GRD > Faidhle Eachdraidh > Ceatharnaich
Ceatharnaich
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh

Ceatharnaich

Raibeart Brus (1274-1329)
  Raibeart Brus (1274-1329)
Tha àite aig Raibeart Brus ann an cridhe sluagh na h-Alba mar an rìgh a bhrosnaich iad gu uaill a ghabhail nan dùthaich fhèin. Ach cumhachdach 's mar a thàinig e gu bhith b' e seo an rìgh a ghabh comhairle bho dhamhan-allaidh agus a dh'iarr gun deigheadh a chridhe dhan bhlàr an dèidh a bhàis.

Iain Gròt (c1480- )
  Iain Gròt (c1480- )
B' e a ghliocas a rinn cinnteach nach tèid ainm an Duitsich, Iain Gròt, air dìochuimhne an Alba. Ri linn còmhstri a mhic thog an duine seo an taigh a b' annasaiche a bha a-riamh an Alba agus bòrd na bhroinn a bha a cheart cho annasach.

Niall Odhar (1575-1613)
  Niall Odhar (1575-1613)
B' e duine an-iochdmhor a bha seo aig nach robh truas do neach sam bith, eadhon dha theaghlach fhèin. Cha robh e uair sam bith riaraichte le sìth ach feumar cuimhneachadh gun robh e beò ann an amannan borb nuair a bha cinnidhean Leòdhais a' sabaid ri chèile agus ri na Fìobhaich a chaidh a chur dhan eilean, gan cheannsachadh.

Mairead NicUilleim (1667-1685)
  Mairead NicUilleim (1667-1685)
Cha b' e cogadh, ach creideamh, a dh'adhbhraich am bàs do Mhairead NicUilleim aig aois 18 bliadhna. Leugh an seo mar a sheas i, a dh'aindeoin a h-òige, gu daingeann airson a creideimh agus nach do ghèill i eadhon nuair a chunnaic i a bana-chompanach ga bàthadh. Chaidh i fhèin chun bhàis a' seinn salm 25.

Rob Ruadh MacGriogair (1671-1734)
  Rob Ruadh MacGriogair (1671-1734)
Mas e gadaiche a th' ann an ceatharnach b' e sin dha-rìribh a bh' ann an Rob Ruadh ach bhiodh e a' toirt cuideachadh do dhaoine bochda a cheart cho math ri bhith a' goid. Bha e seòlta, na dheagh shaighdear agus smachdail. B' e am feallsanachd a bh' aig cuid den luchd-cinnidh aig an àm seo gun robh togail chreach a' toirt urram dhan chinneadh. Seo an t-àm anns an robh beartas an urra ri crodh.

Baintighearna Grainnds ( -1745)
  Baintighearna Grainnds ( -1745)
'Bhàsaich' Baintighearna Grainnds trì uairean airson feuchainn ri stad a chur air ar-a-mach. Thug a prìosanachadh i bho chaisteal gu caisteal is bho eilean gu eilean. Chuir i litrichean ann am botail ach cha do shoirbhich leatha gus an d' fhuair i air teachdaireachd a chur a-mach an lùib a' bhreacain. Eadhon nuair a thàinig am bàs cha d' fhuair am boireannach bochd seo fois.

Fionnghal NicDhòmhnaill (1722-1790)
  Fionnghal NicDhòmhnaill (1722-1790)
B' e caileag às na h-eileanan a bha seo a chuir a beatha ann an cunnart air sgàth a dìlseachd do a prionnsa. Cha tàinig taing thuice ri linn sin ach creibeiltean gorma is dos de fhalt. Nuair a chaochail i b' ann sna siotaichean a bh' air leabaidh a' Phrionnsa Theàrlaich nuair a chaidil e ann an Cinnseborg a chaidh a tiodhlacadh.

Alasdair MacCoinnich (1764-1820)
  Alasdair MacCoinnich (1764-1820)
Bha Alasdair MacCoinnich air a bheò-ghlacadh le bhith a' dèanamh rannsachadh ann an Canada far a bheil abhainn air ainmeachadh air. Choinnich e ri iomadh dùbhlan mus do choilean e a rùn ach b' e a' chiad Eòrpach a chaidh tarsainn air Canada bho thaobh gu taobh.

Mungo Park (1771-1806)
  Mungo Park (1771-1806)
B' ann a dh'Afraga a chaidh Mungo Park agus lorg e Abhainn Niger ach cha robh an sluagh cho bàidheil ris 's a bha tùsanaich Chanada ri MacCoinnich. Aig a' cheann thall b' e an abhainn a lorg e a bhàth e.

Aonghas MacAsgaill (1825-1863)
  Aonghas MacAsgaill (1825-1863)
B' e duine sìtheil, càirdeil a bh' ann an Aonghas MacAsgaill agus dha-rìribh dleasaidh esan an t-ainm, Am Fuamhaire Caomh. Bhuineadh e do dh'eilean Bheàrnaraigh ach b' ann an Ceap Breatainn a chuir e a bheatha seachad. Tha càrn-cuimhne dha ann am Beàrnaraigh is taisbeanadh mu a bheatha ann an Dùn Bheagan san Eilean Sgitheanach.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD