsa togalach a bh' aca airson tìreadh a' ghràin. Bha bàthadh a' cur às an teine san àth. (Barraigh)

Bàth m' àtha-sa, bhàthainn-s' i, nam b' e d' àtha-s' i: tha a' chiad phàirt den seo mu dheidhinn teine anns an àth agus ag iarraidh a chur às le bùrn. Tha an dara pàirt a' ciallachadh, 'Bhàthainn-s' i nam b' e d' àtha-s' a i', i.e. 'nam b' ann leatsa a bhiodh i.' (An Rubha, Leòdhas)

Cat bruic breac donn, cat cam camarblach, a h-aon deug de chait bhruice bhreaca dhonna, cait chama chamarblach. (Na Hearadh)

Cat dubh breac donn, cat crom cam earballach, trì chaiteabh dheug de chaiteabh dhubha, breacabh dhonna, caiteabh chroma cham earballach. (Barraigh)

Cha robh laogh ruadh riamh luath, 's cha robh laogh luath riamh reamhar. (Barraigh & Muile)

Cha robh reithe leathann liath a-riamh reamhar: feuch ri seo a ràdh luath! (Bràgar, Leòdhas)

Cù dubh stubach, cù dubh gun earball: ma dh'fheuchas duine ris an seo a ràdh trì tursan luath an dèidh a chèile gheibh e a-mach cho duilich agus a tha e! (Malacleit, Uibhist a Tuath)

Dh'ith laogh òg ugh amh: bhiodh muinntir na Rainich a' toirt air daoine nach robh ro fhileanta sa Ghàidhlig seo a ràdh airson spòrs bho chionn còrr is ceud bliadhna air ais. (Raineach)

Donnchadh Mòr 's an cù, 's an cat, 's a bhrù air at cho mòr ri poit, 's a phìob làn tombaca 's e feadaireachd. (Muile)

Fàd bhog fhada bhog, fàd bhog mhònach.

Foghaid bhog fhada bhog, foghaid bhog mhònach. (Muile)

Iolaire air an iodhlainn, iolaire fhireann agus iolaire bhoireann. (Bràgar, Leòdhas)

Ite na circe brice fo chiste mo sheanmhar: can seo trì uairean gus am blas aige fhaighinn! (Drinisiadair, Na Hearadh)

Là dhomh 's mi falbh le mart, thòisich mi ri gabhail port, an uair a chuala am mart am port theab am mart mo mhurt: rann a rinneadh do Leòdhasach a bha ag ràdh Tairbeart gun am fuaim 's' a' nochdadh eadar an 'r' agus an 't' idir! (Steòrnabhagh, Leòdhas)

Mar chù ag òl eanaraich tha ainmean chloinn Illeathain, Eachann Lachainn, Eachann Lachainn, Eachann Lachainn, Teàrlach. (Na Hearadh)

Rolag is bloigh rolaig is rolag làn. (Solas, Uibhist a Tuath)

Rolag leth molaig agus rolag shlàn. (Na Hearadh)

Sama-laman, Sama-laman, taigh mòr hama-lamain: tha Sama-laman air taobh an iar Mhùideairt mu mhìle an iar air Gleann Uige. (Arasaig)

Siud an cliabh san do chleachd a' chearc bhreac a bhith breith. (Na Hearadh)

Tha itean na circe brice ann an ciste mo sheanmhar. (Na Hearadh)

Tha itean na circe brice ann an seotal ciste mo sheanmhar. (Scalpaigh na Hearadh)

Trì uairean gun a dhol iomrall timcheall ceann Loch Strollamaraig (Trolmaraig). (Scalpaigh na Hearadh)

Trì uairean gun a dhol iomrall timcheall earball meanbhchuileig. (Na Hearadh)

Trì uairean gun a dhol iomrall timcheall imleag meanbhchuileig. (Inbhir Pheofharain)

Uisge blàth bog tighinn à gob a' choire. (Muile)