|
Seanfhacail
Measgachadh de sheanfhacail air an cruinneachadh
le Iain MacIlleathain, Càrlabhagh, Leòdhas. Chaidh
pàirt den fhiosrachadh seo a thional airson 'Facal Oirbh'
- prògram a bh' air a chraobh-sgaoileadh le BBC Radio nan
Gaidheal. Bha 'Facal Oirbh' air a chlàradh le Flòraidh
NicIlleathain agus Iain MacIlleathain agus air a riochdachadh le
Annella NicLeòid.
A' bhò as caoile th' anns a' bhuaile, is
i as àirde a dh'èigheas: glè thric is e feadhainn
nach bu chòir as motha nì de fhuaim.
Aithnichear a' bhean ghnìomhach air doras
na cruaich-mhònaich: aithnichear dè an seòrsa
daoine a tha ann an taigh le coimhead mun cuairt air an taigh, a-muigh
no a-staigh.
Am fear bhios aig an aiseig gheibh e thairis uaireigin:
tha seo a' moladh foighidinn a bhith aig duine.
Am fear nach cuir ri là fuar cha bhuain
e ri là teth: tha còir aig duine strì a dhèanamh
aig an àm cheart.
An làmh a bheir, is i a gheibh: ma tha
duine còir, bidh daoine còir ris.
An rud a chuireadh Dòmhnall a shabaid,
chuireadh e Lachlann gu ceòl: chan e an aon rud a chòrdas
ris a h-uile duine.
An rud a chuireas e na cheann, cuiridh e na chasan:
canar seo mu dhuine a tha gu math righinn.
An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh
buadhach: an rud a dh'ionnsaicheadh duine na òige bhiodh
buaidh aig air, is bhiodh cuimhne aige air an uair a dh'fhàsadh
e na bu shine.
B' fheàrr gun tòiseachadh no sgur
gun chrìochnachadh: tha seo fìor ann an iomadh suidheachadh.
Bha mi uaireigin nam chù-beinne ged tha
mi an-diugh nam chù-baile: làithean na h-obrach a'
toirt àite do làithean na h-aois.
Bhon is tu a mharcaich an t-each, crùidh
e: ma tha thu a' cleachdadh rud le duine eile agus gum bris e, tha
e mar fhiachaibh ort a phàigheadh.
Bidh duine ag ionnsachadh fhad 's is beò
e.
Buail do chuilean agus is ann thugad a ruitheas
e: seo gnè a' choin.
Cha dèan talamh an gàrradh: feumaidh
gàrradh barrachd air an talamh mus bi e math.
Cha sheas am poca falamh ri balla: mur a faigh
neach a tha ag obair biadh gu leòr cha dèan e obair
cheart.
Chan aithnich thu duine gus an loisg thu cruach-mhònach
còmhla ris: a' ciallachadh gum feum thu a bhith a' fuireach
greis còmhla ri neach airson eòlas cheart fhaighinn
air.
Cùm rud seachd bliadhna agus gheibh thu
feum dha: tha daoine tric gu leòr a' tilgeil rudan a-mach
agus an uair sin a' faicinn feum dhaibh.
Faodar an t-òr fhèin a cheannach:
le strì, no obair, no airgead, faodar rud sam bith fhaighinn
ma dh'obraicheas duine cruaidh gu leòr air a shon.
Gheibh cearc an sgrìobaidh rudeigin: an
duine a nì a dhìcheall gheibh e air adhart.
Iallan fada à leathair chàich:
tha daoine dualtach a bhith fialaidh le cuid chàich.
Is ann às a' bheagan a thig am mòran:
faodar seo a chleachdadh mu dhiofar rudan - m.e. sìol ga
chur, clann a' fàs an àirde, gnìomhachas, airgead.
Is binn gach eun na dhoire fhèin: far
a bheil duine eòlach, tha dànadas aige. Tha seo coltach
ri, "Is dàn duine air a shitig fhèin".
Is binn guth an eòin far an guirear e:
tha duine toilichte far an do rugadh e.
Is fhada a bhios duine a' dol far nach miann
leis: bidh duine slaodach a' dèanamh rud nach eil e ag iarraidh
a dhèanamh.
Is fheàrr a bhith leisg gu ceannach na
righinn gu pàigheadh: faodaidh daoine iad fhèin a
chur ann am fiachan le bhith ro luath gu ceannach.
Is fheàrr aon oidhche sa Mhàirt
na trì là foghair: bhiodh tuathanaich agus croitearan
ag ràdh seo mu dheidhinn nithean a bhith a' fàs.
Is fheàrr fuine thana na bhith falamh buileach:
tha e nas fheàrr rud beag a bhith aig duine na bhith gun
chàil idir.
Is gorm na cnuic a tha fada uainn: tha daoine
buailteach a bhith a' smaoineachadh gu bheil an rud a tha fad às,
no nach eil aca fhèin, nas fheàrr na an rud a tha
aca.
Is math an còcaire an t-acras: tha brìgh
seo follaiseach bho na facail.
Is olc an còcaire nach imlich a chorrag:
mur ith an còcaire na rudan beaga a th' air am fàgail
chan e sanas ro mhath air an obair aige a th' ann.
Luath no mall a thig a' Mhàigh, thig a'
chuthag: ged a bhiodh an samhradh fada gun a thighinn thig a' chuthag
tro thìde.
Mar a thuiteas craobh is ann a laigheas i: faodar
seo a chleachdadh airson suidheachadh sam bith nach eil a' dol a
dh'atharrachadh.
Nach ann air a thàinig an dà là:
canar seo mu dhuine air an tàinig atharrachadh suidheachaidh
na bheatha.
Rathad cam chun a' chaisteil: chante seo airson
duine a bhiodh a' faighinn a-steach air daoine mòra airson
buannachd dha fhèin le dòighean cealgach.
Ruigidh each mall muileann ach cha ruig am fear
a bhriseas a chas: chan fhaigh duine a bhriseas a chas a dh'àite
sam bith gun strì gu leòr.
Trì gaothan cho fuar agus a th'
ann - gaoth bho thuath, gaoth tro tholl, agus gaoth fo bhonn siùil:
tha ciall seo follaiseach bho na facail.
|