|
Ailean an Earachd
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
An coimeas ris an àireimh bhig de dhaoine
a chaidh a thogail sa Gaidhealtachd, tha e na iongnadh gun d' àraicheadh
anns a' cheàrn iomallaich seo de Bhreatainn uimhir de fhlaithean
a choisinn mòr chliù anns gach dreuchd. An eòlas
cogaidh gu sònraichte chan eil roinn den rìoghachd
a bheir bàrr air a' Ghaidhealtachd, agus am measg saighdearan
ainmeil na Gaidhealtachd uile chan eil aon as urramaiche cliù
na Sir Ailean Camshron, ged dh'fhaodadh e a bhith gun robh feadhainn
ann air an robh aithne na b' fheàrr agus air a bheil iomradh
nas mò.
B' e an duine uasal seo de theaghlach Loch Iall
a thog an Rèisimeid ainmeil sin ris an canar an naoidheamh
deug is an trì fichead, no mar as fheàrr is aithne
dhuinn i, Na Camshronaich. Ann an cogaidhean mòra Bhonaparte,
agus anns gach cogadh eile an dèidh sin anns an robh ar Rìoghachd
an sàs, sìos gu ruig an Cogadh Mòr a thàinig
air an Roinn Eòrpa an 1914, bha na Camshronaich daonnan a'
sabaid an nàmhaid, agus a' tighinn le àrd urram às
gach blàr. Tha euchdan nan sonn seo rin leughadh an ainm
iomadh catha a tha a-nis a' soillseachadh air am brataichean.
Rugadh Ailean an Earachd an Loch Abar ann am bliadhna
Theàrlaich. Faodar mar sin a ràdh gum b' e sgiath
bu chreathall dha, agus gun deach a luaisgeadh gu suain, is ceòl
tartarach na pìoba mar chrònan cadail dha. Bhuineadh
Ailean do theaghlach Loch Iall. B' e Eòghann Camshron, a
tha cho ainmeil ann an eachdraidh, an treas fear deug de chinn-fheadhna
nan Camshronach, agus b' ann o mhac air an robh Eòghann cuideachd,
a shìolaidh muinntir Ailein, agus mar sin 's e Sliochd Eòghainn
Mhic Eòghainn a chanar riutha. Chan eil sgeul sònraichte
sam bith air duine de shliochd Eòghainn Mhic Eòghainn.
Is e an gaisgeach òg seo a choisinn urram buan-mhaireannach
nan daoine bhon tàinig e.
Rugadh Eòghann Camshron, a' chiad glùn
den t-sliochd, mu dheireadh na siathamh linne deug, car mun àm
anns an robh athair, an ciad diùlannach den chinneadh, a'
sparradh a chuid Chamshronach bho Loch Abar, le an tuaghan-cogaidh,
gus a' bhlàr fhuilteach ud ris an canar Blàr na Lèana,
a chaidh a chur aig ceann sear Loch Lòchaidh anns a' bhliadhna
1545.
Tha e coltach gun robh Dòmhnall Camshron,
athair Ailein, na fhear-baile air cluaintean is monaidhean an Earachd,
agus gun robh e a' pàigheadh màl do Loch Iall an
Ceann-cinnidh. Ach bha e air a thuigsinn gun robh dàimh aige
ri ceann-feadhna nan Camshronach, agus mar sin bha e air a mheas
mar aon de uaislean na dùthcha.
B' e Ailean bu shine de shianar de theaghlach,
triùir mhac agus triùir nighean. Mar bu ghnàth
am measg uaislean na dùthcha anns na làithean ud,
bha an teaghlach air an teagasg aig an taigh fo làimh oide-sgoile,
a-mach à aon de oilthighean na h-Alba. Tha e air a ràdh,
an uair a ràinig Ailean an aois ghnàthaichte, gun
deach a chur, is oide-sgoile na chois, gu oilthigh Chill Rìmhinn,
a chur crìoch air an ionnsachadh. Ma tha fìrinn an
sin, tha e na iongnadh nach eil lorg air ainm an leabhraichean-cuimhne
na h-oilthigh sin.
Ach co-dhiù, tha e follaiseach gu leòr
gun robh deagh thuigse is foghlam aig Ailean, oir na sheann aois
bha e an sàs gu mòr ann a bhith a' leasachadh cùisean
nan Gaidheal. An uair a fhuair e àrd inbhe anns an arm, agus
airgead, cheannaich e an t-Earachd bho Loch Iall, mun bhliadhna
1790.
