|
Naomh Cainneach (Candice)
B' e Cainneach aon de na naoimh bu thlachdmhoire a bh' anns an
eaglais Cheiltich. Thathas ag ràdh gu bheil rudeigin de
nàdar nan naomh anns na h-àiteachan a thagh iad
mar àiteachan-tuineachaidh. Tha Lios Mòr socair
mar a bha Moluag is Eilean Idhe air a chuairteachadh le fairge
fhiadhaich mar a bha Colum Cille aig amannan ach tha sèimheachd
Chainnich ann an Innis Choinnich.
Eadar-dhealaichte bho cuid de na naoimh a thàinig
à Èirinn, cha b' e mac duine uasail a bh' ann an Cainneach
idir ach mac duine bochd.
Suidheachadh ann an
eachdraidh is fiosrachadh
Rugadh Cainneach ann an Doire, an Èirinn ann an 517 AC agus bha
e aig aon àm na oileanach còmhla ri Colum Cille.
Bha dlùth chàirdeas eadar e fhèin is Colum
Cille ged a bha iad cho eadar-dhealaichte nan nàdar.
A thuilleadh air Colum Cille bha dithis eile,
Ciaran is Comghall, gan oideachadh còmhla ri Cainneach.
Dh'fhaighnich Mobhi, an neach-teagaisg, dhaibh aon là dè
an nì bu mhotha anns an robh iad a' cur luach. Thuirt Colum
Cille gum bu mhiann leis manachainn làn òir gus
am faigheadh e air manachainnean eile a thogail ach b' e a thuirt
Cainneach ach gum bu mhiann leis-san manachainn làn leabhraichean
naomh gus am faigheadh e barrachd tuigse air Dia. Choilean e a'
mhiann seo gu ìre oir sna bliadhnaichean mu dheireadh sgrìobh
e mìneachadh air na soisgeulan; b' e Glas Chainnich a bh'
air an seo.
'S e 11 Dàmhair là an Naoimh Chainnich.
B' e duine beag a bh' ann an Cainneach is tha
e coltach gum feumadh e seasamh air cnoc mus deigheadh aige air
dìreadh a-steach do chairt. Ach ged a bha e beag cha robh
e bog oir bha dòigh mìorbhaileach aige air an t-soisgeul
a lìbhrigeadh.
B' ann dhan Chuimrigh a chaidh Cainneach an
toiseach mus tàinig e a dh'Alba ann an 562 AC. Chaidh e
còmhla ri Colum Cille a thadhal air Rìgh Brud a'
chiad uair a chaidh Colum Cille a dh'Inbhir Nis. B' ann air taobh
siar is sear na h-Alba a bha e a' saothrachadh ach b' ann ann
an Èirinn fhèin a chaochail e ann an 600 AC.
Tha tursan Chainnich rin lorg suas an Gleann
Mòr gu Inbhir Nis agus deas gu Fìobha. Gu dearbh,
thathas ag ràdh gum b' e a stèidhich a' chiad eaglais
ann an Cill Rìmhinn. Bha e air ainmeachadh cuideachd mar
Abstol Fìobha. Bha eaglais aige ann an Cinn Tìre
cuideachd, mar a bh' aig Colum Cille. 'S dòcha gun do stèidhich
e i air a shlighe a-null no air ais a dh'Èirinn oir bhiodh e a'
siubhal gu tric eadar an dà dhùthaich. Mar chuairtearan
eile cuideachd, bhiodh e a' tadhal ann an I.
B' e Innis Chainnich a' phrìomh eaglais
a bh' aige air taobh siar na h-Alba a-mach bho chladach Mhuile
ach bha làraich aige ann an Colbhasa, an Colla, an Tiriodh,
air Eilean Idhe fhèin agus ann an Loch Baghasdal an Innse
Gall. Thathas ag ràdh nuair a bhios aimsir shònraichte
ann gum faicear Èireann bhon àite seo ann an Loch Baghasdal.
Coltach ri iomadh naoimh eile bha Cainneach
dèidheil air a bhith na aonar far an robh e aig sìth
còmhla ri obair nàdair is ri Dia.
Fiosrachadh annasach
Bha teaghlach Chainnich cho bochd nuair a rugadh e is nach robh
fiù bò aca ach nochd tè, gu h-iongantach,
airson gum biodh bainne aig an leanabh.
Aon Didòmhnaich bha Cainneach air eilean
beag, Innis Ubdain, ach bha an t-eilean sin làn luchainn
agus bha iad a' criomadh air a bhrògan gus mu dheireadh
na dh'ith iad iad. Chuir Cainneach mallachd orra is dh'fhuadaich
e iad a-mach às an eilean, chaidh iad le na creagan dhan
mhuir agus gus an là an-diugh chan eil luchan rim faicinn
air an eilean sin.
Bha e air eilean eile air Didòmhnaich
eile is bha an t-eilean sin làn eòin is bha na h-eòin
sin a' cur dragh air Cainneach leis an fhuaim a bha iad a' dèanamh.
Throd e riutha agus crùb na h-eòin sìos agus
cha tàinig smid asta tuilleadh gu madainn Diluain.
Bha uair eile a thàinig fiadh thuige
agus chùm e leabhar Chainnich le chabair fhad 's a bha
an naomh a' leughadh. Bha seo a' tachairt gach là. Aon
là, ged-tà, chuir rudeigin eagal air an fhiadh is
ruith e leis an leabhar fhathast air a chabair. Cha robh e fada
gus na thill e gu math diùid gu mhaighstir, an leabhar
fhathast fosgailte aig an duilleig cheart.
An là an-diugh
Mar na naoimh eile tha cuimhneachain air Cainneach ann an iomadh
eaglais is àite ann an Alba is an Èirinn.
Tha Taigh Innis Choinnich an-diugh air
an làrach far an robh taigh Chainnich agus tha e air a
chuairteachadh le achaidhean far am faicear seann fheannagan.
An ann aig Cainneach a bha iad?
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|