Naoimh
|
|
|

An robh fhios agad nach robh naomh pàtranach na h-Alba
a-riamh air tìr ann? A bheil fhios agad cuin a tha
Là Naomh Anndrais ann? Carson nach robh urram aig luchd
na Gàidhlig dhan naomh seo? Leugh an cunntas seo is
gheibh thu a-mach. |
|
|
|

Thòisich Brianann a' searmonachadh an t-soisgeil an
dèidh dha bruadar fhaicinn. Shiubhail e is ràinig
e Tìr a' Gheallaidh, tìr nach bi daoine eile
a ruighinn gus am bàsaich iad. Cha d' fhuair e tarsainn
air Abhainn a' Bhàis idir, ged a dh'fheuch e. Ciamar
a bha an naomh seo eadar-dhealaichte bho Cholum Cille? Leugh
an cunntas seo is gheibh thu a-mach. |
|
|
|

Bha an naomh seo eadar-dhealaichte bhon chuid mhòr
de naoimh eile oir b' e duine bochd a bha na athair. Dh'fheumadh
e seasamh air cnoc mus deigheadh aige air dìreadh a-steach
do chairt ach ma bha e beag bha spiorad mhòr aige.
Leugh an seo mar a dhèilig e ri luchain is eòin. |
|
|
|

Tha mòran air a sgrìobhadh mun naomh seo ach
tha sgeulachdan beaga mu dheidhinn an seo nach eil cho ainmeil.
B' e duine caomh a bh' ann ach dh'fhuadaich e boireannach
à Eilean Idhe. Leugh mun cheangal a bha eadar Colum
Cille is staidhre a bh' ann an caisteal Caimbeulach Loch Iall. |
|
|
|

Leugh an seo mun naomh Maolrubha agus mun tobar ainmeil aige.
Leugh cuideachd mun chlachair a fhuair bàs air sgàth
's gun do chuir e dragh air leac-uaigheach an naoimh. |
|
|
|

Seo an naomh a bha ag eudach ri Colum Cille agus a gheàrr
dheth bàrr na corraige airson Lios Mòr fhaighinn
dha fhèin. Cuiridh e iongnadh ort gun robh dà
Chrìosdaidh a' foillseachadh dubhailcean dhen t-seòrsa
seo. |
|
|
|

An robh fios agad gur e an aon duine a bh' ann am Mungo is
ann an Kentigern? Seo an naomh a tha co-cheangailte ri Glaschu.
Leugh an seo mar a fhuair am bradan an t-ainm, iasg a' ghliocais,
ri linn gliocas Mhungo. |
|
|
|

Ghabh an naomh seo an aon slighe ri na saighdearan Ròmanach
tro Alba ach tha e air aithris gun deach esan na b' fhaide;
ràinig e Arcaibh is Sealtainn. Bha bata aige a chuireadh
a-mach freumhaichean san talamh bhom fàsadh flùraichean
is measan. Carson a thug e Candida Casa mar ainm air an eaglais
aige? |
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|
|