Bha Ailean na leanaban an làithean ùpraideach
Chùil Lodair, anns an robh làmh cho gaisgeil aig a
dhaoine, agus mar sin chan iongnadh ged bhiodh nàdar mìleanta
an t-saighdeir anns an òganach. An uair a dh'fhalbh athair
le cuideachd MhicDhòmhnaill Duibh, do ar-a-mach a' Phrionnsa,
chaidh a mhàthair, is Ailean air a gàirdean, a dh'fhàgail
beannachd aige. Mar a dh'èirich do iomadh fear treun anns
an àm ud, bha athair na fhear-cùirn fad cheithir bliadhna
an dèidh Blàr Chùil Lodair.
Ach an dèidh greis, thàinig rian
is sìth don Ghaidhealtachd, agus mar bhalaich eile, bha Ailean
cho saor, sona, ri eòin nam preas. Is cinnteach gun robh
e an sàs anns gach lùth-chleas a bhiodh a' dol air
an dùthaich aig an àm, agus bhiodh cothrom iasgaich
is seilge aige gu thoil. Bha e na ghille àrd, tapaidh, agus
chan eil teagamh nach toireadh e bàrr air càch ann
an spòrs no ann an sealg.
Ach thachair nì a dh'atharraich làithean
sona an òganaich ann an Loch Abar. Dh'fhàs Ailean
suas na fhleasgach deas, dìreach, agus bha fathann ann gun
robh e a' cumail a làimh ri banntrach òg bhòidheach
a bha anns a' choimhearsnachd, Banntrach Ruadh na Sròine,
mar chanar rithe. Tha e coltach co-dhiù gun robh e gu math
cuimhneach oirre a thaobh bradain à abhainn agus sìthne
à beinn. Thog seo eudachd ann am fear sa choimhearsnachd
ris an canar Fear Mhuir-Shiorlaich.
Chuir am fear seo fios gu Ailean gum feumadh e
sgur a thadhal air a' bhanntraich, no seasamh ris-san ann an còmhrag
dithis. Dhùisg seo pròis Ailein, agus mar fhear anns
nach robh eagal a-riamh, chuir e Fear Mhuir-Siorlaich gu dùbhlan,
agus roghnaich e a' chòmhrag. Chuir e fios freagairt air
ais gun coinnicheadh iad air là sònraichte ann an
àite ri taobh Abhainn Lòchaidh, agus gun rachadh an
cath a chur le lannan stàilinn.
Fhuair e iuchair arm-lann athar bho bhanacharaid,
agus an sin thagh e lann ris an abairte an Rangaire Riabhach, a
tharraing fuil aig Raon Ruairidh ann an 1689, aig Sliabh an t-Siorraim
ann an 1715, agus aig Blàr Chùil Lodair an 1746. Bhiodh
Ailean a' miannachadh nach tigeadh smal air a leithid siud de lainn
na làimh-san.
Bha a' mhadainn fhoghair air bristeadh fann an
uair a choinnich na laoich air àilean bòidheach sàmhach
aig taobh na h-aibhne, is am fir-choimhid nan cuideachd. Gun dàil
rùisg iad iad fhèin gu sabaid, agus thòisich
an iomairt. Nochdadh gach gleus an gearradh-arm mar a chleachdadh
anns a' Ghaidhealtachd o làithean Sgàthaich. Bha an
dithis ealanta an gearradh is an dìon, is iad a' leum a-null
is a-nall cho beothail, guineach, ri cait fhiadhaich nan càrn.
Car ghreis bha iad a' toirt buille airson buille, ach mu dheireadh
thàinig claidheamh Ailein a-nuas gu trom air ceann a nàmhaid
agus thuit e na shìneadh air an raon. Cha robh a dhachaigh
fada air falbh, ach mus do ràinig an giùlan beag an
taigh, bhàsaich e.
Bha Ailean òg mothachail sa bhad gun robh
e a-nis na fhear-cùirn. Cha b' e maoir-shìthe a' chrùin
a-mhàin a bhiodh an tòir air às leth ceartais,
ach dlùth-chàirdean an duine a chaidh a mharbhadh,
airson dìolaidh a thoirt a-mach. Cha robh air ach teich às
an dùthaich, agus smaoinich e gum biodh e sàbhailte
nan ruigeadh e na Drimnean anns a' Mhorbhairne, far an robh bràthair
a mhàthar a' fuireach. Bha an t-àite trì fichead
mìle air falbh, agus an t-slighe garbh, ach cha do stad Ailean
gus an do ràinig e taigh a charaid.
An uair a thuig bràthair a mhàthar
mar bha a' chùis, bha fhios aige gum biodh an tòir
dlùth an dèidh Ailein, agus ann an ùine ghoirid
chuir e a-null do Mhuile e 's caraid dha fhèin ga dhìon.
Ach cha robh math do Ailean fuireach fada ann an aon àite,
agus mar sin bha e fad dà bhliadhna a' siubhal air feadh
Eilean Mhuile. B' e an tom coille no an càrn creagach bu
leabaidh dha iomadh uair. Tha sgoltadh domhain an aodann stalla
mhòir am Muile ris an canar gus an là an-diugh Uaimh
Ailein an Earachd, oir bu tric a bha am fògarach a' gabhail
fasgadh an sin.
An dèidh seo, le cuideachadh bràthair
a mhàthar, fhuair Ailean dreuchd clèirich anns an
Taigh-Chusbainn ann an Grianaig, ach cha b' e peann ite is stòl
trì-chasach a thigeadh ri gille cruaidh làidir mar
Ailean, a bha eòlach air claidheamh agus lann. Cha b' fhada
a bha e ann an Grianaig an uair a fhuair e obair a chòrd
ris na b' fheàrr.
Bha cogadh Ameireagaidh air bristeadh a-mach an
1775, agus bha caraid do mhàthair Ailein anns an tìr
sin. Bha am fear seo gu mòr airson taic a chumail ri uachdranachd
Bhreatainn air taobh thall a' chuain. Thog am fear seo rèisimeid
à measg nan Gaidheal ann an Ameireagaidh, air an tugadh an
t-ainm Rèisimeid Rìoghail nan Eilthireach Gaidhealach.
Chuir e fios air Ailean a thighinn gus a bhith na oifigeach anns
an rèisimeid seo, agus fhreagair e an gairm sa bhad.
Rinn an Rèisimeid Ghaidhealach seo euchdan
sònraichte anns a' chogadh, is cha b' i a' bhuidheann a bha
fo stiùireadh Ailein a bha air dheireadh an gaisgealachd.
Thug a ghleustachd à iomadh cùil chumhaing iad, ach
mu dheireadh chaidh e fhèin agus a' chuid bu mhotha den bhuidhinn
a ghlacadh. Chaidh Ailean a chur do phrìosan ann an Philadelphia
far an robh e air fhìor dhroch chàradh, ach aon oidhche
dhìochuimhnich am fear-coimhid an uinneag a ghlasadh.
Reub Ailean a phlaide, agus nuair a cheangail
e na stiallan ri chèile, shreap e sìos am balla. Bha
an ròpa a rinn e ro ghoirid, agus b' fheudar dha a ghrèim
a leigeil às aig a leithid de àirde is gun do ghoirtich
e a dhà chois an uair a thuit e gu làr. A dh'aindeoin
sin bha e toilichte a shaorsa a bhith aige an dèidh dà
bhliadhna sa phrìosan. Leòinte mar bha e, shnàig
e air falbh, agus le èiginn thug e mach taigh far an d' fhuair
e coibhneas mòr bho fhear air an robh an t-ainm neònach,
Phinehas Bond, ach a dh'aindeoin ainm tha e coltach gun robh e glè
eòlach air cùisean a bhuineadh don Ghaidhealtachd.
Thill Ailean do Lunnainn anns a' bhliadhna 1780,
is inbhe caiptean airm aige. Beagan an dèidh seo rinn e fhèin
agus maighdeann òg suas ri chèile, agus cha b' fhada
gus an do phòs iad. Bha athair na h-ìnghne na dhuine
beartach, measail, agus thug sin cothrom dha chliamhainn a dhol
an comann uaislean a' bhaile mhòir. Aig an àm seo
bha Ailean na bhall de Chomunn Gaidhealach Lunnainn, agus bha e
daonnan a' nochdadh a bhàidh do chànain is do cheòl
a dhùthcha.
Ach thàinig làithean deuchainneach,
oir bha an Fhraing a' dèanamh ùpraid uabhasach air
feadh na Roinn Eòrpa, agus bha na rìoghachdan fo eagal
ro airm Napoleon. Chuir Breatainn roimhpe stad a chur air an duine
uaibhreach fhòirneartach sin, agus thòisich còmhstri
a lean rè àireamh bhliadhnachan. Chaidh rèisimeidean
ùra a thogail, agus bha meas air na Gaidheil an là
a' chruaidh-chàis. Fhuair Ailean an Earachd ùghdarras
rèisimeid a thogail an Loch Abar. Thàinig e do thìr eòlais anns a' bhliadhna 1793, an dèidh a bhith
còrr is fichead bliadhna air falbh. Chaidh an crann-tàra
a chur mun cuairt air na glinn, agus am beagan ùine thogadh
an rèisimeid sin ris an canar na Camshronaich.
Bha là mòr anns a' bhaile bheag
ud aig bun Beinn Nibheis an là ud, am fìor thoiseach
a' gheamhraidh, an uair a thriall na laoich air an t-slighe tron
mhonadh gharbh gu Sruighlea, is fhios gun robh mòran dhiubh
nach tilleadh tuilleadh. Ràinig iad an ceann-uidhe mu mheadhan
an treas là, agus an sin bha iad greis gan teagasg anns gach
cleas a bhuineas don arm. An ùine ghoirid chaidh an rèisimeid
a chur a-null don Òlaind, is Ailean air an ceann mar choirneal.
Thugadh Breacan an Earachd mar ainm air an tartan a bh' air na Camshronaich.
Tha e air a ràdh gun robh an tartan seo air a dhealbhadh
le màthair Ailein.
Air a' chiad deuchainn chuir iad cath goirt anns
an do thuit iomadh gille gasta, agus chaidh Ailean fhèin
a leòn gu dona. Anns a' bhlàr ann an Rèisimeid
nan Gordonach bha an t-Abrach òg sin, Alasdair MacFhionghain,
bàrd cliùiteach is saighdear gaisgeil. Anns an dàn
a chuir e ri chèile, ris an canar Blàr na h-Òlaind,
tha e ag ràdh:
Bha an leòmhann colgarra
gun ghealtachd,
le mhìle fear sgairteil làimh rinn;
An Camshronach garg on Earachd,
mar ursainn chatha sna blàraibh.
Goirid an dèidh seo chaidh Napoleon don
Èiphit le feachd mhòir, airson an rathad do na h-Innseachan
Shìos a rèiteachadh. Chaidh armailt mhòr Bhreatannach
air a thòir, agus bha na Camshronaich ann. Bha blàr
fuilteach aig Alexandria anns a' bhliadhna 1801, agus ged a chailleadh
iomadh laoch, chaidh an là le na Breatannaich. Fhuair an
t-àrd-cheannard, Sir Ralph Abercromby, leòn a thug
a bhàs dha, agus chaidh Ailean a leòn gu h-olc, ach
cha b' fhada gus an robh an curaidh anns an dìollaid a-rithist.
Anns a' bhliadhna 1808 thòisich cogadh
ainmeil a' Pheninsula, agus dh'fheumadh na Camshronaich a bhith
air an t-sreath thoisich anns an t-strì ghuinich sin. Cha
robh an cogadh fada air adhart an uair a chaidh Ailean a dhèanamh
na cheann-feachd, ach b' esan a bha duilich dealachadh ri na Camshronaich.
B' ann aig Talavera thug e a' chiad bhlàr
mar cheann-feachd. Lean am blàr fuilteach seo dà là,
ach thug na Breatannaich a-mach a' bhuaidh. Chaidh trì eich
a mharbhadh fo Ailean mun tàinig crìoch air a' bhlàr,
agus mu dheireadh chaidh Ailean a leòn gu h-olc. Goirid an
dèidh sin chaidh blàr marbhtach eile a chur aig Busaco,
agus anns an t-sabaid a bha ann thuit an t-each air muin Ailein.
Fhuair e a leithid de dhochann is gun tàinig bristeadh na
shlàinte, agus b' fheudar dha an t-arm fhàgail buileach.
Ghabh e còmhnaidh an Lunnainn còmhla
ri a dhithis nigheanan, agus bha làithean toilichte aige
na sheann aois. Chuir an rìgh urram air le ridire a dhèanamh
dheth, ach chan fhacas speur riamh air nach tig neòil dhorcha
air amaibh. Chaidh a mhac, air an robh Ailean cuideachd, a chur
air ceann nan Camshronach na àite-san, agus thàinig
fios gun deach a mharbhadh. Beag air bheag ghèill an seann
cheatharnach fon bhuille chràitich seo, agus bhàsaich
e air an naoidheamh là den Mhàrt anns a' bhliadhna
1828, aig ceithir fichead bliadhna is a trì de aois.
Thug an t-àrmann uasal ainmeil seo sia
bliadhna deug thar fhichead anns an arm, agus bha e dà bhliadhna
thar fhichead dhiubh sin ri aghaidh bualaidh. Sheinn na bàird
mu a ghaisgealachd mar shaighdear, agus rinn iad luaidh air uaisle
is fhialachd mar dhuine cuideachd. Anns na sreathan seo, a sgrìobh
am bàrd, Gilleasbaig MacDhòmhnaill, tha cuimhneachan
ro chiatach air Ailean an Earachd:
Bu tu cridhe na fèile,
bu tu ulaidh nam feumach,
bu tu fuasgladh nan dèirceach,
bidh mac Dè riut an sìth.
Leis na thug thu do bhochdaibh
chuir an ùrnaigh an stoc thu,
guidhe anmoch is moch leat
thu bhith an sonas is am prìs.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD |