|
Abaid Eilean Idhe
Eachdraidh
Chan urrainnear innse mu eachdraidh Abaid Eilean Idhe gun Colum
Cille ainmeachadh. Thàinig Colum Cille gu Eilean Idhe à
Èirinn ann an 563 le dà mhanach dheug agus shuidhich
e ionad Crìosdail an sin. Tha eachdraidh a' toirt cunntas
dhuinn air a bheatha ann an Èirinn mus tàinig e
agus air na rinn e ann an Alba.
Nuair a shuidhich e e fhèin ann an Eilean
Idhe chuir e togalach an-àirde a bh' aige mar àite-adhraidh.
Ged a tha còrr air 1400 bliadhna bho thàinig Colum
Cille gu Idhe thatar den bheachd gu bheil an abaid a tha ann an-diugh
air a togail air làrach eaglais Choluim Cille.
Cha b' fhada gus an do thàlaidh naomhachd
agus ùghdarras Choluim Cille mòran luchd-leanmhainn
agus dh'fhàs a chumhachd mar a dh'fhàs eaglais.
Chaidh tuilleadh thogalaichean a chur an-àirde agus chaidh
tuilleadh àiteach a dhèanamh airson a' choimhearsnachd
a bheathachadh. Bha Eilean Idhe mar innis-fàsaich de chultar
Crìosdail ann an saoghal a bha gu ìre mhòr
pàganach. Thòisich Colum Cille a' cur mhanach a-mach
air feadh Alba agus uaireannan a' dol air tursan e fhèin
airson an creideamh Crìosdail a thoirt do na cinnich.
B' e eachdraidh gu math buaireasach a bh' aig
an abaid anns na linntean a dh'fhalbh. Sgrios agus chreach na
Lochlannaich na togalaichean ann an 795, ann an 801 agus a-rithist
ann an 806 nuair a mhort iad 68 de na manaich. Tha Bàgh
nam Mairtireach air ainmeachadh airson cuimhne a chumail air na
tachartasan sin.
Bha seo fada an dèidh àm Choluim
Cille. An dèidh an sgrios a rinn na Lochlannaich ann an
806 theich Cilleach, am prìomh abaid, a dh'Èirinn agus
thug e leis na cuimhneachain a dh'fhàg Colum Cille. Airson
trì cheud bliadhna an dèidh sin b' ann aig Abaid
Kells ann an Èirinn a bha ceannas air eaglaisean Choluim Cille
agus an dèidh 1164 aig Abaid Derry, ach cha deach Abaid
Idhe a trèigsinn. Thog an ath abaid a' mhanachainn air
an t-seann làraich.
Ann an 818 chaidh cuimhneachain Choluim Cille
a thilleadh gu Idhe, ach chaidh Idhe a sgrios a-rithist seachd
bliadhna an dèidh seo. Fhuair na manaich air na cuimhneachain
fhalach an turas seo. Thug Rìgh Coinneach MacAilpein cuid
dhiubh, ann an 843, gu a phrìomh eaglais ann an Dùn
Chailleann.
Ann an 986 chaidh an abaid agus 15 bràithrean
a mhort air a' ghainmhich ann an àite ris an canar 'Tra'
Bàn nam Manach' seach nach innseadh iad far an robh na
cuimhneachain air falach. Ann an 1074 thog Bànrigh Mairead,
bean Choinnich MhicAilpein a' mhanachainn a-rithist. Thathas a'
dèanamh a-mach gur i a thog Caibeal Naomh Òrain. Bha a'
mhanachainn seo a thog Mairead co-cheangailte ri Eaglais na Ròimh
agus cha b' ann ris an Eaglais Cheilteach mar a bha i roimhe.
Bha i coisrigte gu Òrdugh Augustine.
Mun 12mh linn bha a' mhanachainn air tuiteam
às a chèile ach thog Reginald, Tighearna nan Eilean,
às ùr i ann an 1203 agus choisrig e i dhan Òighe
Moire. Bha a' choimhearsnachd ùr seo a-nise fo dhìon
a' Phàp agus chaidh manaich Choluim Cille an gabhail a-steach
don òrdugh seo. An dèidh 1247 ghabh abaidean I
ri Easbaig Dhùn Chaillinn mar àrd-uachdaran. Ann
an 1430 chaidh easbaigeachd ùr a chruthachadh ann an Alba
agus bha an easbaig stèidhichte ann an Idhe ged a bha an
abaid fo smachd Dhùn Chaillinn gu 1507. Thàinig
I an uair sin gu bhith na chathair-eaglais airson greis bheag.
Ann an 1561 chaidh an abaid agus a chuid thogalaichean
a thoirt às a-chèile aig àm an Ath-leasachaidh.
Tro na linntean thàinig Eilean Idhe gu
bhith na àite-eilthireachd do luchd-leanmhainn Choluim
Cille agus na àite-naomh far am biodh rìghrean agus
cinn-feadhna a' tadhal agus far an tàinig e gu bhith na
chleachdadh gun deigheadh rìghrean an tiodhlacadh ann an
àite sònraichte air an eilean ris an canar Rèilig
Òrain. Tha 48 de rìghrean na h-Alba air an adhlaiceadh
an seo a thuilleadh air rìghrean à Nirribhidh agus
à Èirinn.
Ann an 1899 thug Seòras an 8mh Diùc
Earra-Ghaidheil an abaid do Eaglais na h-Alba. Thàinig
aig Eaglais na h-Alba air leasachadh a dhèanamh air an
abaid le airgead poblach eadar 1902 agus 1910. Chaidh na togalaichean
eile an leasachadh leis an 'Iona Community' a thòisich
air an obair ann an 1938.
Ailtearachd:
B' ann ann an cumadh taigh-sheillein (beehive) a thog Colum Cille
eaglais le frèam fiodha agus mullach de sgrathan. Bha na
togalaichean uile a chaidh a thogail mu thimcheall na h-eaglaise
den aon seòrsa. B' ann ceithir-cheàrnach a bha an
eaglais fhèin.
Tha dà chrois aig doras na h-abaid -
crois an Naoimh Màrtainn bhon 9mh linn agus crois an Naoimh
Eòin. Ged a chaidh leasachadh a dhèanamh air an
abaid uair is uair tro na linntean chaidh an t-seann stoidhle
a chumail gu ìre. Tha cisteachan-laighe cloiche air an
tàthadh anns an làr. Chaidh an cur an sin nuair
chaidh an togalach a leasachadh ann an 1899. Tha an doras sacristidh
bhon 15mh linn ach cha b' e seo an t-àite anns an robh
e bho thùs. Ged a bha dorsan cruinn anns an abaid a' dol
air ais gu na Meadhan Linntean chan eil an còrr de na togalaichean
a th' ann an-diugh cho aosta.
Gnìomhan
1. Leugh sgeulachadan mu Cholum
Cille ann an leabhraichean eachdraidh agus sgrìobh cunntas
goirid mu dheidhinn.
2. Saoil carson a sgrios na Lochlannaich
an abaid?
3. Mìnich mar a fhuair 'Bàgh
nam Mairtireach' agus 'Tra' Bàn nam Manach' an ainmean.
Iomradh
An uair a dh'fhàs Colum Cille cho sean agus nach b' urrainn
dha a bhith dol air chuairtean fada tro mhonaidhean na Gaidhealtachd,
chuir e seachad a' chuid bu mhotha den ùine ag ath-sgrìobhadh
nan Sgriobtairean.
An là chaochail e bha e aig an ceathramh
Salm deug air an fhichead, agus an uair a ràinig e an deicheamh
rann, chuir e uaidhe am peann, agus thuirt e ri a ghille, Diarmad,
"An seo sguiridh mise, cuireadh Baodan crìoch air
a' chòrr." An sin chaidh Colum Cille a-steach don
eaglais, agus ann an ùine ghoirid fhuair na manaich e air
a ghlùinean, marbh, air beulaibh na h-altrach.
Mar sin chrìochnaich an duine naomh ud
a bheatha air an talamh, ach cha tèid ainm agus obair air
dìochuimhne gu bràth anns an tìr.
An abaid an-diugh
B' e an t-urramach Seòras MacLeòid a bha na mhinistear
ann an Glaschu a thòisich Comann Eilean Idhe (Iona Community).
Bha a' bhochdainn a bha e a' faicinn ann am Baile Ghobhainn a'
dèanamh dragh dha agus bha e airson ceanglaichean na bu
làidir a bhith eadar an Eaglais agus an duine cumanta.
B' e comann de chlèirich agus neo-chlèirich a bha
seo. Bha iad a' cur seachad trì mìosan gach bliadhna
air an eilean ri ùrnaigh agus sgoilearachd ach cuideachd
a' leasachadh nan togalaichean a bha air tuiteam às a chèile.
Tro na bliadhnaichean chaidh mòran a dhèanamh. 'S
e an abaid an eaglais as motha air taobh an iar na Gaidhealtachd.
Tha Eilean Idhe agus an abaid an-diugh a' tàladh
mòran sluaigh gu h-àraidh as t-samhradh. Tha campaichean
dha òigridh air an eilean gach samhradh. Gach Sàbaid
tha Sàcramaid Suipear an Tighearna air a chuairteachadh
anns an abaid agus gach feasgar Diardaoin tha cothrom air a thoirt
do dhuine sam bith a thighinn air adhart gus a choisrigeadh fhèin
an seirbheis Chrìosd. Tha seirbheisean anns an abaid dà
uair gach là. Mar sin tha an abaid a-rithist na h-àite
eilthireachd dha daoine a tha ag iarraidh sìth agus fois
mar a bha i bho thùs.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|