|
Naomh Brianann
B' ann ann an Èirinn a rugadh Brianann agus, mar iomadh
naomh eile, thàinig e bho theaghlach uasal. Mus do rugadh
e chaidh fàisneachd a dhèanamh gum fàsadh
an leanabh suas na dhiadhaire mòr. Nuair a bha e bliadhna
a dh'aois chaidh a chur gu boireannach eile mar dhalta; bha an
cleachdadh seo cumanta aig an àm. Bha am boireannach seo
na bean-chràbhaidh agus thug an oideachadh a fhuair Brianann
bhuaipe buaidh air fad a bheatha. An dèidh dha Ide, oide,
fhàgail chaidh e gu easbaig agus chaith e ùine ann
an sin a' leughadh nan salm, an t-Seann Tiomnaidh is an Tiomnaidh
Nuaidh ann an Laidinn. Dh'iarr e cead an uair sin a dhol gu duine
cràbhach eile agus lean e air ag ionnsachadh.
Suidheachadh an eachdraidh
is fiosrachadh
Rugadh Brianann timcheall air 482 AC. An dèidh dha bliadhnaichean
a thoirt ag ionnsachadh còmhla ri daoine cràbhach
chaidh sagart a dhèanamh dheth agus cha robh e fada san
dreuchd sin nuair a thòisich e a' siubhal. Chaidh e an
toiseach gu tìr ris an canar Tìr a' Gheallaidh agus
nuair a thill e bhon chuairt annasaich sin chaidh e gu ceann a
deas Bhreatainn a thadhal air na naoimh a bha an sin.
Ràinig e taobh siar na h-Alba is shuidhich
e dà mhanachainn, tè air Tiriodh is tè air
eilean eile. Nuair a bha e ann an Alba choinnich e ri Colum Cille
air eilean àraidh is ghabh iad Suipear an Tighearna còmhla
an sin.
Eadar-dhealaichte ri Colum Cille, cha robh ùidh
sam bith aig Brianann ann an gnothaichean an t-saoghail seo; cha
robh air aire ach a bhith ag ùrnaigh is bha e airson a
chùl a chur ris an t-saoghal. Chaochail Brianann ann an
577 AC.
Fiosrachadh annasach
Cha robh e fada ann an dreuchd na sagartachd nuair a thàinig
facal na fìrinn thuige, a tha ag ràdh nach eil neach
sam bith a dh'fhàg a theaghlach fhèin air sgàth
Chrìosd nach fhaigh buannachd às san t-saoghal seo
agus san t-saoghal ri teachd. B' e sin dìreach mar a rinn
e fhèin agus na chadal chuala e Dia ag ràdh ris
a dhol a shearmonachadh an t-soisgeil.
Dh'èirich e is chuir e bàta air
dòigh is dh'fhalbh e le ceithir chompanaich dheug is chuir
e gu muir. Bha iad a' seòladh air a' chuan fad seachd bliadhna,
a' dol bho dhùthaich gu dùthaich is bho eilean gu
eilean gus mu dheireadh an do ràinig iad Tìr a'
Gheallaidh.
Mus deach iad air tìr chuala iad guth
ag èigheach riutha is ag innse dhaibh mun tìr seo.
Dh'fhuirich iad airson dà fhichead là is oidhche
san àite seo ag ithe mheasan is ag òl uisge glan.
Ach bha aon àite air an eilean seo a thug trioblaid dhaibh;
b' e sin abhainn a bha a' roinn an eilein na dhà leth agus
chan fhaigheadh iad air a dhol tarsainn oirre. Bha adhbhar airson
seo oir b' e Abhainn a' Bhàis a bha seo agus cha robh an
t-àm aca air a thighinn fhathast.
Choinnich duine òg iad aig an abhainn,
chuir e fàilte orra ann an ainm an Tighearna, phòg
e iad is thuirt e riutha tilleadh dhachaigh is toirt leotha na
b' urrainn dhaibh a ghiùlain de thoradh na tìre
is de chlachan luachmhor. Rinn Brianann mar a chaidh iarraidh
air is thill e dhachaigh a dh'Èirinn.
A bheil fìrinn san sgeulachd? Faodar
a ràdh le cinnt, co-dhiù gun do rinn Brianann siubhal
mhòr air feadh iomadh tìr. Mar na naoimh uile bha
e a' sireadh àiteachan iomallach far an dèanadh
e adhradh.
'S ann às dèidh Bhrianainn a tha
sgìre Chille Bhrianainn ann an Earra-Ghaidheal air a h-ainmeachadh
agus bha muinntir Bhòid a' toirt a leithid de dh'urram
dha is gun robh iad uaireigin air an ainmeachadh mar 'Na Brianannaich'.
Tha eileanan beaga anns a' Chuan Shiar ris an
canar 'na h-eileanan naomha' agus b' ann an sin a shuidhich Brianann
a mhanachainn. Tha iad beag agus freagarrach airson crodh is caoraich
a-mhàin ach bha iad freagarrach dha-san mar àite
adhraidh is meòmhrachaidh.
An là an-diugh: Tha an sgeulachd iongantach,
'Iomram Bhrianainn', mu a thuras gu Tìr a' Gheallaidh air
a h-innse fhathast ann an iomadh dùthcha. Tha clann-sgoile
eòlach gu leòr air turas-mara Bhrianainn oir 's
e sgeulachd a th' innte a bhios ga h-innse sa bhun-sgoil.
Tha na facail, tìr a' gheallaidh, air
an cleachdadh gu tric san là an-diugh mar ainm eile airson
Nèamh, an t-àite a th' air a ghealltainn. Ann an
litreachas na Gàidhlig bha dà thìr sònraichte
ann, Tìr nan Òg is Tìr a' Gheallaidh. Seo
mar a tha Tìr a' Gheallaidh air ainmeachadh nar litreachas-ne:
Tìr
àlainn air nach do dhòirteadh fuil duine a-riamh,
agus anns nach còir duine peacach a bhith air adhlacadh.
Àite far am faighear slàinte gun ghalar,
aoibhneas gun strì,
solas gun dorchadas.
Àite gun dubhachas, gun ainneart, gun pheacadh
Àite far am faicear aghaidhean nam fìrean
Àite far an tadhal na h-ainglean o nèamh
Àite sèimh, socair, suthain
Àite naomh, neo-thruaillidh
Is e seo Tìr a' Gheallaidh.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|