GRD > Faidhle Eachdraidh > Fčilltean
An Nollaig
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh

Fèilltean

Iombolc is Fèill Brìghde
  Iombolc is Fèill Brìghde
Tha iomadh sgeulachd eadar-dhealaichte ann mu Bhrìghde ach anns na h-eileanan b' i a' bhean-ghlùin a bh' aig Moire nuair a rugadh Crìosd. Bhathas cuideachd a' creidsinn gun robh trì pearsachan aice. Tha an naomh seo fhathast ga cuimhneachadh ann an ainmean nigheanan is àitean. Leughaidh tu mòran an seo a chuireas iongnadh ort.

Didòmhnaich Càisge
  Didòmhnaich Càisge
Leugh an seo mun bhonnach a bhitear a' deasachadh airson an là seo a chomharrachadh, fada mus tàinig hot-cross buns. An robh fios agad gum bi a' ghrian a' danns sna speuran air an là seo?

Bealltainn
  Bealltainn
B' i seo an fhèill a bha a' comharrachadh leth soilleir na bliadhna Ceiltiche is a tha fhathast a' comharrachadh toiseach an t-samhraidh. Bha an crodh air an cur tro theine aig an àm seo airson an glanadh is nigheanan a' nighe an aghaidhean san driùchd. Bha mòran deas-ghnàthan co-cheangailte ri teine a' dol air adhart aig an àm seo gus naomhachadh fhaighinn.

Là Choluim Chille
  Là Choluim Chille
Bha Diardaoin sònraichte ann am beatha nan Gaidheal. B' e là a bh' ann a bha freagarrach airson a h-uile seòrsa obrach, dìreach mar a mhol an naomh. Mus tàinig an creideamh Crìosdaidh bha an là seo cudthromach cuideachd oir b' e seo an là air an robh na sìthichean a' gabhail fois agus mar sin cha chuireadh iad dragh sam bith air càil a bha a' gabhail àite.

Lùghnasadh
  Lùghnasadh
Seo toiseach na ràithe mu dheireadh den bhliadhna Cheiltich. Tha i air a h-ainmeachadh air Lugh, dia grèine. Seo an t-àm san taghadh tu cèile aig a' mhargaidh ach nan deigheadh am pòsadh nad aghaidh cha robh agad ach a dhol air ais dhan mhargaidh is an cèile sin a thilleadh, dìreach mar bhathar sam bith eile!

Là Fèill Moire
  Là Fèill Moire
Dè a bh' ann am Moilean Moire agus ann an Iolach Moire? An e cailleach-coirce maighdinn-coirce air fàs aost? Agus an cuala tu mu gobhar-bacach is bearradh eòin is amadain? Tha am fiosrachadh gu lèir an seo.

Fèill Mhìcheil
  Fèill Mhìcheil
B' e seo prìomh fhèill na bliadhna air Ghaidhealtachd o chionn fhada. Air an là seo bha cead agad each a ghoid agus bheireadh do leannan curran dhut mar phrèasant! Leugh an seo mun mheasgachadh a bha eadar Crìosdaidheachd is pàganachd co-cheangailte ris an fhèill seo.

Samhain
  Samhain
B' i seo prìomh fhèill nan Ceilteach a bha a' comharrachadh deireadh an t-samhraidh is toiseach na bliadhna. Bha an là a' tòiseachadh leis an oidhche is bha na teintean gan cur thuige air an oidhche is cha b' ann sa mhadainn. Bha seo na dhìon an aghaidh cumhachdan an dorchadais.

An Nollaig
  An Nollaig
'S dòcha gur i An Nollaig an fhèill as motha a thathas a' cumail an-diugh ach tha cuid dhen bheachd nach robh na Gaidheil o thùs a' toirt mòran aire dhith idir. Ach tha seanfhacail nar dualchas ag ainmeachadh na Nollaig is le sin bha i cudthromach.

A' Challainn
  A' Challainn
Seo an fhèill a bha uaireigin fada na bu chudthromaiche na An Nollaig air Ghaidhealtachd na h-Alba. Ged a bhathas a' 'glanadh' nan taighean air an là seo chan fhaodadh càil a bhith air a shadail a-mach. Leugh an seo mu dheas-ghnàthan na Callainn is mu na duain a bhitear a' gabhail.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD