GRD > Faidhle Eachdraidh > Naoimh > Naomh Anndrais
Naomh Anndrais
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Naomh Anndrais
Chan fhaca Naomh Anndrais Alba a-riamh is cha do chuir e a chas air talamh na h-Alba rè a bheatha. A dh'aindeoin sin 's e naomh pàtranach na h-Alba is 's e a chrois (crois gheal le cùl gorm) bratach nàiseanta na h-Alba. Tha a naomh fhèin is a crois fhèin a' toirt neo-eisimeileachd do dh'Alba bho Shasainn. B' e Anndrais ciad dheisciobal Chrìosd agus tha e na naomh pàtranach aig an Ruis is aig iasgairean cuideachd. An dèidh bàs Chrìosd tha e coltach gun deach Anndrais dhan Ghrèig far an deach a cheusadh.

Suidheachadh an eachdraidh is fiosrachadh
Tha dà adhbhar ann airson Anndrais a bhith air ainmeachadh mar naomh pàtranach na h-Alba. Ann an 345AC bha an t-Iompaire Constantine airson cnàmhan Naoimh Anndrais a ghluasad bho Patras gu Constantinople ach thàinig aingeal gu manach Grèigeach, an Naomh Rule, is dh'iarr i air-san na cnàmhan a thoirt gu àite san iar-thuath. Thàinig an long anns an robh e air tìr ann an Alba is chaidh iarraidh air stad aig làrach ann an siorrachd Fìobha an Alba far a bheil baile Chill Rìmhinn an-diugh. B' e Baile Reuil an t-ainm Gàidhlig a bh' air a' bhaile an toiseach, mar chuimhneachan air an naomh seo. Chaidh atharrachadh gu Cill Rìmhinn air sgàth na h-eaglaise. Agus sin aon mhìneachadh air mar a thàinig iad a dh'Alba.

Tha cuid eile ag ràdh nach eil sin ceart idir ach gur ann a chaidh na cnàmhan a thoirt a dh'Alba san 7mh linn leis an Naomh Wilfred a bha air turas san Ròimh is gun d' fhuair an rìgh Albannach, Aonghas MacFhearghais, a bha na rìgh bho 731-761, a làmhan orra is gun do chuir e iad a Chill Rìmhinn gus urram a bhuileachadh air an easbaigeachd an sin. Dh'fhàs làrach chràbhach mun timcheall ach an toiseach b' ann Culdee is cha b' ann Caitligeach a bha i.

Anns a' chiad eaglais a chaidh a thogail bha bucas ris an canar, Mòr Breac, far an robh fiacail, cnàmh-glùine, trì corragan den làimh dheis agus cnàmh gàirdein. Bhitear a' giùlain a' bhucais seo nam bitear a' caismeachd suas gun 14mh linn.

Chan eil cinnt gur ann dha-rìribh ann an Cill Rìmhinn a chaidh na cnàmhan adhlaiceadh oir tha àiteachan eile a' cumail a-mach gu bheil iad adhlaichte aca-san ach dhleas Cill Rìmhinn an tiotal gum b' e baile cràbhach na h-Alba is ghlèidh e an t-urram sin an dèidh don eaglais Chaitligeach gabhail a-null bhon eaglais Cheilteach.

Ge bith dè an sgeulachd a tha fìor tha e coltach gun deach caibeal a thogail a dh'aona ghnothaich airson na cnàmhan adhlaiceadh. B' e Obar Neithich an t-ainm a bh' air an àite aig an àm sin. Ann an 1160 chaidh Àrd-eaglais an Naoimh Anndrais a thogail is thàinig baile Chill Rìmhinn gu bhith na ionad cudthromach is cuairtearan a' tadhal air a dh'fhaicinn nan cnàmhan. Tha leac, a chithear gus an là an-diugh, a' comharrachadh far an deach na cnàmhan adhlaiceadh.

Chan eil fios le cinnt dè a thachair dhaibh; 's dòcha gun deach cur às dhaibh aig àm an Ath-leasachaidh mar iodhalan Caitligeach. Feumar cuimhneachadh cuideachd nach deach na cnàmhan gu lèir a thoirt a dh'Alba; tha a' chuid mhòr dhiubh san Eadailt.

Ann an 1879 chuir Àrd-easbaig Amalfi pìos de ghualainn an naoimh gu Caitligich na h-Alba agus nuair a thadhal am Pàp Pòl VI an Alba ann an 1969 thug e pìosan eile de na cnàmhan leis is thuirt e, "Tha an Naomh Peadar a' toirt a bhràthar thugaibh". Tha iad sin a-nis ann an taisealan ann an Àrd-eaglais Chaitligeach an Naoimh Màiri ann an Dùn Èideann.

Ach ann an taobh siar na h-Alba agus far an robhas a' bruidhinn Gàidhlig, cha robhas a' toirt mòran urraim do Naomh Anndrais.

Fiosrachadh annasach
Tha sgeulachd ag innse gun robh airm cumhachdach a' tighinn an aghaidh Aonghais MhicFhearghais, rìgh nan Cruithneach, aig aon àm is gun robh uimhir de dh'eagal air is gun do thòisich e a' guidhe airson stiùireadh nèamhaidh. An dèidh dha sin a dhèanamh tha e coltach gun do nochd sgòth gheal air adhar gorm mar bhratach-croise os a chionn agus gun deach an là leis. Dh'iarr an rìgh gun deigheadh Anndrais a ghairm na naomh an dèidh seo (tha cuid nach eil a' creidsinn seo oir cha b' e Crìosdaidhean a bh' anns na Cruithnich). Cha deach seo a dhèanamh gus an do bhuannaich Raibeart Brus Blàr Allt a' Bhonnaich agus gus an do dh'ainmich Glaodhaich Obar Bhrothaig Naomh Anndrais mar naomh pàtranach na h-Alba agus gus an deach am bratach-croise a ghabhail mar bhratach nàiseanta na dùthcha ann an 1385. Thathar ag ràdh gun deach Anndrais a cheusadh air bratach-croise mar a th' air bratach na h-Alba.

Dìreach mar a tha cumanta an-diugh, bhathas a' reic chuimhneachain san là sin cuideachd. Tha e coltach gun robh mnathan-cràbhach a' coinneachadh chuairtearan is a' reic shuaicheantas riutha. Bha suaicheantais eadar-dhealaichte ann airson tighinn agus airson falbh.

Tha eisimpleir Naoimh Anndrais ga mholadh san ùrnaigh a leanas:
'A Dhè uile chumhachdaich, a thug de ghràs dod Abstal Anndrais 's gun robh e cho umhail dod mhac, Iosa Crìosd, is gun tug e a bhràthair leis: Thoir dhuinne a th' air ar gairm trod Fhacal, gràs gus a leantainn gun dàil is gus ar dlùth dhàimhean a thoirt na làthair ghlòrmhor; an Tì tha beò is a' riaghladh, aon Tighearna gu bràth.'

An là an-diugh
'S e an 30mh là den t-Samhain là Naoimh Anndrais. Bha an là seo aig toiseach bliadhna na h-eaglaise. Thathas a' cumail an là seo fhathast gu ìre air choreigin ann an Alba. Bidh daoine a' tighinn cruinn gu cuirmean is a sheinn òrain Albannach.

Tha eaglaisean, sgoiltean, colaistean is eile air an ainmeachadh air Naomh Anndrais air feadh Alba. Ann an Cill Rìmhinn fhèin tha an oilthigh air a h-ainmeachadh air an naomh. B' ann sa bhaile seo a chaidh ciad oilthigh na h-Alba a stèidheachadh leis an Easbaig Wardlow ann an 1411. Thòisich am Prionnsa Uilleam na oileanach san oilthigh seo ann an 2000.

Ach chan ann a-mhàin an Alba a tha àiteachan air an comharrachadh le ainm an naoimh; tha eaglaisean, colaistean is sgoiltean sna Stàitean Aonaichte air an ainmeachadh air cuideachd agus tha buidhnean Gaidhealach an Ameireagaidh air an ainm seo a thaghadh gus sealltainn gu bheil freumhan Albannach aca is iad, nan dòigh annasach fhèin, a' feuchainn ri cleachdaidhean an sinnsireachd a chumail a' dol.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD