GRD > Faidhle Eachdraidh > Eaglaisean > Eaglais nam Manach Liath
Eaglais nam Manach Liath Eaglais nam Manach Liath
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Eaglais nam Manach Liath
Eachdraidh

B' e Eaglais nam Manach Liath a' chiad eaglais a chaidh a thogail ann an Dùn Èideann an dèidh an Ath-leasachaidh. Tha i air a h-ainmeachadh an dèidh manachainn a bha aig a' Grassmarket ann an Dùn Èideann bho àm Rìgh Seumas I gu 1588. Chaidh an talamh air an robh a' mhanachainn a chleachdadh airson àite-adhlaic ann an 1562 agus cha b' urrainn do eaglais Naomh Giles a' chùis a dhèanamh leis mar a bha sluagh a' bhaile a' leudachadh, agus mar sin chaidh òrdachadh gun deigheadh eaglais eile a thogail.

Ged nach deach a togail air an dearbh làraich air an robh a' mhanachainn chaidh clachan às na togalaichean sin a chleachdadh. Thugar bliadhnaichean mòra ga togail. Tha clach leis an deit 1614 agus le suaicheantas a' bhaile àrd air ceann an ear na h-eaglaise ach cha deach an eaglais fhosgladh airson adhradh gu Là na Nollaige 1620.

Tha eachdraidh Eaglais nam Manach Liath co-cheangailte ri eachdraidh bhuaireatach na h-Eaglaise anns an rìoghachd aig an àm. Ann an 1630 b' ann anns an eaglais seo a chaidh an Cùmhnant Nàiseanta a shoidhnigeadh an toiseach mus deach copaidhean dheth a chur gu eaglaisean eile.

Ann an 1690 nuair a chaidh Clèireachd a stèidheachadh mar dhòigh-adhraidh ann an Alba b' e prìomh chomhairliche na dùthcha Uilleam Carstares, a bha na mhinistear ann an Eaglais nam Manach agus na Phrionnsabal air Oilthigh Dhùn Èidinn ann an 1703. Mar sin thòisich ceangal a bha gu leantainn eadar an eaglais agus an oilthigh.

A thuilleadh air ceangal ris an oilthigh tha ceangal cuideachd air a bhith aig an eaglais ris a' choimhearsneachd agus ri na seann ospadail - George Heriots, The Merchant Maidens agus George Watsons. Nuair a thàinig na h-aonadan sin gu bhith nan sgoiltean lean an ceangal. Tha Heriots fhathast a' cumail seirbheis crìochnachaidh na bliadhna anns an eaglais.

Bha an eaglais air a cleachdadh le saighdearan Chromwell mar bharracs bho 1650 gu 1653 agus rinn iad milleadh mòr. B' fheudar beagan sgeadachaidh a dhèanamh an dèidh sin. Ann an 1684 bha planaichean air chois airson stìopall a chur rithe. Cha tàinig seo gu bith oir ann an 1718 spreagh fùdar-gunna anns an tùr agus mhilleadh ceann an iar na h-eaglaise. Chaidh aontachadh gun deigheadh togalach ùr a thogail an àite a' phìos seo. B' e prothaid à càin air leann a phàigh airson an togalaich seo! Bha seo deiseil ann an 1722. Mar sin bha dà eaglais fon aon cheann mar gum biodh.

Mu 120 bliadhna an dèidh sin chaidh an seann eaglais a mhilleadh le teine agus chaidh milleadh a dhèanamh air mullach agus air àirneis na h-eaglaise ùire cuideachd. Thachair seo cho goirid an dèidh Briseadh nan Eaglaisean agus gun robh cuid den bheachd gum b' e breitheanas a bh' ann agus gum bu chòir dhan eaglais a bhith air a fàgail na làraich.

Chaidh tòiseachadh air leasachadh na h-eaglaise ùire ach bha duilgheadasan an lùib leasachadh na seann eaglaise. Co-dhiù lean iad air adhart agus nuair bha i deiseil bha uinneagan dathte innte. Dh'fhosgail i a-rithist ann an 1857. Lean an dà eaglais a' dol mar sin gu 1932. Ann an 1938 an dèidh 220 bliadhna chaidh am balla eadar an dà thogalach a thoirt air falbh agus bha i na h-aon eaglais a-rithist.

Thàinig coitheanal eile, à Eaglais Lady Yester nan ceann cuideachd agus ann an 1941 coitheanal à Eaglais New North. Ann an 1979 thàinig an aonadh ri Eaglais an Tolbooth, agus sin mar a thàinig an dà eaglais a th' againn an-diugh gu bith - Greyfriars Tolbooth agus Highland Kirk.

Ailtireachd
'S e stoidhle Gothic a th' air an eaglais. Tha i bhon taobh a-muigh gu math sìmplidh gun thùr no sgeadachadh sam bith a chomharraicheadh i mar eaglais mhòr ainmeil, ach tha an taobh a-staigh eireachdail, bhon àirneis gu na h-uinneagan brèagha dathte. Tha i air a roinn na h-earrannan airson suidheachain agus le corp-eaglais brèagha cruinn. O thùs bha i sìmplidh cuideachd gun sgeadachadh sam bith ach beagan air a cheann an ear. Na broinn cha robh uinneagan dathte no altairean ged a bha cuilbh innte a' dol suas chun a' mhullaich. Bha àirneis gann cuideachd ach bha 'stòl an aithreachais' innte.

Airson seirbheisean comanachaidh dheigheadh bùird agus beingean a thoirt a-steach. Chithear fhathast anns an eaglais còmhdach bùird brèagha a chaidh a dhèanamh gu sònraichte airson Bòrd an Tighearna. Bidh seo air a chleachdadh nuair a bhios an t-sàcramaid air a frithealadh do Ghaidheil nam Manach Liath agus do chomhairlichean na h-Àrd Sheanaidh.

Gnìomhan
1. Ciamar a fhuair an eaglais seo a h-ainm?
2. Dè an ceangal a th' aig an eaglais seo ris a' Chùmhnant Nàiseanta?
3. Dè an dòigh annasach anns an deach pàigheadh airson an leasachadh a chaidh a chur ris an eaglais anns an 18mh linn?
4. Saoil dè a bh' ann an 'stòl an aithreachais'?

Iomradh
Cha bhiodh cunntas mu Eaglais nam Manach Liath coileanta gun iomradh a thoirt air 'Greyfriars Bobby'. B' ann le fear, Iain Gray, a bha an cuilean beag seo. Bhàsaich Iain Gray ann an 1858 agus chaidh a thiodhlacadh anns a' chladh ri taobh na h-eaglaise. Gach là bhon uair sin gus an do bhàsaich e fhèin ann an 1872 bha an cù dìleas seo na shuidhe air uaigh a mhaighstir. Nuair a thuig muinntir a' bhaile nach gabhadh e a bhith air fhuadach bhiodh iad a' toirt biadh thuige. Nuair a bhàsaich e fhèin chaidh a thiodhlacadh faisg air a mhaighstir, le flùraichean air uaigh. Chaidh eadhon sùil-uisge a thogail mar chuimhneachan air le carragh-cuimhne de Bhobaidh. Tha seo ri fhaicinn fhathast mu choinneimh geatachan na h-eaglaise.

An eaglais an-diugh
Nuair a thàinig Greyfriars Tolbooth agus Highland Kirk gu bith chaidh aontachadh gum biodh seirbheisean Gàidhlig mar phàirt den dòigh-adhraidh. 'S e Eaglais nam Manach Liath an aon eaglais ann an taobh deas de Alba anns a bheil seirbheisean air an cumail anns an dòigh Ghaidhealach. Tha seirbheisean Beurla àbhaisteach a' gabhail àite cuideachd.

Tha copaidh den Chùmhnant Nàiseanta ann agus iomadh cuimhneachan bho àm nan Cùmhnantach. Tha cunntas air eachdraidh na h-eaglaise ann le planaichean de na chaidh a leasachaidhean a dhèanamh tro na bliadhnaichean.

Tha an eaglais fosgailte do luchd-turais agus tha ionad-tadhail ga ullachadh. Tha bùth bheag ann cuideachd mar as àbhaist a bhith ann an àitichean den t-seòrsa sin.

Tha an eaglais cuideachd a' feuchainn ri leantainn oirre leis an obair air an do thòisich na manaich o chionn fhada - a' cuideachadh bochdan na coimhearsnachd.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD