GRD > Faidhle Eachdraidh > Naoimh > Naomh Moluag
Naomh Moluag
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Naomh Moluag
Tha cuid ag ràdh gur e Lugaidh an t-ainm ceart aige is gur e ainm gràdhaichte a bh' ann. B' e Cruithneach Èireannach a bh' ann am Moluag agus cha robh an luchd-leanmhainn air an aon ràmh ri luchd-leanmhainn Choluim Chille idir. Bha ceangal aig an sgaradh eadar na h-Albannaich is na Cruithnich ris an Eaglais cuideachd. B' e Moluag a dh'fhosgail an t-slighe don t-soisgeul bho Èirinn gun Ghleann Mhòr is gu ruige Moireibh. Dìreach mar a stèidhich Colum Cille ionad air Eilean Idhe gus muinntir Dhal Riata iompachadh, stèidhich Moluag ionad air Lios Mòr bhon robh e dol a thoirt an t-soisgeul gu na Cruithnich. Bha obair mhòr roimhe oir nuair a thàinig e bha Brud, rìgh nan Cruithneach na phàganach agus b' e naoimh eile a chrìochnaich an obair a thòisich Moluag.

Suidheachadh ann an eachdraidh is fiosrachadh
Rugadh Moluag ann an Èirinn ann an 530 AC agus bha e na mhanach ann am Bangor. Thathas ag ràdh gun tàinig e gu Alba timcheall air an aon àm ri Colum Cille.

Nuair a thàinig Moluag gu Lios Mòr mu 562 AC, bliadhna ro Colum Cille, shuidhich e e fhèin faisg air làrach megalithic far an robh uaighean rìghrean nan Cruithneach. Bha an t-eilean seo coisrichte aig na Cruithnich. Nuair a bha Moluag ann an Lios Mòr bha an t-eilean làn chraobhan ach faodaidh sinn dealbh a dhèanamh air ionad Mholuaig mar àite fasgach am measg chraobh.

Bha eaglaisean eile co-cheangailte ri Lios Mòr air feadh nan eilean, leithid Teampall Mòr ann an Leòdhas, Eaglais Phabaigh, Cill Moluag ann an Ratharsaigh, anns an Eilean Sgitheanach, ann an Tiriodh, am Muile agus Teampall Mholuag ann an Eòropaidh an Nis, an Eilean Leòdhais. Bha feadhainn eile ann cuideachd air tìr-mòr Alba.

Bha coimhearsnachd eile aig Moluag ann an Ros Mhaircnidh. Chaidh mòran de na h-eaglaisean sin an dèidh làimh a choisrigeadh gu naoimh Caitligeach agus chan eil e soilleir an-diugh dè an fheadhainn dhiubh a bha co-cheangailte ri Moluag bho thùs. Bha aon eaglais ann an Srath Pheofharain le ceangal ris an ainm, Davoch-Moluag agus bha eaglais bhàthte ann an Crombaidh a bha, le cinnt, air a stèidheachadh le Moluag.

Ann an siorrachd Mhoireibh bha coimhearsnachd eile co-cheangailte ris an naomh seo, ann am Morthlach. Co-cheangailte ri seo bha Clàbha agus tha àite eile ann an Ailt an Siorrachd Pheairt. Chan eil an sin ach taghadh de na h-àiteachan; bha mòran eile ann, a' chuid mhòr dhiubh gun lorg orra.

Dh'fheumadh Moluag cead fhaighinn bho Rìgh Brud mus deigheadh e leis an t-soisgeul a dhùthaich nan Cruithneach agus cha b' e nì soirbh a bha sin oir b' e pàganach a bh' ann am Brud. B' fheudar do uachdaran, Comghall, a thighinn à Èirinn gus an cead seo fhaighinn; bhathas den bheachd gun deigheadh gabhail ris na b' fheàrr seach gur e Cruithneach a bh' ann dheth fhèin. Fhuairear an cead aig a' cheann thall agus fhuair Colum Cille cead cuideachd airson Eilean Idhe.

Ged is e àite torrach a th' ann an Lios Mòr bha Moluag a' cur feum air barrachd talmhainn airson bàrr a chur agus fhuair e seilbh air pàirt de Thiriodh airson seo a dhèanamh.

Chan eil euchdan Mholuaig cho iomraiteach ri euchdan Choluim Chille ach gheibh sinn fiosrachadh mu na h-àitean far an do ràinig a bhuaidh tro ainmean leithid Cille Moluaig a tha sgapte tron dùthaich. Faodaidh sinn dealbh a dhèanamh nar n-inntinn air Moluag a' siubhal le theachdaireachd bho Lios Mòr a-steach gu dùthaich nan Cruithneach. Tha e cinnteach gun do thadhal e san Eilean Sgitheanach is ann an Ratharsaigh. Ann an Ratharsaigh tha làrach comharraichte le seann chroisean air a bheil samhlaidhean Cruithneachail cuideachd - dearbhadh gun robh an dà dhùthchas gam filleadh ri chèile uaireannan. Ged a tha e mar neach fo sgàil nar n-eachdraidh tha iomradh air cuideachd mar 'Moluag aig an robh ceud manachainn'.

B' ann ann an siorrachd Narainn a chaochail Moluag ann an 592 AC. Tha cuid ag ràdh gun deach a chorp a thoirt air ais gu Lios Mòr airson adhlacadh ach tha feadhainn eile den bheachd gu bheil e adhlaichte ann an Ros Mhaircnidh far a bheil carragh-cuimhne mòr le croisean is samhlaidhean Cruithneachail.

'S e 4 Lùnastal là Mholuaig.

Fiosrachadh annasach
Tha sgeulachd ag innse gun robh beagan eudachd eadar e fhèin is Colum Cille. Nuair a bha iad, le chèile, a' dlùthachadh ri Lios Mòr bha Moluag airson an t-eilean seo a dhleasadh dha fhèin ach bha eagal air gur e curach Choluim Chille a thigeadh gu tìr an toiseach. Mar sin gheàrr e pìos dhe chorraig is thilg e sin gun eilean gus am b' urrainn dha a ràdh gur e a chraiceann-sa a thàinig gu tìr an toiseach, is e ag ràdh:

"Tha a' chiad seilbh aig m' fhuil is m' fheòil air an eilean
Is tha mi ga bheannachadh ann an ainm an Tighearna."

Rinn seo Colum Cille gu math feargach agus thòisich e a' mallachadh Mholuag le bhith ag ràdh:

"Biodh an fheàrna agad mar chonnadh
oir cha loisgeadh am fiodh sin ro mhath."

Fhreagair Moluag e:
"Bheir an Tighearna gabhail math aiste."

Thuirt Colum Cille an uair sin:
Biodh a' chreag air uachdar."

Ach fhreagair Moluag:
"Nì an Tighearna i rèidh fom chasan."

Nach eil e iongantach a bhith a' cluinntinn dithis a bha air an comharrachadh mar dhaoine naomh a' bruidhinn san dòigh seo!

Tha eachdraidh ag innse gur ann aon uair eile a thadhal Colum Cille air Lios Mòr is e a' searmonadh fo chraoibh. Dh'èigh e a-null gu Moluag is sheall e gu tàireil air a mhanachainn is thuirt e:
"An e seo rud ris an can thu lios mòr?"

Fhreagair Moluag e:
"'S e, is tha e cuideachd na lios thorrach."

An là an-diugh
Tha bata no bachall Mholuag ri fhaicinn fhathast. Tha e a-nis fo sheilbh teaghlach MhicDhùnlèibhe ann am baile beag Bachuil air eilean Lios Mhòir. Air sgàth a' cheangail seo tha an teaghlach sònraichte seo air an ainmeachadh mar Bharain Bhachuile. Roimhe seo bha am bachall fo sheilbh Diùc Earra-Ghaidheil. Ann an cumadh tha e coltach ri caman iomain agus anns na seann làithean bha fir Latharna ga thoirt leotha gu blàr.

Chan eil sgeul an-diugh air clag beag Mholuag ged a bha e an làthair gun 17mh linn. Ma thèid thu gu Lios Mòr gheibh thu faireachdainn gur e àite socair a th' ann, dìreach mar a bha Moluag fhèin.

Tha an Eaglais Easbaigeach a' cleachdadh teampall Mholuaig ann an Nis ann an Leòdhas airson adhradh. Tha an togalach seo a' dol air ais gun 12mh linn agus chaidh ath-leasachadh ann an 1911-12 aig cosgais £2,000 agus anns na bliadhnaichean mu dheireadh chaidh barrachd leasachaidh a dhèanamh. Thòisich seirbheisean innte ann an 1994 ach 's ann aig amannan sònraichte den bhliadhna a tha an eaglais air a cleachdadh airson adhradh oir chan eil solas dealain no teas innte.

Tha i fosgailte bhon Chàisg gun Dàmhair ma tha duine sam bith airson a dhol a-steach innte. Tha i cuideachd fad air falbh bhon choitheanal Easbaigeach dam buin i. Tha an coitheanal seo ag adhradh ann an togalach eile ann an Tunga an Leòdhas agus, anns an dòigh sin, thathas a' leantainn ris an t-siostam a thòisich Naomh Moluag, a' sgaoileadh a theachdaireachd bho àite gu àite.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD