GRD > Faidhle Eachdraidh > Eaglaisean > Ārd-eaglais an Naomh Giles
Àrd-eaglais an Naomh Giles Àrd-eaglais an Naomh Giles
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Àrd-eaglais an Naomh Giles

Eachdraidh

Thathas den bheachd gun robh eaglais air an làraich seo ann an Dùn Èideann bho 854 agus gu bheil na pìosan as aosta den togalach a th' ann an-diugh a' dol air ais gu 1120.

Chaidh an eaglais a losgadh gu làr le na Sasannaich ann an 1385 ach chaidh a togail air ais goirid an dèidh sin. Thar na 150 bliadhna an dèidh sin chaidh leudachaidhean agus leasachaidhean mòra a dhèanamh oirre. Chaidh caibeil a chur rithe agus chaidh sgeadachadh mòr a dhèanamh air àirneis agus air ròbaichean nan luchd-clèir. Air làithean-fèille bhiodh solais dathte crochte bhon stìopal.

Ann an 1467 fhuair an eaglais inbhe cholaisteach. Bha seo a' ciallachadh nach biodh i fo ùghdarras Easbaig Chill Rìmhinn ach fo ùghdarras a' Phàp.

Chaidh an tùr agus an crùn a chrìochnachadh ann an 1495. Tha iad seo maireann fhathast agus chaidh càradh a dhèanamh orra ann an 1980. Tha an tùr seo air a bhith air a chleachdadh ann an caochladh dhòighean tro na linntean - mar thuraid-faire, phrìosan, ghearastan le trì gunnachan mòra umha agus an dèidh an Ath-leasachaidh mar àite-obrach aig breabadairean. Tha coileach-gaoithe òr air an tùr a chaidh a chur air aig àm Iain Knox.

Bho 1560 aig àm an Ath-leasachaidh chaidh altairean agus an luchd-frithealaidh agus sgeadachadh de iomadh seòrsa a chur a-mach às an eaglais seo mar à eaglaisean eile air feadh Alba.

B' e Iain Knox a' chiad mhinistear Pròstanach a bh' anns an eaglais. Airson ceud bliadhna bha buaidh aig na buairidhean eaglaiseil air an aonad seo. Nach ann anns an eaglais seo a shad Jenny Geddes an stòl air an t-searmonaiche. Bha an Rìgh Teàrlach I airson Easbaigeachd a chur an àite Clèireachd agus ghairm e Dùn Èideann na Sgìre Easbaigeach agus an eaglais na h-àrd-eaglais ach an dèidh a' Chùmhaint Nàiseanta thàinig Clèireachd air ais. Ann an 1660 thill Easbaigeachd agus lean seo gu 1690. On uair sin tha Àrd-eaglais an Naomh Giles air a bhith na h-eaglais Chlèireach.

An dèidh an Ath-leasachaidh bha tachartasan caran neònach a' gabhail àite ann an togalaichean na h-eaglaise. Bha a' Bhànrigh Màiri Stiùbhairt ga cleachdadh airson coinneamhan pàrlamaid, bha oifisean a' bhaile agus cùirtean-lagha innte. Bha pàirt eile dhi mar àite-dìon far an robh prìosanaich - Na Cùmhnantaich - air an cumail agus bha stèisean nam polas innte.

Bha an eaglais ann am fìor dhroch staid aig toiseach na 19mh linne agus chaidh leasachaidhean mòra a dhèanamh aig an àm sin. Bha beachdan dhaoine air sgeadachadh air atharrachadh a-nise agus a thuilleadh air leasachadh nan togalaichean fhèin chaidh ìomhaighean snaidhte a chur innte. Tha na h-ìomhaighean seo rim faicinn fhathast - rìghrean, bànrighrean, luchd-clèir agus cuideachd an Naomh Giles fhèin leis an fhiadh agus an t-saighead. Tha na h-uinneagan de ghlainne-dhathte a th' innte an-diugh a' dol air ais chun na h-ama sin cuideachd. Thòisichear aig an àm sin cuideachd, a' cleachdadh ceòl òrgain agus ceòl chòisir.

Ailtireachd
Tha plana na h-eaglaise an-diugh caran neo-riaghaltach air sgàth 's gun deach clachaireachd ùr a chur oirre air fad agus gur e glè bheag den t-seann chlachaireachd a tha air fhàgail. Tha an tùr agus an crùn mar a bha iad o thùs agus tha iad sin maiseach dha-rìribh. Na broinn tha dealbhadh brèagha measgaichte ri dealbhadh a tha a' coimhead earraiseach ach a dh'aindeoin sin tha gu leòr innte a tha a' taisbeanadh a h-eachdraidh fhèin, eachdraidh a' bhaile agus eachdraidh na rìoghachd air fad. 'S iad na suaicheantasan seo as cudthromaiche den ailtearachd gu lèir.

Feumar cuimhneachadh gun robh an eaglais ann an droch staid nuair a chaidh tòiseachadh air na leasachaidhean agus gur h-iongantach mur an robh a' chuid mhòr den sgeadachadh a bh' innte air chall co-dhiù. A dh'aindeoin nan gearanan sin is math as fhiach tadhal air an eaglais seo far am faicear rumannan is caibeil dìreach mar a bha iad anns na meadhan linntean agus far a bheil eachdraidh na dùthcha air fad air a thaisbeanadh mar nach eil ann an àite sam bith eile. Chan eil càil aig nach eil a sgeulachd fhèin ri innse.

Gnìomhan
1. Rannsaich carson a bhiodh na Sasannaich a' losgadh eaglaisean, mar An Naomh Giles, ann an Alba ann an 1385.
2. Saoil am biodh an eaglais na b' fheàrr fo ùghdarras a' Phàp na fo ùghdarras Chill Rìmhinn. Thoir adhbharan seachad.
3. Dèan rannsachadh mu Iain Knox agus sgrìobh beagan mu dheidhinn.
4. Dè na dòighean anns an robh beachdan dhaoine air atharrachadh an dèidh an Ath-leasachaidh.
5. Rannsaich cò a bh' anns Na Cùmhnantaich agus dè a bhiodh iad a' dèanamh.
6. Leugh mu Jenny Geddes ann an leabhraichean eachdraidh.

Iomradh
A rèir beul-aithris b' e Greugach a bh' anns an Naomh Giles - naomh nan cripleach, nan dèirceach agus nan lobhar. Rugadh e ann an Athens mu 640 AC ach bha e a' fuireach anns an Fhraing far an do rinn e càirdeas ri fiadh. Aon là bhathas a' sealg an fhèidh seo ach cha do dh'amaisear air a bhualadh. B' ann a bhuail an t-saighead Giles na àite.

Tha an sgeulachd seo air a toirt gu aire luchd-tadhail ann an snaidheadaireachd, air uinneagan, air lampa agus air mullach a' chaibeil Thistle. Chaidh an togalach a choisrigeadh don Naomh Giles le Easbaig Chill Rìmhinn ann an 1243. Ann an 1454 tha cunntas againn air tiodhlac shònraichte a thug Sir Uilleam Preston don eaglais - cnàmh à gàirdean an Naoimh Giles.

An eaglais an-diugh
Tha an eaglais fosgailte do luchd-turais fad na bliadhna agus is math as fhiach dhaibh a thighinn a dh'fhaicinn na tha de dh'eachdraidh air fhoillseachadh innte. Tha neach-iùil ann airson daoine a thoirt timcheall agus airson fiosrachadh a thoirt seachad air na tha na broinn. Mar a h-uile togalach de a seòrsa tha cafaidh agus bùth innte cuideachd.

Tha togalach mar seo an-còmhnaidh a' cur feum air taic airgid airson nan leasachaidhean a tha dol air adhart. Airson cuideachadh le seo tha bucais tionail air an cur a-mach, ach tha an eaglais air a cleachdadh mar àite-adhraidh cuideachd. Tha seirbheisean innte a h-uile Sàbaid agus Sàcramaid a' Chomanachaidh air a chuairteachadh agus tha sin ann cuideachd tron t-seachdain aig amannan sònraichte. A thuilleadh air an sin tha seirbheis ghoirid innte bho Dhiluain gu Disathairne aig meadhan-là.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD