GRD > Facal air an Fhacal > Tòimhseachain
Beul-aithris - Eòin


Tòimhseachain
Measgachadh de thòimhseachain air an cruinneachadh le Iain MacIlleathain, Càrlabhagh, Leòdhas. Chaidh pàirt den fhiosrachadh seo a thional airson 'Facal Oirbh' - prògram a bh' air a chraobh-sgaoileadh le BBC Radio nan Gaidheal. Bha 'Facal Oirbh' air a chlàradh le Flòraidh NicIlleathain agus Iain MacIlleathain agus air a riochdachadh le Annella NicLeòid.

Am biadh mòr a dh'ith mi uaireigin - ciad ugh eireig, cliabh sgadain, is a dh'annlan sin de aran 's de ìm 's de chàise. Freagairt: chan eil ciad ugh eireig mòr agus faodaidh 'cliabh sgadain' aon taobh sgadain a chiallachadh agus bha an t-aran is an t-ìm agus an càise a' dol leis. (Loch Baghasdail, Uibhist a Deas)

B' fhiodh an iuchair, b' uisge a' ghlas, bhàthadh na sealgairean, thàrr an sealgte às. Freagairt: na h-Isrealaich a' dol tron Mhuir Ruadh. (Am Bac, Leòdhas)

Bean an taigh a' gliogadaich, bean an taigh a' glagadaich, bean an taigh ag ithe biadh 's gun i riamh an eaglais. Freagairt: cuibhle-shnìomh.

Bean an taigh a' gliogain, bean an taigh a' glagain, bean an taighe dh'ith a' bhidhe 's nach do rinn i riamh an t-altachadh. Freagairt: beairt-fhighe. (Uibhist a Tuath)

Bean an taigh a' glugadaich, bean an taigh a' glagadaich, 's iomadh biadh a dh'ith i riamh 's cha do ghabh i riamh altachadh. Freagairt: prais lit no bobhla brochain. (Nis, Leòdhas)

Bean bheag a' tighinn don bhaile seo is gur math a nì i dranndan, currac don chù-chullain oirre is còta buidhe plangaid. Freagairt: seillean. Is e cù-chullain an stràbh buidhe a bhiodh aca uaireigin airson leapannan a dhèanamh.

Bha daoine cruinn anns an taigh seo oidhche agus iad a' caithris cuirp, ann am meadhan a' gheamhraidh agus bha droch oidhche ann cuideachd. Bha iad a' cur seachad na h-oidhche le sgeulachdan, tòimhseachain is seanfhacail. Bha an gille òg a bha seo ann agus cha b' urrainn dhasan sìon a chur a-staigh ris an t-seanchas. Cha robh sgeulachd no tòimhseachan no rud sam bith aige. Chuir iad a-mach e agus bha e na sheasamh aig ceann an taighe an uair a chunnaic e seo:
Chaidh triùir fhireannach òga seachad air agus camain aca agus greiseag às an dèidh chaidh triùir fhireannach seachad air agus gunnachan aca. An dèidh sin chaidh triùir fhireannach seachad, a' marcachd. Thàinig an uair sin pònaidh agus air a' phònaidh am boireannach òg brèagha a bha seo. Air a cùlaibh bha seann dhuine liath. Stad iadsan. Stad am boireannach a bhruidhinn ris. Dh'fhaighnich i dè bha e a' dèanamh a-muigh droch oidhche mar seo. Dh'innis e mar a bha iad san taigh agus nach robh sgeulachd no rud eile aige-san. Dh'fhaighnich i am faca e triùir a' dol seachad agus camain aca. "Chunnaic," ars esan. "Sin," ars ise triùir bhràithrean mo mhàthar. Am faca tu triùir a' dol seachad agus gunnachan aca?" "Chunnaic," ars esan. "Sin," ars ise, "triùir bhràithrean m' athar. Am faca tu triùir a' dol seachad a' marcachd?" "Chunnaic," ars esan. "Sin," ars ise, "mo thriùir mhac fhìn. Agus an seann duine liath a tha seo air mo chùlaibh, sin an athair air fad, agus tha e pòsta agamsa le lagh Dhè agus na h-eaglaise. Falbh a-nis a-staigh agus bidh a' mhadainn gheal ann mus cuir iad air dòigh an càirdeas a tha siud."
Freagairt: An seann duine a bh' air a cùlaibh phòs esan an toiseach banntrach aig an robh aon nighean. Dh'eug ise, agus phòs esan an uair sin banntrach eile aig an robh aon ghille. Phòs an gille agus an nighean a bha sin - cha robh iad càirdeach dha chèile idir. B' iadsan pàrantan na h-ìghne òige a bh' air an each, agus cha robh an nighean sin càirdeach dhan bhodach idir. Dh'eug an dàrna bean air, agus seo a-nis air an each an treas bean aige. Is e triùir leth-bhràithrean a màthar a bh' anns a' chiad feadhainn a chaidh seachad, agus is e triùir leth-bhràithrean a h-athar a bh' anns an dàrna feadhainn, agus bha an uair sin a triùir mhac fhèin nan dèidh. (Loch Baghasdail, Uibhist a Deas)

Bha dithis chloinne a' cluich agus chaidh am ministear seachad. Dh'fhaighnich am ministear do dhithis bhoireannach a bha timcheall co leis a bha a' chlann agus seo am freagairt a fhuair e: "Is clann dhuinn fhìn iad, is clann dhar cloinn iad, is clann dar fir-phòsta iad agus tha iad dligheach. Ach cò iad?" Freagairt: Bha an dithis bhoireannach seo pòsta agus bha dithis mhac aca, mac an duine; bhàsaich na fir aca agus phòs gach boireannach mac na tèile, agus bha clann aca - agus sin a' chlann a bha a' cluich.

Bha duine anns an t-saoghal seo uaireigin, fhuair e aois mhòr, fhuair e barrachd aois na fhuair athair, ach bhàsaich e ro athair an dèidh sin. Freagairt: Metùselah, a bhàsaich aig aois 969 bliadhna. Cha d' fhuair athair (Enoch) bàs a-riamh oir thug Dia leis e agus mar sin dh'fhaodar a ràdh gun d' fhuair Metùselah bàs ro athair. Faic Genesis 5 (Steòrnabhagh agus Nis, Leòdhas)

Bha mi a-raoir air tobhta mo sheanar, is chunnaic mi am marbh a' falbh leis a' bheò. Freagairt: duine a' dol seachad ann am bàta fiodh. (Inbhir Nis)

Caora bhiorach, bhiorach is a mionach a' slaodadh rithe. Freagairt: snàthad-mhòr le snàilean innte

Caora dhubh a thilgeas ceud rùsg sa bhliadhna. Freagairt: greideal, agus na bonnaich a bhiodh dèanta oirre.

Ceithir a' ruith, ceithir air chrith, dithis a' dèanamh an rathaid agus aonan ri èigheachd. Freagairt: bò - ceithir chasan, ceithir sinean, dà shùil is aon bheul.

Cha mhac athar no mac màthar dhomh e, cha mhac peathar no bràthar dhomh e ach b' e mo mhàthair bu mhàthair do mhàthair a' ghille. Freagairt: a mac fhèin. (Baile Ailein, Leòdhas)

Chaidh mi dha na h-Innseachan ach thàinig mi air ais a chionn is nach b' urrainn mi dol ann an sin. Dè th' annam? Freagairt: uaireadair. Chaidh an t-uaireadair a chur air falbh gus a chàradh ach cha ghabhadh e cur ceart agus mar sin thill e mar a dh'fhalbh e. (Uibhist a Tuath)

Chaidh mi dhan bheinn is fhuair mi e, shir mi e 's cha d' fhuair mi e, nam bithinn air fhaighinn bhithinn air fhàgail 's bho nach d' fhuair thug mi dhachaigh leam e. Freagairt: bior nad làimh. (Am Bac, Leòdhas)

Chaidh mi dhan bheinn is fhuair mi e, shir mi e 's cha d' fhuair mi e, nam bithinn air fhaighinn bhithinn air fhàgail 's bho nach d' fhuair thug mi dhachaigh leam e. Freagairt: dèideadh. (Port Nis, Leòdhas)

Chaidh mi dhan mhonadh is fhuair mi e, shuidh mi air toman is dh'iarr mi e, is chionns nach d' fhuair mi e thug mi dhachaigh leam e. Freagairt: bior nad làimh.

Chaidh mi don bheinn, is cha deach idir, dh'fhàs mo bhean tinn is cha do dh'fhàs idir. Freagairt: is e a bh' ann an 'Idir' ach ainm a' choin! (Bràgar, Leòdhas)

Chaidh mi oidhche a-mach an gleann is chunnaic mi rud a b' iongnadh leam, fichead sùil san aon cheann is deich beòil a' bruidhinn rium. Freagairt: nead isein ann an claigeann beathaich a bh' air bàsachadh. (Bràgar, Leòdhas)

Chaidh neach le each gu gobha agus thuirt e ris, "Thoir far an eich na cruidhean a th' air, crùidh e leis na cruidhean a th' air, ach na cuir air na cruidhean a th' air." Dh'fhalbh an gobha agus rinn e sin mar a dh'iarrar air. Ciamar a rinn e e? Freagairt: thug e dheth na cruidhean a bh' air an each; rinn e òrd leis na cruidhean sin; rinn e an uair sin cruidhean eile dhan each agus chrùidh e e leis an òrd - is e sin na cruidhean a bh' air. (Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas)

Chan e d' ìnean 's chan e d' fhalt, 's chan e ball de d' chorp ach tha e ort 's tomhais e. Freagairt: d' ainm. (Steòrnabhagh, Leòdhas)

Chan eil e a-muigh, 's chan eil e a-staigh, 's chan eil an taigh às aonais. Freagairt: an ùir a tha anns a' bhalla ann an taigh-dubh. (Uig Leòdhais)

Chì duine e a h-uile là, chì an rìgh e corra là 's chan fhaca Dia e 's chan fhaic gu bràth. Freagairt: mac samhail dha fhèin.

Chì mi, chì mi, fada bhuam, iomadh mìle thar a' chuain, luchd gun fhuil, gun fheòil, gun anam leumadaich air talamh cruaidh. Freagairt: is e clach-mheallain air a bheil seo a' bruidhinn.

Chì mi thall air fàire o bhàrr na lice ruaidhe am mac a' tighinn o mhàthair 's a mhàthair teicheadh uaithe. Freagairt: sgaradh là agus oidhche.

Chì thusa tric e, chan fhaic an rìgh ach ainneamh e 's chan fhaic Dia idir e. Freagairt: a shamhail fhèin. (Nis, Leòdhas)

Chunnaic bodach gun shùilean craobh agus ùbhlan oirre. Cha tug e ùbhlan dhith 's cha do dh'fhàg e ùbhlan oirre. Freagairt: Bha aon sùil as a' bhodach agus dà ùbhal air a' chraoibh. Thug e aon tè dhith 's cha do dh'fhàg e ach aon ubhal oirre.

Chunnaic mi an t-iongnadh an-dè, iongnadh leamsa agus cha b' iongnadh e, fear mòr a' tighinn le ceò, is beò gun anail na chridhe. Freagairt: teine. (Barraigh)

Cò bu luaithe a rugadh, Adhamh no MacNèill Bharraigh? Freagairt: MacNèill Bharraigh, oir cha do rugadh Adhamh riamh.

Craobh chaol chaorain aig taobh taigh an tuathanaich is chan eil air an t-saoghal a dh'fhaodas a buain às. Freagairt: gath na grèine.

Cù dubh a-mach an doras is cas aige na bheul. Freagairt: bròg.

Cuiridh an duine uasal na phòcaid e, is tilgidh an ceàrd chun rathaid e. Freagairt: smugailt, no rud a thigeadh à sròn duine! (Nis, Leòdhas)

Cùm fliuch mi is mairidh mi gu bràth, cùm tioram mi is mairidh mi gu bràth, cùm fliuch agus tioram mi is cha mhair mi ach leth mo là. Freagairt: is e bòrd daraich a tha an seo. Is e darach agus làrag dem biodh na h-eathraichean air an dèanamh. Mar bu trice is e darach a bhiodh ann an druim an eathar agus anns na h-asnaichean aice. Is e làrag a bhiodh anns na bùird a bhiodh a' ruith fad na h-eathar. Mar sin bhiodh druim na h-eathar an-còmhnaidh anns a' bhùrn agus fliuch agus bhiodh na h-asnaichean an-còmhnaidh tioram. (Na Hearadh & Càrlabhagh, Leòdhas)

Cupan iadh rù-rà, thug m' athair bho Ros, thèid e air a bheul fodha agus cha tig drùdh às. Freagairt: ùth na bà.

Cuspair iomraideach anns a' Bhìoball nach do dh'fhoillsicheadh a h-ainm a-riamh, agus a fhuair bàs glè eadar-dhealaichte ris gach neach eile, ach chan fhaca a feòil truaillidheachd. Cò i? Freagairt: Bean Lot, is gheibhear an eachdraidh seo anns a' Bhìoball ann an Genesis 19. (Uibhist a Tuath)

Dà-fhear-dheug san aon leabaidh is gun aon air an iomall. Freagairt: na clàir a bhiodh a' dol ann am baraille. Seo na pìosan fiodha a bhiodh a' dèanamh a' bharaille, agus seach gu bheil iad ri dol timcheall chan eil gin aca air an iomall - mar Taigh Iain Ghròit!

Dè a' bhròg nach deach a-riamh mu chois duine? Freagairt: bròg na cuthaige - an sìthean. (Barraigh)

Dè an rud a thèid a thogail bhuat mus fhaigh thu e? Freagairt: do dhealbh.

Dè chì an dall cho math ri duine eile? Freagairt: bruadar. (Na Lochan, Leòdhas)

Dè thèid suas an similear sìos ach cha tig e a-nuas an similear suas? Freagairt: sgàilean no 'umbrella'. (An t-Eilean Sgiathanach)

Dè thionndaidheas gun ghluasad? Freagairt: bainne no rathad mòr.

Dearg fodha, dubh na meadhan agus geal os a cionn. Freagairt: an teine, a' ghreideal agus an t-aran.

Dh'amharc mi a-mach air uinneag mo sheanar, is chunnaic mi marbh a' tarraing a' bheò. Freagairt: duine a' dol seachad ann am bàta fiodh. (An t-Eilean Sgiathanach)

Dh'ith e ciad ugh eireig, cliabh sgadain, agus ochd geòidh, agus cha bu chù e an uair a sguir e. Freagairt: cha bhiodh ciad ugh eireig' glè mhòr; is e broilleach sgadain a th' ann an 'cliabh sgadain'; agus is e broilleach geòidh a bhiodh anns an 'ochd' cuideachd. (Rànais, Leòdhas)

Dithis a rugadh is nach do bhàsaich, dithis a bhàsaich nach do rugadh, agus dithis a labhair is nach tuirt breug. Freagairtean: a) Enoch agus Eliah, b) Adhamh agus Eubha, c) Criosd agus asal Bhalaam - uile às a' Bhìoball. (Steòrnabhagh, Leòdhas)

Drochaid air loch gun mhaide gun chloich. Freagairt: deigh.

Duine a bha uaireigin anns an t-saoghal seo, rugadh e ro athair is ro mhàthair, is bhàsaich e romhpa. Freagairt: Abel, mac Adhamh, agus tha an eachdraidh aca sa Bhìoball.

Duine beag dubh 's a bhus na theine. Freagairt: fàd mònaich/crùisgean/èibhleag.

Each dubh is each donn bonn ri boinn, cha bheir an dubh air an donn 's cha bheir an donn air an dubh. Freagairt: tuinn na mara.

Fear beag biorach, biorach is e gu sionnach, sionnach is e gu liath, liath is e gu luath, luath is gocan beag às a dhèidh is e ag èigheachd, "Garabhaobh, Garabhaobh". Freagairt: spàl na beairt-fhighe.

Fitheach air tom, dà fhitheach air tom, fitheach a' coimhead fithich, cia mheud fitheach a bh' ann? Freagairt: dà fhitheach, oir tha e a' faicinn fhaileis.

Fliuchaidh a' ghrian e agus tiormachaidh an t-uisge e. Freagairt: ìm.

Ionabal agus Anabal bean 'ic Mhurchaidh Alasdair mo sheanmhair fhìn is do sheanmhair fhèin, cia mheud cluais a bh' air an t-sluagh chailleach? Freagairt: aon bhoireannach a bh' ann agus dà chluais oirre. NB: Feumar seo a ràdh luath gus nach tèid an luchd-èisteachd nam faireachadh. (Liùrbost, Leòdhas)

Ionabal, Anabal, bean mhic Mhurchaidh 'ic Alasdair, mo sheanmhair fhìn, do sheanmhair fhèin, màthair m' athar, bean do sheanmhar, tomhais cia mheud cluais a bh' oirre. Freagairt: dhà, oir is e an aon bhoireannach a bh' ann. (Na Lochan, Leòdhas)

Is àirde e na taigh an rìgh, is mìne e na an sìoda. Freagairt: ceò.

Is gile e na bainne agus chan e bainne e; is uaine e na feur agus chan e feur a th' ann; is deirge e na fuil is chan e fuil a th' ann; is duibhe e na sùich agus chan e sùich a th' ann. Freagairt: smeuran.

Is mi mi fhìn, is mi gach duine, ach sgrìob mo dhruim is cha mhi duine idir. Freagairt: sgàthan.

Is odhar do pheirceall, is tana do ghruaidh, is cruaidh craiceann do dhà làimh, do shùilean am meadhan do chlèibh, is d' fheòil am meadhan do chnàimh. Freagairt: crùbag. (Loch Baghasdail, Uibhist a Deas)

Is reamhra e na ròn, tòin eadar dà thaigh: Freagairt: chante seo airson cuideigin a bhiodh a' falbh bho thaigh gu taigh, ag ithe. (Scalpaigh na Hearadh)

"M' eudal 's a chas a shiubhal cho fad', 's tu mo mhac, 's tu m' fhear 's tu mo bhràthair. 'S tu ogha Rìgh na Suain, 's tu mac Rìgh na Suain agus 's e nighean Rìgh na Suain do mhàthair."
Freagairt: Ma thòisicheas sinn aig an Rìgh a rèir ar sgeulachd bha nighean bheag aige fhèin agus aig a' Bhànrigh. Thug iad seachad i mar uchd-mhacachadh nuair a bha i na pàiste - sin 'adopted'. Cha robh chòrr a' ghuth air a' bhana-phrìonnsa bheag bhochd, ach chaidh na bliadhnaichean seachad, bhàsaich a' bhànrigh agus an ceann greis 's ann a smaoinich an Rìgh gum pòsadh e rithist nan tigeadh e tarsainn air an tè cheart. Choinnich e ris a' chaileig àlainn a bha seo, thuit iad ann an gaol ged a bha esan tòrr na bu shine na bha ise. Phòs iad agus cha tàinig e riamh a-steach nan inntinn gur e an Rìgh athair na h-ìghinn. Rugadh mac dhaibh agus tro adhbhar air choreigin dh'fhalbh e bhon dachaigh 's e fhathast na bhalachan glè òg. Beagan bhliadhnaichean an dèidh bàs an Rìgh 's ann a choinnich a' chàraid a bha seo agus gun bheachd sam bith gu robh iad càirdeach dha chèile 's ann a phòs iad. Cò bha seo ach nighean Rìgh na Suain agus a mac fhèin. 'S ann uair agus esan le tinneas agus i nighe a chasan thug i tòigh do làrach-bhreith a bh' air a chois. Dh'aithnich i aig an àm sin gu robh i pòst' aig mac dhith fhèin agus aig a bràthair cuideachd.

Mo ghaol a' chas a shiùbhlas fad às, is tu m' fhear-pòsta, is tu mo mhac, is tu mo bhràthair. Is tu mac Mhic Aoidh is tu ogha Mhic Aoidh agus is i nighean Mhic Aoidh do mhàthair.
Freagairt: fhuair nighean òg leanabh le a h-athair. Chaidh an leanabh a thogail le teaghlach eile agus cha robh lorg aice-se a-riamh air. An dèidh ùine thachair iad ri chèile. Cha robh fhios aig an dara duine air càil mun duine eile, agus thuit iad ann an gaol agus phòs iad. Seo na facail mar gum biodh iad air an ràdh leis a' bhoireannach sin. Tha e air a ràdh, eadar a bheil no nach eil e fìor, gu bheil na facail seo sgrìobhte ann an cloich ann an Dùn Èideann mar chuimhneachan air an t-suidheachadh seo. (Leòdhas)

Mo sheanmhair fhìn màthair m' athar bean mo sheanar; co mheud cluas a bh' air an t-sluagh chailleach? Freagairt: Aon bhoireannach a bh' ann agus mar sin cha robh oirre ach dà chluais mar a h-uile duine eile. NB: Bu chòir an tòimhseachan seo a bhith air a ràdh gu math luath gus nach tèid an luchd-èisteachd nam faireachadh. (Loch Baghasdail, Uibhist a Deas)

Muc bheag dhubh a-staigh an doras is cnàimh duine na beul. Freagairt: bròg. (Barraigh)

Nam biodh agam na bheil agam, uimhir eile is a leth-uimhir, bu mhi cailleach an fhichead gèadh. Cia mheud gèadh a bh' aig a' chaillich bhochd? Freagairt: ochd. (Eirisgeigh)

Nam biodh agam na bheil agam, uimhir eile is a leth-uimhir, dà ghèadh agus bloigh geòidh, bu mhi cailleach an fhichead gèadh. Cia mheud gèadh a th' agam? Freagairt: Seachd. Ma tha seachd aice, nam biodh seachd eile aice dhèanadh sin ceithir-deug; bhiodh leth eile trì gu leth; agus bha dhà agus bloigh geòidh a' dol còmhla ri sin. (Loch Baghasdal, Uibhist a Deas)

Nighean bheag a' chòta-bhàin anns an t-sabhal 's anns an àth, mar as motha tha i ag ithe 's ann as lugha tha i fàs. Freagairt: coinneal.

Nighean bheag a' chòta-bhàin 's i na suidhe 's i ri cnàimh. Freagairt: coinneal

Nighean bheag a-null an rathad, ceann dearg oirre is i na ruith. Freagairt: maidse. (Uig Leòdhais)

Piuthair no bràthair chan eil agam, ach is e athair do mhàthar mac lem athair. Freagairt: chanadh duine seo ri ogha dha fhèin. (Bràgar, Leòdhas)

Rud beag dubh is e a' mire ris an t-sruth, is chan eil duine an Leòdhas/Alba a leumas air a mhuin. Freagairt: put. (Col & Uig Leòdhais)

Rud nach eil 's nach robh 's nach bi, sìn a-mach do làmh is chì. Freagairt: chì thu nach eil gin ded mheuran an t-aon fhaid.

Shuidh fitheach air cnoc, shuidh dà fhitheach air cnoc, shuidh fitheach mun coinneimh. Cia mheud fitheach a bh' air a' chnoc. Freagairt: aon, bha e a' faicinn fhaileas fhèin. (Iochdar, Uibhist a Deas)

Sliseag air an ùrlar is gur math a nì i dranndan, slat an iubhair Shasannaich is bogha an iubhair Fhrangaich. Freagairt: fidheall.

Sruthan a' dol an aghaidh leathaid. Freagairt: is e bò ag òl deoch a tha seo.

Tadhailidh a dhà-dheug ann agus cha tadhail mi fhìn nam aonar ann: Freagairtean: cleoc no uaireadair - Scalpaigh na Hearadh; sloc bhuntàta - Alnais agus Iochdar, Uibhist a Deas.

Taigh beag san àirde an iar is còig ceud doras air. Freagairt: criathar no ruideal.

Talamh geal is treabhadh dubh 's tu ga chur led inntinn. Freagairt: sgrìobhadh.

Tha e a-muigh is tha e a-staigh, tha e eadar an dà thaigh, tha e fo chasan a' chruidh, 's cha tomhais thusa e. Freagairt: poll.

Tha mi nas àirde na beanntan an domhain, agus gun bhreug tha mo leud gun tomhas, cumaidh an sealgair mi suas an cluais a' ghunna, ged tha mi nas truime na mìle tunna. Freagairt: gaoth no èadhar.

Tha slat chaol, chaol ann an taobh taigh an tuairneir is chan eil air an t-saoghal a dh'fhaodas a gluasad. Freagairt: gath na grèine.

Tha slatag an coille Alasdair, cha ghiuthas i agus cha dharach i, chan aon fhiodh air thalamh i, is cha thomhais thu gu oidhche i. Freagairt: nathair.

Tha taigh beag bìodach brònach agam a thog mi fhìn is mo Dhòmhnallan, tadhailidh ceud nan ceudan ann, is cha tadhail mi fhìn nam aonar ann: Freagairt: sloc-bhuntàta, oir as t-fhoghar dh'fheumadh am buntàta a dhol ann an àite dorch, mar sloc, gus nach tòisicheadh iad a' fàs. (Iochdar, Uibhist a Deas)

Thàinig eun gun bheul agus dh'ith e eun gun itean. Freagairt: uisge no aiteamh. (Nis, Leòdhas)

Thàinig eun gun itean agus thuit e as na slocan. Freagairt: sneachda. (Nis, Leòdhas)

Thèid an t-each ruadh a Shasainn agus cha fhliuch e a chas. Freagairt: teileagram. Is e cèis ruadh a bhiodh orra seo uaireigin. (Scalpaigh na Hearadh)

Thèid e don mhuir is cha bhàthar e, thèid e don teine is cha loisgear e, thèid e gu bòrd an rìgh is cha chaisgear e. Freagairt: gath-grèine.

Thèid faoileag bheag a-null a Shasainn gun a cas a fhliuchadh. Freagairt: litir. (Uig Leòdhais)

Thèid mi a-mach eadar dhà fhiodh, is thig mi a-steach eadar dhà loch. Freagairt: duine a' falbh dhan tobar le cearcall.

Thèid e a-null air an abhainn, thèid e a-nall air an abhainn, fear an aodaich uaine. Freagairt: 'lìonanaich', an stuth uaine a bhios a' cruinneachadh ann an àitichean mar tobraichean. (Bràgar, Leòdhas)

Thèid mi a-null air drochaid ghlainne, thig mi a-nall air drochaid ghlainne, is ma bhriseas an drochaid ghlainne chan eil duine ann an Ìle no an Èirinn a chàireas an drochaid ghlainne. Freagairt: deigh air loch no abhainn.

Thig e a-null air an abhainn, thig e a-nall air an abhainn, buainidh e feur agus chan ith e e. Freagairt: peilear. (Iochdar, Uibhist a Deas)

Titealman, tòtalman còta beag dubh, trì chasan iarainn is ceann beag fiodh. Freagairt: poit thrì-chasach.

Tobar gun tòin, cumaidh e làn de fhuil is de fheòil. Freagairt: fàinne.

Tobar òir air cùl na beinne, cùl òir is beul glainne innte. Freagairt: fàinne.

Togaidh leanabh beag na dhòrn e 's cha tog an t-arm dearg le ròp e. Freagairt: ugh.

Tois tomhas tòimhseachain eadar mi fhìn is Dòmhnallan, toillidh a dhà dheug ann 's cha toill mi fhìn nam aonar ann. Freagairtean: cleoc no uaireadair. (Sloc bhuntàta - Port na Long, An t-Eilean Sgiathanach)

Trì bà bruic a' leum air an lic; na trì bà buarach breabanach cha bhleoghnadh iad 's cha bhualadh iad; na trì bà buarach breabanach. Freagairt: tuinn na mara. (An Rubha, Leòdhas)

Trì chaoraich fhionn-chasach air a' bhràighe uar-chasach, air an lèanaig bhuig ud shuas, gur mòr am pian am buachailleachd. Freagairt: trì bàtaichean air acair.

Trì chaoraich iar-chasach air an leathad uar-chasach, air an t-sliabh as fhaide shuas, is duilich iad am buachailleachd. Freagairt: radain san lobhta.

Trì mucan dubha, dubha, trì mucan dà, dà; muc an ear is muc an iar, is pian air fear nach tomhais e. Freagairt: tonnan.

Tuba gun thòin gun cheann, glèidhidh i feòil agus fuil. Freagairt: fàinne. (Steòrnabhagh, Leòdhas)