|
Abaid Chille Chuimein
Eachdraidh
Ged a bha Abaid Chille Chuimein na dhachaigh agus na choimhearsnachd
de Mhanaich Bhenedictine airson co-dhiù ceud bliadhna bha
eachdraidh gu math eadar-dhealaichte aig an abaid bho thùs.
B' e gearastan a bh' ann (agus 's e sin an t-ainm
Beurla a th' air a' bhaile chun an là an-diugh.) Bha e
na ghearasdan làidir, cudthromach rè àm ar-a-mach
nan Seumasach.
Ann an 1720 bha riaghaltas Bhreatainn den bheachd
gum b' e an dòigh a b' fheàrr smachd a chumail air
Gaidhealtachd na h-Alba gearastain agus rathaidean a thogail agus
thàinig gearastan Chille Chuimein gu bith ri linn seo.
Bha gearastan beag ann mu thràth ann am baile Chille Chuimein,
ach b' e togalach mòr cumhachdach a bha gu bhith an seo
agus chaidh ainmeachadh anns a' Bheurla air Uilleam Augustus,
Diùc Chumberland. Ghabh Arm nan Seumasach a-null an gearastan
seo ann an 1745 agus nuair a dh'fhàg iad bha e aig an arm
gu 1854. Cheannaich Tòmas Alexander, 14mh Tighearna Lovat,
na togalaichean bhon riaghaltas ann an 1867 agus bha e a' cleachdadh
pàirt dheth mar loidse seilge.
Ann an 1876 thug a mhac, an 15mh Tighearna Lovat
na togalaichean dha na 'Manaich Benedictine'. B' e Manaich Albannach
agus Sasannach a bha seo a bha air tilleadh às a' Gheàrmailt
(far an robh iad air a fuadach aig àm an Ath-leasachaidh).
Lean an t-òrdugh seo ri obair miseanaraidh agus foghlaim
dha Caitligich Albannach gu meadhan na 19mh linn.
Bho 1878 gu 1993 bha Manaich Chille Chuimein
a' cumail sgoil-bhùird dha balaich Chaitligeach. Bha cuibhreann
mhath de na balaich a bha a' frithealadh na sgoile seo a' dol
a-steach ris an t-sagartachd. A thuilleadh air an obair-sgoile
bha na manaich a' caitheamh am beatha anns an abaid ri ùrnaigh,
ri diadhachd agus ri obair bith-beò. Bha an Naomh Benedictine
den bheachd gur e adhradh prìomh dhleastanas nam manach.
Ailtireachd
Tha coltas a' ghearastain ri fhaicinn fhathast anns na togalaichean.
Bha caochladh stoidhlichean air an eaglais fhèin tro na
bliadhnaichean.
Ann an 1890 chaidh togalach Gothic a dhealbhachadh
ach nuair a chaidh an obair a ghabhail a-null leis an Ailtire
Reginald Fairlie b' ann de stoidhle Nòrmanach a rinn e
i. Tha cuilbh cruinn ann mar a th' ann an Abaid Dhùn Phàrlain.
Chaidh pìos agus pìos a chur ris an abaid tro na
bliadhnaichean.
Gnìomhan
1. Carson a bha riaghaltas Bhreatainn
airson gearastain a thogail air feadh na Gaidhealtachd?
2. Saoil carson a chaidh gearastain
a thogail ann an Cille Chuimein?
3. Innis mar a thàinig an
gearastan seo gu bhith na mhanachainn.
4. Dèan rannsachadh air
beatha Manach Benedictine.
Iomradh
O chionn fichead bliadhna cha robh e ceadaichte do bhoireannaich
idir a thighinn air àrainn na h-abaid, eadhon a bhith ag
obair anns a' chidsin, ach a-nise tha cothrom aig luchd-tadhail
a dhol air feadh an togalaich.
An abaid an-diugh
'S dòch' ann an dòigh gu bheil an abaid gu math
eadar-dhealaichte an-diugh bho mar a bha i aig aon àm.
Ann an dòigh eile 's dòcha nach eil. Tha na manaich
ann fhathast agus tha iad a' caitheamh am beatha mar a bha iad
a-riamh a' tighinn còmhla, ag adhradh agus a' tagradh ri
Dia uaireannan mus èirich a' chuid mhòr den t-saoghal.
An dèidh sin bidh iad a' dol air leth a dh'ùrnaigh
no gu an dleastanasan eile mus till iad a-rithist airson an aifrinn.
Tha an là gu lèir air a roinn eadar obair is ùmhlachd.
Uaireannan thig luchd-tadhail còmhla ri na manaich gu h-àraidh
airson an aifrinn.
Nuair a dhùin an sgoil bha aig na manaich
airson an abaid a chumail a' dol agus am bith-beò a dhèanamh
mar a b' fheàrr a b' urrainn dhaibh. Ann an 1994 dh'fhosgail
an aonad mar thaigh-aoigheachd. Tha luchd-siubhail a-nise a' tighinn
à gach ceàrn den t-saoghal. Tha na manaich a' tabhann
gach goireas a gheibhear ann an ionad-tadhail sam bith - cuid
oidhche, biadh, taisbeanadh, bùth agus goireasan airson
choinneamhan.
Anns an taisbeanadh tha earrannan a' sealltainn
mar a bha na togalaichean nuair a bha iad nan gearastan, eachdraidh
nan togalaichean agus na coimhearnsnachd mun cuairt, eachdraidh
nam Manach Benedictine, eachdraidh nan Gaidheal agus foillseachadh
de sheudan. Tha goireasan spòrs ann cuideachd agus cothroman
airson tursan inntinneach. Mas e sìth agus sàmhchair
a tha a dhìth air neach tha an abaid a' tabhann sin cuideachd.
Anns an dòigh annasach seo tha manaich an là an-diugh
a' leantainn eisimpleir nam Manach Benedictine a thàinig
gu Cille Chuimein o thùs - a' cosnadh am bith-beò
gun a bhith an urra ri càil ach an saothair fhèin.
Tha leasachaidhean ga dhèanamh air na togalaichean agus
tha na manaich a' faighinn cuideachadh bho 'Historic Scotland'.
Tha e anns an amharc gun tèid airgead
gu leòr a thogail a bheir cothrom na togalaichean a thoirt
gu ìre sàbhailteachd a sheasas airson ceud bliadhna,
ach tha na manaich ag ràdh nach e gnìomhachas mòr
a tha fa-near dhaibh idir ach dòigh air an òrdugh
aca a chumail soirbheachail agus anns na bliadhnaichean mu dheireadh
tha ùidh a bharrachd ga shealltainn anns an òrdugh
sin. Ach cha do dh'obraich na planachan seo agus ann an 1998 chaidh
na deichnear mhanach a bh' air fhàgail san Abaid a ghluasad
gu manachainnean eile.
Gu dearbh, chaidh an Abaid a reic san Dùbhlachd
2000 airson £15 millean le fear Mgr Nutkins leis a bheil
taigh-òsta Lovat Arms faisg air an Abaid. Thuirt Mgr Nutkins,
"Tha mi airson an Abaid fhosgladh do luchd-turais is do mhuinntir
an àite. 'S e aon de na togalaichean as bràite.
'S e aon de na togalaichean as brèagha air Ghaidhealtachd
a th' ann agus chan eil mise gam fhaicinn fhìn mar an neach
aig a bheil seilbh air idir; buinidh an Abaid don Ghaidhealtachd
is do mhuinntir na Gaidhealtachd agus 's e togalach a th' ann
anns am bu chòir uaill a bhith againn."
Tha ionad luchd-turais gu bhith ann a bheir
fiosrachadh mu eachdraidh na làraich mar ghearastan mus
tàinig i gu bhith na h-Abaid. Tha dùil aige cuideachd
cuirmean ann an stoidhle meadhan-aoisich a chumail innte.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|