|
Naomh Maolrubha
Tha an t-ainm, Maolrubha a' ciallachadh duine a bha maol is ruadh
(nan gabhadh sin a bhith!). Mar manaich eile aig an àm
sin bha a mhaoil, no beulaibh a bhathais air a bhearradh. Tha
cuid a' dol an aghaidh a' mhìneachaidh seo agus ag ràdh
gur e rubha (ceann-tìre) a th' ann agus gun d' fhuair e
an t-ainm bhon chleachdadh a bh' aige na bhalach a bhith dol ro
fhaisg air rubha-tìre.
Tha Naomh Maolrubha co-cheangailte ris a' Chomraich
is ged nach eil an t-uabhas fiosrachaidh againn mu dheidhinn tha
ainm gu math bitheanta air feadh Alba. Mar a thachair do dh'iomadh
thuineachadh Crìosdaidh eile rinn na Lochlannaich creachadh
is milleadh mòr air ionad Mhaolruibhe is chaidh tòrr
den fhianais a dhìth.
Tha an t-ainm, Comraich, a' ciallachadh àite
far am faigheadh daoine dìon is fasgadh, uaireannan nuair
a bhiodh iad fon choill no a' ruith bhon lagh. 'S e Applecross
a' Bheurla a th' air A' Chomraich agus tha sin a' ciallachadh
àite far an robh croisean a' coinneachadh. Bha àite-fuirich
no comraich Mhaolruibhe an sin, air a chomharradh le croisean!
Thathas a' creidsinn gur ann sa Chomraich a bhàsaich e
is a tha e adhlaichte.
Tha sgeulachd ann a tha ag ràdh gun do
bhris clachair a' chlach-uaighe aig Maolrubha san 19mh linn nuair
a bhathas a' togail mansa ùr. Tha e coltach gun deach iarraidh
air a' chlachair gun a dhol faisg air a' chloich seo ach cha ghabhadh
e comhairle. Greis an dèidh dha a briseadh thuit e bho
scafail agus bhris e a chlaigeann oirre.
Mar iomadh naomh eile tha creudan annasach co-cheangailte
ris. Bhathas a' creidsinn nan toireadh duine ùir bho faisg
air uaigh aig toiseach turais gun tilleadh an duine sin air ais
sàbhailte.
Tha ainm Mhaolruibhe aig amannan air a ghabhail
ceàrr an co-cheangal ri Mourie, an dia Ceilteach. Bha an
dia seo co-cheangailte ris a' ghealaich is ri ìobairt agus
bhathas aig aon àm ag ìobairt bheathaichean ann
an ainm Mhaolruibhe.
Suidheachadh ann an
eachdraidh is fiosrachadh
Mar Cholum Cille, chaidh Maolrubha ri dreuchd na sagartachd ann
an Èirinn. Thàinig Maolrubha à Èirinn mu 670 AC
mar a rinn Colum Cille roimhe is stèidhich e eaglais anns
a' Chomraich, no ann an Apur-crossan, mar a chanar ris an àite
an toiseach. Cuideachd, mar Cholum Cille bha companaich na chois
agus mar a bha e a' siubhal bha tuilleadh ga leantainn.
Ged a b' ann sa Chomraich a rinn Maolrubha a'
chuid mhòr de dh'obair b' ann gu Ìle a thàinig e
an toiseach; bha e dà bhliadhna a' siubhal ann an Alba
mus do shuidhich e e fhèin sa Chomraich is mus do thog
e eaglais ann ann an 673 AC. A sin bha e a' siubhal air feadh
costa siar na h-Alba is nan eilean, eadhon cho fada a-mach ris
na Hearadh. Chaidh e cuideachd chun ear, gu dùthaich nan
Cruithneach far an robh an Rìgh Brud a' riaghladh. Mun
àm seo bha Brud agus mòran de na Cruithnich nan
Crìosdaidhean. Seach nach eil mòran sgrìobhte
mu dheidhinn chan eil fios le cinnt dè a thug air a thighinn
gu Alba.
Dh'fhàs a' mhanachainn sa Chomraich gu
math mòr ach bha i an dèidh sin ceangailte ri manachainn
ann an Èirinn. Bha seo furasta gu leòr aig an àm
oir bha siubhal mara eadar an dà àite cumanta. Tha
cunntas againn gun deach Failbe, a thàinig an dèidh
Mhaolrubha, a bhàthadh air a shlighe eadar A' Chomraich
is Èirinn ann an 737 AC.
Tha cunntas eile ag ràdh gum biodh sìde
fhàbharach ann a h-uile uair a bhiodh e a' siubhal air
a' mhuir agus aon uair is e an dùil a dhol dhan Eilean
Sgitheanach ach gun bhàta aige nach do rinn e càil
ach suidhe air clach is gun tug i e sàbhailte a-null dhan
eilean. B' e cladh Aiseag an t-ainm a bh' air an àite far
an deach e air tìr san Eilean Sgitheanach. B' e Aiseag
a' chiad àite a th' air ainmeachadh an eachdraidh mar àite
a bha a' toirt comraich do dh'eucoirich. Dh'fhaodadh an t-eucoireach
fuireach an seo greis gus an sìolaidheadh fearg a nàimhdean
no gus an cuireadh e a chùisean ceart. Tha na sligean a
thig an uachdar uaireannan ann an àiteachan mar sin a'
sealltainn gun robh na h-eucoirich sin ag ithe mhaorach ann. B'
e cladhaire a chanar uaireannan ri daoine den t-seòrsa
sin a bha a' falach bhon nàimhdean.
Tha dà là air an ainmeachadh mar
là fèille Mhaolruibhe - 24mh Giblean agus 25 no
27 Lùnastal - ge bith carson. Air na làithean seo
bhitear ag ìobradh bheathaichean dha Maolrubha - tairbh
mar bu trice. 'S ann airson a' chleachdaidh seo a tha cuid a'
measgachadh Maolrubha ris an dia Mourie oir cha b' ann Crìosdaidh
idir a bha na cleachdaidhean seo. Tha cunntas againn gun do dh'ìobair
sluagh baile Inbhir Pheofharain tarbh ann an ainm Mhaolruibhe
sa bhliadhna 1695. Gu dearbha, tha iomadh cunntas ag innse mu
ìobradh is daoine ag adhradh san dòigh seo agus
a' dòirteadh bainne air an talamh.
Air eilean Bheàrnaraigh na Hearadh tha
ainm Mhaolruibhe air chuimhne gus an là an-diugh. Nan deigheadh
a' cheist a chur air dhuine, "A bheil thu sgìth?"
dh'fhaodadh gum freagradh e, "Ma' Ruibhe, tha." Tha
seo a' ciallachadh, "Tha, dha-rìribh."
Tha iomadh àite ann an Alba air ainmeachadh
an dèidh Mhaolruibhe; ann an Siorrachd Pheairt 's ann air
a shon a tha Ath Maol Rubha (Amulree sa Bheurla). Bha seann fhèilltean
ann an Inbhir Pheofharain is sa Mhanachainn air an ainmeachadh
mar 'fèill Mhaolruibhe'.
Tha àite san t-Srath san Eilean Sgitheanach
ris an canar Creag an Leabhair agus a rèir eachdraidh seo
far am biodh Maolrubha a' searmonachadh. 'S iongantach mur ann
an seo a chaidh a' chiad sheirbheis Chrìosdaidh san Eilean
Sgitheanach a chuairteachadh.
Tha eaglaisean air an ainmeachadh air an naomh
san Eilean Sgitheanach, ann am Màraig sna Hearadh, An Arasaig,
am Mucarna, an Creagnis, an Ìle, an Cinn Tìre is an Ath
Mhaol Ruibhe. Tha mòran eilean mar chuimhneachan air cuideachd.
