|
Àrd-eaglais na Machrach
Eachdraidh
Tha eachdraidh ag innse gun robh eaglais air an làraich
seo ann an Obar Dheathain cho fada air ais ri 580 nuair a thàinig
an Naomh Machair. Chan eil mòran fiosrachaidh againn air
dè a thachair tro na bliadhnaichean an dèidh sin
gus an leugh sinn sgrìobhainn a chaidh a sgrìobhadh
ann an 1131. Tha seo ag ainmeachadh Easbaig Nechtan agus tha e
coltach gun d' fhuair Eideard (an easbaig a thàinig an
dèidh Nechtan) ùghdarras bhon Phàp airson
manaich a chur na àrd-eaglais. Le sin tuigidh sinn gun
robh togalach àrd-eaglais ann ann an 1157.
Anns na meadhan linntean bha Àrd-eaglais
na Machrach mar a h-uile àrd-eaglais eile anns an Roinn
Eòrpa ann am meadhan sgìre easbaigich agus air a
riaghladh le easbaig agus le pearsachan clèir a bha a'
fuireach timcheall oirre.
Anns na làithean sin bha togalaichean
na h-àrd-eaglaise mar bhaile beag air a dhìon bhon
chòrr den t-saoghal. Bha gach neach a bha ag obair an lùib
na h-eaglaise a' fuireach mu timcheall, ach ged a bha iad air
an dìon ann an dòigh bha clèirich na h-eaglaise
ann an dlùth cheangal ri gnothaichean ann an Alba agus
cuideachd anns an Roinn Eòrpa. Bha leabharlann mòr
aig an eaglais agus tha cunntas againn bho 1465 gun robh raon
farsaing de leabhraichean ann an seo. Aig an àm seo cha
robh oilthigh ann an Obar Dheathain agus b' i an àrd-eaglais
cridhe an fhoghlaim anns a' cheàrnaidh sin.
Anns na meadhan linntean b' e an easbaig fear
de chomhairlichean an rìgh. Bha e mar sheannsalair na rìoghachd
agus cuideachd na bhritheamh rìoghail. Mar sin bha a' chuid
mhòr de ùine air a chaitheamh ann an Dùn
Èideann no anns an àite far am biodh a' phàrlamaid
a' coinneachadh. Air sgàth sin bha clèirich aige
suidhichte airson cùisean na h-eaglaise a ruith dha. B'
e an deadhan ceann na buidhne a bha a' riaghladh rianachd na h-àrd-eaglaise.
Bha e mar iar-easbaig a' riaghladh sheirbheisean na h-eaglaise
nuair bhiodh an easbaig air falbh. Bha an uair sin an neach togail-fuinn
ann. B' ann an urra ris-san a bha an ùrnaigh choitcheann,
an ceòl a bha an cois nan seirbheisean agus cuideachd luchd
a' chòisir. Bha an treas oifigear, an seannsalair a' coimhead
an dèidh litrichean agus gnothaichean mar sin. B' ann aigesan
cuideachd a bha na seulaichean oifigeach agus cùram an
leabharlainn agus foghlam nan òigearan a bh' anns an àrd-sgoil
co-cheangailte ris an eaglais. Bha an ceathramh oifigear, an rùnaire,
a' coimhead an dèidh nan solas - soilleireachadh na h-eaglaise,
trusganan nan clèireach, ola, fìon agus àirneis
na h-eaglaise agus cha b' ann idir mar a shaoileadh neach a' coimhead
an dèidh an airgid.
Bha lagh na h-eaglaise anns an là tha
sin a' toirt barrachd buaidh air beatha nàdarrach na tha
i an-diugh agus mar sin bha britheamh sònraichte aig an
easbaig. Bha am britheamh seo a' cumail chùirtean anns
an àrd-eaglais air làithean na seachdaine - cùirtean
a bha a' dèiligeadh ri buairidhean am measg nan clèireach.
Còmhla ri na tha sin de oifigich nuair a chunntas sinn
oifigear-smachdaidh an easbaig, na ministearan, na bhiocaran,
gillean na còisir, searbhantan is eile chì sinn
nach b' e a-mhàin gun robh an àrd-eaglais seo anns
na meadhan linntean na h-ionad diadhachd ach gun robh gnìomhachd
gu leòr de gach seòrsa a' gabhail àite innte.
Chì sinn bho phlanaichean a tha maireann
fhathast far an robh na togalaichean a bh' aig na h-oifigearan
agus tha ainmean mar 'The Chancery' agus 'Chaplain's Court' anns
a' cheàrnaidh sin fhathast mar chuimhneachain air na h-àiteachan
sin. 'S iongantach mur iad seo cuid de na togalaichean as aosta
a th' ann an Obar Dheathain.
Anns an 14mh linn chaidh tòiseachadh
air togalach ùr agus thug e dà cheud bliadhna ga
thogail - gach easbaig ag òrdachadh tuilleadh sgeadachaidh.
Ro 1560 b' e àrd-eaglais Chaitligeach
a bh' innte. Anns na bliadhnaichean eadar 1560-1690 bha an eaglais
ag atharrachadh a thaobh creideimh eadar a bhith fo riaghladh
clèireach gu riaghladh easbaigeach. Ann an 1690 thàinig
i gu bhith clèireach.
Ailtireachd
Bha Àrd-eaglais na Machrach air a meas mar eaglais shònraichte
le a dà stìopall agus a corp-eaglais àlainn
suaicheantach. Tha i air leth a thaobh ailtireachd ach a' foillseachadh
stoidhle nam meadhan linntean.
B' ann anns an 15mh linn a thogadh cuid de na
togalaichean agus 's dòcha nach robh iad coileanta aig
àm an Ath-leasachaidh.
Bha an eaglais a bh' air an làraich seo
ann an 1152 coisrigte don Naomh Muire agus an Naomh Machair. Bha
stoidhle na h-eaglaise seo coltach ri Abaid Dhùn Phàrlain.
Tha cunntas againn gun deach eaglais ùr no pìos
ùr a thogail uaireigin aig toiseach na 14mh linne agus
tha cuid de na togalaichean a th' ann an-diugh a' dol air ais
gu mu 1440.
B' e Gavin Dunbar fear de easbaigean mòra
Àrd-eaglais na Machrach anns an 16mh linn agus b' e esan
a chuir an dà stìoball air an eaglais air an taobh
an iar. Bha stìoball ann am meadhan na h-eaglaise mu thràth
mar a bha cumanta ann an àrd-eaglaisean. B' e Dunbar cuideachd
a chuir am mullach oirre ann an 1520.
Bha ùidh mhòr aig Dunbar ann an
suaicheantachd agus chì sinn sgiathan an Rìgh Seumas
V agus an easbaig anns an eaglais. Tha doras mòr cruinn
an seo cuideachd coltach ri doras Abaid Eilean Idhe agus tha poirds
mòr air an taobh a deas, rud nach robh idir cumanta ann
an eaglaisean na h-Alba.
Tha uaighean cuid de na h-easbaigean air taobh
a-staigh a' bhalla dìon - uaigh Gavin Dunbar - Caitligeach
- agus uaigh Pàdraig Forbes - Easbaigeach.
Anns na meadhan linntean bha comharradh pearsanta
aig gach clachair airson sealltainn na h-obrach aige fhèin.
Tha gu leòr de na comharraidhean sin rim faicinn an seo
fhathast.
Air taobh a-staigh na h-eaglaise tha iomadh
nì iongantach ri fhaicinn. Tha uinneag Naoimh Machair ag
innse mar a chaidh a' chiad eaglais a stèidheachadh anns
an 6mh linn. Tha uinneag nan easbaig mar chuimhneachan air triùir
a bha nan easbaigean 'togail' - Alasdair Kinnimond II, Eanraig
Lichtoun agus Uilleam Elphinstone. Tha an uinneag a' sealltainn
mar a bha an eaglais tron 14mh, 15mh agus an 16mh linn.
Gnìomhan
1. Cò a thog a' chiad eaglais
air an làraich seo?
2. Dèan liosta de luchd-obrach
na h-eaglaise anns na meadhan linntean agus innis dè an
obair shònraichte a bh' aig gach aon dhiubh.
3. Smaoinich air daoine eile nach
eil air an ainmeachadh idir ach a dh'fhaodadh a bhith ag obair
anns an ionad seo.
Iomradh
Dìreach mar a tha Colum Cille co-cheangailte ri Abaid Eilean
Idhe tha An Naomh Machair co-cheangailte ri Àrd-eaglais
na Machrach.
A rèir beul-aithris b' e deisciobal agus
deagh charaid do Cholum Cille a bh' ann ach b' e duine toinisgeil,
foghlaimte a bh' ann cuideachd agus bha na manaich eile ag eudach
ris. Bha Colum Cille mothachail air seo agus chuir e air falbh
gu tìr-mòr e. Thuirt e ris gabhail roimhe chun an
ear gus an ruigeadh e abhainn a bha ann an cumadh cromag easbaig
aig beul na mara.
Nuair a ràinig An Naomh Machair Abhainn
Don faisg air Obar Dheathain thuig e gum b' e seo an dearbh àite
agus dh'fhuirich e an seo agus sin mar a chaidh eaglais a stèidheachadh
ann.
An eaglais an-diugh
Tha an àrd-eaglais an-diugh a' leantainn ri creideamh Eaglais
na h-Alba agus tha seirbhisean innte dà uair gach Sàbaid
- aig aon uair deug sa mhadainn agus aig sia feasgar.
Tha Sàcramaid a' Chomanachaidh air a
riaghladh air Là na Nollaige, Là na Càisge,
aig A' Chaingis, air an t-Sàbaid mu dheireadh gach mìos
agus aig amannan sònraichte eile.
A thuilleadh air frithealadh seirbheisean na
h-eaglaise bidh luchd-turais a' tadhal air an togalach fhèin
airson na h-eachdraidh a tha cho follaiseach innte. Ach chan e
mhàin eaglais eachdraidheil a tha an seo ach eaglais bheò
le seirbheisean beò.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|