|
Eaglais a' Chròich
Eachdraidh
An dèidh cogaidhean Napoleoin thug an riaghaltas airgead
seachad airson eaglaisean agus mansaichean a thogail ann an àitichean
iomallach air Ghaidhealtachd na h-Alba. Chaidh Cròich a
thaghadh mar àite-togail oir bha stèisean searmonachaidh
ann mu thràth. Tha togalach anns a' ghlìob a' dol
air ais gu àm nan Cruithneach. Bha Cròich gu math
iomallach - tha e deich mìle an iar air Ard Gaoithe, taobh
Srath Carrainn, ach bha an t-uachdaran deònach fearann
a thoirt seachad airson na h-eaglaise.
A thuilleadh air cosgais togail nan eaglaisean
bha an riaghaltas a' tairgsinn £120 gach bliadhna mar thuarastal
dha na ministearan. Bha an togalach seo ann an Cròich deiseil
ann an 1827 aig cosgais £1,426 agus chaidh Raibeart MacUilleim
a stèidheachadh na mhinistear an ath bhliadhna. Dh'fhuirich
e innte gu 1840 nuair a dh'fhalbh e fhèin agus cuid de
a choitheanal gu Albainn Nuadh.
Bha an eaglais a' soirbheachadh an toiseach
le coitheanal de dhà cheud neach, ach ann an 1843, aig
àm Briseadh nan Eaglaisean lean a' chuid mhòr den
choitheanal am ministear dhan Eaglais Shaor. Cha robh air fhàgail
anns an eaglais ach dà theaghlach ach lean i oirre gu 1946
nuair a chaidh i an ceann Eaglais Àird Ghaoithe.
Ach 's ann ri linn a' cheangail a th' aice ri
Fuadach nan Gaidheal a tha an eaglais seo cho fìor chudthromach.
Ann an 1842 dh'fheuch am bàillidh, Seumas Gilleandrais,
ris an t-sluagh fhuadach. Chaidh 90 neach fhuadach à paraist
Ghlinn Chailbhidh. Cha robh àite aca far an deigheadh iad
an toiseach agus b' ann anns a' chladh ri taobh na h-eaglaise
a ghabh iad fasgadh. Dh'fheuch am ministear ri an cuideachadh
mar a b' urrainn dha ach cha robh cobhair ann dhaibh.
Tha fear-naidheachd bhon Times a' toirt iomradh
air an staid:
'Chaidh teine a lasadh anns a' chladh agus chruinnich a' chlann
mun cuairt air. Chaidh dà chreathal le leanabain annta
a chur faisg air an teine agus chùm na màthraichean
brònach fasgadh riutha.' Fhad 's a bha na daoine bochda
seo a' feitheamh airson faighinn gu beatha ùr thall thairis
sgrìobh iad an ainmean agus an smuaintean air uinneig air
taobh an ear den eaglais. Chithear cuid de na h-ainmean seo fhathast.
Tha e iongantach nach do ghabh iad fasgadh am broinn na h-eaglaise
fhèin. 'S dòcha gun robh iad den bheachd gur e mì-choisrigeadh
a bhiodh an sin.
Ailtireachd
Tha stoidhle na h-eaglaise a rèir plana Thòmais
Telford mar a bha iomadh eaglais a chaidh a thogail aig an àm
seo.
A thuilleadh air an uinneig eachdraidheil chan
eil taobh a-staigh na h-eaglaise ach gu math sìmplidh.
Tha cunntasan sgrìobhte air na thachair agus cunntas fear-naidheachd
an Times ri fhaicinn na broinn cuideachd.
Ann an 1977 bha mullach na h-eaglaise ann an
droch staid agus b' fheudar tagradh a chur a-mach airson taic
airgid a leasaicheadh i. Fhuaireadh sin ach b' ann ann an 1982
a chaidh tòiseachadh oir bha barrachd air a' mhullach a'
cur feum air leasachadh. Cha do thòisich an obair gu 1982
agus bha e deiseil ann an 1983 aig cosgais mu £120,000.
Chaidh dealan a chur innte aig an àm sin cuideachd. On
uair sin tha tuilleadh leasachaidhean air a dhèanamh na
broinn.
Gnìomhan
1. Smaoinich air adhbhar sam bith
a bhiodh aig an riaghaltas airson airgead a thoirt seachad do
na Gaidheil gus eaglaisean a thogail an dèidh cogaidhean
Napoleoin.
2. Rannsaich dè a thachair
aig àm Briseadh nan Eaglaisean.
3. Rannsaich agus sgrìobh
beagan mu Fuadach nan Gaidheal.
4. Dè a th' ann am 'mì-choisrigeadh'?
Iomradh
Nuair a bhàsaich am bàillidh, Seumas Gilleandrais,
chaidh a thiodhlacadh faisg air geata a' chlaidh. Bha cuimhne
air an-iochdmhorachd airson linntean an dèidh a' bhàis
agus bha a' chuimhne seo air a cumail beo. Bha clachan agus sgudal
gan chàrnadh air uaigh gus mu dheireadh na dh'fhàs
i na càrn àrd salach làn de dheanntagan agus
lusan grànda.
An eaglais an-diugh
Tha Eaglais a' Chròich an-diugh mar phàirt de pharaist
aonaichte Chinncardain, Cròich agus Eadardan ann an Cataibh.
Bidh seirbheisean innte air an t-Sàbaid anns an Iuchar
agus anns an Lùnasdal agus bidh Sàcramaid an Tighearna
air a fhrithealadh air an t-Sàbaid mu dheireadh den Iuchar.
Aig an àm seo bitear a' cleachdadh an t-seann bhùird
fhada chomanachaidh a bh' anns an eaglais bho thùs. Tha
an eaglais fosgailte do luchd-turais fad na bliadhna agus chithear
bho leabhar an luchd-tadhail gu bheil iad a' tighinn nan ceudan
gach bliadhna a dh'fhaicinn na h-eaglaise iomraitich seo.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|