Fiosrachadh annasach
Ann an Loch Mhaolruibhe tha eilean agus air an eilean sin tha
tobar ris an canar tobar Mhaolruibhe. Bha an uisge a bh' anns
an tobar sin air a mheas beannaichte agus bhathas a' creidsinn
gun toireadh e a chiall air ais gu neach sam bith a bh' air a
chall. (Gus an là an-diugh canaidh cuid, "Tha thìde
aige tomadh an tobar Mhaolruibhe," ma tha iad a' smaoineachadh
gu bheil cuideigin a' dèanamh rudan gòrach.)
Tha e coltach gun do chuir cìobair cù
air an robh an cuthach dhan tobar airson a leigheas. Ged a chaidh
an cù bochd a leigheis thiormaich an tobar leis an tàmailt
a chaidh a chur oirre. Bhathas ag ràdh cuideachd nam biodh
an tobar làn gu robh sin a' ciallachadh gun robh Maolrubha
ann an sunnd math ach mur a biodh nach robh. Cha bhiodh dùil
leigheas fhaighinn aig na h-amannan sin.
A thuilleadh air a bhith air do thomadh trì
tursan san tobar dh'fheumte do shlaodadh, ma bha an leigheas gu
bhith èifeachdach, an dèidh bàta air an loch.
Cha robh e na iongnadh gum b' ann na bu mhiosa a bha cuid de na
easlaintich an dèidh seo!
Ri taobh na tobrach tha craobh air am biodh
easlaintich a' crochadh luideagan no a' sadadh airgead an uair
a bhiodh iad a' guidhe airson leigheas. Bhathas a' creidsinn nan
cuireadh neach sam bith corrag air na luideagan no air an airgead
sin gun gabhadh e an tinneas a bh' air an neach a dh'fhàg
iad is nach fhaigheadh iadsan leigheas idir. Ann an 1877 thadhail
a' Bhànrigh Bhictoria air an tobar seo agus dh'fhàg
i tabhartas.
Bha craobh a' fàs ri taobh na h-eaglaise
ann an Aiseag san Eilean Sgitheanach cuideachd is thathas ag ràdh
gun chroch Maolrubha clag oirre a bhiodh a' bualadh leis fhèin
a h-uile Sàbaid aig àm adhraidh. Nuair a thuit an
seann eaglais às a chèile chaidh an clag a thoirt
air falbh agus chaidh a chrochadh air eaglais na paraiste. Bhon
là sin cha tàinig smid às; bha e mar isean
ann an cèidse. Ged a chaidh a chur air ais chun chraoibhe
bha a' gheasag briste is cha chualas an còrr bhuaithe.
Shearg a' chraobh fhèin cuideachd.
Tha alltan brèagha an seo cuideachd a
dh'èirich, a rèir beul-aithris à geug craoibhe
a shlaod an t-seann naomh às an talamh nuair a leig e a
chudthrom oirre.
An là an-diugh
Tha e caran iongantach gu bheil an aon slighe 's a bhiodh Maolrubha
a' gabhail gu Srath Carrann, Ach na Sìne is Inbhir Pheofharain
na rathad mòr an-diugh is na loidhne-rèile eadar
Inbhir Pheofharain is Caol Loch Aillse. Bhiodh an tìr mun
cuairt, ged-thà, gu math eadar-dhealaichte.
Tha eaglais is cladh air an làraich far
an robh eaglais Mhaolruibhe.
Ma thèid thu gu eilean Mhaolruibhe an-diugh
gheibh thu faireachdainn sònraichte. Tha gu leòr
chraobhan air, craobhan-durcain is cuileann. Bha a' chuileann
air a meas naomh oir b' ann bho na duilleagan aice a bhiodh manaich
Eilean Idhe a' dèanamh inc. Am meadhan an eilein far an
robh an eaglais tha leacan-uaighe, cuid bho na meadhan-aoisean,
cuid nas ùire.
Bha ionad-fasgaidh aig Maolrubha sa Chomraich
o chionn 1,300 bliadhna air ais agus an-diugh fhèin tha
an t-àite seo, ann an dòigh eile, a' toirt fois
is fasgadh do dhuine sam bith a tha airson falbh greis bho uallaichean
na beatha seo. Bidh mòran a' dol ann airson sìth
is sàmhchair air saor-làithean.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|