GRD > Faidhle Eachdraidh > Naoimh > Naomh Ninian
Naomh Ninian
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Naomh Ninian
Thathas ag ràdh gun do thòisich Crìosdaidheachd ann an Alba leis an Naomh Ninian. B' ann sa Ròimh a fhuair e a chuid foghlaim is sin mar a thàinig e gu bhith na Chrìosdaidh. Mar sin cha robh ceangal aige ri Èirinn mar a bh' aig na naoimh Ceilteach. Tha am fiosrachadh a th' againn mu dheidhinn a' tighinn bho dà phìos bàrdachd is chan eil a h-uile duine a' gabhail ris gu bheil am fiosrachadh sin fìor.

Tha aon nì fìor mu Ninian; b' e a' chiad naomh a chaidh leis an t-soisgeul gu àiteachan far nach robh duine air a bhith roimhe. 'S dòcha nach do rinn Ninian na rudan a thathas ag ràdh a rinn e; air an làimh eile, 's dòcha gun do rinn e barrachd.

Tha e air aithris cuideachd gum biodh Ninian a' dèanamh mhìorbhailean coltach ri na mìorbhailean a bhiodh Crìosd fhèin a' dèanamh ach chan eil mòran fiosrachaidh air fhàgail againn mu rudan àbhaisteach a bha e a' dèanamh bho là gu là. Dè na rudan a bha sin ach dìreach na rudan a tha misionaraidhean an là an-diugh a' dèanamh - ag innse dhan t-sluagh mu Iosa.

Suidheachadh ann an eachdraidh is fiosrachadh
Rugadh e timcheall air 362 AC anns na Crìochan is bhàsaich e mu 432 AC. Aig an àm sin bha a' chuid mhòr de mhuinntir Alba nam pàganaich. Nuair a thill e às an Ròimh thog e a chiad eaglais ann an Whithorn timcheall air 397 AC. B' e Candida Casa (an taigh geal) an t-ainm a thug e air an eaglais seo. Thàinig an eaglais seo am follais, gu h-iongantach ann an 1949 nuair bhathas a' cladhach san àite agus na ballaichean fhathast geal. Ged a bha an eaglais aig Ninian an seo bha àite eile aige far am biodh e a' dol airson fois; bha sin air Eilean Whithorn. A thuilleadh air sin bha uaimh aige, mìle na dhà air falbh.

Tha e comasach, bho ainm nan eaglaisean a th' air an ainmeachadh air, turas Ninian gu tuath a dhèanamh a-mach. Ghabh e an aon slighe is a ghabh na saighdearan Ròmanach ach ràinig esan Arcaibh is Sealtainn is chaidh e tron Ghleann Mhòr.

Sgrìobh Bede gun do dh'ìompaich Colum Cille Cruithnich an taobh tuath is Ninian Cruithnich an taobh deis ach ma ràinig Ninian cho fada tuath ri Sealtainn chan eil sin buileach ceart agus cuideachd tha ainmean aig tuath is deas mar chuimhneachan air.

Air feadh Alba tha tobraichean air an ainmeachadh air Ninian far am bitear a' toirt easlaintich oir bhathas a' creidsinn gun robh Naomh Ninian air an uisge a bheannachadh.

'S e 16 Sultain là an Naoimh Ninian.

Bha Naomh Ninian co-cheangailte ri leigheas is slànachadh. Bha na leigheasan sin rim faighinn bho bhith a' làimhseachadh aodach, chnàmhan, ùir agus uisge aig an robh ceangal ri Ninian ach chaidh lusan is sgian lannsaire fhaighinn nuair bhatar a' cladhach na làraich.

Chan eil fhios againn an robh ùrnaigh shònraichte aig Ninian no nach robh ach tha Ninian air ainmeachadh anns an ùrnaigh a leanas:

A Thighearna, a thug solas an t-soisgeul thugainn
Tro shearmonachadh Ninian
Thoir òirnne, a' cuimhneachadh air is air a shaothair,
A bhith taingeil,
Le bhith a' leantainn eisimpleir
Le dealas is foighidinn
Tro Iosa Crìosd, ar Tighearna.

Fiosrachadh annasach
Aon uair nuair a bha Ninian gann de bhiadh tha e coltach gun do chuir e sìol san talamh agus gun do chinnich an sìol sin sa bhad, is dh'ith e e. Bhathas ag ràdh cuideachd nan deigheadh bata Ninian a chur dhan talamh gun cuireadh e freumhaichean a-mach is gum fàsadh flùraichean is measan bhuaithe.

Tha sgeulachd air a h-innse mu bhalach a bh' air ruith air falbh bho sgoil Ninian ann an Whithorn. Chaidh an gille chun chladaich airson bàta gus teicheadh agus b' e bàta Ninian a ghoid e. Cha robh e ach air a dhol a-mach air a' mhuir nuair a mhothaich e nach robh craiceann idir air a' bhàta is gun robh an t-uisge a' tighinn a-steach innte. Bha e gus a bhith air a bhàthadh ach chunnaic e gun robh bata Ninian sa bhàta. Chuir e am bata na chrann air a' bhàta agus fhuair e air ais gu tìr. An àite a bhith fiadhaich mun seo b' ann a thug e gàire air Ninian.

An là an-diugh
Tha uaimh Ninian air a bhith air a chleachdadh le daoine cràbhach bho thoiseach nam meadhan-aoisean is chithear croisean is obair snaidhte eile fhathast air na ballachan. Eadhon san là an-diugh bidh cuairtearan bhon eaglais Chaitligeach a' tadhal innte is a' fàgail an cuimhneachain fhèin.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD