GRD > Faidhle Eachdraidh > Naoimh > Naomh Mungo/Kentigern
Naomh Anndrais
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Naomh Mungo/Kentigern
B' ann bho teaghlach uasal a thàinig e. B' ann dìolain a bha e; b' e bana-phrionnsa a bha na mhàthair agus tha e coltach gur ann ann an coille a rugadh e.

Ghabh Naomh Serf uallach, thug e oideachadh dha is tha e coltach gur e a thug an t-ainm air. Tha an t-ainm Mungo a' ciallachadh am fear gràdhaichte agus tha na sgeulachdan a th' againn mu dheidhinn a' dearbhadh gun robh e dha-rìribh gràdhaichte aig daoine.

Bha oileanaich eile aig Serf agus tha e coltach gun thionndaidh iad an aghaidh Mhungo seach gun robh iad den bheachd gu robh Serf ga ghràdhachadh os an cionn fhèin agus b' fheudar dha Serf fhàgail. Nuair a bha e a' ruith air falbh thàinig e tarsainn air seann naomh a bha aig uchd bàis. B' e Naomh Fergus a bha seo agus dh'iarr e air Mungo feuchainn ri adhlacadh ann an cladh a bha Naomh Ninian air a choisrigeadh ann an Glaschu. Rinn Mungo seo agus ghabh e a-null dreuchd Fherguis.

Ged nach urrainn cuid de na sgeulachdan mu dheidhinn a bhith air an dearbhadh tha cuimhne air Mungo mar mhanach a sgaoil an creideamh Crìosdail ann an ceann a deas Alba.

Suidheachadh ann an eachdraidh is fiosrachadh
Bha e beò aig an aon àm ri Colum Cille agus bha ainm eile air cuideachd - Kentigern. Bhàsaich e ann an 612 AC. Aig aois 25 chaidh a dhèanamh na easbaig le Rìgh Srath Chluaidh. Chaidh e air cuairt rannsachaidh is fhuair e a-mach gur e pàganaich a bh' anns a' chuid mhòr den t-sluagh. Chaith e a' chuid mhòr de bheatha a' searmonachadh do Bhreatannaich Srath Chluaidh. Thathas ag ràdh gun do stèidhich e manachainn ann am Baile Ghobhainn agus tèile air làrach Cathair-eaglais Ghlaschu ach chan urrainnear sin a dhearbhadh. San aon dòigh san robh Eilean Idhe co-cheangailte ri Colum Cille tha baile Ghlaschu co-cheangailte ri Mungo agus tha a' Chathair-eaglais air ainmeachadh air. B' ann ann an 1136 a chaidh a' chiad eaglais chloiche a thogail ach chaidh an togalach sin na theine agus chaidh fear eile a thogail ann an 1197. B' ann ann an 1508 a chaidh a' Chathair-eaglais a thogail agus stèidhich i Glaschu mar ionad-cràbhach. Chaidh cuimhneachain Mhungo a thoirt air falbh sna Meadhan-aoisean ach tha uaigh fhathast an teis-mheadhan na h-eaglaise.

Ràinig e cho fada deas ri Carlisle a' searmonachadh ach an àite Crìosdaidheachd a stèidheachadh b' ann a chaidh muinntir an àite sin gu tur na aghaidh.

An dèidh sin chaidh e dhan Chuimrigh agus aon là chunnaic e torc fiadhaich a' cladhach san talamh agus stèidhich e manachainn an sin is cha robh e fada gus an tàinig faisg air mìle manach dhan Chuimrigh. Thill e air ais a dh'Alba nuair a chuala e gun robh cogadh sìobhaltach ann an Srath Chluaidh agus fhuair e cuireadh bho Rìgh Srath Chluaidh cur às dha na pàganaich. Thòisich e air sin a dhèanamh gu toileach. Chuir e casg air a' chleachdadh a bh' aig daoine an cuirp a pheantadh le tatù mar onair do an diathan fhèin, leag e àiteachan coisrichte nam pàganach agus thog e eaglaisean air na làraich aca. Chuir e a mhiseanaraidhean gu tuath gu dùthaich nan Cruithneach, gu Arcaibh is eadhon gu Nirribhidh.

Bha cleachdadh aig naoimh aig an àm seo a bhith a' dèanamh suaip air bataichean no bachaill a chèile agus tha e air a ràdh gun do rinn Colum Cille agus Mungo seo ('s dòcha gu bheil seo caran coltach ri fasan cluicheadairean ball-coise a' toirt an lèintean seachad an-diugh!). B' e Cathbhuaidh an t-ainm a bh' air bachall Mhungo. Bha e air a sgeadachadh le meatailtean is clachan luachmhor is bha e an Cathair-eaglais Ripon gus an 15mh linn. B' e samhla den ùghdarras a bh' anns na bachaill agus bha a bhith a' dèanamh suaip orra mar seo, a' samhlachadh an càirdeas dha chèile.

Tha Mungo ainmeil airson na rinn e ann a bhith a' brosnachadh cultar ann an Glaschu rè a bheatha. Thathas ag ràdh gu bheil eaglaisean ann an Cumbria air ainmeachadh air ach ged nach eil dearbhadh sam bith ann nach eil sin fìor chan eil dearbhadh ann gu bheil, nas mò.

'S e 13 Faoilleach a thathas a' cumail mar chuimhne air Naomh Mungo.

Fiosrachadh annasach
Tha sgeulachd againn a tha ag innse gun robh aon de na rìghrean a bh' ann an Alba aig àm Mhungo a' diùltadh a chìsean a phàigheadh don eaglais. Chuir Mungo fo mhallachd e agus thug e air Abhainn Chluaidh cur thairis agus toirt arbhar an rìgh a bha seo a-mach às a shaibhlean gus na ghiùlain i e dìreach gu casan Mhungo.

Tha sgeulachd eile ann mu bhànrigh Srath Chluaidh a thàinig gu Mungo aon là a dh'iarraidh comhairle. Bha an rìgh air fàinne phrìseil a thoirt dhi ach bha i air an fhàinne a chall (tha cuid ag ràdh gur ann do leannan a thug i i). Bha an rìgh feargach is thuirt e gum marbhadh e i mura faiceadh e an fhàinne air a corraig. Smaoinich Mungo mun chùis airson greis agus an uair sin chuir e a shearbhant a dh'iasgach dhan abhainn. Ghlac an t-iasgair bradan mòr àlainn agus nuair a chaidh an t-iasg fhosgladh bha an fhàinne an sin, na bhroinn. Chaidh cùisean eadar an rìgh is a' bhànrigh a chur ceart agus bhon là sin b' e iasg a' ghliocais an t-ainm a th' air bradan.

An là an-diugh
Tha eaglaisean, sgoiltean, taighean-aoigheachd is ionadan far am faigh daoine gun dhachaigh dìon is fasgadh ann an Glaschu air an ainmeachadh air an naomh seo. Tha iad uile, ann an dòigh air choreigin, a' feuchainn ri cuimhne a chumail air an duine còir a rinn uimhir airson togail a thoirt do Ghlaschu. Tha taigh-tasgaidh, air a bheil ainm an naoimh, ann cuideachd far am faicear nithean co-cheangailte ri beatha chràbhach is ri ealain.

Ma sheallas sibh ri suaicheantas baile Ghlaschu chì sibh gu bheil fàinne air, am measg rudan eile. Tha seo mar chuimhneachan air an tachartas a tha sgrìobhte gu h-àrd.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD