GRD > Faidhle Eachdraidh
Faidhle Eachdraidh
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Faidhle Eachdraidh
Blàir

Ma tha caistealan air feadh Alba nach truagh gu bheil a cheart uimhir de làraich bhlàr ann cuideachd! Tha cunntasan an seo air blàir bho 84 AC gu 1882 agus air a' bhuaidh a bh' aig na blàir sin. Bha cuid dhiubh aig nach robh buaidh mhòr sam bith ach nach tèid à cuimhne airson na lèir-sgrios a rinn iad agus cuid a dhùisg uaill nàiseantachd anns an t-sluagh agus a thug dhaibh saorsa.

Caistealan
Tha Alba air a breacadh le caistealan, no le làraich chaisteal. Tha e inntinneach leughadh mun deidhinn oir tha an eachdraidh shònraichte fhèin aig gach aon dhiubh. Tha sgeulachdan mu thaibhsean cuideachd co-cheangailte ri cuid dhiubh, mar a bhiodh dùil. Ach an robh fios agad gun robh cuid de na taibhsean sin dathte? Leugh seo agus coinnich ri taibhsean uaine is pinc.

Ceatharnaich
Tha iomadh dòigh anns am faodar am facal, ceatharnach, a chleachdadh; tha cuid ga ghabhail mar ghaisgeach threun, cuid eile mar ghadaiche no mar spùinneadair. Ach tha sin a rèir 's dè an taobh bho bheil thu a' coimhead. Chan eil teagamh sam bith nach eil na fir 's na mnathan mu bheil iomradh an seo a' nochdadh gaisge, nan dòighean eadar-dhealaichte fhèin.

Caochladh Chuspairean
Mar a tha an tiotal ag innse tha caochladh chuspairean san earrainn seo ach 's e cuspairean a th' annta mu nithean a thug buaidh nach bu bheag air eachdraidh na h-Alba san fharsaingeachd no air eachdraidh ceàrnaidh shònraichte de dh'Alba. Tha cuid dhe na cuspairean a tha a' toirt cunntas air amannan connspaideach is cuid eile 's dòcha dìreach a' soilleireachadh nithean is cleachdaidhean a tha mun cuairt òirnn fhathast.

Eaglaisean
Tha cunntasan an seo air cuid de dh'eaglaisean cudthromach na h-Alba agus air cuid, 's dòcha, nach eil cho iomraiteach, air cuid a tha fhathast gan cleachdadh airson adhradh agus cuid nach eil. Chuir Crìosd luchd-malairt a-mach às an teampall ach tha cafaidh is bùth ann am feadhainn dhiubh seo! Tha eachdraidh an cois gach cunntais agus sgeulachdan mu mar a chaidh cuid dhiubh a stèidheachadh agus mar a tha iad a' feuchainn fhathast ris an nì airson an deach an togail a choileanadh.

Fèilltean
Bha seanfhacal aig na Gaidheil a bha ag ràdh, "Cùm an fhèill air an là", agus ged a dh'fhaodadh iomadh brìgh a thoirt à sin tha e againn mar dhearbhadh air cho cudthromach 's a bha fèilltean ged is dòcha a tha an fheallsanachd a bh' air an cùl doirbh dhuinn a thuigsinn. Bha iad aca mar mhìosachan, a' roinn is a' cumail smachd air cùrsa obrach na bliadhna.

Naoimh
Dè a th' ann an naomh? 'S e duine nàdarrach a th' ann an naomh, duine a bhios a' dèanamh obair shònraichte do Dhia. Chan eil neach sam bith air a bhreith na naomh; 's e tiotal a tha seo a thathar a' toirt do dhaoine gu math tric an dèidh am bàis airson euchdan Crìosdaidh air choreigin. Tha cunntasan an seo air ochd naoimh, cuid a thàinig gu Alba is cuid nach tàinig ach a tha fhathast air an urramachadh ann an ainmean eaglaisean, thobraichean is àiteachan air feadh ar dùthcha.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD